(navigation image)
Home American Libraries | Canadian Libraries | Universal Library | Community Texts | Project Gutenberg | Children's Library | Biodiversity Heritage Library | Additional Collections
Search: Advanced Search
Anonymous User (login or join us)
Upload
See other formats

Full text of "Thig agus se do bheatha chum Iosa Criosd"

LIST OFGAELIC BOOKS 

And Works on the Highlands 

PUBLISHED AND SOLD BY 

MAOLACHLAN & STEWART, 

BOOKSELLERS TO THE UNIVERSITY, 

63 & 64 SOUTH BRIDGE, EDINBURGH. 



A liberal discount allowed on orders for exportation 
or for private circulation. 



s. d. 
M*Alpine's Gaelic and English Pronouncing Dic- 

tionary, withGrammar, 12mo, c^oi^A, 9 

••• I>itto ditto, hf.-houndcalf, 11 

... Gaehc and Englisli, separately, cM, ... 5 

. . . English and Gaelic, separately, clotli, ... 5 

M'Leod and Dewar's GaeHc Dictionary, cloth, ... 10 6 

Alleine's Alarm to the Unconverted, 1 6 

Saint's Pocket Book, c/of/i,"ls. sewed, 6 

Almanac for 1875, in Gaehc, 6 

An T-Oranaiche, by Sinclair {m parts), each, .*.. 1 6 

Assurance of Salvation, 18mo, 562^66/, 6 

Baxter's CalltotheUnconverted, 18mo, c/o?^/i, ... 1 6 

. . . Saint's Rest, translated by Rev. J. Forbes, 2 6 

Beith's Catechism on Baptism, 18mo, 6mc(/, ... 1 

Bible in Gaelic, 8vo, strongly hound in calf, ... 7 6 
Blackie's (Prof . ) Language and Literature of the 

Scottish Highlands, 8vo, c^o^A, 6 

Boston's Fourfold State, 12mo, cM, 4 

Bonar's (Rev. Dr H.) Christ is Al\, 18mo, sewed, 3 

... God's Way of Peace, 1 

Buchannan (Diigald) of Rannoch's Life and Con- 

version, with his Hymns, 18mo, clotli, 2 

... The Hymns, separately, 18mo, ^ew^ec/, ... 3 

Buny an's Come and Welcome, 18mo, c/o^/^, ... 2 

. . . World to Come, or Visions from Hell, cloth, 1 6 

64 South Bridge^ Edinhurgh. 



Gaelic Books Sold hy Madachlan and Stetvart. 

s. d. 

2 

2 6 

1 

2 
1 

1 6 
2 
2 
1 

2 6 
4 



Bunyan's Grace Abounding, 18mo, clptli, 

Pilgrim's Progress (tliree parts), cloth, 
Water of Lif e, cloth, 
Sigh s from Hell, 18mo, c^o^/i, 
Heavenly Footman, 18mo, cloth,... 
Burder's Village Sermons, 18mo, cloth, ... 
Catechism, Shorter, Id. Gaelic and English, 
Mother's, Id. Gaelic and English, 
Brown's Shorter, for Young Children, 
Conf ession of Faith, fcap. 8vo, c/o^/i, 
Dairyman's Daughter, sewed, 
Dàn an Deirg agus Tiomna Ghuill (Dargo and 
Gaul), with a new Translation, Notes, and 
Introduction, by C. S. Jerram, 
Dewar's (Rev. Dr) The Gaelic Preacher, 8vo, 
Doctrine and Manner of the Church of Rome, 
Doddridge's Rise and Progress, 12mo, cìoth, 
Dyer's Christ's FarQQtti Tjtles, 18mo, cloth, 
Earle's Sacrame^M^fe;^B^g^, 18mo, cloth, 
Edwards' (Ref.'^ifonathan) Sermon, sewed, 
English Poen^s, -With* GaelÌQ/ Translations, ar 
ranged on "dpjjosite.paiM^, 12mo, Part 2, .. 
Finlayson, (Rev. Rr)--Bneryketch of the Life of, 

by Rev. J. Macpherson, 18mo, cloth, 

Flavel's Token for Mourners, 18mo, cloth, 

Forbes' (Rev. J.) Baptism and the Lord's Supper, 

... An Lochran : Dialogues regarding the 

Church, 

. . . Long Gheal : The White Ship ; a Spiritual 
Poem, 
Gael (The), a Monthly Gaelic Magazine, bound in 
cloth for 1873, 74, 75, and 76, each, 

The same in Numbers, Monthly, each, . . . 
Gaelic First Book, 18mo, 2d. ; Second do., 
Gaelic Spelling-Book, 18mo, cloth, 
Gaelic Tracts, 50 different kinds, sorted, f or 

Gaelic Tracts, 8 sorts, 100 for 

Grant's (Rev. Peter) Hymns, 18mo, cloth, 
Guthrie's Christian's Great Interest, 18mo, cloth, 
Hall's (Newman) Come to Jesus, ... 
Harp of Caledonia, Gaelic Songs, 32mo, sewed, 



1 6 

1 

1 

4 

6 

4 



7 


6 





6 





4 





6 


2 


6 


1 





1 


6 


2 








6 





4 



64 South Bridcje^ Edinhurgh. 



National Library of Scotland 

■iiiiiiiiiii 

*B000501549* 



COME AND WELCOME 



JESUS CHRIST. 



JOHN BUNYAN. 



' And tfteyshallcomewhichwereready toperish."— IsA. xxvii. 13. 



EDINBURGH : 

MACLACHLAN, STEWART, & CO. 
MDCCCLIX. 



\ 



THIG AGUS SE DO BHEATHA 



CHU»f 



lOSA CEIOSD. 



ijt 



lAIN BUINIAN. 



" Agiis thig ìadsaTi a bha basachadh.*»— Isatah xxvii. l.'' 



{\IilBPvARYv 
DUNEIDÈANN: 

MACLACHUINN,STIUBHARD, AGUS AN CUIDEACHD 
MDCCCLIX. 



Digitized by the Internet Archive 
in 2013 



http://archive.org/details/thigagussedobhea1859buny 



THIG AGUS SE DO BHEA.THA 

CHUM 

lOSA CRÌOSD. 



Gach nì 'hheir an t-Athair dhomhsa^ thig e am' 
ionnsaidh ; agus an tì a thig am' ionnsaidh^ cha 
tilg mi air chor sam hith a mach e. — Eoin. vi. 37. 

Beagan roimhe so anns a' cbaibidil, faodaidh 
tu leughadh gu'n d'imich an Tighearn losa air 
a mbuir chum a dhol gu Capernaum, air dha a 
dheisciobuil a chur roimhe ann an luing ; acb 
bha a' ghaoth nan aghaidh ; ni a chuir mailF 
air an luing 'na turas. Nise, mu 'n cheathramb 
faire de 'n òidhche thainig losa 'suas riu, a' 
coiseachd air a mhuir, agus ghabb iad eagal. 

'Nuair a tha 'n saoghal g'a nochdadb 
fèin gu dubh agus gu b-uabhasacb do pho- 
buU Dhè, tha'n Tighearn losa g'a thaisbeanadh 
fèin dhaibh air mhodb iongantacb, ni air 
uairean nach fasa dhaibh a gbiùlan na na nitbe 
a bha roimhe sin uabhasach leo. Bha iad 
fo eagal roimh 'n ghaoith agus roimb 'n uisge ; 
agus bba eagal orra mar an ceudna roimb 'n 

B 



Tighearn' agus an Slànaighear, 'nuair a thais- 
bean se e fèin dhaibh air an dòigh ud. 

Ach thubhairt e riu : — '' Is mise 'ta ann, na 
biodh eagal oirbh." 

'S e chrioch mu'n nochd an Tighearn losa 
e-fèin d'a phobull (ged' a bhios am modh air 
an dean se e gu bràch cho uabhasach) a chum 
an eagal agus an trioblaid a lughdachadh. 

An sin ghabh iad e 'steach do 'n luing, agus 
air ball ràinig an long an tìr gus an robh iad 
a'dol. 

'Nuair a tha Criòsd gu'n a bhi maille rì 
'phobull, cha ghluais iad ach gu mall agus 
duilich ; ach an uair a thig Esan còmhla riu, 
O cho luath 's a' stiùras iad an cùrsa ! Cho 
luath 'sa tha iad aig ceann an uighe ! 

An sluagh, a nis', am measg an robh e 
'searmonachadh fa dheireadh, 'nuair a chunn- 
aig iad gu'n d' f halbh Crìosd agus a dheis^ 
ciobuil, chaidh iad mar an ceudna air luingeas 
gu Capernaum, a dh-iarraidh losa. Agus air 
dhaibh f haotainn, thubhairt iad (le iongantas) 
— ^' A Mhaighstir, c'uin a thàinig thu 'n so ?" 
Ach fhreagair los* iad, agus thubhairt e : — 
" Gu deimhin deimhin a ta mi ag ràdh ribh, 
Tha sibh gam'iarraidh,cha'nann a chionngu'm 
faca sibh na mìorbhuilean, ach a chionn gun 
d' ith sibh do na builinnibh, agus gun do 
shàsaicheadh sibh." Eoin vi. 26. 

Faodaidh muinntir Criosd a leantainn an 
cèin air son buannachd shalach shaoghalta, 
mar iad so, a chaidh na dhèigh thar a mhuir 



air sgà nam buileannan. Thèid duine greis 
mhath air aghaidh ann an diadhachd air sgà a 
bhroinne, seadh, bheir a bhrù air duine dol an 
cèin a dh'iarraidh Chrìosd. — Cha'n e comain- 
ean miodalach o'n leth a muigh, ach ruintean 
gràsmhor o'n leth a staigh, a tha 'crùnadh na 
h-oibreach ann an sealladh Chrìosd ; ni mò is e 
mòr shaothair no coltas aidmheil, ach an gràdh 
dhasan a bheir air gabhail riu. 

'Nuair a bhios muinntir ag amhrac air son 
fiùghantais chàirdeil bho laimh Chrìosd, mas e 
's gum bi an cridheachan breun no meallta, ni 
esan an smachdachadh le geur achmhasan :— 
*' Tha sibh da m'iarraidh, cha 'n ann a chionn 
gum faca sibh na mìorbhuilean, ach a chionn 
gun d'ith sìbh do na builinnibh, agus gun do 
shàsaicheadh sibh. 

Thugaibh fainear a rithist, Cha diult e 
deagh chomhairle thoirt seachad, eadhon, do 
leithid sud de bhuidheann ; tha e 'g iarraidh 
orra saoithreachadh air son na beatha sin a 
mhaireas gu siorruidh. O ! cia cho toileach 
'sa bhiodh losa Crìosd nam b'e agus gu'n 
tigeadh an luchd-aidmheil so, a ta tighinn da 
ionnsaidh gu cealgach, da ionnsaidh a rìreamh, 
a chum is gum biodh iad air an tearnadh ! 

Chi sibh gum beil an ceann-teagaisg a' 
labhairt mòran a bharrachd m'a thiomchioll a 
phobuill so. Agus tha'n Tighearn losa 'cur 
roimhe mar cho-dhiinadh do'n iomlan, agus a 
cur an cèiU do bhrìgh nach robh iad ach ag 



aidmheil o'n letb-a-muìgh a mhain mar iadsan 
anns nach urrainn d'a anam tlachd a ghabhail 5 
gun deanadh se e-fèin toilichte leis an f huigh- 
eal a bhuilich an t-Athair air agus their e: — 
^' Cha 'n eil e coltach guni bi mis' air mo 
chliùthachadh ann bhur slàinte, ach tbug an t- 
Athair dhomhsa pobull, agus thig iadsan do 
m'ionnsaidh ann am fìrinn; agus annta-san 
bi'dh mi làn-thoilichte." Faodar a* ràdh gur e 
an ceann-teagaisg roimhe so stèidh Chriosd 
ann an coilionadh an ni sin anns am beil e 
g'a dheanamh fèin riaraichte 'an dèigh dha 
mòran saoithreach, agus ioma' searmoin a 
chaitheamh gu diomhain. Mar labhair e- 
fèin leis an fhaidh. — " Shaothraich mi gu 
diomhain air son neo-ni, agus cliaith mi mo 
neart air son diomhanais." Isa. xlix. 4. 

Agus mar tha e 'g ràdh a rithist. — " Tha 
mo bhreth mailie ris an Tighearn agus m' obair 
maille ri mo Dhia.'' Mar sin tha e ^g ràdh 
sa' cheann-teagaisg ;— " Gach ni bheir an t- 
Athair dhomhsa thig, e am' ionnsaidh, cha 
tilg mi air chòr sam bith a mach e.'' Leis na 
briathran so, uime sin, tha'n Tighearn losa 
Criosd a' toirt comh-f hurtachd dha fèin, ann 
an àm a bhi smaointeachadh air cealgaireachd 
cuid de a luchd-leanmbainn. Mar an ceudna 
shocraich se e-fèin air dha beachdachadh air 
cho beag drùghaidh 'sa rinn a theagasg ann an 
Capernaum, Corasin, agus ann am Bethsaida. 
'' Tha mi toirt buidheachais dhut, O Athair" 



(ars esan)/'ThighearnnèimhagusnataImhainn, 
air son gu'n d'folaich thu so o dhaoine eagnaidh 
agus tuigseach agus gun d'f hoillsich thu iad do 
leanbaibh ; eadhoin so, Athair, oir is ann mar 
so a mheasadh iomchaidh ann a d' lathair," 
Mat. xi. 25. Luc. x. 21. 

Tha'n ceann teagaisg gu coitcheann a' gabh- 
ail a steach da earrann ann an dàimh faMeth 
ris an Athair agus ris a Mhac ; mar a tha an 
comh-oibreachadh le chèile chùm slàint'a phob- 
uill. " Gach ni bheir an t-Athair dhòmhsa 
thig e am' ionnsaidh, agus an tì a thig a m' 
ionnsaidh cha tilg mi air chòr sam bith a mach 
e" — Tha'n cheud earrann de'n cheann-teagaisg 
(gu soilleir) a' ciallachadh an Athar agus a 
thiodhlaic ; agus an earrann eile, a Mhic a' 
gabhail ris an tiodhlac. 

Air tits. Air son tiodhlac an Athar tha'n 
ni so ri bhi air a thoirt fainear; 'se sin r'a ràdh, 
— An tiodhlac fèin, agus is e sin tiodhlac 
dream àraidh do'n Mhac. Tha'n t-Athair a* 
tabhairt ; agus thig an tiodhlac sin ; " Agus 
esan a thig," &c. Tha 'n tiodhlac mar sin air 
a dheanamh suas de dhream a tha 'n t-Athair 
a' toirt do dh' losa Crìosd. — A rithist, tha sibh 
a' faicinn am Mac a' gabhail ris an tiodhlac ; 
agus tha sin air a leigeadh ris anns na puingean 
sonraichte so a leanas : — 

1. 'Na shaor aideachadh gur tiodhlac e: ** A 
bheir an t-Athair dhomhsa." 

2. 'Na choimhid air mhodh sòlaimte do'n 



iomlan agus do na h-uile cuid de 'n tiodhlac . 
" Gach nì a bheir an t-Athair dhomhsa." 

3. Le e bhi cur roimhe gun toir e iadsan d'a 
ionnsaidh fèin. " Gach ni a bheir an t-Athair 
dhomhsa thig e a m' ionnsaidh." 

4. Agus le e bhi dian chur roimhe nach toir 
aon ni air am fuathachadh, an àm dhaibh a bhi 
tighinn. ^^ Agus an tì a thig am' ionnsaidh cha 
tilg mi air chòr sam bith a mach/' 

Dh'fhaoidte labhairt mu na nithe so gu lèir, 
mar tha iad air a mhodh so air an leigeadh ris, 
ach is roghnaiche leam labhairt air na briath- 
raibh, — 

Sa! cheud àite, Ann an rathad mìnichidh. 

aS'^' n dara h àite, Ann an rathad beachd- 
achaidh. 

Air tùs, Ann an rathad mìnichidh, ^' Gach 
ni a bheir an t-Athair dhomhsa." Tha na fac- 
ail so " gach ni!^ gu tric air an gnàthachadh 
anns na Sgriobturan, agus tha iad gu bhi air an 
tuigsinn ni 's farsuinne, mar an fhìrinn no 'n 
argamaid, air sgàth a tha iad air an labhairt, a' 
cur an cèill an aobhair mu 'm beil iad air an 
cleachadh cho tric, a chum is gur ann a s fearr 
a thuigeas sinn ìnntinn Chrìosda da'n taobh, 
mar a tha iad air an labhairt an so. Feumaidh 
sinn a thoirt fainear, nach eil iad a' ciallachadh 
ach an aiteam sin a mhain a thèid a thearnadh— 
iadsan a thig a dh' ionnsaidh Chrìosd, eadhon, 
iadsan ^' nach tilg e air chor sam bith a mach " 
Amhuil a tha na facail ** Uil' Tsrael'' a' ciali- 
achadh (ged' a tha i-ad air uairibh air a gabhail 



§ 



aìr son teaghlach lacoib, gu h-ìomlan). ** Agus 
mar so bidh Israel uiF air an tearnadh." Cha'n 
eil iada' ciallachadh Israel uile anns na briath- 
ran so : — " Oir cha'n Israelich iadsan uile a 
ta o Israel : Agus ni mò do bhrìgh gur sliochd 
do dh' Abraham iad a ta iad uile 'nan cloinn : 
Ach ann an Isaac ainmichear do shiol. Is e 
sin r'a ràdh, cha 'n iad clann na feòla clann 
Dè : is iad clann a' gheallaidh a mheasar mar 
shìol." Rom. ix. 6 — 8. 

Feumaidh na facail so " gach ni" a bhi air 
an cur an cuingead agus am farsuinneachd a 
rèir agus mar ghiulanas an fhirinn, an argam- 
aid air sgàth am beil iad air an cleachdadh, 
air neo mì-ghnàthaichidh sinn na Sgriobturan, 
sinn fèin, agus na h-uile. '* Agus mise, ma 
thogar o'n talamh mi, tàirnidh mi na h-uile 
dhaoin' am* ionnsaidh," Eoin. xii. 32. Am 
faod aon duìne 'smaointeachadh gu'm beil ^' na 
h-uile'* ann an so a' ciallachadh gach uile dhuine 
air an t-saoghal ; nach bu choltaiche dha shaoil- 
sinn a mheud 'sa tha do rèir farsuinneachd an 
àite ? Agus ma tha e' ciallachadh le " bhi air 
a thogail o'n talamh," mar bu choir dha 'chiall- 
achadh, a bhi air a thogail /suas gu nèamh ; 
agus ma tha e 'ciallachadh le '* tarruinn nan 
uile dhaoine da ionnsaidh," an tarruinn a dh' 
ionnsaìdh ionad glòire ; mar sin feumaidh e 
chiallachadh leis " na h-uile dhaoine/' iadsan, 
agus iadsan a mhain, a bhios da rìreamh air an 
tearnadh o'n fheirg a tha ri teachd. " Oir 
dhruid Dia iad uile ann am mì-chreideamh 



8 



chum tròcair adheanamh air nah-uìle," (Rom. 
xi. 32.) Tha " na h-uile" againn ann an so a 
rithist; tha^, " na h-uile*' dà uair ; Ach, gidh- 
eadh tha 'n t-eadar-dhealachadh as mò eadar 
^^ na h-uile" a th*air an ainmeachadh anns a' 
cheud àite agus " na h-uile" 'th'air an ainra- 
eachadh anns an àite ma dheireadh. Is iad 
" na h-uile" a th'air an ainmeachadh anns a 
cheann-teagaisg na h-Iudhaich, eadhon gach 
uile ludhach air an t-saoghal. Tha 'n dara 
" h-uile" mar an ceudna 'ciallachadh an aon 
phobuill, ach cba'n eil ach a mhain cho liutha 
dhiù 's air an dean Dia trocair. " Dhruid e 
iad uile ann am mì-chreideamh, a chum trocair 
a dheanamh air na h-uile." Tha " na h-uile" 
anns a cheann-teagaisg mar an ceudna gun a 
bhi air a ghabhail ann an seadh ni 's farsuinne 
na iadsan a bhios air an tearnadh, agus iadsan 
a mhain. Ach a rithist, — 

Tha na facail '^ a bheir an t-Athair dhomh- 
sa/' gu bhi air an cumadh air an aon dòigh ris 
an àireamh thearc cheudna, " Gach ni bheir 
an t-Athair dhomsa." Ma ghabhas sibh 
tiodhlac an Athar do 'n Mhac anns an t-seadh 
is farsuinne, oir anns an t-seadh sin tha iomadh 
air an toirt dha nach tig gu siorruidh d'a 
ionnsaidh, eadhon tha iomadh air an toirt 
dha a " thilgeas e mach ;" uime sin nochd- 
aidh mi dhuibh air tùs fìrinn an ni so agus a 
rithist an seadh anns an còir an tìodhlac anns 
a* cheann-teagaisg a bhi air a thuigsinn. 



Air tùs, Tha e làn-shoilleir nach e " gach 
uile" a thugadh do Chrìosd, ma ghabhas sibh 
tiodhlac an Athar dhasan anns an t-seadh is 
farsuinne, a tha air a' chiallacbadh anns a' 
cheann-teagaisg. 

Anns a' cheiid àite. Do bhrìgh sin gu feum- 
adh gach uile dhuine, seadh, gach uile ni air 
an t-saoghal a bhi air an tearnadh. '' Ata na 
h-uile nì" (ars Esan) " air an tabhairt thairis 
dhomhsale m' Athair" (Mat. xi. 27-) So tha mi 
'smaointeach nì ris nach cuir aon duine reus- 
onta air an t-saoghal aonta : uime sìn, feum- 
aidh an tiodhlac anns a' cheann-teagaisg a 
bhì aìr a chumadh ri cuid de bhuidheann, ri 
tiodhlac a tha air a thabhairt ann an rathad 
àraidh, leis an Athair do 'n Mhac. 

Anns an dara h-àite, Cha 'n f haod '' gach 
nì" a bhi air a thuigsinn air sheòl sam bith, 
mar a' ciallachadh nathug an t-Athair dhasan, 
athaobh gun tug an t-Athair dhasan cuid agus 
eadhon, iomadh, gu bhi air an bristeadh leis 
'nam bloidibh. " larr orm," ars an t-Athair, 
ris, " agus bheir mi dhut na cinnich mar 
oighreachd, agus criochan na talmhainn mar 
shèilbh." Ach ciod a dh' f heumas e dheanamh 
riu? Am feum e an tearnadh guh-iomlan? 
Cha 'n fheum. " Bristidh tu iad le slait iar- 
ainn ; mar shoitheach criadhadair, pronnaidh 
tu iad nam bloidibh." (Salm. ii. 8, 9.) Cha 'n 
ann air a' mhodh so a bhuineas e riuthsan a ni 
e thearnadh le 'ghràs, ach ris an aiteam a bhios. 



10 

E-fèin agus na naoimh a riaghladh ann an 
ceartas agus le dioghaltas. (Faic Taisb. ii. 
26, 27.) 'i^cir a chì sibh a tha iad air an tabh- 
airt dhà : uime sin, feumaidh an tiodhlac anns 
a' cheann-teagaisg a bhi aìr a chumadh ri 
cuid^ ri tiodhlac a th'air a thabhairt ann an 
rathad àraidh leis an Athair do 'n Mhac. 

Tha e air a chur an cèill gu soilleir ann an 
Leabhar nan Sàlm, gum beil cuid air an toirt 
dha chùm an sgrios : — " Agus thug thu 
dhomh mo nàimhdean air mhuineal, iadsan a 
dh' fhuathaich mi, agus ghearr mi as iad." 
(Salm. xviii. 40.) Cha 'n urrainn uime sin 
gum beil an aiteam so ann an àireamh na 
muinntreach a th'air a ràdh anns a' cheann- 
teagaisg a thugadh dhà, agus " nach tiigeadh 
e air chor sam bith a mach." 

Anns an treas àite. Tha cuid air an tabhairt 
do Chrìosd ; a chum agus gu'n tabhair e leo- 
san mu'n cuairt cuid de a rùintean glic' 
agus mìorbhuiUeach 'san t-saoghal so. Mar 
sin bha ludas air a thoirt do Chrìosd, chum 
agus trìdsan, eadhon, mar bha e a' cur roimhe 
ro-laimh gun tugadh e mu 'n cuairt a bhàs fèin, 
agus leis a' sin slàinte a mhuinntir thaghte le 
fhuil, seadh, agus b'èigin do dh' ludas an 
gnìomh sin a dheanamh air dòigh air an do 
chaill se e-fèin gu sìorruidh ann na thoirt gu 
crich. Uime sin^ tha 'n Tighearn' losa, eadh- 
on, ann an call ludais, ga chumadh fèin ri 
breathanas Athar ; mar a d'rinn e ann an sin, 



11 



an nì a bha ceart, eadhon, ann e dh' fhulang 
do dh' ludas bàs a Mhaighstear a thoirt mu 'n 
cuairt, a chum is le sin a dheanamh gun tugadh 
e mu 'n cuairt a dhamnadh sìorruidh fèin mar 
an ceudna. 

*' Ghleidh mi," ars Esan, *^ a mhuinntir a 
thug thu dhomh, agus cha do chailleadh a 
h-aon diubh, ach mac an sgrios ; a chum gum 
biodh an Sgriobtur air a choimhlionadh." 
(Eoin. xvii. 12.) Aidicheamaid uime sin gun 
robh ludas air a thoirt do Chrìosd, ach cha 
b'ann mar 'tha muinntir eile, no iadsan a th'air 
an ainmeachadh anns a' cheann teagaisg ; oir 
nam b'ann cha deante dearmad air e bhi air a 
ghabhail le Crìosd, no bhi air a ghleidheadh 
a chum na beatha maireannaich. Bha e gu 
dearbh air a thoirt do Chrìosd, a chum agus 
gun tugadh e tridsan mu 'n cuairt a bhàs fèin 
mar a dh' orduicheadh ro-làimh, agus sin, 'na 
sgrios-san a rinn e. Seadh, b'èigin da a bhàs 
fèin air ar son-inne 'thoirt mu 'n cuairt le call 
an tì sin a bhrath e, a chum is gum biodh na 
Sgriobturan air an coimhlionadh ann na sgrios- 
san, cho math ri slàinte chàich. " Agus cha 
do chailieadh a h-aon diù ach mac an sgrios a 
chum is gum biodh na Sgriobturan air an 
coimhlionadh.' 

Uime sin, cha 'n fhaod an tiodhlac anns a' 
cheann-teagaisg a bhi air a ghabhail anns an 
t-seadh a's farsuinne, ach eadhon, mar a 
ghiulanas na facail fèin ; oir is e leithid so de 



12 



thìodhlac ris an gabh esan, agus a tha e geall- 
tainn a bhios na mheadhon èifeachdach a chum 
slàinte. •< Gach ni a bheir an t-Athair dhomh- 
sa thig e am' ionnsaidh, agus an ti a thig am' 
ionnsaidh cha tilg mi air chor sam bith a mach 
e." Thugaibh fainear, thig iadsan a chaidh 
gu h-àraidh a thoirt dhomh, agus cha bhi iad 
air chòr sam bith air an diùltadh, oir is e sin 
fior bhrigh a chinn-teagaisg. Uime sin is e 
iadsan a th'air an sonrachadh mar an " tìodh- 
lac" anns a cheann-teagaisg, an aiteam a th'air 
an tabhairt a rèir cùmhnanta do'n Mhac ; an 
aìteam a tha air an gairm ann an àiteachan eile 
an " sluagh taghta," na '-' caoirich" agus *' clann 
a gheallaidh," &c. 

Is iad so iadsan a thug an t-Athair do 
Chrìosd a chuni an coimhid — an aiteam do na 
gheall Crìosd a bheatha mhaireannach ; dhaibh- 
san do *n tug e fhacal, agus a bhios aige maille 
ris na riòghachd a chum a ghlòir f haicinn. 

'* Agus is i so toil an Athar a chuir uaithe 
mi, nach caillinn a bheag sam bith de na h- 
uile thug e dhomh, ach gun togainn suas iad a 
rithist air an latha dheireannach. Agus bheir 
mi a bheatha mhaireannach dhaibh, agus cha 
sgriosar iad am'feasd, ni mò a spìonas neach air 
bitlì as mo làimh iad. 'S e m' Athair a thug 
dhomhsa iad, is mò e na na h-uile, agus cha 'n 
urrainn neach air bith 'a spìonadh à làimh m' 
Athar. Chum mar thug thu cumhachd dha 
thar gach feòil, na h-uile a thug thu dha 'gun 



13 



tugadh esan dhaibh a bheatha-mhaireannach. 
Bu leatsa iad, agus thug thu dhomhsa iad, 
agus choimhid iad t'fhacal; Air an son-san 
tha mi guidhe : Cha 'n eil mi a' guidhe air son 
an t-saoghail, ach air son na muinntir sin a 
thug thu dhomh ; oir is leats' iad. Agus is 
leatsa na h-uile nithe a's leamsa, agus is leamsa 
na nithe a's leatsa, agus a ta mi air mo ghlòr- 
achadh annta. Athair Naomha, coimhid iad 
san trìd t'ainme, a thug thu dhomhsa, chum 's 
gum bì iad, 'nan aon mar a ta sinne. Athair, 
is àill leam an dream a thug thu dhomh, gum 
bì iad maille rium far am beil mi ; chum is gum 
faic iad mo ghlòir a thug thu dhomh ; oir 
ghràdhaich thusa mì mu'n do leagadh bun- 
aitean domhainn." — Eoin. vi. 39; x. 28, 29; 
xvii. 2, 6, 9, 10, 11,24. 

Tha na briathran a labhair Crìosd ann an 
àiteachan fa' leth de'n Sgriobtur, a' ciallachadh 
an aon nì ris a' cheann-teagaisg : — " Gach nì 
bheir an t-Athair dhomhsa." Uime sin (mar 
a labhair mi roimhe) cha 'n f haod na facail so 
" gach nì'' agus mar an ceudna, facail eile, a 
bhi air an tuigsinn no bbi air an gabhail do 'r 
n-ionnsaidh air a mhodh sin a tha ar n-ìnntinn 
amaideach ullamh gu thoirt a chreidsinn oirn : 
a thaobh gum beil iad gu bhi air an tuigsinn, 
ann an rathad farsuinn agus cumhann, a rèir f ìr 
bhrìgh a' chinn-teagaisg, Feumaidh sinn air 
an aobhar sin, a bhi gu dìcheallach a' beachd- 
achadh air brìgh a' chinn-teagaisg, agus a' 
c 



14 



faotainn soilleireachd air; le choimheas ri 
briathran eile Dhè, a chum gu bì sinn ni's com- 
asaiche ìnntinn an Tighearn a thuigsinn, anns 
an f hacal a thug e dhuinn a chum na crìche sin. 
^' Gach ni bheir an t-A thair." — Leis an 
fhacal so, " Athair," tha Crìosd a toirtcunnt- 
as dhuinn m'a thimchioll an Ti a tha '^ tabh^ 
airi^ nì, leis am faod sinn ioma' nithe feumail 
ionnsachadh ; Air tùs^ Gum beil an Tighearna 
Dia agus Athair ar Tighearn' losa Crìosd a 
co-oibreachadh leis a Mhac ann an sàbhaladh 
a phobuill. Ach is f ior, gum beil a ghnìomhara 
a chum ar slàinte air an oibreachadh air dòigh 
air leth bho ghnìomharan a Mhic. Charobh e 
comasach air an nì sin a' dheanamh dhuinn a 
rinn am Mac. Cha do bhàsaich e, cha do 
dhoirt e f huil air son ar saoraidh mar a rinn am 
Mac, ach, gidheadh, tha làmh threun aig' ann 
ar saoradh mar thubhairt Crìosd : — " Oir is 
toigh leis an Athair fèin sìbh," agus tha ghràdh 
air fhoillseachadh ann a' sinne thaghadh agus 
ann ar toirt seachad d'a Mhac, seadh, agus mar 
an ceudna, ann e thoirt a Mhic seachadh mar 
èirig air ar son. Uime sin, tha e air a' 
ghairm : — " Athair nan tròcair/' agus '' Dia 
nan uile chomh-fhurtachd/' Oir 'an so fhuair 
an t-Athair fèin rathad air a ghràs a leigeadh 
d'ar n' ionnsaidh tre dhà thaobh agus fuil 
cridhe Mac a' Ghaoil. Uime sin, tha'n t- 
Athair gu bhi air a chuimhneachadh agus air 
a chliuthachadh, mar an Tì aig an robh làmh 



15 



threun ann an sàbhaladh pheacach. *' A toirt 
buidheachais do'n Athair, a rinn sinne iom- 
chaidh a chum a bhi 'nar luchd compairt de 
dh'oighreachd nan naomh anns an t-solus." 
Oir '' chuir an t-Athair a Mac uaithe gu bhi 
na Shlànaighear an domhainn." (Eoin. xvi. 
27. 2 Cor. i. 3. Col. i. 12. 1 Eoin. iv. 14.) 
Tha sinn a' faicinn mar an ceudna anns a' 
cheann-teagaisg, gum beil an t-Athair d! toirt a 
pheacaich do Crìosd a chum a thearnadh. 

A rithist, Tha losa Crìosd an Tighearna 
leìs an fhacal so " Athair" g'ar deanamh fior- 
eòlach aìr an f hear-thabhairr. Gu nadurra tha 
ainm mòr Dhè uabhasach leinn r'a chluinntinn, 
gu h-àraidh, an uair a thae air achomharrachadh 
a mach dhuinn leis na h-ainmeannan so a ta 'cuir 
an cèìll a cheartais, a naomhachd, a chumh- 
achd, agus a ghlòir. Ach a nise tha'm facal 
so '' Athair" na fhacal air am beil sinn glè 
eòlach. Cha'n eil e a' cuir eagail air bith air a' 
pheacach, is ann a's dàch' e a chridhe aomadh 
gu gràdh, agus a bhi aoibhneach air dha 
cuimhneachadh air-san. Uaithe so, dh'iarr 
Crìosd òirn' 'nuair a chuireamaid suas ar 
n-achanaich le dànachd dhiadhaidh, a' ràdh : — 
" Ar n' Athair a ta air nèamh," a co-dhunadh le 
chofior-eòlach'sa tha sinn air an fhacal chàird- 
eil sin, gur ann is dàine thèid clann Dhè air an 
aghaidh ann an ùrnaigh gu nithe mòra aslach" 
adh. Mhothaich mi-fhìn iomadh uair 'nuair 
a's urrainn mi am facal so " Athair" a' ràdh 



16 

gum heil e deanamh nis mò dh'fheum dhomh 
no 'ni e 'nuair' ghairmeas mi air le ainra 
sgriobturail sam bith eile. Tha e airidh air a 
thoirt fainear nach robh an t-ainm so air a 
ghairm do Dhia ach aineamh leis na naoimh 
o shean, ri ììnn an t-Sean-Tiomnaidh. Is ro 
ainmig a gheibh sibh e air a ghairm leis an 
ainm so : theagamh nach faigh, air uairean ann 
an trì no ceithir de Leabhraichean. Ach a' 
nise, ri linn an riomnaidh-Nuaidh, cha 'n eil e 
air a ghairm le ainm sam bith eile cho tric, 
araon leis an Tighearn losa Criosda fèin agus 
leis na h-Abstoil as a dhèigh Gu dearbh is 
e 'n Tighearn losa 'rinn an t-ainm so coit- 
cheann air tùs a'measg nan naomh, agus a 
theagaisg dhaibh a ghnàthachadh 'nan sear- 
moinean, 'nan ùrnaighean, agus 'nan sgrìobh- 
aidheaii, do bhrìgh e bhi ni's taitneich* a chum 
ar còir air Dia a thaisbeanadh ni's soilleire no 
facal sam bith eile^ oir leis an ainm so thasìnn 
air ar tabhairt gu thuigsinn gu'm beil gach uile 
thròcair a tha sinn a mealtainn a' sruthadh bho 
Dhia, agus gur sinne mar an ceudna a tha air 
ar gairm a chlann trìd uchd-mhachdachd. 

" Gach ni bheir an t-Athair." — Chan eil am 
facal '^ bheir" coltach no do rèir cainnt no 
briathran eile Chriosd, ach tha e coltach ri bhi 
foillseachadh nach eil an tiodhlac a thug an t- 
Athair; do'n Mhac mar ghniomh a chaidh 
seachad, ach mar ghniomh atafathast alathair 
agus a mhaireas ; on a chaidh an tiodhlac so a 



17 

bhairigeadh air Criosd an uair a chaidh an 
cùmhnanta siorruidh a nasgadh eadar e fèin 
agus an t-Athair roimh chruthachadh nan uile 
shaoghal. Uime sin, anns na h-àitean eile 
anns ara beil an tiodhlac air ainmeachadh tha 
iomradh air mar ghniomh a chaidh seachad, 
mar <' gach nì a thvg e dhomhsa :'' " d'a cho 
liugha sa thug e dhomh :" " thug thu dhomhs' 
iad." Air an aobhar sin is èigin gur e so ceud 
agus priomh bhrigh nam facal so : — " A bheir," 
air neo bithidh teagasg an taghaidh agus a 
chùmhnanta shiorruidh a rinneadh eadar an 
t-Athair agus am Mac, air a ghluasad^ no air a 
chuir an teagamh le daoine mearachdach agus 
aingidh ; oir faodaidh iad a ràdh nach tug an 
t-Athair na h-uile bhios air an tearnadh do 
Chriosd mu'n do rinneadh an saoghal : do 
bhrigh gum beil gniomhara an tabhairt (do 
Chriosd) na ghniomh buan-mhaireannach. 

Ach a rithist. Cha'n eil na facail so — a 
tahhairt gu bhi air an diùltadh, no air an cur 
air chùl, oir a ta am brìgh cheart fèin da leanmh- 
ainn, agus a cuir an ceill dhuinne, 

Anns a cheud àite. Ged a tha gniomhar' an 
tahhairt a gabhail a staigh am measg dhaoine, 
an tìm a charidh seachad, no tha ri tighinn ; 
gidheadh, le Dia chan eil e mar sin. Tha na 
nithe achaidh seachad, no tha ri tighinn a ghnà 
a làthair am beachd Dhè, agus a Mhic losa 
Crìosd. " A ta gairm nan nithe sin nach eil 
idir ann, mar gum biodh iad ann:" agus a 



18 



rithist, " Tha fios obair fèin uil' aig Dia o 
thoiseach an t-saoghail." Tha gach ni a lath- 
air, ann am beachd Dhè, agus is amhail a 
tha tiodhlac an Athar do'n Mhac, ged a tha e 
dhuinne mar thae air fhoillseachadh 'san f hac- 
al mar ghniomh a chaidh seachad. Rom. iv. 
17. Gniomh. xv. 18. 

Anns an dara h-àite* Faodaidh Criosd 
labhairt mar so, a chum a nochdadh nach 
b'ann aig aon àm no còlath a thug an t-Athair 
dha a chuibhrinn so mu'n robh an saoghal ann, 
aoh iadsan a thug e dha, gun tabhair e dha iad 
a rithist; se sin gun toir e dha iad aig àm 
an iompachaich, oir is e an t-Athair a tha 
dha'n tabhairt a dh'ionnsaidh Chrìosd. Eoin. 
vi. 44. 

Mar chaidh a ràdh. ** Ann an trusgan de 
dh-obair, ghrèis bheirir i chum an Rìgh ;" 'se 
sin ri ràdh, ann an ionracas Chrìosd. Oir is e 
Dia a ta cuir fìreantachd as leth na muinntir a 
bhios air an tearnadh. Salm. xlv. 14. 1 Cor. 1. 

Tha duin' air tùs, a tabhairt a nighin do 
dh-f hear àraid ri' pòsadh aig àm an rèitich ; 
agus tha sin a ciallachadh an tìm a chaidh 
seachad, agus tha e ga toirt dha a rithist iatha 
a' phòsaidh. Theagamh gum beil brì^h a 
chinn-teagaisg anns an t-seagh so ma dheir- 
eadh, a' ciallachadh, se sin gach ni thug an 
t-Athair do dh' losa Criosd mun robh an 
saoghal ann, gun toir e dha iad a rithist air 
latha am pòsaidh, no'n iompachaidh. 



19 



Tha na nithè bheir daoine seachad, gu tric 
na's fearr anns a' cheud dol a mach ; se sin ri 
ràdh, am fèadh a bhios iad ùr ; agus is e is 
ceann-fath da sin gum beil gach nì talmhiadh 
a' fàs sean, ach cha'n ann mar sin le Criosd ; 
cha'n eil tiodhlac an Athar sean agus mi- 
dhealbhach no neo-thaitneach na làthair, uime 
sin tha e dhasan daonnan nuadh. 'Nuair a 
labhair an Tighearna ma thìr Chanaan a thoirt 
do Chlann Isareil cha tubhairt e gun tug e 
dhaibh, no gun tugadh e dhaibh e, ach mar 
so : — " Tha'n Tighearna do Dhia a toirt dhut 
an fhearainn mhath so." (Deut. ix. 6.) Ged 
a thug e dhaibh e an uair a bha iad ann an 
leasraidh an aìthrichean ceudabh, bliadhna 
roimhe sin. Gidheadh cha tubhairt e gun 
tug e dhaibh e, mar gum biodh iad san àm a 
gabhail sèilbh air, am feagh a bha iad fathast 
air taobh thall lordain. Ciod e eile 'bhrìgh ? 
Tha mi gabhail ris gur e so ; a chum agus gum 
biodh e do ghnà dhaibh ùr, cho ùr is ged 
nach biodh iad ach a gabhail sèilbh air a nis'. 
Agus is ionnan a tha tiodhlac an Athar, anns a' 
cheann-teagaisgdo'n Mhac,thaedaonnannuadh 
mar gum biodh e buanachadh do ghnà mar 
sin. 

" Gach nì bheìr an t- Athair dhomhsa." Anns 
na briathran so tha luaidh air dà phearsa, an 
t-Athairagus am Mac ; tha'n t-Athair a* tabh- 
airt, agus tha 'm Mac a' gabhail, no gabhail 
ris an tiodhlac so. Tha so a nis, anns a' cheud 



20 



àite 'toirt dearbhadh soilleir, ged is e'n t-Athair 
agus am Mac agus an Spiorad Naomh' an t-aon 
Dia Siorruidh, gum beil iad nam pearsaidh air 
leth. Is aon an t-Athair, Is aon am Mac, agus 
is aon eiP an Spiorad Naomha. Ach a thaobh 
nach eil iomradh anns sl cheann-teagaisg ach 
air dithis de'n triùir, labhram facal mu'n dithis, 
Cha'n urainn e bhith ann an seadh reusanta gur 
aon phearsa, an lì a bheir agus an tì a ghabhas: 
esan a tha tabhaìrt cha'n ann d'a fèin ach do 
neach eile, Cha'n ann do'n Athair a bheir an 
t-Athair, se sin ri ràdh, dha fèin ach do'n 
Mhac ; ni mò tha'm Mac a gabhail bho'n Mhac 
ach bho 'n Athair. Oir an uair a bheir an 
t- Athair àithne cha'n ann da fèin, ach do neach 
eile mar a thubhairt Criosd t — '' Ach an t- 
Athair a chuir uaithe mi thug e àithne dhomh." 
*' Is aon mise tha deanamh fianais am thim- 
chioll fèin, agus tha'n t- Athair a chuir uaithemi 
a' deanamh iianais am thimchioll, Eoin. xii. 49 ; 
vii. 18. 

Osbarr, tha ni air a ghabhail a' steach an so 
nach eil air a labhairt, se sin ri ràdh, nach tug 
an t-Athair na h«uile dhuine do Chriosd ; se 
sin ann am brìgh a chinn teagaisg, ged a thug 
e dha mar a thuirt mi roimhe ann an seadh far- 
suinn na h-uile dhuine^ oir mar sin bhiodh na 
h-uiie air an tearnadh : uime sin thug e cuid 
• diu seachad air dòigh eile. Thug e cuid diu 
thairis do dh-iodhalaoradh, do mhiannaibh 
truaillidh, agus do dh-inntinnean gràineil. 



21 



Thug e iad so thaìris ann na choraich air son 
an sgrios, a chum agus gum buain iad toradh 
an gniomhara agus gum bi iad làn de thuaras- 
dal an sìigheachan fèin. (Faic Gniomh. vii. 
42. Rom. i. 24, 26, 28.) Ach cha tug e 
thairis na h-uile dhuine mar so, am buidhean 
do'n nochd e trocair, mar thubhairt e-fèin ; — 
*^ Oir bheir mise maitheanas dhaibh sin a 
chaorahnas mi." 'Nise thug e iad so do Chriosd 
na thiomnadh, mar dhìleab agus mar chuibh- 
rinn : " Agus is i so toìl m' Athar a chuir 
uaidhe mi, nach caillinn a bheag sam bith do*n 
uile thug e dhomh ach gun togainn suas e 
rithist air an latha dheireannach." ler. 1. 20 
Eoin. vi. 39. 

Feumaidh an t-Athair uime sin, — a thaobh 
an toirt dhasan a chum an tearnadh na nithe so 
a leanas a dhearbhadh dhuinn : — 

Anns a cheud àite, Gum beil e comasach 
an ni sin a shonraich Dia a fhreagairt, se sin an 
saoradh o'm peacaibh agus o'm buairidhean, is 
ro antromaich, (Eabh. vii. 25.) Uaidhe sin a 
dubhradh gum beil e *' cumhachdach gu tearn- 
adh." Agus a rithist gun gheall Dia bho 
shean, gun cuireadh e Slànaighear a dh' ionn- 
saidh a phobuiU, (Isa. Ixiii. 1. Salm. Ixxix. 
19) Uime sin ghairmeadh mar ainm dheth : an 
t-Iongantach; an Comhairleach; anDia Cumh- 
achdach ; an t-Athair siorruidh, Prionnsa na 
sìthe. Tha 'm peacadh treun, tha Sàtan treun ; 
agus is amhail a ta mallachd an lagha : uime 



22 



sin feumaidh gu'm bi los' air a mheas, Uile- 
chumhaehdach le Dia an t-Athair do bhrìgh 
gun tug e a shluadh taghta dha a chum an 
saoradh,agus an teisriginn bho nah-uilc threun' 
so a chaidh ainmeachadh, a dh' ain-deoin an 
neart agus an cumhachd. 

Agus tha e dearbhta dhuinn gun robh e cho 
treun so an uair a bha e saoithreachadh anns an 
earrann ud de ar saoradh, ehuir e às do'n bhàs 
agus mhill se esan aig an robh cumhachd a 
bhàis, sgrios e'n uaigh agus chuir e crìoch air 
a' pheacadh, agus air a bhuadhan cronail do'n 
aiteam sin a thug an t Athair dha, chaith e air 
falbh maliachd an lagha a rinn e thàirneadh ris 
a' chrois a deanamh buaidh-chaithream tharta 
air a chrann : agus nochd e na nithe sin gu 
follaiseach (2 Tim. i. 10. Eabh. ii. 14, 15. 
Hos. xiii. 14. Dan. ix. 24. Gal. iii. 13. Col 
ii. 14, ìd). Nochdagus aig sJ cheart àmsa fèin, 
mar chomharradh air a bhuaidh-chaithream, 
dh'eirich e bho na mairbh ; agus tha iuchraich- 
ean ifrinn agus a bhàis aige na ghleatanas 
fèin ! Taisb i. 18. 

Anns an dara h-àite. Tha'n t- Athair dha'n 
toirt seachad dhasan, a' toirt dearbhadh soilleir 
dhuinn gum beil agus gum bi e dìleas ann na 
dhreuchd mar Eadarmheadhonair, agus uime 
sin gu'm bi iad air an dion le dhìlseachd, bho 
thoradh agus bho dhuais am peacannan, ni is 
damnadh siorruidh. Agus thuirt an Spiorad 
Naomha fèin gun robh e dìleas dhasan a dh- 



23 

òrdaich e" (Eabh. iii. 2.) se sin ann an oib- 
reachadh a mach slainte na buidhne 'thug an 
t Athair dha 'chum na crìche sin. Mar hha 
Maois dìleas na theaghlach fèin. Seadh, agus 
mòran nì's dilse, olr cha robh Maois dìleas ach 
mar sheirbheiseach ann an taigh Dhè, ach 
Crìosda mar mhac thar a theach fèin. 

Air an aobhar sin tha'n duine so air a mheas 
àiridh air am barrachd cliù na tha Maois, 
a thaobh gum beil e ni's dìlse no esan agus 
mòran nis urramaiche, uime sin annsan agus 
ann na f hirinn agus 'na dhìlseachd tha Dia lan- 
thoilichte, agus chuir e uachdaranachd a phob- 
aiil air a ghuaiiibh, le lan-chinnt nach bi ni 
air bith a dh easbhaidh air-san a chum a rùn a 
cho lionadh, agus air a' sin thug e lan-dearbh- 
adh cheana; oir an uair a dhruid an t-àm dlù 
dha anns an robh fhuil le ceartas nèimh' air 
iarraidh air, a chum an saoradh, an ionnlad 
agus an glanadh, dhoirt se i à chridhe mar gun 
doirteadh e uisg à soigheach, gun a bheatha 
fèin a chumhna, chum agus nach rachadh a 
bheatha shuthainn a tha air a tasgaidh shuas air 
nèamh a chumail bho phobull, Agus is ann air, 
an aobhar sin a ghairm Dia dheth. — '' m' òglach 
fìrinneach." (Isiah liii. 11.) Oir cha b 'urr 
ainn fhireanntachd a bhi iomlan, mar a biodh 
e dìleas gus an ceum a b'fhaide mach de'n 
obair a ghabh e os-làimh. Uime sin, is ann 
a thaobh gum beil e dìleas agus firinneach, as 
aobhar gur ann ann am fìreanntachd a bheir e 



24 



breth : agus a* saoitlireachadh a chum saors' a 
shluaigh a dheanarah foirfe co-lionaidh e gu 
dileas an obair a chaidh earbsa ris. Tha fios 
aig an Athair air a' so, agus air an aobhar sin 
thug e 'shluadh taghta dhà. 

Anns an treas àite, Tha'n t-Athair, le toirt 
dha a shluaigh a chum an tearnadh a' cuir an 
ceill gura beil agus gum bi e suairce, foighid- 
neach riu, fo gach ciont agus mi-ghiùlan : Cha'n 
fheudar a smaointeachadh, gach deuchainn, 
agus masladh a f huair Mac Dhè bho'n phobull 
a thugadh dha a chura an tearnadh ; Tha e air 
a ràdh gun robh e 'na Chlach-dhearbhaidh, oir 
bha e air a churgu fhulang, cha b'ann a mhain 
leis an diabhol, aingeachd a pheacaidh, bàs 
agus mallachd an lagha ; ach mar an ceudna 
le aineolas an t-sluaigh, mi-riaghailt agas tuit- 
eam am buaireadh, &c. Tha e air a ràdh : — 
" Is Dia thusa a ta ealamh gu maitheanas, 
tròcaireach, mall a chum fèirge agus pailt ann 
an truacantas." Agus gu dearbha mar biodh 
e mar sin cha b'urrainn e cur suas le^n giùlan 
bho linn Adhaimh gu so ; air an aobhar sin 
tha' thruacantas agus innigh d'a Eaglais, air a 
mheas a' toirt barr air truacantas agus innigh 
màthar da gin fèin : — " An di-chuimhnich 
màthar a leanamh cìche, gun iochd a dhean- 
amh air mac a cuim ? Feudaidh eadhon iadsan 
di-chuimhneachadh, achcha dì-chuimhnich mis' 
thusa." (Nehem : ix. ]7; Isaiah xlix. 15.) 
Thug Diaaon uair do Mhaois, (mar sheirbheis- 



25 

each Chrìosd.) buidhean de a shluagh a 
chum an giùlan na uchd, ach cha tug, n'a 
b'fhaide na bho 'n Eiphit gu tìr Chanaan; agus 
be Maois do rèir mar thuirt an Spiorad Naomha 
m'a thinchioll, an duine bu chiùine bha 'nuair 
sin air thalamh ; agus ghràdhaich e'm pobull 
gu h-anabharrach, ach cha do chum a chiùinead 
no 'ghràdh suas e air an turas sin ; dh' f hailing 
e fo'n uallach agus dh' fhàs e friotbnasach, 
eadhon gu Dia a bhrosnachadh gu fèirg : — 
" Agus thuirt Maois ris an Tighearna c'arson 
a bhuin thu gu h-olc ri d' sheirbheiseach ? ach 
ciod an t-olc anns na bhuineadh ris? Gun 
tubhairt an Tighearna: — *' Giùlain ad' uchd iad 
(mar a ghiùlanas oid-altruim leanamh na cìche,) 
chum an fhearainn a mhionnaich thu do'n 
aithrichibh." Agus cia mar sin a thachair? 
*' Ca'n urrainn mise," arsa Maois, " cuidthrom 
an t-sluaigh so a ghiùlan a'm aonar a chionn 
gum beil e ro thròm air mo shon, ma bhuineas 
tu rium mar so marbh mi guidheam ort, as an 
làimh agus na faiceam mo thruaighe." (Air- 
eamh. xi. 11, 12, 13, 14.) Thug Dia iad do 
Mhaois r'an giùlan, a chum agus gu'n nochdadh 
e macantas agus foighidean daibh^ fo gach 
brosnachadh leis am brosnaicheadh iad e, bho 
'nuair a dh' f hag e'n Eiphit gus an ruigeadh e 
Canaan, ach dh'fhailing e sa' ghniomh sin, 
cha b' urrainn e cuir suas leis, a chionn nach 
robh foighidean n'a bu leoir aige dhaibh. Ach 
tha e air aithris mu'n Tì sin a th'air ainmeach- 



26 

adh anns a' cheann-teagaisg : — " Mar bhuach- 
aile bheathaichidh se a threud, le ghairdeanaibh 
cuartaichidhidh e na h-uain, agus giùlanaidh se 
iad na uchd, iomanaidh e gu seimh an sprèigh 
a tha trom le h-àl/' (Isaiah, xl. 11.) A' cur 
an cèiU gum be so a h-aon de na buadhan a bha 
Dia ag iarraidh, agus bha fhios aige bha ri 
f haotainn ann an Criosd an uair a thug e a 
shluagh taghta dha a chum an tearnadh. 

Anns a' cheathramh àite, Tha'n t-Athair a 
thoirt dha a shluadh taghta chum an tearnadh, 
a'cuir ancèiU gu'mbeil n'as leòirdeghliocasaige 
fa-chomhair gach duilichinn a thigeadh na dhail 
an àm dha a bhi giùlan a mhic agus a nigheannan 
adh'ionnsaidhglòire. '^Neacharinneadhdhuinne 
le Dianaghliocas." Osbarr, tha e air a ghairm 
na ghliocas fèin, agus thuirt Dia: — '' Feuch ni 
m'òglach gu glic." (1 Cor. i. 30. Isaiah lii, 
13.) Agus gu dearbha, dh'fheumadh, an tì a 
ghabhadh air fèin a bhi na Shlànaighear do'n t- 
sluagh a bhi glic, do bhrìgh gum beil an nàimh- 
dean ro lionmhor. Am feadh a bhios iad a 
bhos an so, feumaidh iad adhol a chaonnag ris 
an t-sean nathair-nimhe a fhuair buaidh le 
'cuilbheartan air ar ceud sinnsear an uair a bha 
iad ann an aird an gliocais. Ach ma labhras 
sinn raa ghliocas ; is e los' is glice na Solamh, 
is e is glice no na h-uile dhuine agus aingeal. 
Is e Criosda " gliocas Dè," (Luc. xi. 49.) agus 
is ann uaidhe sin a tha e toirt air peacannan, 
buairidhean, geur-leanmhuinnean agus àmhg- 



\ 



27 

aran tionndaidh a mach gu math a shluaigh 
Faic Rom. caib. viii. 

Nise tha na nithe a th'air an co-dhunadh 
mar so a' nochdadh dhuinn mar an ceudna 
gràdh mòr agus iongantach an Athar, ann e 
thaghadh neach a bha air gach dòigh cho 
comasach air slàint an duine oibreachadh a 
mach. 

Ann an so gu dearbha 's lèir dhuinn gràdh 
Dhè. Thuig Huram gun do ghràdhaich Dia 
Isareil a thaobh gun tug e dhaibh rìgh mar 
Sholamh, (2 Eachd. ii. 11.) ach nach mòr a's 
mò a dh' f haodas sinn an gràdh sin a bhairig 
Dia oirnn fhaicinn le sinne thoirt seachad 
do'n Mhac, agus mar an ceudna, ann am Mac 
a ghràidh a thoirt mar èirig air ar son. 

" Gach ni bhèir an t-Athair dhomhsa thig 
e" Anns na briathran deireannach so, tha 
freagairt na crìche mu'n tug an t-Athair a 
mhuinntir thaghta do dh' losa Criosd, air a 
nochadh gu soilleir. — Be crìoch an Athar 
gu'm tigeadh iad d'a ionnsaidh-san agus gu'm 
biodh iad air an tearnadh leis. Agus thèid an 
nì sin, ars am Mac, a dheanamh, agus cha chuir 
Sàtan no 'n fheòil no 'n saoghal, gliocas, no 
amaideachd grabadh air an tighinn do 'm 
ionnsaidh, agus iadsan a thig cha tilg mi air 
chor sam bith a mach. An so, uime sin, tha^n 
Tighearn' losa da rìreamh a cur roimhe gu'n 
cuir e raach na dh' f hòghnas de na h-uile ghràs 
a chum an gealladh so a cho-lionadh gu 



28 



h-èifeachdach, thig iad^ 'se sin bheìr e orragun 
tig iad le beannachd èifeachdach a dh' ionn- 
saidh a' mheadhoin a ghàthaichear a chum na 
crìche sin ; Mar a labhradh ris an droch spior- 
ad a chaidh a chuir ìmpidh air Ahab a dhol 
a thuiteam aig Ramot Ghiliad. Cuiridh tu 
ìmpidh air, agus mar an ceudna buadhaichidh 
tu : falbh a mach agus dean mar sin. (1 Rìgh 
xxii. 22') Is amhail a their losa Criosd ris a 
mheadhan a bhios air a chleachdadh a chum 
iad so a thug an t-Athair dha a thoirt da ionn- 
saidh ; tha mi gràdh gu'm beannaich se e gu 
h-èifeachdach a chum na dearbh chrìche so : 
cu'widh am meadhon ìmpidh orra, agus buadh 
aichidh e mar an ceudna, mar a biodh a chùis 
mar sin, bhiodh rùn an Athar gu diamhainn, 
oir is e toil an Athar, nach caiU e bheag de 
na h-uile ni f huair e ach gun tog e suas iad air 
an latha dheireannach ; anns an ath òrdugh as 
faisge dhafèin: Criosd an ceud-thoradh, agus 
a rithist, an aiteam a's leis an àm dha tighinn. 
Ach cha b'urrainn so a bhith, nam be is gun 
dìbreadh gnìomh nan gràs ann an oibreachadh 
gu h-èifeachdach, eadhon ann an aon diù : ach 
cha dìbir an gniomh so a bhi air oibreachadh 
annta eadhon anns " gach ni a thug an t- 
Athair" dha chum a thearnadh. " Gach ni 
bheir an t-Athair dhomhsa thig e am ionns- 
aidh,'* &c. Ach gu labhairt gu soiUeir ma na 
facail so " thig e am ionnsaidh." Nochdam 
dà nì dhuibh bho na briathran, Air tùs, An nì 



29 



s e tighinn a dh' ionnsaidh Chrìosd ; — Agus a 
rithist^ ciod an neart a th' anns a ghealladh so 
gu thoirt orra tighinn. 

Anns d cheud àite, Nochdaìdh mi dhuibh 
an so ciod e an nì tighinn a dh' ionnsaidh 
Chrìosd. Feumaidh am facal so " tighinn' a 
bhi air a thuigsinn gu spioradail, cha'n ann 
feòlmhor, oir thainig iomadaidh d'a ionnsaidh- 
san gu collaidh ach cha deach an tearnadh 
trìd-san ; thainig ioraadaidh sluaigh d'a ionn- 
saidh mar so ann an lathaibh f heòla : thainig 
slòigh gun àirearnh. Tha mar an ceudn' air 
an latha 'n diugh iomadaìdh a' tighinn gu 
òrduighean, do nach dean e bheag fa-dheòigh : 
ach cha'n abair mi tuilìeadh mu'n mhuinntir 
sin aig an àm so, a thaobh nach ann mu'n 
dèighinn a tha^n ceann-teagaisg a' labhairt, 
uime sin tha 'n " tighinn" a th' air ainmeachadh 
sa' cheann-teagaisg gu bhi air a thuigsinn mar 
so — an inntinn a' tighinn d'a ionnsaidh, eadhon 
an cridhe a plosgartaich an geall air le geur 
mhothachadh air cho feumail sa' bhios e da'n 
duine chum slaint' anma I 

Tha'm modh so air an tigear a dh' ionnsaidh 
Chriosd air a chur sios an so ann an dà earrann. 
Air tùs — gur e tighinn a dh' ìonnsaidh Chriosd, 
an inntinn a bhi togairt da ionnsaidh. Agus a 
rithist. Se sin togradh na h inntinn da ionn- 
saidh, le geur-mhothachadh air cho feumail sa 
bhios e do dhuine 'chum fireanachaidh agus 
slàint* anma I 



30 

Do rèir na ceud puing. 'Se sin an inntinn 
a bhi gluasad da ionnsaidh : tha so soilleir a 
thaobh gu'm beil a bhi tighinn, mas a h-ann gu 
deònach, na ghniomh inntinn. Mar sin tha 
tighinn gu Criosd tre thogradh na toile. 
" Bidh do phobuU-sa toileach." (Salm. cx. 3.) 
*S e togradh a chridhe a chuireas an inntinn 
. air ghluasad an geall air-san. Tha'n Eaglaisa' 
cur an cèill a h-inntinn a bhi gluasad mar so a 
dh* ionnsaidh Chriosd ; le gluasad a h-innidh, 
(Dàn. V. 4.) uime sin is e tighinn a dh' ionn- 
saidh Chriosd gluasad no togradh na h-inntinn 
da ionnsaidh. " Agus tarlaidh gach ni beò 
air an tig an t-uisge, gum bi e beò." Esec. xlvii. 
9. 

'S e'ri t-uisge anns a' cheann-teagaisg so gràs- 
an Dhè, agus gach ni beò clann-daoine, 
do'm beil gràsan Dhè trid an t-Soisgeil air a 
Shearmonachadh. " A nis," ars esan, " gach 
ni beò a ghluaiseas air an tig an tuisge bithidh 
e beò.*' Agus faicibh mar tha 'm facal so 
gluasad^ air a mhìneachadh le Criosd fèin ann 
an Leabhar an Taisbeanaidh : — ^' Agus deir an 
Spiorad agus a bhean nuadh-phòsda, Thig agus 
abradh an tì a chluinneas. Agus thigeadh an 
neach air am beil tart, agus ge be neach leis an 
àiU gabhadh e uisge na beatha gu saor." Taisb. 
xxii. 17. 

Mar sin, is e bhi gluasad ann an inntinn 'san 
toil an deigh Chriosd a bhi tighinn da ionnsaidh. 
Tha iomadh anam bochd a' tighinn a dh'ionn- 



31 

saidh Chriosd nach urrainn a chreidsinn fathast 
gum beìl ; a thaobh gam beil iad a smaointeach 
gur nì ro iongantach tighinn da ionnsaidhsan ; — 
agus gu dearbh is ni iongantach e. Ach tha 
mi ciallachadh nach eil iad a' gabhail beachd 
air togradh an toile gluasad an inntinn no plosg- 
ail an innidh an toir air : gun a bhi meas a 
h-aon de na gluasadan sin, mar an ni iongan- 
tach : an uair gu dearbha nach eil ni eile air an 
t-saoghal cho iongantach ri duine bha aon uair 
marbh ann am peacadh agus anns an robh 
deamhain, na màmhaid do chrìosd; agus do 
gach ni naomh' agus math : Tha mi 'g ràdh gur 
e'n duine sin fhaicinn a gluasad ie inntinn an 
deigh losa Criosd iongantas is mò air uachdar 
an t-saoghail! iongnatas nan iongantas! 

A rithist. Is e bhi tighinn a dh'ionnsaidh 
Chriosd gluasad na h-inntinne na chodhail le 
fior mhothachadh, air cho fheumail 'sa 'bhios e 
do dhuine a chum fhireanachadh, agus a 
thearnadh, — Da-rìreadh mar a bi mothachadh 
aig duine air a staid chaillte cha bhi 'n glusad 
inntinn so idir ann. Ach faodaidh am beul a 
bhi gluasad. " Le 'm billibh nochd iad mòran 
gràidh" (Esec. xxiii. 31.) Thig sluagh, marso 
da ionnsaidh mar thig a phobull firinneach, se 
sin a thaobh cohais o'n leth a muigh,agus suidh- 
idh iad an lathair mhinistearan Dè mar ni a 
phobullsan, agus èisdidh iad am briathran mar 
an ceudna ach cha dean iad da'n rèir a thaobh 
nach ann le'n inntinnean on lethastaigh athaiad 



32 



a' tighinn ^' oir le'm billibh nochaidh iad moran 
gràidh ach tha 'n cridheachan a' dol an deigh 
sainnt." Nise 'se is ceann-fàth da sin, nach eil 
fior mhothachadh ac' air an staid thruaigh a 
thaobh nàduir oir gus am mothaich iad sin cha 
ghluais an inntinnean d'a ionnsaidh. Uime sin 
labhradh mar so mu'n timchioll-san a tha tigh- 
inn d'a rìreadh. " Air an latha sin thèid an 
tròmpaid mòr a shèideadh agus thig iadsan a 
bha bàsachadh ann an tìr Asiria agus iadsan a 
thilgeadh a mach à talamh na h-Eiphit ; agus ni 
iad aoradh do'n Tighearna air a shliabh naomh' 
air Irusalem," (Isaias xxvii. 13.) Do rèir so is 
iad na dìbearaich agus a mhuinìitir a tha bàsach- 
adh aig am beil an inntinnean da rìreadh air 
an gluasad gu tighin a' dh'ionnsaidh losa 
Criosd. Be 80 an nì a thug air na trì mìle 
tighinn ; a thug air Saul tighinn ; a thug air 
fear-gleidhidh a phriosain tighinn agus a bheir 
air gach aon eile tighinn a thig da rìreadh. 
Gniomh. ii. 8, 16. 

Tha'n triùir lobhar na dheagh shamhla air 
tìghinn a dh'ionnsaidh Chriosd ann am firinn, 
mar a chi sinn ann an dara Leabhar nan Rìgh, 
Caib vii. 3. Bha' ghort anns na lathaibh so ro 
throm san tìr; cha robh aran ann do'n t-shuagh, 
agus eadhon do'n bheatha shuaraich, a bh'ann, 
be sin, feoil asalaibh agus innear chalaman, 
cha d'fhuair na lobhair so cuibhrinn, oir bha 
iad air an tilgeadh a mach as a bhaile. Nise bha 
iad nan suidhe aig geata na cathrach : an t- 



33 

acras, (ma dh' f haodas mi 'n chainnt a chleachd- 
adh) a' deothal an deò dheìreannaich asda: air 
dhaibh a bhi cheana leth-mharbh, ciod a 
smaointich iad a dheanamh? Air tùs nochd 
iad neul uain' a bhàis roimh ghnùisean a chèile, 
agus an deigh sin chuir iad an comhairle 
cuideachd ma cìod bu chòir dhaidh a dheanamh, 
ag ràdh — <' ma thèid sinn a steach do'n bhaile 
tha' ghort anns a' bhaiie, agus bàsaichidh sinn 
annansin,agus ma dh'fhanas sinn an so bàsaich- 
idh sinn mar an ceudna, 'Nis uime sin racham- 
aid agus tilgeamaid sinn fein ann an ìamhaibh 
nan Sinianach ma chumhnas iad ar beatha is 
math, agus ma mharbhas iad sinn cha bhi sinn 
ach marbh." Ann an sud a nise bha airc ag 
oibreachadh, agus cho-èignich an airc iad gu 
dhol air an aghaidh, a dh' iarraidh beatha do 
dh-ionad anns nach rachadh iad gu bràch ga 
h irraidh mar bhitheadh an airc. Is ionnan 
is daibhsan a thig da rìreadh, a dh'ionnsaidh 
Chriosd : tha'm bàs rompa, tha iad dafhaicinn, 
agus da f haireachadh ; tha e beathachadh orra, 
agus cha'n fhada gus an sluig e suas iad gu 
tìir; mar a tig iad a dh''ionnsaidh losa Chriosd : 
agus uime sin thaìad a' tighinn da ionnsaidh tre 
airc agus air an co-eigneachadh gu sin a 
dheanamh, le mothachadh air iad a bhi caillte gu 
siorruidh mar faigh iad tearmunn annsan. Is 
iad so iadsan a thig da ionnsaidh, gu dear- 
bha,— Is iad so a fhuair cuireadh tighinn. 
" Thigibh am ionnsaidhse sibhse uile a ta ri 



34 



saothair agus fo throin uallach agus bheir mise 
suaibhneas dhuibh." Matt. xi. 28. 

Gabh a dhà no thrì de nithe chum so a 
dheanamh ni's soilleire, se sin, Gum beil a bhi 
tighinn a dh'ionnsaidh Chriosd a sruthadh bho 
làn mhothachadh air cho feumail sa bhios e do 
dhuine mar a nochd mi roimhe. 

Anns a' cheud àite, Thig iad le gul agus, le 
caomhalachd, treòraichidh mi iad agus bheir 
mi orra imeachd laimh ri aibhnicliean uisg' air 
slighe chòmhnaird anns nach tuislich iad. (Ire. 
xxxi. 9.) Tabhair fainear! thainig iad le gul 
agus achanaichean. Thainig iad le ùrnaighean 
agus le deuraibh. A nis is e ùrnaighean agus 
deòir, ceart mhothachadh air iad a bhi feumach 
air tròcair. Uime sin cha'n urrainn peacach 
gun mhothachadh a thighinn, -cha'n urrainn e 
ùrnaigh a chuir suas, cha'n urrainn e glaodh- 
ach, chan urrainn e bhi fiosrach mun ni sin nach 
eil e faicinn no fùreachadh. *' Anns na lathaibh 
sin, agus air an àm sin, thig clainn Israie), iad 
fèin agus clainn ludah, ag imeachd agus a' 
gul iarraidh iad an Tighearna an Dia ; agus 
au t-slighe gu Sion, le 'n aghaidhean da 
h-ionnsaidh, ag radh rachamaid, agus ceangal- 
amaid sinn fèin ris an Tighearna le cumhnanta 
buan nach tèid air dichuimhne." ler. i. 4, 5. 

Anns an dara h-àite, Tha e air a radh 
gur e tighinn a dh'ionnsaidh Chriosd air an 
doìgh so, a bhi ruith da ionnsaidh — a teich- 
eadh d'a ionnsaidh — ^a' teicheadh da ionnsaidh 



35 

bho'n fheirg a tha ri teachd. Tha na briath- 
ran so uile a' eiallachadh an duine a thig ; se 
sin, ri radh gu'm beil e air a ghluasad le moth- 
achadh air a pheacannan, agus air a bhàs a 
thoiU iad ; gum beil e lan mhothachail air fear- 
diolaidh na fala bhi' n toir air, agiis uime sin 
gum bi e air a ghearradh as mar a greas e air 
a dh'ionnsaidh Mhic Dhè air son beatha, 
(Matt. iii. 7- Salm cxlii. 9). 'Se teicheadh 
an nì ma deireadh a ni duine ann an cunnard ; 
ach cha teich na h-uìle ta ann an cunnard: 
chateich na h-uile chi an cunnard : cha teich na 
h-uile chluinneas machunnard. Beachdaichidh 
daoine, am beil rian sam bith eile air a bhi 
tearuinnte mu'n teich iad. Uime sin mar 
thubhairt mi, is e teicheadh an ni ma dheir- 
eadh. 'Nuair a dh'fhàilneas gach dìdean^ agus a 
tha duin' air a thort gu fhaicinn nach eil ni 
air fhàgail aige ach peacadh, agus diteadh 
siorruidh ; mar a teich e 'dh-ionnsaidh Chriosd 
air son beatha — an tràth sin teichidh e, agus 
cha teich e gus an sin. 

Anns an treas àite- Tha e dearbhta gum 
beil tighinn da ionnsaidh a rìreadh a sruth- 
adh bho'n làn mhothachadh air cho feumail 'sa 
tha losa Criosd a chum tearnaidh : bho na 
briathran so a labhradh leo an àm dhaibh a 
bhi tighinn, " A Thighearna fòir orm : Fhear- 
abh agus a bhraithrean ciod a ni sinn ? A 
Mhaighistirean, ciod as còir dhomh a dhean- 
amh a chum gu'n tearnar mi ?" &c. (Matt. xiv. 



36 

30. Gniomh. ii. 37; xvi. 30.) Tha na briath- 
ran so a toirt làn dhearbhadh gum beil na h- 
anamannan a tha da rìreadh a' tighinn a* geur- 
mhothachadh an fheuma tha ac' air slainte 
bho losa Criosd : agus, osbarr nach eil aon ni 
eile a ni còmhnadh leo ach Crìosd. 

Anns a cheathramh àite, Tha e fathast 
dearbhte leis na nithe so a leanas : Thasa 'g 
ràdh gum beil iad so air am bioradh, n'an 
cridhe a tha air an dìteadh gu bàs leis an lagh 
thalmhaidh ; agus ni am bioradh ìs lugha anns 
a chridhe duine a mharbhadh. (Gniomh. ii. 
37.) Thasa 'g ràdh mar thubhart mi roimhe, 
gum bi iad so a' gul agus air chrith^ agus fo 
iongantas mu'n chunnard sin nach urrainn iad 
a sheachnadh, ach le teicheadh a chum losa 
Criosd. Gniomh. ix. 16. 

Anns a chuigeamh àite» Tha tighinn a dh' 
ionnsaidh Chriosd, gu h-ionnraig, agus gu dìleas 
a' treigsinn gach uile pheacadh air a sgàth-san 
— " Ma thig neach air bith do'm ionnsaidh- 
sa agus nach fuathaich e' athair agus a mhàth- 
air, agus a bhean phòsda, agus a chlann, 
agus a bhraithrean, agus a pheathraichean, 
seadh, agus a bheatha mar an ceudna, cha'n 
eil e'n comas da bhi na dheisciobul domhsa. 
Agus ge be 'neach nach giulain a chrann- 
ceusaidh agus nach lean mise, cha'n eil e'n 
comas d'a bhi na dheisciobul domhsa.'* Luc. 
xiv. 26, 27. 

Leis na briathran so, agus le briathran eile 



37 

coltac?! riu, tha Criosd a' toirt cunntas air a 
pheacach a thig ann am firinn da ionnsaidh, is 
duine e a thilg gach ni air a chùl ; dh' fhag e 
na h-uile ni, thrèig e na h-uile ni, thug e fuath 
do na h-uile ni a sheasadh eadar e 's Criosd. 
Tha iomadh a' gabhail orra bhi tighinn a dh* 
ionnsaidh Chriosd, ach tha iad ro choltach ris 
an duine mu'm beil sinn a leughadh ann an 
Soìsgeul Mhata. xxi. 30, a thubhairt ri athair: 
" Thèid a Thighearna," gidheadh cha deach 
e. Tha mi 'g ràdh gum beil iomadh dhiu sin 
a' tighinn a dh'ionnsaidh losa le'm bilibh. Their 
iad an uair a ghairmeas losa le Shoisgeil, 
tha mi tighinn a Thighearna, gidheadh fanaidh 
iad air an ais mailìe ra' n toil-inntinnean diamh- 
ain feolmhor fèin — Cha'n eil iad a' tighinn 
idir da rireadh ach a mhain a toirt freagradh 
modhail, ach tha esan a toirt an fhreagairt sin 
fainear agus da mheas mar bhrèig. Thuirt e 
thèid a Thighearn, ach cha deach e, labhair e 
bhreug gu cealgach dàna. Tabhair so fainear, 
thusa tha ga do mhealladh fèin le brionnal 
baoth cealgach, cha'n fhoghainn briathran 
breugha le Criosd. Is e tighinn da ionnsaidb 
a thighinn, Agus cha ghabh e ni sam bith eilo 
na ionad no na riochd. 

Mu'n labhair mi ris a' cheann eile freagraidh 
mi cuid de chonulaibh a tha gu tric nan laidhe 
air an t-slighe rompasan a tha tighinn da rìreadh 
a dh'ionnsaidh Chriosd. 



38 



Cunail 1. Ged nach urrainn mi àìcheadh 
gum beil m'inntinn a ruith an deìgh Chriosd> 
agus sin a thaobh a' mhothachaidh a th'agam 
air mo staid chaillte ; (oir tha mi faicinn as 
aonais sin gu'n tèid mi dhìth,) fathast tha eagal 
orm, nach eil a chrioch, mu'm beil mi ruith da 
ionnsaidh ceart. 

Ceist, C'arson, ciod a chrìoch mu'm beil 
thu tighinn ? 

Freagairt, A chum gum bi beatha agam 
agus gu'm bi mi air mo thearnadh le losa 
Criosd. 

Si so cH chunaìl; ro mhath; ma ta, leig dhomh 
innse dhut gum beil tighinn a dh' ionnsaidh 
Chriosd a chum tearnaidh agus beatha, 'na 
thighinndligheach agus ceart. Tha sin dearbhte 
thaobh gun gheall losa beatha do cho liugha 
sa' thigeadh ga ionnsaidh, agus mar an ceudna, 
tha e cuir iomchoir' orrasan nach eil a' tighinn 
d'a h-iarraidh. " Gidheadh cha b'àill libh 
teachd am ionnsaidh a chum gu'm faigheadh 
sibh beatha/' Osbarr tha iomadh àit' eile de'n 
Sgriobtur anns am beil e g' iarraidh air peac- 
aich tighinn d'a ionnsaidh. Mar — *' an tì a 
chreideas ann cha tèid e dhith," " An tì a 
chreideas theid e as o bhàs gu beatha." " E-san 
a chreideas bithidh e air a thearnadh." E-san 
a chreideas annsan chatèid a dhìteadh. Agus 
as aon ni creidsinn agus tighinn mar sin tha 
thu faicinn gum beil tighinn a dh' ionnsaidh 



39 

Chriosd laghaiJ agus ceart. Oir tha duine 
thighinn a dh' ionnsaidh Chriosd a dh' iarraidh 
beatha a' cuir onair mhor air. 

Anns a cheud àìte. Tha e 'cuir onair air 
briathar Chriosd agus a co-aontachadh le fhìr- 
inn anns an dà phong so a leanas : — 

(1.) Tha e 'cuir aonta ri firinn nam briathran 
so uile gum beil am peacadh ro ghraineil ann 
fèin^ an aghaidh glòire Dhè, agus cronail do 
dh'anam an duine. Oir b'ann mar sin a labhair 
an duine bha tighinn a chum losa Criosd. 
ler. xliv. 4. Rom. ii. 23; vi. 23. 2 Tes. ii. 
12. 

2. Ann an sin tha e creidsinn marthubhairt 
am facal nach eil anns na nithe a's fearr sa'ii 
t-saoghal so, eadar fhireantachd agus gacb 
nì eile, ach bàs agus damnadh : Oir is ann 
mar sin a labhair an tì a bha tighinn gu losa 
Criosd a dh' iarraidh beatha. Rom. vii. 24, 
25 ; viii. 2, 3. 2 Cor. iii 6, 7, ^. 

Anns an dara h-àite. Tha e 'cuir onair air 
pearsa Chriosd ann a bhi creidsinn gum beil 
beatha annsan, agus gum beil e comasach air a 
thearnadh bho bhàs, bho ifrinn, bo'n diabhoì, 
agus bho dhìteadh siorruidh: oir mar creid 
duine so, cha tig e chaoidh gu Criosd a dh'iarr- 
aidh beatha. Eabh. vii. 24, 25. 

Anns an ireas àite, Tha e 'cuir onair air ann 
a bhi creidsinn, gum beil ùghdarras aige bho'n 
Athair air beatha thoirt dhaib-san a thig ga 
h-iarraidh air. Eoin. v. II, 12 ; xvii. 1, 2, 3. 



40 

Anns ct cheathramh àite* Tha e 'cuir onair 
air sagartachd losa Criosd. 

(1.) Ann a bhi creidsinn, gum beil Criosd 
ni's comasaich' air tearnadh bho pheacadh a 
thaobh na h-iobairt' a thàirg e air a shon, na 
tha 'n lagh, an diabhol, am bàs agus am 
peacadh air dìteadh ; esan nach creid so cha tig 
e gu siorruidh a chum losa Criosd a dh'iarraidh 
beatha. Gnomh. xiii. 38. Eabh. xi. 14, 15. 
Tais. i. 17, 18. 

(2.) Ann e bhi creidsinn gum bi Criosd a 
rèir a dhreuchd gu ro dhìleas agus tròcaireach 
ann an cur a dhreuchd an gniomh. Feumaidh 
an ni so a bhi air a thoirt a staigh ann an creid- 
eamh an tì sin, athig a dh'ionnsaidh losaCriosd 
a dh'iarraidh beatha. 1 Eoin. ii. 1, 3. Eabh, 
ii. 17, Ì8, 

Anns d chuigeamh àite. Ni's faide. Esan a 
tbtg a dh'ionnsaidh losa Chriosd a dh'iarraidh 
beatha, tha e dol an còmpanas ris an aghaidh 
peacaidh, agus an aghaidh fireantachd bhriste 
neo-iomlan an t-saoghal so. Seadh agus an 
aghaidh Chriosdan brèige, agus mhearachdan 
damnaidh a tha dol calg-dhireach an aghaidh 
luach-mhorachd f hoghantais agus a dhianmhalt - 
ais. Tha sin soilleir, a thaobh gum beil a 
lethid de dh-anam a' cuir Chriosd air leth uapa 
gu lèir. Mar an t-aon a mhàin a ta comasach 
air tearnadh. 

Anns an tseadhamh àite. Air an aobhar sin 
mar rinn Noah air àithne Dhè: Tha thusa 'g 



41 



ullachadh àirce chum thufein a thearnadh, ni 
mar an ceudna leis am beil thu 'dìteadh an t- 
saoghail agus air do dheanamh na t-oighre air 
fireantachd a thaobh creideimh, (Eabh. xi. 7«) 
uime sin a pheacaich a tha tighinn bi taingeil, 
toilichte ; tha 'n tì a tha tighinn gu losa 
Criosd a creidsinn mar an ceudna gum beil e 
deònach tròcair a nochdadh agus truas a 
ghabhail riu-san a thig d'a ionnsaidh a dh'iarr- 
aidh beatha, uime sin tha gealltanas agad 
air mathanas fhaotainn agus gabhail ruit an 
uair a ruigeas tu. (Mat. xi. 28.) Tha gach 
gnè chreideimh dhui so a* gabhail comhnaidh 
ann an anam an tì a thig a dh'ionnsaidh losa 
Criosd a dh'iarruidh beatha. 

Ceist, An tig esan nach eil a creidsìnn 
teisteas Chriosd ma olcas a pheacaidh, agus 
mi-fhonghantas fhireantachd an t-Saoghail a 
dh'ionnsaidh Chriosd a dh'iarraidh beatha. 

Freagairt, Cha tig. An tì nach creid teist- 
eas an f hacail cha tig e, an tì a chuireas an 
teagamh gun tug an t-Athair cumhachd do 
Chriosd mathanas a thoirt seachad cha tig e. 
An tì a chreideas gur mò an cumhachd a tha' 
aig an lagh, aig a bhàs, agus aig an diabhol gu 
sgrios, na tha aig Criosd gu tearnadh cha tig 
e. An tì a chuireas an teagamh oibreachadh, 
dìleas a shagartachd a chum sàbhaladh pheac- 
ach cha tig e. 

Thusa tha 'nn ad pheacach aithreach, no 



42 



tighinn an creid thu so ? Theagamh nach do 
chreid thu leis an lan earbsa ud agus nach do 
mhothaich thu do chreideamh ag oibreachadh 
cho soilleir, gidheadh tha'n creideamh so uil' 
annsàn a tha tighinn a dh'ionnsaidh Chriosd a 
dh'iarraidh beatha. Mu*n co-dhuin mi mo 
fhreagairt do'n chonul so. Thoir an dà ni 
leanas fainear : 

Anns a cheud àite, Gun robh na bailtean 
diona air an togail dhaibh-san a bha marbh san 
lagh ach a thigead fathast beò le gràs, eadhon 
dhaibh-san a bha gu teicheadh da'n ionnsaidh 
a dh'iarraidh beatha, agus fear-diolaidh na fala 
an tòir orr': agus is fiach dhut a thoirt fainear 
gum beil iadsan a bha teicheadh da'n ionnsaidh 
air an gairm gu sònraichte pobuU Dè. " Ullaich- 
aidh an t-slighe," (arsa Dìa,) " togaibh an ceap- 
tuislidh à rathad mo phobuill." (Isa. Ivi. 14.) 
Tha so a' ciallachadh, uUachadh na slighe 
'chum a' bhaile dhiona, a chum gum faod iadsan 
a tha teicheadh ruith d'a ionnsaidh ; a tha so 
air an gairm pobull Dhè, a' teicheadh d'a ionn- 
saidh, air son am beatha. 

Anns an dara h-àite. Tabhair fainear, Ahab 
'nuair a chuir Benhadad d'a ionnsaidh a dh' 
iarraidh beatha. — '' Mar so tha do sheirbheis- 
each Benhadad agràdh guidheam ortabhi beò." 
Ged do dh'iarr Benhadad crùn, rìoghachd, 
seadh agus mar an ceudna beatha Ahab, gidh- 
eadh cia cho èifeachdach sa' bhuadhaich Ben- 
hadad airl " Am beil e fathast beò" (ars 



43 



Ahab,) " is e mo bhràthair e, rachaibh, thug- 
aibh leibh e, agus thug e air a dhol suas do'n 
charbad." 1 Righ. xx. 32. 

A pheacaich a tha tighinn ciod i do bhaireils' ? 
am beil losa Criosd cho neo-mhathasach ri 
Ahab. Theagamh gun toir e do Bhenhadad 
dìblidh a bheatha, chan eìl thu 'g iarraidh a 
chrùin no mhòr-inbh, 's e beatha, beatha 
shiorruidh a tha dhì ort, agus cia mar nach 
faigh thu sin, a thaobh gum beil thu ga h-iarr- 
aidh,airanTì sin ise mathas agus tròcair, agus 
osbarr, tha thu air do chuireadh agus air do 
mhisneachadh gu tighinn da ionnsaidh chum 
is gu'm faigh thu sin, Leugh na Sgriobturan 
so. Aiream. xxx. 11, 14, 15. los. xx. 1, 6. 
Eabh. vi. 16, 21. 

Conul 2. 'Nuair nach eil mi ach da'm iarr- 
aidh fèin a mhàin tha mi faicinn nach eil glòir, 
Dhè agam 'san amharc, ann am shàbhaladh le 
Criosd, agus tha so a' cuir eagail òrm nach eil 
mi a' tighinn air sheòl ceart ? 

Freagairt. C'àit' am beil losa Criosd ag 
iarraidh a leithid sin orrasa a tha tighinn da 
ionnsaidh a dh' iarraidh beatha ? Thig thusa air 
los beatha agus na gabh a leithid sin a chonul 
ad cheann ann a t'aghaidh fèin, agus leig le 
Dia agus le Criosd iad fèin a ghlòrachadh, ann 
an tearnadh cnuimhe dìblidh mar thusa. Thuirt 
an t-Athair ris a Mhac. " Is tu mo sheirbh- 
eiseach. O Isareil anns am bi mi air mo 
ghlòrachadh." Gheall Dia beatha do pheac- 



44 



aich, a chum agus gun tigeadh iad da h-iarr- 
aidh air ; agus tha Criosda ag ràdh gu soill - 
eir, " thainig mi a chum is gu'm faod beatha 
bhi agaibh." Cha'n neil feum aig Dia air ni 
air bith uat-sa ged a tha feum agadsa air a 
bheatha shiorruidh-san ; mathanas peacaidh, 
agus dol as on fhèirg a ta ri teachd. Tha 
Criosd a' nochdadh dhut gur lad so na nithe 
a tha dhì ort. Osbarr bithidh Dia gràsmhor 
agus tròcaireach do chreutaran truagha neo- 
thoillteannach, thig ma ta mar aon diu sin 
agus na leag ceaptuislidh ann ad shlighe fèin, 
agus thig da ionnsaidh-san a dh' iarraidh beatha 
agus mair beò Eoin v. 34; x. 10; iii. 36. 
Gnà. viii. 36, 37. 1 Tes. xi. Eoin. xi. 25, 26. 
An uair a thuirt fear-gleidhidh a phriosain, 
*' A mhaighistearan, ciod as còir dhomh a 
dheanamh a chum gun saorar mi ?" Cha 
d'fheòraich Pòl dheth, aon uair, ciod i do 
chrioch mu'n cheist so ? an e glòir Dhia a tha 
ann a t'amharc ann an sàbhaladh t-anma? Cha 
d'f heòraich e : bha barachd tùir aige, a thaobh 
gun robh an truaghan sin ag iarraidh beatha tre 
losa Criosd. Tha mi ciallachadh le beatha, 
e bhi air a thearnadh bho ifrinn agus bho bhàs, 
ni a bha f hios aige bhi 'n tòir air bho thoill- 
teanas a pheacaidh a chuir e'n gniomh. 
Thuirt Pòl rìs uime sin : — ^' Creid anns an 
Tighearn' losa Criosd agus saorar thu." 
(Gniomh. xvi. 30, 31, 32. ) " Tha fios agam an 
deigh so gu'n iarr thu Criosd a ghlòrachadh le 



45 



imeachd ann an slighe àintean ach aig a' cheart 
àm so tha beatha dhì ort : Tha fear- 
dialaidh na fala an tòir ort, agus an t-aon- 
eucorach mar leoghann beucach air do chul- 
thaobh : uime sin thig a nise agus faigh beatha, 
uapasan aìg am beil i r'a sheachnadhj agus a 
tha toirt dearbhadh sòlasach dhut gum beil 
còir agad air beatha tre Chriosd agus an sin 
their thu : — *' Beannaich an Tighearn O 
m'anam agus moladh gach ni a ta'n taobh a 
stigh dhiom, ainm naomh-san. Beannaich an 
Tighearn, O m'anam ; agus na di-chuimhnich 
a thiolacan uile. 'Se mhaitheas dhut do pheac- 
annan gu lèir, a shlànaicheas t'euslaintean 
uile ; a shaoras do bheatha o sgrìos, a chrùnas 
tu le caoimhneas-gràidh agus caomh thrò- 
cairibh; a shàsaicheas do bheul le nithe matha 
aìr chor is gun ath-nuadhaichear t'òige mar 
òige na h-iolaire." Salm. ciii. 1, 2, 3, 4, 5. 

Conail 3. Ach cha'n urrainn mi a chreidsinn 
gun tainig mi dh' ionnsaidh Chriosd mar bu 
chòir dhomh, a thaobh gum beil mi air uairean 
a' cuir teagamh ann a leithid do Thì a bhi 
idir ann, agus na chomas gu tearnadh. 

Tha sin na ni uabhasach, ach nach feud 
gu'm beil thu a breathnachadh gu docharach ? 

Am feud gum breathnaich mi gu docharach 
^nuair a tha mi toirt breth do rèir, m' fhairich- 
idh ? Anaim bhochd I feudaidh tu breathnach- 
adh gudocharach an deigh sin uile. "C'arson" 



46 



(ars am peacach) " air leam gum beil na ceist- 
ean so ag èirìdh o*m chridhe." 

FreagairL Tha ni sin a tha tighinn bho do 
chridhe, tighinn bho do thoil, agus bho do 
rùintean, ach is ann bho'n tuigse thig breath- 
nachadh agus cogais, feumaidh gur iad so a 
tha cur cheistean ri d' chridhe. 

Cha'n iad idir, tha mo chogais a' crith 'nam 
chòm 'nuair a thig an leithid de smuainteann 
ann am inntinn. 

Uime sin tha mi a' co- dhùnadh gum beil na 
nithe so air an tilgeadh a staigh gu t'inntinn 
leis an diabhol oir neo le toradh corp a pheac- 
aidh agus a bhàis a ta chòmhnaidh annad^ no 
theagamh leo le chèile. Ma tha iad a' tighinn 
gu lèir bho'n diabhol, mar a'scoltach gum beil, 
a thaobh gum beil do rùn agus do chogais na 
t'aghaidh : no ma tha iad a' tighinn bho chorp 
a bhàis sin a tha annad, cha bu choir, dhaibh air 
aon chor do chumail air t'ais no thoirt ort a 
cho-dhunadh nach eil thu tighinn air an dòigh 
cheart. Agus mu' n dealaich mi ruit, leig leam 
beagan cheistean a chuir ort mu'n chùis : — 

Ceist 1. An toil leat na toibheuman aingidh 
sin ? 

Freagairt. Cha toil, cha toil, tha'n lath- 
aireachd agus an gniomharan da'm chlaoidh I 

Ceist, 2. Am beil thu a' deanamh bròin as an 
leth ; ag achanaich 'nan aghaidh agus a gabh- 
ail grain diot fèin da'n taobh ? 



47 

Freagaìrt. Tha, tha, ach se tha cuir bruaill- 
ean orm nach urrainn mi buadhachadh ^nan 
aghaidh. 

Ceist, 3. 'Nach b' f hearr leat a' cheart rìr- 
eadh gun robh do chridhe air a thaiseachadh 
agus a' gabhail ris an ni sin a tha ceart is ro 
nèamhaidh agus a's naomha? 

Freagairt, B' f hearr leam, le'm uile chridhe, 
agus dh' fuiliginn am bàs an ceart-uair, nam be 
sin toil Dhè, a raghainn air peacachadh na agh- 
aidh. 

Nise ma ta, a thaobh nach toil leat iad, agus 
gum beil thu a' deanamh bròin air an son, agus 
ag tìrnaigh nan aghaidh agus a' gabhail grain 
dhiot fèin as an leth : agus a' miannachadh nan 
smuaintean sin, a tha diadhaidh agus naomha; 
tha dearbhadh soilleir, air a thoirt nach tu 
fèin a ta 'g altrum nan toibheum sin a dh'aon 
chuid led' thoil, led' thuigse ied' bhreathanas no 
led' chogais ; ach gur ann a tha iad a' tighinn 
bho'n diabhol, no a sruthadh bho chorp a bhàis 
a ta chomhnaidh ann a t' fheoil, mu m bu chòir 
dhut labhairt mar so : — *^ A nise ma ta cha 
mhise nis mo a tha deanamh so, ach am 
peacadh a ta gabhail còmhnaidh annam." 
Rom. vii. 16, 17. 

Bheir mi dhut ann an so eiseamplair iom- 
chuidh bho Dheut. xxii. far am faigh thu cunnt- 
ais air a mhaighdein a bha fo chumhnanta 
pòsaidh aig a h-aon gràidh do'n tug i araon a 
làmh agus a cridhe, mar thug thusa fèin do 



48 

Chriosd ach air dhì a bhi a muigh anns a 
rnhachair thachair i ri fear a thug èigin oirre a 
thaobh gum bu treis e no isan. A nise 
ma ta, ciod am breathanas a thug Dia, am 
breitheamh neo-chlaon agus ceart, air a'mhaigh- 
dein air son sin ? " Cuirear a mhain an duine 
laidh leatha gu bàs" (arsa Dia) <^ ach air an 
nighein cha dean thu bheag sam bith. Cha'n 
eil san nighein coire bàis oir mar an uair a 
dh'eireas duine suas an aghaidh a choimhears- 
naich agus a mharbhas se e mar sin a ta chùis 
so. Oir f huair e sa' mhachair i, agus dh' èigh 
an nighean a bha fo cheangal-pòsaidh agus cha 
robh neach ann g'a teasairginn." (Deut xxii. 
25, 26, 27.) Is tusa an òigh so a bha fo cumh- 
nanta pòsaidh, agus an tì a dh' eignich thu le 
smuaintean toibheumach is e sin an diabhol, 
agus fhuair e cothrom ort ann an àit' uaigneach, 
anns a' mhachair, air dhut a bhi siubhal air 
seacharan ag iarraidh Chriosd, ach ghlaodh 
thu mach, agus chuir sin an cèiil gum b' fuath 
led' chridhe neo-ghlaine cho graineiL A nise 
ma ta ni Britheamh na talmhuinn uile gu ceart: 
cha tig am peacadh sin a chum do dhorais-sa', 
ach tiutidh e air-san a cho-èignich thu, agus a 
chum com-fhurtachd a thoirt dhut; cuiridh 
e' n Sgriobtur so fa d' chomhair : — <^ Chaidh e 
mu'n cuairt a' shlànachadh nan uile a bha air am 
foireigneadh leis an diabhol." (Gniomh. x. 38.) 
Ceist. 4. Ach arsa neach eile, " tha mi cho 
neo-dhùrachdach, cho caoin-shuarach ann am 



49 

thighim, is ma their mi'n f hirinn, cha'n eil fhios 
agam co dhiù is airidh mo thighinn da ionnsaidh 
air ainm tighinn, no nach eadh !" 

FreagairL Tha fios agad gun d'innis mi 
dhut air tùs, gur e tighinn a dh-ionnsaidh 
Chriosd gluasad a' chridhe agus na h-inntinn 
d'a ionnsaidh. 

** Ach" (ars an t-anam) '' tha mo leisg agus 
mo chion càlach do gach naomh dhleasanas a' 
toirt lan-dhearbhadh air mo neo-dhùrachd an 
àm tighinn, agus tha thighinn, gu'n tighinn 
le'm uile chridhe diamhainn agus neo-tharbh- 
ach. 

FreagairL Chan eil gluasad a' chridhe an 
deigh Chriosd air fhaireachadh aig gach àm 
le mothachadh air ar càil gu ar dleasanas a 
chuir an gniomh, ach leis na h-osnaidhean 
diamhair agus leis na gearanan a tha'n t' anam 
a* deanamh ri Dia an aghaidh cho neo-chail- 
mhor sa tha thu ann an cur do dhleasanais an 
ghiomh. 

Anns an dara h-àite. Ach ged robh a chùis 
mar tha thu 'gradh, do thighinn cho mall, &c., 
fathast a thaobh gum beil Criosd ag iarraidh 
air muinntir tighinn nach tig idir, gu cinnt- 
each gabhaìr ris a mhuinntir a thig ged tha'n 
anmhuinneachd sin da'n leanmhuinn, air am beil 
thus an dràst a' gearan, cha tubhairt Criosd 
*' ladsan a thig fo làn-mhothachadh iomian 
grad" ach " esan a thig, cha tilg mi air chor 
sam bith a mach" thubhairt e mar an ceudna 



50 

ann an Leabhar nan Gnàth-facal. (Caib. ìx. 4, 
6.) " Ge be ^n neach a tha baoghalta," is e sin 
an cridhe, oir as minig a tha 'n gliocas air a 
thoirt air falbh bho'n cridhe, " thigibh a staigh 
an so, ithibh do m' aran-sa agus òlaibh de'n 
f hion a mheasg mi." 

Anns an treas àile. Faodaidh tu 'bhi tighinn 
a chum losa Criosd le làn-dhùrachd spioraid, 
agus gidheadh, a bhi mothachadh, leisg inn- 
tinn dha' d' bhuaireadh, agus b'ionnan a bha'n 
Eaglais 'nuair 'ghlaodh i : — ^' Tarruinn mi. 
'A' d' dheigh ruithidh sinn." (Dàn. i. 4,) agus 
Pòl, 'nuair a thubhairt e, — "• Tha mi faotainn, 
an uair a b' àill leam am math a dheanamh, 
gum beil an t-olc a lathair agam." (Rom. 
vii. 21.) Tha gniomharran agus comh-strìgh- 
an na feòla mòran ni's soilleire ann ar cridhe- 
achan na tha obair an Spioraid agus ni's fasa 
mhothachadh no tha gluasad an Spioraid. 
(Gal. V. 19.) Uime sin na bitheamaid fo 
dhiobhail misneich air dhuinn fradharc agus 
mothachadh fhaotainn air ar n-anmhuinn- 
eachd: ach ruitheamaid ni's luaithe 'chum 
losa Criosd a dh'iarraidh slaince. 

Anns a' cheathramhàite, Blàthaichdo chridhe 
le gealladh taitneach Chriosd do'n pheacach a 
thig, agus bheir sin ort am barrachd cabhaig 
a dheanamh d'a ionnsaidh. Tha smaointean 
an-dòchasach lag-chridheach coltach ri usge 
fuar, a' meatachadh ar ceudfaidhean agus a' 
toirt oirn a dhol gu cearbach mu'n cuairt do 'r 



51 

gnothach ; ach tha boillsgìdhean milis agus 
blàth a' gheallaidh mar ghathan aobhach, tairis 
na grèine, a bheir dhuinn beothachadh agus 
ùrachadh. Tha thu faicinn mar ghluaiseas an 
seilean beag agus a' chuileag air an sgiathaibh 
ri am doireinn a' gheamhraidh^ a chionn gum 
beil am fuachd agus a ghaoth da^n cumail na'n 
tàmh,ach 'nuar a laidheas a ghaoth 'sa dh'eireas 
a' ghriann le blàthas, co tha cho dichiollach 
riu-san ? 

Anm a' chùigeamh àite. Ach a rithist, tha 'n 
duine tha tighinn a dh' ionnsaidh Chriosd, a' 
ruith a chum dion a bheatha. Nise cha 'n eile 
duine sam bith a tha teicheadh air son a bhea- 
tha, an dùiì gum beil e ruith luath ni's leòir air 
a thuras, cha 'n eil, na'm bè is gum bu chomas- 
ach dha sina dheanamh bu deònach a ruitheadh 
e mìP air gach ceum " O mo leisg agus mo 
chion dùrachd !'' (arsa tusa) " Och, nach robh 
agam sgiathan mar chalaman theichinn as air 
iteig agus ghabhainn fois! — dheanainn deifirgu 
dol as o ghaoith laidir, agus on doininn." 
Sàlm. Iv. 6, 8. 

Anaim bhochd a tha tighinn gu Criosd, tha 
thu mar an duine leis bu mhiann marcachd le 
cruinnleum, ach a ta air each cho mall is gur 
gann a thèid e na throtan ! 'Nise cha'n eil 
dùrachd a mharcaich gu bhi air a mheas do 
rèir mall ghiuasad an eich mhaill sgìth sin 
air am beil e na shuidhe, ach do rèir mar 
chìtear e da ghreasad agus da spuireadh air 



52 



aghaidh. Tha 'n f heoil mar an t-each mall 
leisg sin, cha tèid i na cruinnleum an deigh 
Chriosd, ge d' robh t'anam an cunnard nach 
ruigeadh e nèamh gu suthainn. Ach biodh 
misneach math agad, cha toir Criosd breth do 
rèir coltais dùrachd on lelh a muìgh, (Marc. x. 
170 ^^^ ^^ ^^^^ dùrachd a chridhe o'n leth a 
staigh. Eoin. i. 47- Sàlm. li. 6. Matt xvi. 
41. 

Anns an t'Se-amh àite, Do reir coltais thalnig 
Siba na bu luaithe a dh' ionnsaidh Dhaibhidh 
na thainig Mephiboset ; gidheadh cha robh 
cridhe Shiba cho dìleas do Dhaibhidh ri cridhe 
Mhephiboset, ged do chronaich Daibhidh Me- 
phiboset, or thubhairt e : — '« C'arson nach 
deachaidh tu maille riumsa, a Mhephiboset ì'^ 
Ach an uair a thainig Daibhidh gu chuimh- 
neachadh gun robh Mephiboset bacach, (oir b'e 
sin an leith-sgeui a ghabh e) " a chionn gum 
beil do sheirbheiseach bacach." (2 Sam. xix.) 
Mar sin chuir Mephiboset a leith-sgeul an 
lathair Dhaibhidh, a bha anns na laithibh sin 
mar Aingeal Dhè> a chum fiosrachadh gach ni 
a rinneadh air talamh, gum b'e a bhacaich agus 
nach b'e a chion-durachd a chum e air deir- 
eadh. C'arson, a pheacaich bhochd, a tha 
tighinn a dh-ionnsaidh Chriosd, nach eil thus 
a' tighinn a rèir coltais on taobh a muigh cho 
sùrdail agus cho luath ri muinntir eile ? Ach 
am beil ceann-fàth do mhaille tighinn bho t' 
inntinn no bho do ruin, no 'ne leisg throra na 



53 



feòla 's coireaoh ? An urrainn thu a radh^ o ! 
pheacaich a tha tighinn : — " A ta gun amharus 
an spiorad togarach ach a ta an f heoil anmli- 
unn." (Matt. xxvi. 41.) Seadh an urainn thu 
chùis a chuir an lathair an Tighearn losa, aig 
ara beil lan-fhios air na smaoìntean is ro 
dhiomhaire a ta ann ad' chridhe gum beil so 
fior. Mar urrainn, gabh so mar do mhisneach, 
thubhairt e : — ^' Agus tionailidh mi ise a ta air a 
fogradh a mach, agus ni mi ise bha bacach na 
h-iarmad.' (Mica. iv. 6, 7?) Ciod an ni a dh* 
f haodas tu a bhi agad a bharrachd bho bhilibh 
tairis Mhic Dhè? Ach. 

Anns an t-seochdamh àite. Leugh mi ma 
thimchiol muinntir a tha gu Criosd a lean- 
tainn ann an slàbhruidhean : — Mar so deir an 
Tighearn a Saothair na h- Eiphit, agus ceannachd 
Etiopia, agus na Sabeich, daoine arda ann an 
cruth ; thig iad thairis a d' ionnsaidh, agus 
bithidh iad leat ; leanaidh iad thu : ann an 
cuibhrichibh thig iad thairis, agus cromaidh 
iad sios dut agus cuiridh iad suas achanaich 
rmt ag radh^ Gu deimhin annadsa tha Dia;" 
(Isa. xlv. 14.) Gu cinnteach tha'n aiteam a 
tha tighinn a dh'ionnsaidh Chriosd fo chuibh- 
richean a' tighinnfo mhor àmhghar athaobh gur 
ann leis na slabhruidhean sin a tha 'n ceumabh 
air an stiùradh agus an sHghe air a deanabh 
dìreach. 

Ach ciod na slabhruidhean a tha cho trom 
riu so, a tha toirt mi-mhisneach dhut? do 
shlabhruidh fèin a tha air a deanamh suas de 



54 

dh'aing'eachd agus do shalchair a pheacaidh, 
tha i mar ghairdean truadh m'u do mhuineal, 
ni a " thug air do threise tuiteam." (Tuir. i. 
14; iii. 17.) Ach thig ge d' robh tha ceang- 
ailte le cuibhraichean, is glòir do Chriosd 
peacach a thighinn da ionnsaidh ceangailt' 
ann an slabhruidh, cha 'n eil gliongarsnaich do 
shlabhruidhean ged a tha iad aimhealach leat 
a cur èis sam bith air do thighinn a dh'Ì3nn- 
saidh slainte. Is e obair agus glòir Chriosd 
thus' a shaoradh bho do gheimhleibh agus t- 
imeachd a dheanamh ni's soirbhe agus do 
leigeadh gu tur fa-sgaoil. Cha b'urrainn an 
duine dall ged a rachadh cuireadh a thoir dha, 
tighinn na dheann a dh'ionnsaidh losa Criosd, 
ach b'urrainn Criosd fantainn na sheasarnh gus 
an ruigeadh se e. Tha e fior gum beil se 
marcachd air bharraibh sgèith na gaoith''' ach 
gidheadh tha e fad-fhulangach gu'n toil aige 
dream sam bith a chall a thig d'a ionnsaidh. 
Matt. xix. 2 Ped. iii. 9. 

Anns an ochdamh àite, Am faca tus an 
aiteam a thainig a dh'ionnsaidh an Tighearn 
losa ann an lathaibh na feòla, cia cho mall 
agus cho crùbach sa' thainig iad da ionnsaidh 
a thoradh an anmhuinneachd, agus a rithist am 
fac thu cho càirdeil, cho caoimhneil, agus cho 
gràsmhor 'sa ghabh e riu ann an toirt dhaibh 
uilemhiannan cridhe; n'amfaiceadh,chabhiodh 
cho liugha teagamh agad ann na t' aghaidh 
fein, ann ad theachd a dh'ionnsaidh Chriosd. 



55 

Ceist, 5. Ach (arsa neach eile) tha eagal 
orm gum beil mi tighinn tuilleadh a's ana-moch, 
tha eagal orm gun dh'f han mi tuilleadh a's fada, 
tha eagal orm gum beil an dorus duinte. 

Freagairt, Cha'n urrainn thu thighinn gu 
bràch ro ana-moch a dh'ionnsaidh Chriosd ma 
thig thu idir. Tha sin air a dheanamh soilleir 
anns an dà phong so a leanas : — 

Anns a chend àìte, Leis an duine thainig 
da ionnsaidh aig an aon uair deug. Bha*n 
duine sin diamhanach rè a' chuid eile de'n 
latha. Bha fad latha Soisgeil aige gu tighinn 
agus chaith se e gu lèir an diamhanas ach an 
uair ma dheireadh amhain: ach.fa-dheoigh., aig 
an aon uair deug thainig e, agus chaidh e 
steach do'n ghàradh fhiona a dh'obair maille 
risanluchd-oihreacheile.aghiuìain uallach agus 
teas an latha. Seadh, ach cia iriar ghabhadh 
ris le Tighearn an Fhionain ? Ghabh, an uair 
a thainig an latha pàighidh, fhuair e uidhir ri 
càch, agus sin roi' aon de a cho-luchd-oibrichidh. 
Tha e fior gun d'rinn càch gearan an uair a 
chunnaic iad sin : ach ciod am freagairt a thug 
an Tighearn losadhaibh ? " Am beil do shùil- 
sa olc air son gum beil mise math." Mat. xx. 
15. 

Anm an darra h-àite, An gadaich' air a 
chroich, thainig esan anmoch mar an ceudna^ 
eadhon uair roi* bhàs, agus dh' fhan e gun a 
thighinn gu losa cho fad sa dh' f haod e bhi 'na 
mheirleach, ach. feuch an Tighearn losa, 'nuair 



56 

a thainig an daor-shlaighteara so cho anmoch 
d a ionnsaidh a dh'iarraidh tròcair, cha do thilg 
e ni suas da de a dhroch ghiùlan roimhe sin, 
ach thuirt e ris. gu deimhin deireamsa riut 
gum bi thu maille riumsa an diùgh ann am 
Pàrras — Luc. xxiii. 43. 

Na tionntaidheadh duine sam bith gràs Dhè 
gu diamhanas cha'n e mo rùn mi-mhisneach a 
thoirt do'n anam a tha tighinn. 

CunuL Ach nach eil dorus tròcair air a 
dhùnadh air cuid mu'm beil iad a* faighinn a 
bhàis. 

Freagairt, Tha, agus na leige Dia gum 
bì aon ùrnaigh air a cur suas as an leth. ler. 
vii. 16. 

Ceist Agus c'arson nach ion dhòmhsa 
shaoilsinn gum beii mi dheth an àireamh sin, 

Freagairt. Cha'n ion air aon chor, ma tha 
thu a' tighinn a chum losa Criosd, a thaobh 
an uair a dhuineas Dia an dorus air daoine, 
cha'n eil càil no togradh ac'a thighinn a dh'ionn- 
saidh losa Criosd. Cha'n eil neach a' tighinn 
ach iadsan a tha air an tabhairt leis an Athair. 

Bidh cinnteach ma thug an t-Athair dhutsa 
togradh gu tighinn a dh'ionnsaidh losa Criosd 
gum beil dorus na tròcair fathast fosgailte dhut, 
oir cha sheas e le gliocas Dè neart a thabh- 
airt chum ghinhhinn agus a bhreith a hhacadh^ 
(Isa. Ixvi. 9,) no gràs a thabhairt a chum tighinn 
gu losa Criosd agus dorus a throcair a dhùn- 
adh ort. " Aomaidh 'ur cluas, agus thigibh am 



57 

ionnsaidh-sa; eisdibh agus mairidh 'ur n-anam 
beò, agus ni mi ruibh coimh cheangal siorruidh, 
eadhon tròcairean chinnteach Dhaibhidh." Isa. 
Iv. 3. 

Ceist Ach tha e air a ràdh, gun do bhuail 
cuìd an uair a bha'n dorus duinte. 

Freagairt. Tha, ach tha 'n luchd-bualaidh sin 
a' ciallachadh anns an Sgriobtur latha bhreath- 
anais, agus cha'n e'm peacach a tha tighinn 
a dh'ionnsaidh Ciiriosd anns a' bheatha so. 
Faic. Matt. xvii. 11. Luc. xii. 24> 26. 

Cha'n eil gnothach sam bith aig an hichd- 
bualaidh sin riutsa. Tha thus' a' tighinn a chum 
losa Criosd^ tha thu a* tighinn a nise, so an 
t-àm taitneach^ feuch so latha na slàinte, (2 Cor. 
vi. 2.) Nise tha Dia na shuidhe air cathair na 
tròcair, agus tha Criosd losa na shuidhe na 
fhochara'tagradhbuaidhfhala airson pheacach, 
agus sin am feadh sa mhaireas an saoghal so, 
bithidh briathran a chinn-teagaisg so saor agus 
air a lan-coimhlionadh, " esan a thig do'm 
ionnsaidhjchatilg mi airchorsam bithamache." 

A pheacaich I mar as mò a tha thu ann ad 
pheacach, is ann is mò th'agad a dh' f heum air 
tròcair, agus is ann is mo bhios Criosd air a 
ghlòrachadh trid do thearnaidh, thig ma ta nis' 
agus blais, agus faic cho math sa tha 'n Tigh- 
earna do pheacaich neo-thoiilteannach. 

Cunul 7- Ach (arsa neach eile) thuit mi 
bho 'nuair a thòisich mi air tighinn a dh'ionn- 
saidh Chriosd, uime sin tha eagal orm nach 



58 

robh mi a' tighinn air an dòigh cheart agus air 
an aobhar sin nach gabh Criosd rium. 

Freagairt, Tha tuiteaman cunnardach^ or tha 
iad a cur mi-onair air Criosd, a leòn a chogais, 
agus a' toirt comas do nàimhdean Dè labhairt 
gu tail-cuiseach ; Ach nach eil e na dheagh 
dhearbhadh, mi bhi air tuiteam, uime sin cha 
robh mi tighinn gu ceart a dh'ionnsaidh 
Chriosd. Na biodh a leithid sin do theag- 
amh aig Daibhidh, aig Solamh, agus aig Pead- 
ar 'nan aghaidh fèin mheudaicheadh e gu 
mòr an àmhghar, agus bha uidhear aobhair ac' 
air a sin a dheanamh riutsa. Faodaidh duine 
aig am beil a cheumaibh air an òrduchadh leis 
an Tighearna, agus mor-thlach aig an Tigh- 
earna ann na ghluasad a bhi air a ghlacadh le 
buaireadh a bheir air tuiteam, (Sàim. xxxvii. 
23, 24 ;) Nach do thuit Aron, seadh, agus 
Maois fèin ? Ciod a their sinn ma Heseciah 
agus lehosophat ì Tha uime sin tuiteaman 
agus tuiteaman ann, tuiteaman so-mihaithte 
agus do-mhaithte. Is iad na tuileaman do- 
mhaithte iad sin a ta an aghaidh soluis agus 
eolais bho na chreideamh, le di-meas a dhean- 
amh air, agus a' saltairt air losa Criosd, agus air 
an obair bheannaichte ghabh e os- làimh. (Eabh. 
vi. 2, 3, 4.) Ni, air son a leithid sin do mhuinn- 
tir cha 'n eil iobairt ann air son am peacaidh ; 
gu dearbh, cha 'n eil cridhe aca, no inntinn, no 
togradh gu tighinn a' chum losa Criosd a dh' 
iarraidh beatha, uime sin feumaidh gun tèid 



59 



iad a dhith, «' Nieadh" (ars an spiorad nao- 
mha) " a ta e do-dheanta gum biodh iad air 
an ath-nuadhachadh a rithist a chum aith- 
reachais." Uime sin chan neil truas aig an Dia 
sin riù, nì mo bu chòir dhuinne, ach u thaobh 
thuiteaman eil ged a bhi iad uabhasach (agus 
cronaichidh Dia a phobull air an son) cha 'n eil 
iad a' dhearbhadh thu bhi dh* easbhuidh gràis 
no ann ad dhuine nach tainig a dhionnsaidh 
Chriosd a' dh'iarraidh beatha. Tha e air aith- 
ris mu'n leanabh anns an t-Soisgeil. Agus 
am feadh a bha e fathast a' teachd thilg an 
diabhol sios e agus reub se e. Luc. ix. 42. 

A pheacaich lag-mhisneachail ! chan eil 
iongantas gun do thuit thu a' tighinn a chum 
losa Criosd. Nach eil e na chuis-iongantais 
ni's mò nach d' f huair thu roimhe so mìle tuit- 
eam mìl' uair ? 

Anns n' ckeud àiie, Ciod na h-amadanan a 
ta annainne a thaobh nàduir. 

Anns an dara h-àiie. Ciod an anmhuinn- 
each a ta annainn. 

Anns an treas àite, Ciod an cumhachd 
treun a tha aig ar nàimhdean mi- ruineach 
sin na h-ainglean a thuit. 

Aìins a cheathramh àite. A' toirt fainear 
mar an ceudna cho minig 'sa thuiteas an 
òidhche do'n pheacach a tha tighinn am feadh 
a tha e air a thuras, agus a rithist cho liugha 
ceap- tuislidh a tha n-an laidhe roimhe air an 
t-slighe. 



60 

Anns cH chuigeamh àìte* Mar an ceudna tha 
sean luchd-eolais (a bh'aige roi'n àm sin) a nise 
ri faire chum a bhacadh agus a' feuchain ciod 
an dòigh air an toir iad air tuiteam. 

Ciod a nis ? am feum sinn a thaobh nam 
buairidhean so sinn fèin aomadh a chum tuit- 
eam? Cha'n fheum. Nach feum sinn eagal 
a bhi oirn roi thuiteaman? feumaidh. — ^' Uime 
sin an tì a shaolas a bhi 'na sheasamh thugadh 
e aire nach tuit e." (1 Cor. x. 12.) Gidheadh 
na biodh e gu tur air a chur sios. Na saol gur 
ni suarach tuiteaman, gidheadh thuit thu-fein. 
(Agus thubhairt Samuei) " rinn sibh an t-olc 
so uile : gidheadh na tiunndaidhibh a thaobh 
o'n Tighearna a leantainn ach deanaibh seirbh- 
eis do 'n Tighearna le'r n-uile chridhe, agus 
na tionndaidhibh a thaobh, oir cha trèig an 
Tighearna shluadh" (agus tha e meas a pheac- 
aich a tha tighinn mar aon diù) " do bhrigh 
gum bu toil leis an Tighearna bhur deanamh 
'nur sluagh dha fèin." 1 Sam.xii. 20, 21, 22. 

A thig do 'm ionnsaidh. Nise thainig sinn 
gunochadh,ciodan neartathaanns a'ghealiadh 
80, a chum toirt orra thighinn d'a ionnsaidh. 

'* Gach ni thug an-t-Athair dhomhsa thig e 
dm ionnsaidh!' 

Leabhraidh mi ris a ghealladh so. 

Air tùs. Gu coitcheann. 

A rithist. Gu sònraichte. 

Gu coitcheann. Tha 'm facal so thig a' 
ciallachadh iad uile a tha air an toirt do 



61 

Chriosd. " Gach ni bheir an t- Athair dhomhsa 
thig e am' ionnsaidh/' Uaidhe sin tha mi 
co-dhunadh. 

Anns a cheud àite, Gur e tighinn da rireadh 
(no ceart) a dh'ionnsaidh losa Criosd e a bhi 
air an toirt do Chriosd roi' làmh le Dia. 
Tabhair fainear, — Thig iad : Co? ladsan a 
bha air an tabhairt : Thainig iad an sin a 
thaobh gun robh iad air an tahhairt : Bu leat- 
fèin iad agus thug thu dhomhs 'iad." Tha so 
gu dearbh na f hir chomhf hurtach do'n aiteam 
a tha tighinn da-rìreadh a dh'ionnsaidh Chriosd : 
a' smaointeach gur e an ceannfath mu'n tainig 
iad gun robh iad air an toirt dhasan leis an 
Athair. Mar sin faodaidh an t-anam a tha tigh- 
inn a bhi co-reusanachadh ann fèin mar a bhios 
e tighinn no dol air aghaidh. '' Am beil mis a' 
tighinn gu dearbha gu losa Criosd?" Cha'n 
eil cliù an tighinn sin gu bhi air a chur as mo 
leth fein, no as leth aon ni math a tha gabhail 
còmhnuidh annam, ach à leth gràs agus tiodh- 
lac Dhè do Chriosd. Thug Dia air tùs mo 
phearsa dha, agus uime sin tug e càil dhomh 
fèin a chum tighinn. 

Anns an dara h-àite. Tha 'm facal so 
a thig a' deanamh do thighinn, cha 'n e 
mhain thoradh tiodhlac an Athar, ach mar 
an ceudna rùn a Mhic oir tha na briath- 
ran 'n-an rùn diadhaidh tha iad a' nochadh 
dhuinn run-suighichte nèamhaidh a Mhic. 
" Thug an t-Athair dhomhs iad agus thig iad 

G 



62 

gìx dearbha am ionnsaidh," Tha Criosd cho 
lan-thoileach am buidhean a thig da ionnsaidh 
a thearnadh 'sa bha an t-Athair air an toirt 
dha. Mheas Criosd tiodhlac an Athar luach- 
mhor, cha chaill e maoin deth ; tha e cur 
roimhe gu'n sabhail se e gu lèir le f huii, agus 
gun tog e swas e a rithist air an latha dheireann- 
ach, agus mar sin co-lionaidh e toil Athar agus 
bheir e a rùintean fèin gu crìch. Eoin vi. 39. 

Anns an treas àite. Tha na briathran so 
** a thìg" a' deanamh do thighinn na thoradh 
geallaidh sònraichte. A pheacaich a' tha 
tighinn! tha thu air do cho-dhunadh ann an 
gealladh, tha do thighinn na thoradh dìlseachd 
gealltanais suighichte. Be'n gealladh e leis 
an d* f huair thu air tùs neart a chum tighinn ; 
agus so an gealladh trid am bi thu air do thoirt 
eifeachdach d'a ionnsaidh. Chaidh a ràdh ri 
Abraham le Dia : — " Gu cinnteach beiridh do 
bhean Sarah mac dhut/' Be'm mac so Isaac 
Tabhair fainear. "• Bi'dh mac aig Sarah" sin 
an gealladh : agus bha mac aig Sarah : be sin 
co-lionadh a* gheallaidh, agus air an aobhar sin 
bha Isaac air a ghairm <' leanabh a gheallaidh." 
Gen. xvi. 19; xviii. 10. Rom. ix. 9. 

Bi^dh mac aig Sarah ; ach ciod ma tha 
Sarah seach aois ? Gidheadh tha'n gealladh do 
glinà ag ràdh, " Bidh mac aig Sarah :" ach 
ciod ma tha Sarah neo-thorrach ? Gidheadh, 
tha'n geailadh do ghnà ag ràdh '^ Bidh mac aig 
Sarah:" Ach thacorp Abrahaim a nise marbh ? 



63 



gidheadh tha'n gealladh a buanachadh air an 
aon dòigh " Bi'dh mac aig Sarah/' Ann an so 
tha thu a faicinn a bhuaigh a tha aig a' gheall- 
adh, tha e a' giùlan ni's leoir ann fèin, a chum 
an ni a ghealladh a thoirt mu'n cuairt a dh* 
aindeoin cho mi-choltach 's da'm bi a' chìiis 
ann ar beachdainne. Uime sin tha'n gealladh 
so anns a cheann-teagaisg, na ghealladh iomlan; 
agus is ann trid a bhuaidh, agus cha'n ann bho 
ni math sam bith annainn fèin, a thig sinn a 
dh'ionnsaidh losa Criosd do rèir briathran a 
chinn-teagaisg. " Gach uile ni a bheir an 
t-Athair dhomhsa thig e am' ionnsaidh." 
Air an aobhar sin, tha na h-uile thig da rìreadh 
a dh'ionnsaidh Chriosd air an gairm " Clann 
a' gheallaidh" " A nis' a bhraithrean is sinne 
mar a bha Isaac clann a' gheaìlaidh. (Gal. iv. 
28,) se sin sinne clann a gheall Dia do dh' losa 
agus a thugadh dha, 

Anns a' cheathramh àite. Tha'm brìathar so, 
*' thig iad " a' toirt air Criosd gach gràs a thoirt 
dhaibh-san a thugadh dha, chum toirt orra 
tighinn da ionnsaidh gu h-eifeachdach. Thig 
iad : 'se sin cha'n e ma thig iad : ach ma bheir 
gràs, uile ghràs, ma bheir cumhachd, gliocas, 
cridhe nuadh, agus an Spiorad Naomha, agus 
iad so uile an co-bhannaibh a chèiie orra 
tighinn. Tha mi 'g ràdh a bhrìgh gum beil 
na briathran so *' thig iad" iomlan nach eil iad 
a' cur dad an earbsa ar rùn fèin no ar cumh- 
achd, no ar mathas : ach gun d'rinn iad 



64 

cumhnaut eadhon ri Dia fèin Criosd agus an 
Spiorad Naomha 'chura ar math. 'Nuair a 
thug Dia an gealladh iomlan so do dh' Abra- 
ham ; gum beireadh Sarah mac. Cha d' amhairc 
Abraham air buaidh sam bith a bha ann fèin, 
a thaobh nach robh an gealladh ag agairt sin 
de a làimh, ach a thaobh gun lan-gheall Dia 
dha anns a' ghealladh mac. An sin cha do 
mheas Abraham ni b' fhaide a chorp fèin marbh 
no a bhean Sarah neo-thorrach. Agus cha 
do chuir e an teagamh gealladh Dhè le mi- 
chreideamh, ach bha e laidir an creideamh, a' 
toirt glòire do Dhia : agus bha lan deibhin aìge 
an Tì a thug an gealladh gum bu chomasach e 
air a cho-lionadh. (Rom. iv. 20. 21.) Gheall 
e agus lan-gheaìl e " Gum beireadh Sarah 
mac :" Uime sin chreid Abraham gu'n coilion 
adh Dia an gealladh. Agus cha robh lan- 
dòchas Abrahaim mi-thaitneach leis an Spiorad 
Naomha, ach air a mheas math agus cliùteach, 
a thaobh gum b'ann trid a thug e giòir do Dhia. 
Thug an t-Athair mar an ceudna do Chriosd 
àireamh àraidh de dh' anmannan a' chum an 
tearnadh ; agus thubhairt e fèin, " gun tig iad 
da ionnsaidh." Uime sin mairidh Eaglais Dè 
beò ann an dòchas èibhinn ri lan-choimhlion- 
adh a gheallaidh, oir gu beachdaidh bithidh e 
air a cho-lionadh, agus cha deanar dearmad 
air an ni as lugha dheth. " Thig iad do'm 
ionnsaidh." 



j 



65 



Agus a nìs* mu'n teid mi ni's faide air m'agh- 
aidh rannsaichidh mi ni's ro -shonraichte nàdur 
geallaidh iomlan. 

Anns a' cheud àite, Their sinn gealladh 
iomlan ri gealladh a thasa toirt gun chumhnanta 
sam bith air a shon (no ni's ro shoilleire mar so) 
gealladh a ta gealltainn dhuinne beannachd 
shaoraidh spioradail, gun sinn fèin a chuir fo 
chumhnanta air son sin fhaotainn, agus tha'n 
ni sin againn le gealladh mar so : — 

Anns an dara h-àite, 'Se geaìladh iomlan^ 
gealladh nach cum leisg-sgeul 'sam bith bho 
bhi air a choiiionadh. ^Se sin, nach eil dad air 
iarraidh oirnn fèin a chum a choilionadh a thoirt 
mu'n cuairt. Cha dubhairt e, " thig iad ma dh' 
fheuchas iad ri tighinn " Ach thig iad : 
Cha'n e thig iad ma ni iad spàirn a chum tigh- 
inn, ach thig iad. Theagamh gun abair thus' 
's mi gun tig, ach tha gnàthachadh nam meadh- 
onan air an ciallachadh ged nach eil e air 
aithris sa' cheann-teagaisg. Ach tha mise 
g' ràdh cha'n eil sin air a chiallachadh air chor 
sam bith. " Bithidh do shluadh ro-thoileach 
ann an latha do chumhachd" (Salm. cx. 3.) Is 
gealladh iomlan eile so : ach am beil an gealladh 
so -ò! ciallachadh an toil ann-inne mar chumh- 
nanta gu'n d' rinn Dia toileach sinn ? Tha 
bithidh iad toileach ma tha iad toileach na 
labhairt ro-amaideach, cha'n eil maoin de 
an sin air a shaoilsinn. Tha'n gealladh iomlan 
dhuinne, agus is e na h-uile ni a tha feumail 



66 



a chum a cho-lionaidh a thoirt inu'n cuairt 
cumhachd uile-chumhachd Chriosd agus a 
dhìlseachd a chum coilionaidh. 

Uime sin is e'n t-eadar-dhealachadh a ta 
eadar gealladh iomlan agus gealladh cumhnanta 
so : — 

Anns a' cheud dite, Tha eadar-dhealachadh 
ann a chumhnanta. Tha'n gealladh iomlan 
ag ràdh bheir mise, agus thig sibhse ; tha'n 
gealladh cumhnanta ag ràdh : bheir mise ma 
thig sibhse ; no dean so agus mairidh tu beò. 
ler. xxxi. 31, 32, 33. Esec. xxxvi. 24, 34. 
Eabh. viii. 7> 13. ler. iv. 1. Esec. xviii. 30, 
31, 32. Mat. xix. 21. 

Anns an dara hàite, Tha iad ag eadar- 
dhealachadh anns an dòigh anns am beil iad a 
bairigeadh nithe matha do dhaoine. Tha'n 
gealladh iomlan a' toirt seachad gu saor (gràs 
a mhàin) ach an gealladh cumhnanta do rèir 
mar chumair an cumhnanta, no mar than geall- 
adh ag iarraidh. 

Anns an treas àite. Uime sin tha'n gealladh 
iomlan a' toirt air Dia an gnothach a dheanamh, 
ach tha an gealladh cumhnanta ga f hagail an 
urra rinn fèin. 

Anns a' cheathramh àite, Feumaidh geall- 
aidhean iomlan a bhi air an coilionadh, agus 
faodaidh gealaidhean cùmhnanta a bhi no gun 
a bhi aìr a cholionadh, bithidh an gealladh 
iomlan air a cholionadh a thaobh dìlsechd Dhè. 
Ach faodaidh an gealladh cumhnanta bhi air 
a dhearmad a thaobh mi-dhìlseachd dhao*ne„ 



67 

Anns d chuigeamh àife, Uime sintha dhian- 
mhaltas anns na geallaidhean iomlan fèin, na 
bheir mun cuairt an co-lionadh ach tha'n 
gealladh cumhnanta a dh'easbhuidh an ni sin. 
Tha'n gealladh iomian uime sin tarbhach, a 
thaobh gum beil e gabhail a steach ann fèin, 
lànachd gach nì a ta dhìth oirnne, agus an 
uair a thig àm a' gheallaidh gheibh sinn uaithe 
na shàbhalas sinn gu deibhin. Seadh, agus 
uidhir sa' ni sinn comasach air iarrtasan a' 
gheallaidh chumhnanta a f hreagradh. Ged a 
tha eadar-dhealachadh eadar an dà ghealladh 
so, gidheadh ann am pongan eile, tha co- 
chòrdadh beannaicht' eadar iad, mar a dh' 
f heudar f haicinn, anns na pongan so leanas : 

Anns d cheud àite, Tha'n gealladh cumh- 
nanta ag iarraidh aithreachais agus tha'n 
gealladh iomlan a' toirt aithreachais seachad. 
Gniomh v. 30, 31. 

Anns an dara h àite, Tha'n gealladh cumh- 
nanta ag iarraidh creideimh, tha'n gealladh 
iomlan a' toirt creideimh seachad. Seph. iii, 
12. Rom. XV. 12. 

Anns an treas àite, Tha'n gealladh cumh^ 
nanta ag iarraidh cridhe nuadh. Tha'n geall- 
adh iomlan a' toirt sin seachad. Esec. xxxvi. 
27. 

Agus a thaobh gum beil iad ag co-chòrdadh 
anns na nithe so tha'n gealladh cumhnanta a' 
beannachadh an duine, a' tha faotainn a thor- 
aidh trid a gheallaidh iomlain. 



68 

Anns a cheud àite: Tha'n gealladh iomlan 
a' fireanacliadh dhaoine, agus tha'n gealladh 
cumhnanta ga leantainn, ag radh : — " 'S beann- 
aichte iadsan a ta neo-lochdach 'san tslighe, a 
dh'imicheas ann an lagh an Tighearna." Salm. 
cxix. 1. 

Anns an dara h-àite, Tha'n gealladh iom- 
lan a' tabhairt do'n duine sin eagal an Tigh- 
earna ; agus tha'n gealladh cumhnanta gu 
leantuinn ag ràdh : — " 'S beannaichte gach 
neach air am bi eagal an Tighearna." Salm. 
cxxviii. 1. 

Anns an treas àite. Tha'n gealladh iomlan 
a' toirt seachad creideimh, agus tha'n gealladh 
cumhnanta gu leantuinn ; ag ràdh ; — <' Is 
beannaichte an tì sin a chreideas." Seph. iii. 
12. Luc. i. 45. 

Anns d cheaihramh àite- Tha'n gealladh 
iomlan a' toirt seachadh saor-mhathanas pheac- 
annan, agus an sin tha'n gealiadh cumhnanta 
ag ràdh :— " Is beannaichte iadsan a f huair 
mathanas nan eu-ceirtibh agus aig am beil am 
peacannan air am falach : is beannaichte an tì 
nach cuir an Tighearna peacadh as a leth." 
Rom. iv. 7? 8. 

Anns d chuigeamh àite, Tha'n gealladh 
iomlan ag ràdh gur còir do phobull taghta Dhè 
buanachadh a chum na crìche : agus an sin 
tha'n gealladh cùmhnanta gu leantuinn le 
beannachd : — '* Ach ge be bhios seasmhach a 
chumna crìche se so a thearnar." (Mat. xxiv. 



13.) Mar so a ta na geallaidhean ag oibreach- 
adh gu glormhor le chèile, agus dhuinne mar 
an ceudna ann an co-f honn taitneach. 

Nise tha'n geailadh ma bheachdaicheas sinn 
air, na ghealladh iomlan, " Gach uile ni bheir 
an t-Athair dhomhsa thig e am' ionnsaidh." 

Uime sin tha'n geaìladh so na ghealladh 
bolg-fharsuinn agus a' gabhail a steach ann 
fèin gach ni a chum a bhairigeadh oirnne na 
tha 'n gealladh cumhnanta a'g iarraidh oirnne 
thoirt seachad. Thigiad! An tig iad? Thig, 
thig iad. Ach ciod ma tha na nithe so a dhìth 
orra, na gràsan so^ an cumhachd agus a' chàil 
as eugmhais nach urrainn iad a thighinn P 
C'arson, seasaidh " Thig iad" an àite gach ni 
dhiù so, agus gach ni eile bhios a dh'uireas- 
bhuidh orra. 

Conul. 1. Ach tha iad marbh ann am 
peacannan san eu-ceartan, cia mar a thig iad 
an sin. 

Freagairt. Is comasach do'n f hacal '^ Thig 
iad" an togail bho na bhàs so, '' Tha 'nuair a' 
teachd agus tha i chean' ann anns an cluinn na 
mairbh guth Mhic Dhè, agus iadsan a chluinn- 
eas bithidh iad beò." Uime sin tha'n ceap- 
starraidh a chumadh stad orra air a thogail a 
bharr an rathaid leis na briathran so : — " Thig 
iad." Cluinnidh iad, bithidh iad beò. 

Conul, 2. Ach is ciomaich iad do Shàtan 
tha e ga 'n toirt an ciomachas mar a's àill leis? 

Freagairt, C'arson, sholar *' Thig iad" 



70 

mar an ceudna comhnadh fa-chomhair sin. 
CheangailSàtan nighean Abrahaim, air mhodh 
is nach b'urrainn i air aon chòr i-fèin a thogail 
suas ; ach thug " Thig iad" saorsa araon d'a 
corp agus dah-anam. Tiunndaidhidh Criosd 
iad bho chumhachd Shàtain gu Dia, agus ni 
e sin gu saor trid a ghean math fèin. Mo 
thruaighe ! tha duine aig am beil anam air a 
bhuaireadh leis an diabhol air a luasgan a 
chum gach taobh a's àill leis an aon-eucorach 
sin, bheir e leis e an ciomachas a dh'aindeoin a 
neart nadurrach. Ach an cum e iad an ceang- 
aì an uair a thig " Thig iad," air an tòir a 
dh'ionnsaidh losa Criosd. Cha chum, cha'n 
eil na chumhachd, ach cumhachd aingeil a 
thuit, ach se " thig iad^' facal Dè, uime sin 
feumaidh. " Thig iad" a bhi air a cho-ìionadh 
agus cha toir dorsan na h-ifrinn buaidh na 
aghaidh. Bha seachd deamhnan ann am 
Muire Magdaline, ach an uair a thainig an 
t-àm anns an robh " Thig iad" gu bhi air a 
cho-lionadh oirre dh'fhag iad an ionad agus 
theich iad uaipe, agus thainig i da-rìreadh a 
dh'ionnsaidh losa Criosd do rèir mar a tha 
e sgrìobhte. " Gach ni bheir an t-Athair 
dhomhsa thig e am' ionnsaidh." 

An duine anns an robh an legion (Marc v.) 
bha e gu treun air a cheangal ìeo aìr chor is 
nach b'urrainn e " tighinn'' le 'neart nadurr- 
ach ged a thuarasdailicheadh e gach duine fo 
nèamh a chum a chuideachadh. Ach an uair 



71 

a bha*n Gealladh gu bhi air a cho-lìonadh air 
an sin bha e tighinn, agus cha b'urrainn uile 
chumhachd an legion a bhacadh. Uime sin 
be am briathar " Thig iad" a tharruinn e bho'n 
bhàs an uair a bha e leis an droch spiorad 
so air a thilgeadh thuig' agus uaidhe : agus 
b*ann le èifeachd '' Thig iad'* a fhuair e fa- 
dheòigh a shaorsa uapa le comas tighinn 
a dh'ionnsaidh Chrìosd '^ Ge be ni bheir an 
t-Athair dhomhsa thig e." 

Conul. 3. Their thu thig, ach ciod mar a 
tig ? Ciod as urrainn " Thig iad" a dheanamh ? 

FreagairU As fior, tha cuid a their as tigh- 
earnan sinne oirri Jein, cha tig sinn ni's raò 
thugadsa (ler. ii. 31.) Ach a thaobh gum 
beil Dia 'g ràdh ann an àit eile. <^ Bithidh 
fhios aca co dhiù briathran a sheasas mo 
bhriathran-sa, no am briathran fèin." Chi sinn 
a nìse co bhios na bhreugaire esan a thubh- 
airt cha tig iad, no'n Tì a thubha^rt " Thig iad 
am' ionnsaidh." Thig sibh (arsa Dia,) cha tig 
mi (ars am peacach.) Nise cho cinnteach sa 
thubhairt Dia *' Thig iad" bheir Dia air an 
duine sin gu'n sluig e sios a bhriathran fèin, 
oir is e " cha tìg mi" briathran do-chomh- 
airleach peacaich ceann-aotrom. Ach labh- 
radh ^' Thig iad"leis-an aig am beil cumhachd 
a bhriathran a cho-lionadh, '^ A mhic bi dol 
an diugh a dh'obair do mo ghàradh fiona" ars 
an t-Athair, ach fhreagair am mac agus thubh- 
airt e : " Cha tèid." Ciod a nise am bi e 



7-2 

cotnasach seasarah a mach leis an diùlladh sin 
Am fuirich e sa' bheachd sin ? Cha'n f huirich. 
" Ghabh e fa-dheòigh aithreachas agus chaith 
e.'' Ach cia mar thainig e a dh'ionnsaidh an 
aitheachas sin ? bha e air a thasgaidh suas da 
anns a ghealladh iomlan ach a dh'aindeon sin 
uile thuirt e *' Cha tèid' " Fa-dheoigh ghabh e 
aithreachas agus chaidh e." Tha Criosda leis 
a' chosamhlachd so a nochdadh rag-mhuin- 
ealachd pheacach an t-saoghail, eadhon ged a 
tha beatha air a ghealltainn dhaibh a chionn 
tighinn. 

Ach a nis' an uair a thèid gealladh iomlan 
Dhè " Thig iad" a cho-lionadh orra, an sin 
thig iad, do bhrìgh, a thaobh a gheallaidh sin 
gum beil leigheas air a sholair an aghaidh 
ceannaire an toile; " Bithidh do shluagh toileach 
ann an latha do chumhachd." (Salm. cx. 3») 
Do shluagh ! Ciod an sluagh ? an sluagh a 
thug an t-Athair dhut. Bithidh an rag-nhuin- 
ealachd agus a' phlàigh a ta ann an toil an t- 
sluaigh air am buntainn air falbh, agus bithidh 
iad air an deanamh toileach. Ni na briathran 
" thig iad" iad toileach a' thighinn do t ionn- 
saidh. 

Esan a chitheadh Pol ann an teas meadhon a 
chuthaich an aghaidh Chrìosd, a shoisgeil, agus 
a shluaigh, 's gann a shaoileadh e gum biodh e 
na fhear leanmhuinn Ciiriosd gu bràch : gu 
h-àraidh a thaobh nach b'ann an aghaidh a 
chogais a bha e ga'n geur-leanmhuinn, shaoil 



73 

leis gu dearbh gum bu chòir dha an nì sin a 
rinn e a dheanamh. Ach chi sinn ciod a's 
urrainn *' Thig iad" a dheanamh, 'nuair a thig 
àm a cho lonaidh air a pheacach cheannairc- 
each. Bha e na shaigheach taghta a thug an 
t-Athair do'n Mhac ; agus an uair a' thainig 
an t-àm anns an robh " thig iad" gu ghabhaii 
os-làimh, feuch ghèiU e le h-ioghnadh, ball- 
ehrith agus urram, air ball dh'fhàs e toileach a 
bhi umhal do^n ghairm neàmhaidh 1" Gniomh ix. 
Ach nach robh iad so (mu*m beil thu a' leugh- 
adh an Gniomh ii.) glè fhad' air an aghaidh 
ann an droch-bheirt a chuir an làmhan agus an 
cridhe ann am mort Mhic Dhè, agus a chum a 
nochdadh nach robh duil ac' ri aithreachas a 
ghabhail am feast, air son an ciontan uabhasach, 
thuirt iad, " biodh fhuil oirnne agus air ar 
sliochd !" ach am faod an rag mhuinealachd 
riaghladh ? Am feum iad a bhi air an cruadh- 
achadh a chum an sgrios fèin le ar-a-mach an 
toil cheannlaidir fèin ? Cha' n fhaod, cho liugha 
dhiù so sa thug an t-Athair do Chriosd *' thig 
iad," aig an àm iomchaidh. Bristidh " thig 
iad" a mach nam measg, gabhaidh an gealladh 
iomlan os-làimh iad, an sin thig iad gu dearbha, 
a' glaodhaich a mach ri Peadar agus ris a' chuid 
eile de na h-abstoil. " Fhearabh agus a 
bhràithrean ciod a ni sinn ?" Cha'n urrainn 
ragmhuinealachd toil' dhaoine seasamh, am 
feadh a thuirt Dia gu cinnteach an t-atharr- 
ach : bheir ** Thig iad" orra tighinn mai 

H 



74 

chaìmanan a chum an tùcaitean, agus sin mar 
an ceudna muìnntir a bha a' cuir rompa nach 
tigeadh iad d'a ionnsaidh gu suthainn. 

Labhair an Tighearna ri Manaseh agus r'a 
shluadh tre na faithean, ach an d'èisd Manaseh ? 
Cha d'èisd. Ach an tàr Manaseh a dhol as 
mar sin? Cha tàr e. Uime sin is aon e de'n 
bhuidhean a thug an t-Athairdo'n Mhac. Fa- 
dheòigh ghabh " thig iad" os-làimh e agus 
thainig egudearbh,thainig e a'cromadh agus ag 
ùmhlachd ag achanaich ris an Tighearna agus 
nochdadh tròcair dha. 1 Eachd. vii. 14. 

Rinn an gadaich air a chroich air tùs, raaille 
ri chompanach sgeig air losa, ach b'aon e a 
thug an t-Athair dha, uime sin thug " thig iad'' 
buaidh air agus cho luath sa bhuin èifeachd a' 
gheallaidh iomlain ris chuir e a sgeig air chùl, 
agus thoisich e ri achanaich air Mac Dhè 
tròcair a dheanamh air " A Thighearn" ars 
esan " cuimhuich ormsa 'nuair a thig thu a 
ehum do rìoghachd." Mat. xxvii. 44. Luc. 
xxiii. 40 — 42. 

ConuL 4. Thig iad (tha thu 'g ràdh) ach 
ciod ma bhios iad dall air chor is nach lèir 
dhaibh an t-slighe? oir tha cuid air an cumail 
air an ais bho Chriosd, cha'n ann bho rag- 
mhuinealachd an toile, ach bho dhoillearachd an 
inntinnean : A nise, ma bhios iad dall ; cia mar 
thìg iad ? 

Freagairt, Cha'n e sin a cheist, am beil iad 
dall ? ach am beil iad ann an àite ruigeachd 



75 

do 'n ghealladh " Thig iad ?" ma tha, an Criosd 
sin a thubhairt *' thig iad'' bheir e sùilean no 
iùl daibh a threòraicheas iad da ionnsaidh fèin, 

Cha do chum dòrchadas nan Tesalonianach 
iad bhobhi nan " clann an t-sohiis." " Thainig 
mis," ars a Criosd " a chum gu'm faiceadh iadsa;. 
a tha dall :'* agus ma their e '' Faicibh sibhse a 
dhallaibh aig am beil sùiìean." Co bhacas e ? 
Eph. V. 8. Eoin. ix. 39. Isa. xxxix. 18 ; xliii. 8. 

Uime sin tha'n gealladh so mar thubhairt 
mi, na ghealladh broinn fharsuinn, aig am beil 
ann fèin gach ni a tha feumaiì a chum a cho- 
ìionadh, agus uime sin ged a bhiodh iad dall, 
tha " Thig iad" cho comasach sa' b' àbhaist, 
agus do ghnà ag ràdh '« Thig iad am' ionnb> 
aidh." Air an aobhar sin thubhaìrt e rithist, 
•' Agusstiììrairlhmi na doilì air an t-slighenach 
b' aithne dhaibh tro cheumaibh air nach robh 
iad eolach treòraichidh mi iad, ni mi an dorch- 
adas na sholus rompa agus ni mi slighean fìara 
dìreach : na nithe so ni mi air an son agus cha 
trèig mi iad." Isa. xlii. 16. 

Thugaibh fainear ! Bheir mi orra tighinn 
ged bhi iad dall, bheir mi iad air slighe nach 
eòl daibh ; air an aobhar sin " thig iad am' 
ionnsaidh." 

ConuL 5. Ach ciod ma bhuanaich iad 
tuileadh a's fada ann am peacadh agus gu'n 
d'rinn siad iad-fèin ro-ghràineil, agus gum beil 
iad nan luchd- treòrachaidh pheacach eiìe chura 



76 

peacachadh sa mhachair, am bailtean no an 
teaghlaichean ? 

Freagairt. Cìod ma ta? An cuir sin 
grabadh, no èis air oibreachadh '• Thig iad ?" 
chachuir, an uil' ea-ceartan agus pheacadh, ma 
chaidh an tabhairt leis an Athair do'n Mhac a 
chum an tearnadh, no èis air a' ghealladh gu bhi 
air acho lionadh orra. "Annsna lathaibh so, awir 
an àm ud," ars an Tighearna, " iarrar aingidh- 
eachd Israeil,agus cha bhi i ann agus ludah, ach 
cha bhi i r'a faotainn/' (ler. i. 20.) Cha'n ann 
a thaobh nach robh ea-ceartan annta ; oir bha 
iad lan ea-ceartan, (2 Eachd. xxxiii. 9. Esec. 
xvii. 48,) ach thug Dia mathanas dhaibh agus 
chuir air falbh an lochdan le buaidh a gheallaidh 
iomlain, trid am beil iad air an toirt do Chriosd 
a chum an tearnadh ; '' agus glanaidh mi iad on 
uile aingidheachd leis an do chiontaich iad ani 
aghaidh, agus maithidh mi an uile lochdan leis 
an do pheacaich iad agus leis an d' rinn iad 
ceannairc am aghaidh, agus bithidh a chathair 
so dhomhsa na h-ainm sòlais, na moladh agus 
na maise am measg uile chinneach na taìmhuinn 
a chluinneas gach uile mhath a ni mise dhaibh, 
agus bithidh eagal agus crith orra airson an 
uile mhathais, agus airson an uile shoirbheach- 
aidh a dheonaicheas mise dhaibh.'' ler. xxxiii. 
8,9. 

ConuL 6. Ach mar a bi creideamh agus 
aithreachas aca, cia mar a thig iad? 



77 

Freagairt. An Tì a thubhairt " thigiad'' m 
Esan math a ghealladh, bithidh creideamh 
agus aithreachas air a thoirt dhaibh, oir feum- 
aidh *' thig iad" a bhi air a cho-lionadh orra. 

Anns a cheud àite, Bidh creideamh air a 
thoirt dhaibh "• Fagaibh mi fòs ann ad mheadh • 
on sluagh an-shocrach agus dìblidh, agus 
cuiridh iadan dòchas annan ainman Tighearna: 
Bithidh freumh Ise ann agus an tì a dh'èireas 
suas chum uachdaranachd a bhi aig air na 
cinnich, annsan cuiridh na cinnich an dòchas." 
Seph. iii. 12. Rom. xv. 12. 

Anns an dara h-àite. liithidh aithreachas 
aca. Tha e air àrdachadh a chum aithreachas 
a thabhairt. " Thig iad a' gul agus a'g 
iarraidh an Tighearna Dia" agus a rithist, 
" Thig iad le gul agus caomhahìchd agusni mis 
an treòrachadh." Gniomh. v. 30. ler. xxxi. 9. 

Dh'ìnnis mi roimhe so, giìm beil aig a' 
ghealladh iomlan gach uile ghealladh cumhnan- 
ta na bhroinn fèin, mailleris gach ni tha feum- 
ail dhaibh-san a tha na earbsa, agus feumaidh 
sin a bhi mar sin, oir ma tha " thig iad" na 
ghealladh iomlan, mar gun teagamh a tha e, 
feumaidh e uime sin a bhi air a cho-lionadh 
orrasan uile da*m buin e. Tha mi g ràdh 
gum feum e bhi air a cho lionadh mas a 
h-urra Dia le gràs agus a lan-thoil a cho-lion- 
adh. Osbarr, a thaobh gur aon ni a bhi tighinn 
agus a creidsinn, (Do rèir Soisgeil Eoin vi. 



78 

35.) " an ti a Thig am' iorinsaidh-sa, cha bhi 
acras gu bràth air," &c. 

Nise 'nuair a thubhairt e *' Thig iad" is e 
sin an aon rud ri ràdh creididh iad, agus mar 
sm gun gabhadh iad aithreachas a chum sabh- 
aladh an anamanan. Uime sin cha'n urrainn 
an cion gràìs agus aithreachais gealladh Dhè 
fhagail neo-èifeachdach, a thaobh gum beil 
lànachd anns a' ghealladh so na bheir do 
gheallaidhean eile na tha iad ag iarraidh, no 
tha sùil aca r'a fhaotainn. Bheir mise càil 
dhaibh agus bheir mìse dhaibh mo Spiorad, 
bheir mi dhaibh aithreachas agus bheir mi 
dhaibh creideamh. Tabhair na briathran so 
fainear : *' Ma tha duine sam bith ann an 
Criosd as creutair nuadh e ;" a thaobh nach 
urrainn neach sam bith duine chruthachadh ach 
Dia. Ni Dia gu dearbha iad nan creutairean 
nuadha. '' Feuch" ars' esan '' ni mi gach uile 
ni nuadh ;" agus mar sin a bhios an deigh na 
thubhairt e, is creutairean nuadh lad ** agus is 
ann bho Dhia a tha na h-uile ni." Se sin, tha 
na h-uile chreutairean nuadha air an deanamh 
nuadh le oibrichean eugsamhail Spioraid nan 
gràs is e Dia/' 2 Cor. v. 17, 18. 

Conul. 7» Ach cia mar sheachnas iad na 
bairealan cunnardach agus damnaidh a tha 
coltach ri sgeirean agus beo-ghainmheach nan 
laidhe air an t-slighe air am beil iad a' triall? 

Freagairt. Gu dearbh is linn mhearachdach 



79 

an linn so, ma bha linn mhearachdach riabh 
air an t-saoghal, am feadh nach eil iad ag 
tabhairt fainear gibht an Athar do'n Mhac agus 
an sin a tighinn da ionnsaidh Tha àireamh 
lionmhor de na briathran " thig iad/' anns a 
Bhioball a ni greim orra, gidheadh, bithidh iad air 
an trom bhualadh leo agus air uairean a tilg- 
eadh cheap-starraidh nan rathad a chumas 
iad car ùine air an ais bho Easbuig an anma^ 
ach cuiridh " Thig iad" so fa-sgaoil, na 
slabhruidhean agus na geamhlaidh anns am 
beil a mhuinntir a tha air an tabhairt do 
Chriosd air an ceanghal, agus " thig iad" a 
chionn gun tubhairt e gun tigeadh iad da 
ionnsaidh. 

Gu dearbh tha mearachdan coltach ris an 
t-sriopaich mu'm beil sibh a' leughadh ann an 
leabhar nan Gnàth-f hacal, a tha na suigheach- 
an sa' chathair, a' ghairm orrasan a bhios a dol 
seachad air an t-slighe a' gabhail direach rompa 
(Gnà. ix. 13 — 16.) ach an aiteam mar a thubh- 
airt mi a' tha air an tabhairt do'n Mhac leis an 
Athair, a chum an tearnadh, bithidh iad 
latha eigin air an sàbhaladh leis na briathran 
so : " Thig iad am' ionnsaidh." 

Mu thimchioìl nah-aiteam uduime sin,thubh- 
airteadh — treòraichidh Dia iad le shùil, le 
chomhairle, agus le spiorad ann an slighe na 
sìthe, ri taobh nan sruth uisg' agus a chum na 
h-uile f hìrinn. (Salm. xxxii. 8 ; Ixxiii. 24. 
Eoin. xvi. 13. Luc. i. 79. Isa. xlvii. 10.) 
Uime sin am fear aig am bi a shamhail sin de 



80 

threòraiche ^^agus gach ni a thog an t-Athair do 
Chriosd) seachnaidh e na cunnardan ud, cha 
tèid e air seacharan air an t-slighe, seadh, ged 
a bhiodh e na aniadan gòrach, cha tèid e air 
seacharan (Isa. xxxv.) oir ma thiomchioU a 
lethid so do neach, chaidh a' ràdh : — " Agus 
cluinnidh do chluasan facal o 'd chul-thaobh, 
ag ràdh, so an t-s!ighe, gluaisibh innte 'nuair 
a thionndaidheas sibh a chum na làimhe deise 
no chum na làimhe clìthe/' Isa. xxx. 21. 

Bha gadaichean agus luchd-reubainn ann 
roimh theachd Chrìosd, mar th' ann an diugh, 
" ach" ars' esan, ^' cha d'èisd na caoirich r'an 
guth." 

Ach c'arson nach d'èisd iad ? a chionn gun 
robh iad fo chùmhnanta nam briathran " thig 
iad," an gealladh iomlan, aig an robh ann fèin 
de ghràs ri bhairigeadh orra na dh'fhàg iad 
comasach eadar-dhealachadh a chuir eadar 
guth an nàmhaid agus an aodhaire. " Eìsdidh 
mo chaoirich mo ghuth." Ach cia mar thainig 
iad gu chluinntin ? Dhaibhsan thugadh comas 
aithnichidh agus cluinntinn. Eoin. x. 8 — 16; 
V. 25. Eph. V. 14 

Osbarr, tha briathran soilleir a* chinn-teag- 
aisg ag ullachadh, gach ni an aghaidh nan 
nithe ud ; oir ars esan ; <' Gach ni a bheir 
an t-Athair dhomhsa thig e am' ionnsaidh." 
*Se sin, cha churear an èis as lugha orra, ni 
mò dh'f hanas iad an àit' air bith gus an tig iad 
" am' ionnsaidh." 

" Thig iad am' ionnsaidh." Tha ni's mò 



81 

air a' chiallachadh leis na briathran so, (na tha 
air a labhairt,) dà aobhar mu'm beil iad a' 
tighinn da ionnsaidh. 

Anns «' cheud àite, Tha ann an Criosd 
lànachd gach uile fhoghantais a ta feumail a 
chum ar deanamh sona. 

Anns cin dara h-àite. ladsan a thig da 
ionnsaidh a rìreadh tha iad a' tighinn chum is 
gu'm faigh iad sin bho làimh. 

Air son a' cheud aobhair dhiu so, tha ann an 
Criosd lànachd uil-fhoghantais, de gach ni a 
tha feumail chum ar deanamh làn-shona, 
uaidhe sin chaidh a ràdh : — '< Oir be deagh 
thoil an Athar gun còmhnaicheadh uil' iomlan 
achd annsan/' (Col. i. 19.) Agus a rithist, 
" as a lànachd-san fhuair sinn uile, gràs air 
son gràis'* (Eoin. i. 16.) Ta e mar an ceudna 
air a ràdh ma thiomchioll, gum beil a shaibh- 
reas do-rannsaichte. " Saoibhreas Chriosd, 
nach feudar a rannsachadh." (Eph. iii. 8.) 
Cluinn mar labhair e uime fèin : " Js fear mo 
thoradh na òr, eadhon na òr fiorghlan agus mo 
theachd-a-stigh na airgead taghta, air sìighe a 
cheartais treòraichidh mi, ann am meadhon 
ceumanan a bhreathanais : chum gun toir mi 
orrasan le'n ionmhuinn mi maoin a shealbh- 
achadh, agus lionaidh mi an ionmhasan." 
Gnàth. viii. 19—21. 

So gu coitcheann, ach ni's ro shonraichte. 

Anns a' cheud àite. Tha 'n solus sin ann an 
Criosd a tha làn-f hoghainteach chum an toirt 



8*J 



a mach a buillsgearj gach dorchadais anns an 
tnit, agus anns an cailltear gach aiteam, 
ach iad-san a mhain a thig da ionnsaidh. 
" Is mise solus an t-saoghail" ars' esan, 
** an tì a leanas mise cha shuibhail e an 
dorchadas ach bithidh solus na beatha aige." 
(F^oin. viii. 12.) Tha 'n duine gu nadurr 
ach ann an dòrchadas gun fhios aige c'àite 
an triall e oir dhorchaich doilleireachd a 
shù-ilean, agus cha chomasach do ni air bith 
ach losa Criosd a mhain, duine threòrachadh 
às an dorchadas so. Cha'n urrainn cogais 
nadurrach a dheanamh, cha'n urrainn na deich 
àiniean ged robh iad ann an cridhe duine a' 
dheanamh : Buinidh an t-shochair sin a mhàin 
do dh' losa Criosd. 

Anns an darra h'àite. Tha beatha ann an 
Criosd nach eil r'a f haotainn ann an àit' air 
bith eile, (Eoin. v. 40.) beatha mar bhuaidh 
anns an anam, leis am bi e air f hagail comas- 
ach an ni sin a dheanamh tridsan a bhios 
taitneach le Dia. Esan' a chreideas ann-san 
(no thig) ars esan ; mar thabhairt an Sgriob- 
tur. " A mach as a bhroinn sruthaidh aibh- 
nichean de dh'uisge beò,"(Eoin. vii. 38.) As 
eugmhais na beatha so tha 'n duine marbh, co 
dhiù a ta e math no olc. Se sin math na 
bhaireil fèin no ann am beachd dhaoin' eile. 
Cha'n eil beatha fhior agus shuthainn ann ach 
na tha annams a ta labhairt anns a* cheann- 
teagaisg. 



m 



Tha mar an ceudna beatha r'a fhaotainn 
dhaibhsan a thig da ionnsaidh le creideamh na 
fheoil agus na f huil, " esan- a dh'itheas mise 
bithidh e mar an ceudna beò tromham-sa.'' 
Eoin. vi. 57- 

Agus is beatha i so an aghaidh a bhàis sin a 
thig tre chiont a pheacaidh agus mhallachd an 
lagha fo am beil gach duine na laidhe, agus fo 
am fèum iad a bhi gu siorruidh mar a h-ith iad 
mise a ta labhairt anns a' cheann teagaisg. 

'' Ge be air bith a gheibh mise gheibh e 
beatha, agus dol as bho na bhàs shiorruidh, agus 
on lèir-sgrios leis am biodh e air a shlugadh 
suas as m' aonais." Gnàth. viii. 

Cha'n eil ni sam bith cho miannach le duine 
fo dhìteadh bàis ri beatha, agus is ann à so a 
mhàin a ta beatha r'a f haotainn, se sin beatha 
shiorruidh tha ann na Mhac, annsan a thubhairt 
anns a' cheann-teagaisg : " Gach ni bheir an 
t-Athair, dhomhsa, thig e am' ionnsaidh." 

Atins an ireas àite* Is ann tridsan a ta 
labhairt anns a' cheann-teagaisg, a mhain a 
gheibh peacaich bhochda dh'ionnsaidh an 
Athar, agus a ghabhas an t-Athair riu a 
thaobh a ghlòir agus fhìreantachd ni leis 
am beil e dha thaisbeanadh ciatach agus gun 
smal na lathair ; agus cha'n eil slighe eil ann 
ach trid-san chum tighinn a dh'ionnsaidh an 
Athar. <* Is mis/' ars esan, '- an t-slighe agus 
an f hìrinn agus a bheatha, cha tig aon neach a 
chum an Athar a.-.h troiuhaiìi-sa/ (Eoin. xiv. 



84 



6.) Tha gach slighe eile gu Dia marbh agus 
damnaidh. Tha ainglean an sgrios na'n 
seasamh le claimhean lasarach anns gach 
siighe eile chùm daoine chumail bho lathair, 
(Gen. iii. 24.) Thami'g ràdh gach slighe eile 
ach trid-san a mhàin. 

" Is mis' an dorus," (ars esan) '' ma thèid 
duine sam bith a steach tromham-sa bithidh e 
tearuinnte." Eoin. x. 1, 2. 

Is e an Tì a ta labhairt anns a cheann-teag- 
aisg an aon neach a mhain as urrainn sìth 
bhuan agus shuthainn a thoirt seachad. Uime 
sin, thubhairt e, " bheir mise mo shìth dhuil)h" 
ni is è sìth ri Dia. Sìth cogais, agus sin an t- 
sìth a ta buan-mhaireannach, sìth a ta gun 
samhail d'i ann, *' Cha'n ann mar bheir an 
saoghalsìth dhuibh a bheir mise sìth dhuibh"oir 
cha'n eii sìth an t-saoghail ach feolmhor agus 
diumbuan, ach tha mo shith-sa spioradail agus 
siorruidh : uime sin tha i air a gairm sìth Dhè 
a tha dol thar gach uile thuigse. 

Anns a* cheathramh àite, Aig an Tì a ta 
labhairt anns a' cheann-teagaisg tha fòghnadh 
de na h-uile ni a ta fior spioradail agus math 
chum miann gach anam cìorcach a shàsachadh. 
Sheas los' agus ghlaodh e ag ràdh '* ma tha 
tart air neach sam bith thigeadh e am' ionn- 
saidh-sa, agus òladh e." (Eoin. vii. 37') 
" Bheir mi dhaibh-san air am beii tart do 
thobar na beatha gu saor.'* Taisb. xxi. 6. 

Anns a chuigeamh àiie» Mailie ris aii Tì a 



85 



ta labhairt anns a' cbeann-teagaisg tha cumb- 
achd a mhuinntir a thig da ionnsaidh a dh' 
iarraidh tearmuinn a' dheanamh coilionta, a 
dhion, agus a shaoradh. ^' Thugadh dhomhsa 
gach uile chumhachd air nèarah agus air ta- 
lamh." Matth. xxviii. 18. 

Dh' f haodainn gu leòir dhiù so ainmeachadh. 
~-Ach 

A rithist, Tha iadsan a thig a rìreadh da 
ionnsaidh uime sin a' tighinn, a chum is gum 
faigh iad na nithe ud o làimh. Tha iad a' 
tighinn a dh'iarraidh soluis, tha iad a' tighinn 
a' dh'iarraidh beatha. Tha iad a' tighinn a' 
dh'iarraidh reite ri Dia. Tha iad a' tighinn a' 
dh'iarraidh sìthe ; tha iad a' tighinn a chum as 
gum bi an anmanan air an sàsachadh de nithe 
matha spioradail, agus a chum gum bi iad air 
an dion leis san, biio gach damnadh spioradail 
agus siorruidh, agus is esan a mhàin a ta 
comasach gach ni dhiu so a thoirt dhaibh 
chum co-lionadh an lan-èibhneis, ni, mar an 
ceudna a gheibh iad 'nuair a thig iad da 
ionnsaidh. Tha so lan-dhearbhta. 

Anns a cheud àite, Bho dhearbhadh soilleir 
na buidhne thainig cheana da ionnsaidh-san. 
** Air dhuinn a bhi air ar fireanachadh tre 
chreideamh, tha sìth againn ri Dia tre ar 
Tighearn losa Criosd, tre am beil againn mar 
an ceudna slighe gu dhol a steach tre chreid- 
eamh chum a' ghràis so anns am bheil sinn nar 
1 



86 



seasamh agus a ta sinn a* deanamh gàirdeachas 
an dòchas glòire Dhè." Rom. v. 1,2. 

Anns an dara h-àite, Tha e làn-chomh- 
daichte mar an ceudna, am feadh a chumas iad 
an sùilean air-san nach iarr iad gu bràch a 
mhùthadh air son cuspair eile, agus nach mò a 
bhios iad air son ni sam bith a chuir ris a chùm 
deanamh suas an èibhneis spioradail. " Na 
leigeadh Dia," arsa Pol, '' gun deanainnse 
uaill ann an ni sam bith ach cranU'Ceusaidh ar 
Tighearna losa Criosd." " Ach na nithe a 
bha nam buannachd dhomh mheas mi iad sin 
nan call air son Chriosd, seadh, gun amharas 
agus tha mi a* meas nan uile nithe nan call air 
son ro-oirdheirceis eolais losa Criosd mo 
Thighearna air son an d* fhuilig mi call nan 
uile nithe, agus tha mi a meas gur aolach iad 
chum gun coisninn Criosd agus gu faighir mi 
annsan gun m'fhireatitach fèin agam a ta o'n 
lagh : ach an f hireantachd sin a ta tre chreid- 
eamh Chriosd, an f hireantachd a ta o Dhia tre 
chreideamh." Phil. iii. 7 — 9. 

Anns an ireas àiie. Tha e còmhdaichte mar 
an ceudna, le cho ro dhèigheil sa' tha iad air 
muinntir eil a bhi a' compairteachadh de'n 
bheannachd. " A bhràithrean," arsa Pol, " is 
e dùrachd mo chridhe agus m'ùrnaigh ri Dia 
as leth Israel gum feud iad a bhi air an tearn- 
adh." Le sin air a' cheart dòigh anns am beil 
dùil aige fèin a bhi air a thearnadh, mar a 
thubhairt e a rithist ris na Galatianaich. " A 



87 

bhràitbrean guidheam oirbh bithibh mar a ta 
mise, oir a ta mise mar a tha sibhse." Se sin, 
a ta mi am pheacaeh mar sibhse. 'Nise guidh- 
eam oirhh iarraibh beatha mar a ta mise ga 
h- iarraidh. Mar guri abradh e : — Tha fòghnadh 
aig an Tighearn losa dhomhsa, agus dhuibh- 
se. 

Anns d cheathromh àite. Tha e soilleir 
m'ar an ceudna leis a bhuaidh-chaithream a 
tha cuid de dhaoine deanamh thar an uile 
nà rahdean, araon corporra agus spioradail, " A 
nis" arsa PcM, ^' buidheachas do Dhia a ta 
ghnà a toirt oirnne buadhachadh ann an Criosd." 
Co sgaras sinn bho ghràdh Chriosd," agus a 
rithist, " O ! bhàis c'àite am beil do gàth ? 
O ! uaigh c'àite am beil do bhuaidh?" — 'Se gàth 
a' bhàis am peacadh, agus is e neart a pheacaidh 
an ìagh. '* Ach glòir do Dhia a thugdhuinne 
buaidh trid ar Tighearna losa Criosd." 2 Cor. 
ii. 14. Rom. vii. 35. 1 Cor. xv. òò, òQ, 

Anns d chuìgeamh àite* Tha e soilleir 
mar an ceudna, a thaobh gum bheil iad air an 
deanamh leis a ghlòir sin, a f huair iad annsan 
anns gach masladh a b'urrainn an diabhol agus 
ifrinn a dhealbh nan aghaidh a chum a thoirt 
orr' f hulang esan a thrèigsinn. Agus a rithist, 
^' Co a sgàras sinn bho Chriosd, an dean triob- 
laid, no àmghar no geur-leanmhuinn, no gort, 
no lomnocht no cunnart, no claidheam } mar 
a ta e sgrìobhta air do sgàth-san mharbhadh 
sinn, rè an latha, tha sinn air ar meas mar 



chaoirich a chum an casraidh. Nidheadh 
anns gach uile ni dhiù so thug sinn tuileadh 
as buaidh tridsan a ghràdhaich sinn, oir a ta 
làn-dhearbhachdagainn nach bi bàs no beatha, 
no aìngeal no uachdaranachd, no cumhachd, no 
nithe a ta lathair no nithe a ta ri teachd, no 
airde, no daoimhne, no creutair sam bith eile 
comasach airsinne sgaradh o ghràdh Dhe a ta 
ann an losa Criosd ar Tighearna." Rom. viii, 
38, 39. 

^' Thig iad am' ionnsaidh." ! a' ghlòir 
tàladh cridhe a ta ann an losa Criosd, an uair 
a thasa ga f haicinn a' tarruinn a' phobuill so 
g'a ioimsaidh, a thug an t-Athair dha, uime sin 
thubhairt a' rahuinntir a thainig ga ionnsaidh o 
shean gum be so an ceann-fàth mu'n troinig iad, 
" Agus chunnac sinne a ghlòir, mar ghlòir aoa 
Mhic an Athar. (Eoin. i. ]4,) agus is e'n 
t-aobhar nach tainig muinntir eile gus na bhàs- 
aich iad nam peacannan nach d'fhuair iad 
fradharc air a ghlòir. '' Ach ma tha ar soi- 
sgeuilne folaichte, is ann dhaibhsan a ta caiUte 
tha e folaichte anns an do dhall dia an t-saogh- 
ail 80 inntinn na dream nach eil 'n- an creideich 
air eagal gun deallraicheadh orra solus Soi 
sgeul ghlòrmhor Chriosd neach is e iomhaigh 
Dhè." 2 Cor. vi. 

Tha uime sin glòir èibhneis cridhe ann an 
losa Criosd 'nuair a dh' f hoillsichear i a thàirn- 
eas an sluagh da ionnsaidh. Uime sin, le 
*< Thig iad am' ionnsaidh" faodaidh Criosd a 



89 



chiallachadh an uair a dh' f hoillsiehear a ghlòir, 
an sin gu'm feum iad tighinn. Uime sin 
marthig na' fior iompachain air an taiseachadh 
agus a' gul le làn-mhothachadh air an truaill- 
eachd fèin, tha e mar an ceudna air a ràdh a 
rithist. " Agus piUidh saor dhaoine an Tigh- 
earna, agus thig iad gu Sion le caithream agus 
aoibhneas siorruidh air an cinn gheibh iad 
gàirdeachas agus aoibhneas agusteichidh bròn 
agus osnaich air falbh/' Se sin air faicinn 
sealladh de ghlòir aghràis sin, a ta ga nochdadh 
fèin daibh a nis' ann an gnùis an Tighearn 
losa Criosd, agus anns an dòchas a ta nis aca 
a bhi maille ris anns na phàilliunean nèamhaidh. 
Uime sin tha e air a ràdh a rithisr, " Mar so 
pillidh muinntir shaorta an Tighearna, agus 
thig iad gu Sion, le h-iolaich agns bithidh 
aoibhneas bith-bhuan air an ceann agus gheibh 
iad aoibhneas agus subhachas, agus teichidh 
mulad agus caoidh air falbh." <• Bheireir iad le 
h-aoibhneas, agus le gàirdeachas theid iad a 
steach do lùchairt an rìgh." Isa xxx. 10; 
li. II. Salm. xlv. 15. 

Tha uime sin glòir thàladh cridhe anns an 
Tìghearna losa Criosd, an uair a theid f hoill- 
seachadh, a dh'ùmhlaicheas an cridhe do'n fha- 
cal, agus a bheir oirnn a thighinn da ionnsaidh 
san. 

Tha e air a ràdh m'a Abraham an uair a bha 
e chomhnaidh aim am Mesoptamia gu'n d' 
fhoillsich Dia na glòire e-fèin dà, ag ràdh 



90 



'' rach a mach ad do thìr fèin (Gniomh. vii. 2 
3.) Agus ciod an deigh sin ? chaidh e air 
falbh o thaigh agus o chàirdean, agus cha b'urr- 
ainn an saoghal gu leir a chumail. Nise mar 
tha'n Salmadair ag ràdh : ^' Co e rìgh na 
glòire?" Tha esan a frengairt, " An Tigh- 
earna treun an cath." Agus co tha sin, ach 
esan a sgrios smachd a^^rus cumhachd an uair a 
bhae'ncrochadh air a' chrann, a' deanamh buai- 
chaithream tharta? Uime sin thubhairt e m'a 
Abraham, '^chunnaic e alatha," seadh, ars esan 
ris na h-Iudhaich, " Rinn bhur n Athair Ab- 
raham gàirdeachas ri mo latha-sa fhaicinn, 
agus chunnaic se e agus rinn e aoibhneas," 
Salm. xxiv. 8; Col. ii. 14^ 15; Seum. i. 1 ; 
Eoin. viii. 56. 

Gu dearbh tha'n duine feolmhor fa-dheoigh 
ag ràdh na chridhe " Cha'n eil sgèimh no 
grinneas ann an Criosd a chum gun amhairc- 
eamaid air, ach tha e breugach, tha e g' ràdh 
so a thaobh nach fac e riabh e, ach iadsan a 
sheasas ann a thaigh agus a dh'amhairceas aii 
tro sgàthan fhacail le còmhnadh a Spioraid 
naoimhe, innsidh iad dhut nithibh eile^ ^' Ach 
air bhi dhuinne uilC;, " ars iadsan, '' le aghaidh 
gun fhalach ag amharc mar ann an sgàthan air 
glòir an Tighearna tha sinn air ar n-atharrach- 
adh chum na h-iomhaigh cheudna, o ghlòir gu 
glòir," Tha iad a' faicinn glòir ann a phearsa, 
glòir ann a thuigse, glòir ann an luach fhala, 
agus glòir ann an iomlanachd fhìreantachd. 



91 



Seadh glòir dhrùdhadb cridhe, agus mhilseachd 
cridhe, agus a mhùthadh cridhe. Isa. liii. l — 
3 ; 2 Cor. iii. 17, 18. 

Gu dearbh tha glòir air a chòmhdacha le sgàile 
agus cha'n urrair a faicinn ach mar tha i air a 
foiliseachadh leis an Athair. (Mat. xi. 27-) 
Tha e air a sgàil-chòmhdacha le feoil, agus le 
ilseachd ginmhuinn on fheoil leis an tarcuis 
agus leis a mhasladh a bha ga leanmhuinn anns 
an fheoil, ach iadsan a's urrainn le solus Dhè 
sealltuinn tro na nithibh so chi iadsan glòir ann, 
glòir a thàirneas an cridheachan da ionnsaidh. 
Be Maois mac uchdmhacaichte nighean rìgh 
Pharoh, agus theagamh gum biodh e na rìgh 
fa-dheòigh nam biodh e air buanachd ni b' 
fhaide sa' chùirt. ach cha deanadh e sin, C'ar- 
son ? chunnaic e am barrachd anns a' chuid bu 
shuaraiche de Chriosd (ma dh'fhaodas mi a 
chainnt sin a chleachdadh) na chunnaic e anns 
a chuid a b'f hearr de dh'ionmhas na h-Eipheit. 
" Dhiult e bhi air a ghairm na mhac do nighean 
Pharoh a roghnachadh àmghar fhulang maille 
ri sluagh Dhè roi' shòlas a pheacaidh a mheall- 
tuinn rè seal : a meas gum bu mhò an saoibh- 
reas masladh Chriosd na uile ionmhas na h- 
Eiphit, oir bha sùil aige ris an luach saoithreach, 
thrèig e an Eiphit gun eagal a bhi air ro chorr- 
aich an rìgb. Ach co a thug a dhànachd dha 
na rinn sin ? Dh'fhuilig e thaobh gun robh 
sealladhaigair-san a tha labhairt anns a' cheann- 
teagaisg, dh'f huilig e thaobh e bhi ga f haicinn- 



92 

sa iha do-f haicsinueach, Ach tha mi ag ràdh, 
an tug sealladh de dh' losa, air falbh cridhe 
Mhaois bho chrùn agus bho rioghachd? nach 
fac e leis an t-sealladh sin, ni's mò annsan na 
bha r'a f haicinn annta-san ? Eabh. xi. 24 — 26. 

Uime sin, an uair a thubhairt e " Thig iad 
am' ionnsaidh." Tha e ciallachadh gum faic 
iad sealladh air glòir a' ghràis sin a ta ann-san, 
agus tìia sgèimh agus glòir an ni sin de lethid 
a bhuaidh agus gun co-èignich, agus gun 
teann-sparre le deothas nèamhaidhcridheachan 
na muinntir sin a tha air an toirt dhà. 

Cha robh Maois, ma na labhair e roimhe, na 
leanabh an uair a bha e cho mòr air a lionadh 
le sgèimh glòir an Tighearna so : bha e dà- 
fhichead bhadhna dh'aois, uìme sin, air dha 
bhi na dhuinebha e comasach gach ni a bhreith- 
neachadh air chòir, agus saibhreas na h- 
Eiphit a mheas a rèir a luach, ach mheas e an 
saibhreas sin, agus glòir na h-Eeiphit mar ni 
nach bThiach bunntainn ris 'nuair a f huair e 
fradharc air an Tighearna losa Criosd. 1 ha 
muinntir an t-saoghail aingidh so a' saoilsinn, 
gur leoir sòlasan nèimhe chum lionadh cridhe 
na h-aiteam, aig nach eil nìthe matha an t-sao- 
ghail so a chùm tlachd a' ghabhail annta ; air 
neo, amadanan aig nach eil de thùr no ghliocas 
na ghabhas llachd annta. Ach innseam-sa' 
dhaibh, gun robh daoine anns gach àirde agus 
inbh a bha air an lionadh le glòir an Tighearna 
losa, agus a chuir cùl ris gach nì a chum a lean- 



93 

tuinn, mar Abel, Seth, Enoch^ Noah, Abra- 
ham, Isaac, lacob, Maois, Samuel, Daibhidh, 
Solamh : agus co nach cuireadh, aig am biodh 
de chiaìl no ghras na bhlaiseadh air nithibh 
nèamhaidh ! gu dearbha cha'n urrainn neach 
sam bith do'n nochd e glòir a ghràis seasamh 
air ais uaidhe, no cumail a mach na aghaidh. 
*' An Ti a thig cha tilg mi air chòr sam bith a 
mach e/' 

Leis na briathran so tha ar 1 ighearna losa 
Criosd a' cuir an cèill mòr mhathas a nàduir, 
do'n pheacach a tha tighinn. Thubhairt e 
roimhe " thig iad" agus tha e toirt dearbhachd 
i^^un gabh e riubha gu suilbhear, ach, leig leani 
fical no dhà a' labhairt ris a* ghealladh so. — 
'■ An tì a thig cha tilg mi air chor sam bith a 
raac e." Feudaidh cuid a ràdh, '* C'àit' am 
btil e air a cliòmhdach gum beìl tròcair Chr- 
iosd da'r taobh an earbsa ri ar tighinn^ ma tha, 
tha ar sàbhaladh le Criosd air chumha, no air 
chùmhnanta> ma thig sinn 's e air beatha, agus 
mar tig cha'n e, (no ma thig sinn gabhair rinn, 
agus mar tig cha ghabh) Thasin, air a lan f hoiU- 
seachadh leis an fhacal, Tha'n gealladh air a 
shonsan a mhàin a thig, <' An tì a thig." Tha 
mi freagairt gum beil an '' tighinn" anns na 
briathran so air ainmeachadh mar chùmhnanta, 
a' faotainn a staigh a dh'ionnsaidh beatha, an e 
sin an nì a ta air a ghealUainn ? 'Se, air a cho- 
dhunadh a bhi air a thoirt gu crìch annainne 
leis a' ghealladh. Anns na briathran ma dheir 



94 

eadh so tha e air iarraidh oirnne tighinn air 
gach cor, agus anns na briathran roimhe sin guin 
beil gràs a bheir oirn' a thighinn, gu cinnteach 
air a ghealltain dhuinn, " gach ni a bheir an t- 
Athair dhomhsa thig e am' ionnsaidh agus an 
ti a thig cha tiig mi air chor sam bith a mach." 
Thig sinn gii Criosd a thaobh gun tubradh 
" gun tigeadh sinn," a thaobh gum beil e air a 
thoirt dhuinn gun tig sinn, mar sin tha'n cumh^ 
nanta th* air a labhairt le Criosd anns na bria- 
thran ma dheireadh, air a ghealltainn gu cinn- 
teach anns na briathran roimhe. Agus gu 
dearbha, cha'n eil anns an tighinn a tha so air a 
shònrachadh ach èifeachd thig iad am' ionn- 
saidh. «' Thig iad am'ionnsaidh, agus cha tilg mi 
air chor sam bith a mach iad." 

''" An tì a thig' — Cha dubhairt Esan an tì 
a ihainig, ach *' esan a thig." 

Chum labhairt ma na briathran so : — 

Anns rz' cheud àite, Gu coitcheann. 

Aìins an dara h-àite. Nis ro shònraichte. 

Gu coitcheann ; tha iad a cur nan ceithir nith- 
ean so gu'r cuimhne. 

Anns «' chend àite, Gu'm beil losa Criosd 
ag earbsa às an sin, a thaobh is gun tug an 
t-Athair a shluagh dha, is gum bi iad comasach 
air tighinn da ionnsaidh. " Agus an tì a thig;" 
agus co a b'urrainn a ràdh, tha fios agam 
a chionn is gun tugadh dhomhs' iad gum bi e 
soirbh dhaibh tighinn am' ionnsaidh. Cha 
tubhairt esan ma thig iad, no tha mi a' sraaoin- 



95 



teach gun tig iad*, ach " an tì a thig." Leìs 
na briathran so, uime sin, tha e a nochdadh 
dhuinn giin dheasaich se e-fein chum am pobull 
a thug an t-Athair dha los an tearnadh a 
ghabhail da ionnsaidh, Tha mi gràdh a rithist 
gu'n d' ullaich se e-fèin a chum an gabhail da' 
ionnsaidh agus dh* fhosgail e a bhroilleach a 
chum an gabhail, agus sheas e le gàirdeanan 
sgaoilte chum an iathadh na ghlacaibh. 

Anns an dara h-àiie Tha Criosda mar an 
ceudna cuir an cèiU leis iia briathran so, gum 
beil lanfhios aige fèin, co iadsan a chaidh 
thoirt dha, cha'n ann le an tighinn da ionnsaidh, 
ach a thaobh iad a bhi air an toirt dha. " Gach 
ni a bheir an t-/\thair dhomhsa tliig e am* ionn- 
saidh agus an tì a thig," &c. bha fhios aige gum 
be an tì so aon de na bhuidheann a thug an t- 
Athair dha, agus uime sin ghabh e ris a chionn 
gun tug an t-Athairdhae(Eoin. x.) "Asaithne 
dhomh mo chaoirich," ars esan, cha'n e iadsan 
aig am beil eolas air cheanna, ach iadsan a ta 
fathast tiir ain-eolach air, " Tha caoirich eil 
agam," ars esan, '• nach buin do 'n chrò so." 
Cha'n ann de'n Eaglais ludhav-h, ach iad so 
a tha nan laidhe nam peacannan, eadhon, na 
Geinteileich fhiata gun ìul. Uime sin an uair 
a bha eagal air Pòl fuireach ann an Corinth, le 
eagal gun eireadh beud dha san àite sin. <' Na 
biodh eagal ort," ars an Tighearna, losa Criosd, 



96 



" ach labhair agus na bi ad thost oir tha mòrau 
sluaigh agam anns a' bhaiie.'' (Eoin. x. 15. 
Gniomh. xxiii. 9, 10.) Cha robh am pobuU 
mu'm beil an Tighearn a' labhairt ann an so, air 
a' meas leisean an uair sin, bho thoradh obair 
iompachaidh, ach le buaidh tiodhlac an Athar, 
on a thug esan dha iad ; uime sin bha Pòl gu 
fantuinn nam measg a chum briathar Dhè 
aithris dhaibh ; chum le 'iabhairt-san gun oib- 
richeadh an Spiorad Naomha gu h-èifeachd- 
ach air an anmaibh chum a thoirt orra tighinn 
da ionnsaidh-san aig an robh a chridhe agus 
anam ullamh gu gabhail riubha. 

Anns an treas àite. Tha Criosd a' cuir an 
cèill leis na briathran so, nach tig na s mò da 
ionnsaidh na tha air an toirt dha, leis an 
Athair : oir is e an tì ann an so a h-aon de au 
uile a bha air an ainmeachadh le Criosd 
roimhe so. '' Gach ni bheir an t- Athair dhomh- 
sa thig e am' ionnsaidli." Agus, ^' na h-uile 
iì de an uile sin, cha tilg mi air chor sam 
bith a mach." Dh'ainmich an t abstol na 
briathran so, 'nuair a thubhairt e: — " Agus 
thug e dream àraidh gu bhi nan abstolaibh, 
dream eile gu bhi 'nam faithean, agus dream 
eile gu bhi 'nan soisgeulaichibh, agus di'eain 
eile gu bhi 'nan aodhairibh, agus 'nan luchd- 
teagaisg chum nan naomh a dheasachadh, gu 
obair nam ministearlachd, a chum togail suas 



97 " " 

cuirp Chriosd gus an tig sinn uile ann an 
aonachd a' chreideimh agus eolais Mhic Dhè, 
chumduine iomlan, chum tomhais airde lànachd 
Chriosd. Eph. iv. 11—13. 

Tabhair fainear, mar anns a' cheann-teagaisg, 
tha e so a' labhairt mu na h-uile, gus an tig 
sinn uile. '' Gach ni a thug an t Athair do 
Chriosd." Tha so ni's faid' air a chur an cèill 
a' chionn is gun ghairm e gach ni dhiu so, 
corp Chriosd ; tomhas airde lànachd Chriosd 
ni leis am beil e ciallachadh an aìreamh 
choitcheann a thugadh dha, se sin an fhior 
Eaglais thaghte a tha air a ràdh, is e a chorp 
agus a lànachd. Eph. i. 22, 23. 

Anns d cheathramh àite. Tha Criosd leis 
na briathran so ni's faide nochdadh gum bi e 
ian-riaraichte le tiodhlac so an Athar dha. 
'' Gach ni bheir an t- Athair dhomhsa thig e 
am' ionnsaidh, agus an tì a thig cha tilg mi air 
chor sam bith a mach e." Gabhaidh mi e 
dam' ionnsaidh gu cridheii agus le toileachas- 
inntinn. Tha iad a' nochdadh dhuinn mar an 
ceudna gum beil gràdh Chriosd ann an gabhail 
rinn cho farsuinn ri gràdh an Athar ann ar 
tabhairt seachad, ach chan eil ni's farsuinne^ 
uaithe so tha e toirt taing dha air son an tiodh- 
iaic. Agus mar an ceudna toirt taing dha air 
son e-fein agus a nithibh a chleth, bho 'n 
chuid eile de na h-aingidh. Matth. xi. 25. 
Luc. X. 21. 

Ach a rithist, agus ni's ro-shonraichte. 



" Agus (esan) a thig. Tha Criosd leis an 
f hacal so esan ag amharc air ais chum tiodhlac 
an Athar, cha'n ann ris an iomlan de'n tiodhlac, 
ach ris na h-uile esan de'n iomlan, mar gun 
abradh e cha'n eil mi a mhain a gabhail ri 
tiodhlac an Athar an coitcheanntas, ach tha 
spèis àraidh agam do gach aon diubh gii 
sònraichte, agus tearnaidh mi iad^ chan e cuid, 
no chuid mhòr dhiù, ach na h-uile h-aon 
diu, na h-uile aiteal diu, cha bhi ladhar de'n 
iomlan air chall, no air am fàgail air chùl. 
Agus gu deibhinn, leis an sin, tha e ag aon- 
tachadh le toil an Athar, ni is e, do na h-uile 
nì a thug an t-Athair dha nach cailleadh e a 
bheag idir. Eoin. vi. 39. 

'' Agus esan." Rinn Criosd losa mar an 
ceudna leis an so, tiodhlac an Athar a roinn 
na earrannan de dh' iomadh esan {se sin^ de 
na's liugha na aon esan) agus le e bhi labhairt 
mun timchioll mar aon, tha e cur an cèill 
gum bì obair shonraichte air oibreachadh air 
gach aon diu 'nuair a thig an t-àm a dh' 
òrduich an t-Athair. '' Agus tarlaidh anns an 
là sin, gun deann an Tighearna bualadh bho 
chlais na h-àibhne gu sruth nah-Eiphit; agus 
tionaileir sibhe suas aon agus aon o chlann 
Israeil." Soiadsan a bhios air an tionaì leis an 
Athair, a lion aon a's aon. Isa. xxvii. ]2. 

Tha e mar an ceudna cur an cèiU leis an so 
nach eil tairbh sam bith gu eiridh bho dhàimh 
no chàirdeas feòla bhi aig muinntir ri pearsa 
an tì sin a thug an t-Athair do Chriosd. Is e 



99 



esan atha tighinn a mhain^a thugadh seachad, is 
e esan a tha tighinn a ni e fa-dheoigh a thear- 
nadh^ Tha muinntir a' saoilsinn, mòran à 
clann nan creideach, ach mar a h- e leanabh 
a' chreidich, a h-aon dhiùbhsan d'am beil 
còir air a' ghealladh, iomlan, cha'n e glaodh na 
muinntir ^o, no aon ni a's urrainn pàrant no 
leanabh n dheanaimh a's urra' còir a thoirt 
dhaibh air a' ghealladh so an Tighearna Criosd, 
an geailadh iomlan so. 

" Agus esan a thig." Tha 'm buidhean a 
thug an t-Athair do dh' losa Criosd eugsamh- 
ail, cha'n eil iad uile de dli' aon inbh, no de 
dh'aon seòrsa. Tha cuid àrd, cuid iosal, cuid 
glic, agus cuid amaideach, tha cuid suairc 
agus umhal do'n lagh, tha cuìd mi-naomh 
agus Fuathach air fèin agus air a shoisgeil. 
'Nise feadh sa tha a' mhuinntir a thugadh dha 
cho eadar-dhealaichte bho chèile, agus a 
rithist, a thaobh gum beil e fathast ag ràdh. 
*' Esan a thig cha tilg mi air chor sam bith a 
mach," Tha e leis an so g'ar tabhairt gu 
thuigsinn, nach eil e coltach ri duine a ni am 
mart a's fearr a thaghadh agus a ni am beath- 
ach as miosa f hàgail, ach bheir e leis esan a 
thug an t-Athair dha agus a thig da ionnsaidh, 
chambùth se e, math air son uilc, no olc air son 
maith. (Leb. xxvii. 9, 10.) Ach gabhaidh se 
e mar a ta e agus sàbhailidh se anam. 

Tha iomadh aingidh truagh air an toirt 
leis an Athair do dh' losa Criosd, ach cha'n 



100 

eil tàir air a dheanamh air a h-aon diubh, ni mò 
tha ìad air an cuir air chùl ! 

Tha e air a ràdh ma thimchioìl na mninn- 
treach a thug an t-Athaìr do Chriosd gun, 
d' rinn iad na's miosa no na cinnich, gun 
robh iad 'nam mortairean, 'nam meirleich, 
'nam pòitearan, 'nam buidhean neò-ghlan, agus 
de gach seòrsa ìuchd-uilc, ach ghabh e gu lèir 
ga ionnsaidh iad,dh' ionnlaid se iad, agus shàbh- 
ail se iad. A's f ìr shàmhla air an sin an neach 
truagh a tha air ainmoachadh anns an t-sè-amh 
caibidil deug de leabhar Eseciel : a bha air 
a thilgeadh a mach le gràin do'n mhachair air 
an latha 'rugadh e, ann an staid cho amhgarach 
is nach robh sùil ann a ghabhadh trus ris, no 
dheanadh caoìmhneas sam birh dha, cha robh 
sùil sam bith ach esan a mhain a ta labhairt 
anns sa' cheann-teagaisg. 

" Agus esan a thig." Biodh e cho deargris 
a' chorcur, tha cuid de dhaoine nam peacaich 
fhuil-dhearg, nam peacaich chorcur, peacaich 
air an dath dà uair : air an tumadh, agus air 
an tumadh a rithist mu'n tig iad a dh'ionnsaidh 
Chriosd An tus' an t-aon a's dèirge dhiu so? 
Labhair a mach a dhuine an tus' a lethid so 
de neach, am beil thu nis' a' tighirin chum losa 
Criosd a dh'iarraidh tròcair agus fireantachd 
a chum is gum bi thu air do dheanamh geal ann 
na fhuil, agus air do sgeudachadh le ionracas? 
na biodh eagal ort à aon ni dhiu sin, oir tha do 
thighinn a' dearbhadh gum bheil thu de an 



iOl 

àireamh, a thug aii t-Athair do Chriosd, cha 
dean e air aon chor do thilgeadh a mach. 
'' Thigibh a nis," arsa Criosd. " ged robh bhur 
peacannan mar an sgàriaid, bithidh iad geal 
mar an sneachda, ged robh iad dearg mar 
chorcur bithidh iad mar olainn." Isa. i. 18. 

" Agus esan a thig." Is iomadh *' esan" 
iongantach, a thàinig a dh'ionnsaidh losa ann 
an lathaibh f heòla, ach ghabh e riubha gu lèir ; 
gun aon diubh a phiUeadh air falbh : ach 
*'labhaire riubha m'arìoghachdDhèagusleighis 
e iadsan aig an robh feum air leigheas." (LuC/. 
ix. 11 ; iv. 40.) Is briathran iad so, agus 
" esan a thig" a tha n'an culaidh iongantais, 
nach bi aon duine dhiubh a thaobh buaidh 
èifeachd thiodhlaic an Athar ge be air bith co 
iad, na ciod air bith ni a rinn iad, air an diùìt- 
adh, no air an tilgeadh air falbh : ach air an 
gabhail a steach chum compàirteachadh de 
a ghràs shlainteil. Tha e air aithris ann an 
iSoisgeul Lucais, gun ghabh am pobull ''- ion- 
gantas ris na briathran gràsmhor a thàinig a 
mach às a bheul." (Luc. iv. 22.) Nise, is e 
so facal de na briathran gràsmhor : Tha na 
facail so mar shileadh meala : mar tha e air a 
oi^ur sios ann an Leabhar nan Gnà-fhacal 
(Caib. xvi. 24.) '' Mar chìr mheala bha a 
bhriathran taitneach, milis do'n anam, agus 
n'an slàinte do na cnàmhaibh." Tha iad so 
naiì] briathran gràsmhor gu dearbh, cho làn agus 
cho dìleas sa' b'urrainn Ard-Shagart a labhairt. 






rB^^ 



102 

Thuirt Luthar — " 'Nuair a labhair Criosd bha 
beul aige cho farsuinn ri nèamh agus talamh." 
Thuirt e sin, a chum misneach a thoirt do gach 
" esan" peacach a tha tighinn a dh'ionnsaidh 
losa Criosd. Agus do bhrìgh gum beil na 
briathran so fìor, cluinn mar tha e fèin g'an 
daighneachadh. ** Thèid nèamh agus talamh 
thairis, ach cha tèid mo bhriathran-sa' thairis a 
chaoidh." Isa. Ixiii. Mat. xxiv. 35. 

Tha e mar an ceudna air a chòmhdach 
le teisteis nan ceitheir soisgeulach^ a dh'aithris 
gu dìleas cho gaolach sa' ghabhadh e ris gach 
seòrsa pheacach a thigeadh, co dhiu a's chìs- 
rahaoir no strìopaichean iad, no gadaichean, no 
muinntir anns am bi deamhnan, no luchd-cuth- 
aich no seòrsa sluaigh air bith. Luc. xix. 1 — 
10. Mat.xxi.21. Luc. XV. ; xxiii. 41,42. Marc. 
xix. 9 ; V. 9. 

Tha so a' nis' a* taisbeanadh dhuinn. 

Anns a cheud àite. Meud fiùghalachd 
Chriosd. 

Anns an dara h-àite, Deònaichead a chridhe 
chum an fhiùghalachd sin, a chur a mach air 
son slàinte do pheacaich mhòra ma tha iad 
a' tighinn. 

Air tùs, — Tha so a* leigeadhris dhuinn 
meud fhiùghantais Chriosd; oir cha'm f haodair 
a smaointeach gum beil a bhriathran na's mò 
na mhathas, Tha e treun chum fhacail a cho- 
lionadh ; as urrainn e gniomh-foghainteach a 
dheanamh cho raath ri labhairt. Tha esan 



1 



103 

" comasach na h uiie ni a dheanamh, gu h- 
anabharrach ro phailt : thar gach ni as urra 
sinn iarraidh no smuainteachadh," eadhon gus 
an iomal a's faide mach de fhacal. Ephes. 
iii. 20. 

A nise thaobh gun cho-dhuin esan fear 
sam bith a thig, feumaidh sinne cho-dhùnadh 
gur urrainn e tearnadh a chum a' pheacaich 
a's faide mach, neach air bith a thig. 

An saol thu, tha mi ràdh nach do smaointich 
an Tighearn losa mu'n do labhair e? Tha e a 
labhairt na h-uile bhriathar ann am fìrean- 
tachd; uime sin, le fhacal tha sinn a' tuigsinn 
cho treun sa' tha e chum tearnaidh. 

Tha e a' labhairt ann am f ìreantachd ann 
am f ìor dhìlseachd, 'nuair a thoisich e air tog- 
ail na h-aitreabh so de a shoisgeil bheann- 
aichte. Shuidh e air tùs sios agus chunnt e a 
chosgais, agus dh'aithnich e gu'n robh e comas- 
ach crìoch a chur air. 

Ciod a Thighearn, fear air bith, fear air bith 
a thig, do t' ionnsaidh ! Is losa Criosd so a's 
fiach sealltainn ann na dhèigh : is Criosd so 
a's airidh air a thighinn d'a ionnsaidh. 

A nise bu chòir da'n ni so a thoirt oirn' 
beachdachadh air neart nadurrach uile briath- 
ran Dhè agus lan-fhoghantas Chriosd a chum 
tearnaidh a thuigsinn, cha'n ann le ar peacann- 
an fèin, iio le air smaointean, no ar beachdan 
fèin air a ghràs, ach le fhacal, ni a's fior thomh- 
as gràis. 



104 

Agus mar breathnaich sinn mar so, cuiridh 
sinn mi-chliù air a ghràs, agus caillidh sinn 
buannachd fhacail, agus cuiridh sinn gu diamh- 
ain sinn fèin fo eagal ioma mi-mhisneach tre 
thighinn a dh'ionnsaidh losa Criosd. Thani's 
leòir aig neach sam bith a thig bho fhacal 
Chriosd, chum e-fein a bheathachadh le dòchas 
ri slàinte. Mar tha thu uime sin a' tighinn, 
O ! Pheacaich, breathnaich fèin co-dhiu a's 
urrainn Criosd do thearnadh le fìor bhrìgh 
fhacail, gabh beachd air èifeachd fhala, air 
lomlanachd fhìreantachd, agus air buaidh 
eadar-ghuidhe ie fhacal. " Agus an tì" ars 
esan " a thig am' ionnsaidh cha tilg mi air 
ehor sam bith a mach." Air chor sam bith : 
se sin : air son peacadh sam bith. Breath- 
naich uime sin, le fhacal cho comasach sa tha 
e chum do thearnadh. Tha e air aithris ma 
bhriathran Dè r'a clann-Isareil : — " Chan f hail- 
inn a bheag de gach ni math a labhair an 
Tighearna ri taigh Israeil :" thainig an t iomlan 
gu crìch. Agus a rithist, " Tha fios agaibh fèin 
nach d'fhàilinnich, aon ni de na nithibh matha, 
sin uile a labhair an Tighearna bhur Dia, du'r 
taobh, thàinig iad gu lèir gu crich dhuibhse 
cha dThàilinnich aon ni dhuibh. leol. xxi. 
45 ; xxiii. 14. 

A pheacaich a tha tighinn, ciod an gealladh 
a tha thu faotainn ann am briathran Chriosd : 
hgaoil a mach e chum is nach truaill thu e 
agus freagraidh fhuil agus f hiùghalachd gacb 



105 

ni, an ni a their am facal na fhìor bhrìgh a tha 
air a tharruinn uaithe, chum gum faod sinn 
le dànadas ar taic a leagadh air mar so sa 
cheann-teagaisg, thubhairt esan " agus an tì a 
thig," gu neo-shonraichte, agus gun an cuireadh 
a's lugha, no aon neach a thilgeadh air falbh, 
air meud a chionta, ma tha e na pheacach a tha 
tighinn, meas uime sin, gum beil thusa ge be 
air bith thu, ma tha thu tighinn air do shon- 
rachadh anns na briathran so : ni mò a ni e 
lochd sam bith air Criosd ged a ghlac thu e 
air fhacal mar rinn Benhadad seirbheiseach 
Ahab, 

'Nise choimhid na daoine gu dichiollach a 
dh'fheuch an tigeadh ni air bith uaithe-saii 
(se sin ri ràdh facal idir de ghràs) agus glac 
iad air ball e, agus tharìadh gun do ghairm 
Ahab ri Benhadad, a bhràthair, thuirt na daoine 
air an aobhar sin " do bhràthair a Bhenhadad I" 
ga ghlacadh air fhacal (1 Righ. xx. 33.) A 
pheacaich, a tha tighinn buin thusa ri losa 
Criosda mar so, agus gabhaidh se e gu math 
dhe do làimh. 'Nuair a thubhairt e an cù 
ris a bhana Chananiteach, ghlac sì e air fhacal, 
agus thuirt i : — " Is tior a Thighearna, fòs, 
itheadh na coin dhe an spiùileach a thuiteas 
o bhòrd am maighistir/' Tha mi' g ràdh ghlac 
i e air fhacal, agus ghabh e sin gu caoimhneil 
uaipe, agus thubhairt e : '' O ! bhean is mòr do 
chreideamh agus biodh agad da rèir." Glac e 
a pheacaich a tha tighinn, glac e air f hacal, gu 



106 

cìnnteach gabhaidh e sin uat gu caoirahneil, 
agus cha bhi corraich aìr ruit. 

A rithist, Is e an ni eile nochd mi dhut bho 
na briathran so, cho deònach sa' tha Criosd air 
a thròcairean slainteil a' bhairigeadh air a 
pheacach a's mò ma tha e tighinn. ^' Agus 
esan a thig am' ionnsaidh cha tilg mi air chor 
sam bith a mach." 

Cha'n eil am peacach a tha tighinn na làn- 
dhùisg a' cur teagamh ann an cumhachd 
Chriosd, ni mò tha e cur teagamh ann na 
dheònaichead a' chum tearnaidh. " Thighearna 
mas àile leat tha thu comasach," arsa neach 
roimhe so. (Marc. i. 40.) Cha do chuir e 
chumhachd an teagamh ach a thoil, Cho-dhuin 
e gr:n robh e comasach, ach cha robh e cho 
lai5- iearbhta gu feuchadh e ri dheanamh. Ach 
thg uirread a dh' aobhar againn a chreidsinn 
gu'n dean se e sa' th' againn air a chreidsinn, 
^xxT comas dà, agus gu dearbha tha còmhdach 
air an dà ni bho fhacal Dè. Mar a robh e 
toibach c'arsona gheall e? A pheacaich a tha 
tighìnn tabhair so fainear •. b'àbhaist dhuinn a 
bhi ^agradh ghniomhan caoimhneil air daoine, 
agus e'arson nach tagair sinn iad air Dia mar 
an ceudna ? Tha mi cinnteach nach mò tha 
dh* aobhar again air aon ni, na th' againn air an 
nì eile. Oir tha againn ris a' gheaìladh agairt 
air ac Dia fhìor agus dhìleas. Ghlac lacob e 
ann an sin : *' Agus thubhairt thu," ars esan, 
'* gu oinnteach ni mi math dhut." (Gen. xxxii. 



107 

12.) bho'n ghealladh so cho-dhuin e gun robb 
e toileach. 

Tha'n Ceann teagaisg a' toirt ni-eigin de 
dh' aobhar dhuinn, a shamhail sin de cho- 
dhunadh a tharruinn, " Esan a thig cha tilg 
mi air chor sam bith a mach/' Ann an so tha 
thoil air a cur an cèill cho math ri chumhachd, 
's fiù dhut a' thoirt fainear gum bu mhò a 
ghabh creideamh Abrahaim a bheachd air 
cumhachd Dhè na ghabh e air a thoil ; se sin 
tharruinn e a cho-dhùnadh. «' Bithidh leanabh 
agam," a thaobh cho comasach, sa bha Dia air a 
ghealladh a cho'-lionadh dha. Oir cho-dhuin 
e gun robh e toileach leanabh a thoirt dha, oir 
neò nach gealladh se e. 

Cha do chuir e gealladh Dhè an teagamh 
tre mhì-chreideamh : ach bha e laidir ann an 
creideamh, a' tabhairt glòire do Dhia : a' làn- 
chreidsinn, gum b'urrainn e an ni a gheall e a 
thoirt gu crlch. (Rom. iv. 20, 21.) Ach 
nach robh a chreideamh air fheuchainn, no air 
a dhearbhadh, ma thiomchioll a thoile mar an 
ceudna.?* Cha robh. cha robh aon aobhar air 
an sin, a' thaobh is gun gheall se e. Mar a 
geailadh dh'f haodadh e gu dligheach a chuir 
an teagamh : ach a thaobh is gun gheall se e, 
cha robh ceann fath sam bith air a chuir an 
teagamh, a thaobh gun robh a rùn ann am mac 
a thoirt seachad air a làn dhearbhadh le e 
ghealltain mac a thoirt dha. 

Tha na briathìan uime sin, nan làn-stèigh a 



108 

chùm misneach a thoirtdo pheacach sam bith 
a tha tighinn gum beil Criosd cho toileach 'sas 
urrainn e a' ghabhail da ionnsaìdh : agus a 
thaobh gum beil cumhachd aige an nì a's toigh 
leis a dheanamh ; cha'n eil ceann-fàth sam bith 
aig peacach teagamh a chur ann : ach a thigh- 
inn le làn-dòchas gur h-e bheatha, Agus a 
bhi air a ghabhail a steach a chum gràs agus 
tròcair, '' Agus esan a thig." Cha dubhairt 
e, agus esan a thàinig, ach esan a thìg, se sin, 
esan aig am beil a chridhe gluasad am' dhèigh 
a tha fàgail na h-uile air mo sgàth, esan a tha 
sealltainn a mach a ta air a shlighe do'm ìonn- 
saidh. Feumaidh sinn uime sin eadar-dheal- 
achadh a chur eadar a mhuinntir a tha tighinn 
agus iadsan a thàinig. Tha esan a thàinig 
cheana a' mothachadh ni's cothromaiche gum 
beil aige an nì a bha roimhe sin a dh'uireas- 
bhuidh air, na tha esan nach eil ach a' tighinn. 

Tha cothrom aige-san a thàinig cheana a 
dh'ionnsaidh Chriosd air-san nach eil fathast 
ach a' tighinn, agus sin ann an seachd nithibh. 

Anns cC cheud àite. Tha esan a thàinig a 
dh'ionnsaidh Chriosd ni's dlùithe dha na tha 
antì sin nach eil ach ti' tighinn da ionnsaidh ; 
oir tha esan nach eil ach a' tighinn da ionn- 
saidh, fathast ann an seadh cian uaithe, mar 
tha e air aithris mu'n mhac stròghail, '* Ach 
air dha bhi fathast fad uaithe." (Luc. xv. 20.) 
Nis' is e esan as dlùithe dha a's fearr fradharc 
air, ftgus a's comasaich air a bhreth a's fearr a* 



109 

thoirt aìr a ghràs iongantaich agus a mhaise, 
mar thubhairt Dia; '' Thigeadh iad am fagus 
an sin labhradh iad/' Agus mar thubhairt an 
t-Abstol Eoin, " Agus chunnaic sinne agus 
tha sinn a' deanamh fianais, gun do chuir an 
t-Athair am Mac uaithe mar Shlànaighear an 
domhain." (Isa. xli. 1. 1 Eoin iv. 14.) Cha'n 
eil esan a tha tighinn ged do tha e tighinn 
fathast deas, a thaobh nach eii e gu dearbha 
comasach luach agus glòir gràs Chriosd a 
bhreathnachadh mar an tì sin a thàinig agus a 
chunnaic e. Uime sin a pheacaich cuir dàil ann 
ad breathanas gus an tig thu ni's faid' air 
t-aghaidh. 

Anns an dara h-àite. Tha*n cothrora aige-san 
a thainig a dh'ionnsaid Chriosd, thar an f hir 
nach eil ach a'tighinn; se sin tha uallach air a 
dheanamh ni's so-iomchair, ach esan a tha 
tighinn chan eil e faotainn faothachadh bho 
uallach. (Mat. xi. 28.) Esan a thàinig thilg e 
uallach air an Tighearna. Tre chreideamh 
f huair se e fèin air a shaoradh bho uallach, ach 
esan nach eil ach a' tighinn tha uallach fathast 
aìr a mhuin, agus tha làn-mhothachadh aig air 
a chudthrom air a ghuailean. " Thigibh do'ra 
ionn«aidh-sa* sibhse tha ri saothair agus fo 
throm uallach." Tha so a' nochdadh gura 
beil an uallaich ged a tha iad a' tighinn fathast 
air an druim, agus is amhail a bhios gus am bi 
iad da rìreadh air tighinn. 

Anns an ireas àite, Tha'n cothrom aigesan 

L 



110 

a thàinig a dh'ionnsaidh Chriosd thar an tì 
nach eil ach a' tighinn, anns an ni so mar an 
ceudna, se sin ri ràdh, dh'òl e de dh'uisge 
milis na beatha a' dh'ùraicheas an t-anam ; 
ach cha d'òl an tì sin nach eil ach a' tighinn. 
<* Ma tha pathadh air duine thigeadh e do'm 
ionnsaidh-sa agus òladh e." 

Tabhair fainear, feumaidh gu'n tig e mu'n 
òl e do rèir mar labhair am faidh ; " Ho ! gach 
neach air am bheil tart thigeadh e chum nan 
uisgeachan." Cha'n òl e am feagh a tha e a' 
tighinn, ach 'nuair a thig e chùm an uisg' òlaidh 
e. Eoin. vii. 37- Isa. Iv. 1. 

Anns d! cheathramh àite* Tha'n cothrom 
aige-san a thàinig a dh'ionnsaidh Chriosd thar 
an tì nach eil ach a' tighinn, anns an ni so, 
mar an ceudna, se sin ri ràdh, chan eil e fo 
uabhas roimh 'n f huaim, agus mar a dh' f haod 
as mi ràdh, roimh an èighe tha fear-diolaidh 
na fala a' cur suas aig a shailtean-san nach eil 
fathast ach a' tighinn, a dh' ionnsaidh Chriosd. 
'Nuair a bha am mortair air an ruaig a chum 
a bhaile dhiona bha fuaim agus eagal fear- 
diolaidh na fala aig a shàiltean, ach an uair a 
f huair e staigh do'n bhaile sguir am fuaim, 
eadhon, is amhail a bhios e dhasan a tha tighinn 
a dh' ionnsaidh Chriosd, tha e cluinntinn iom- 
adh fuaim uabhasach ann na chluasan, toirm 
bàis agus damnaidhy ni bho 'm beil esan a tha 
cheana air tighinn saor. Uìme sin thubhairt e. 
'* Thigibh agus bheir mise dhuibh fois." Agus 



111 

thubhairt e rithist mar an ceudna, oir tha sinne 
chreid a dol a steach do shuaimhneas, &c. 
Eabh. iv. 

Anns a' chùigeamk àiie* Uime sin, cha'n eil 
esan a' thàinig a dh'ionnsaidh Chriosda cho 
buailteach do na smuaireanan so a tha sruthadh 
bho bhuaireadh fraoich ionnsaidhean an aoin 
eucoraich, mar a ta an tì sin nach eil fathast 
ach a' tighinn a dh'ionnsaidh Chriosd (ged a 
tha bhuairidhean fèin aige-san mar an ceudna) : 
Agus am feagh a bha e fathast a teachd thilg 
an deamhan sios e, agus reub sè e." (Luc. ix. 
42,) oir tha aige-san, (ged tha Sàtan fathast a 
beuchdaich air,) na sòlasan agus na h-ùrach- 
aidhean fèin-fhiosraichte, se sin r'a ràdh, na 
thaigh-tasgaidh fèìn,a chume-fèin a'chuideach- 
adh leis ann an àm buairidh agus carraid, ni 
nach eil aige-san nach eil fathast ach a' tighinn. 

Anns an t-shè'amh àite, Tha'n cothrom 
aige-san a thàinig a' dh'ionnsaidh Chriosd thar 
an tì nach eil fathast ach a' tighinn, anns an 
ni so mar an ceudna, se sin ri ràdh, tha 
chulaidh bhainnse, uime, &c. ach chan eil an 
trusgan sin air an tì nach eil ach a' tighinn. 
Cha robh mar èideadh air a' mhac stròghail an 
uair a bha e tighinn a dh'ionnsaidh Athar ach 
luideagan, agus bha e air a chlaoidh le gort : 
ach an uair a thàinig e, chaidh a' chulaidh a 
b'fhearr a thoirt a mach, mar an ceudna fàine 
òir agus na brògan, seadh, bha iad air an cur 
uime chum a mhòr ghàirdeachais. Chaidh 



112 

an laogh biata mharbhadh dha, agus an ceòì a 
chur suas gu dheanamh subhach, agus mar so 
sheinn an t-Athair fein ma thiomchioll: — 
" Bha mo mhac so marbh agus tha e beò a 
rithist, bha e caillte agus f huaradh e." Luc. xv. 
24. 

Anns an t'sheachdamh àite, A dh'aon f hacaL 
esan a thàinig a dh'ionnsaidh Chriosd tha 
osnaich agus a dheòir, imcheist agus eagal, 
air an tiunndaidh gu òrain agus cliù-mholaidh, 
a thaobh is gun d' fhuair e nise rèite agus earlas 
air oighreachd shiorruidh ni is e tiomnadh 
seulaichte an spioraid Naoimh' tre chrathadh 
fala losa Criosd air a chogais, oir chan eil e 
fathast air teachd. Rom. v. 11. Eph. i. 13. 
Eabh. xii. 22—24. 

Agus an ti a Thig, Tha ni's mò gu bhi air 
a chnuasach bho na briathran so^ a thig, anns 
na pongan so a leanas : — 

Anns a' cheud àite. Gum beil sùilean losa 
Criosda a' toirt fainear ceud ghluasad cridhe 
a' pheacaich da ionnsaidh. A pheacaich a tha 
tighinn chan urrainn thu gluasad le miann a 
dhol an dèigh Chriosda gun esan gniomh nan 
tograidhean so f haicinn ann ad chridhe " Tha 
mo mhiann uile ann ad lathair," arsa Daibhidh, 
" agus cha'n eil m'osnaich folaichte uat" 
(Salm. xxxviii. 9,) mar sud a labhair e am 
feadh a bha e tighinn, (an deigh dha cùl- 
sleamhnachadh) a dh'ionnsaidh an Tighearna 
losa Criosd. Tha e air aithris mu n mhac 



113 

stròghail " air dhabhi fathast fad as, chunDaie 
athair e" agus bha a shùilean air, agus dh' 
f hosgail e dol a mach a' chridhe na dhèigh. 
Luc. XV. 20. 

'Nuair a thainig Natanael a dh'ionnsaidh 
losa Criosd, thuirt an Tighearna riusan a sheas 
'na lathair ; — ^' Feuch Israelach da rìreadh 
anns nach eil cealg." Ach f hreagair Natanael 
esan, agus thuhhairt e ; — " C'iomnas as aithne 
dhut mise ?" An sin thuirt losa, " Mu'n do 
ghairm Philip thu 'nuair a bha thu fo'n chrann 
f hìge chunnaic mis thu." Anns an ionad sin 
tha mi saoilsin gu'n robh Natanael a! dortadh 
a mach anma air-son tròcair, no gu'm faigheadh 
e tuigse cheart mu thimchioll a Mhasia a bha 
gu teachd agus chunnaic losa uile obair a 
chridhe threighdhirich so aig an àm. Eoin. i. 
47—48. 

Mar an ceudna bha smuaintean diomhair 
a gluasad ann an cridhe Shacheuis an geall air 
losa Criosd, an uair a ruith e air aghaidh, agus 
a streap e suas ann an craoibh a chum f haicinn, 
agus bha sùil an Tighearn losa Criosd ga amh- 
arc, uirae sin an uair a ràinig e an t-àite, sheall 
e suas ris agus dh' iarr e air tearnadh " oir" 
(ars esan) " is èiginn dhomhsa stad an diugh 
aig do thigh,'* se sin ri ràdh, a chum obair a' 
ghràis a dheanamh nì b'iomlaine 'na anam. 
(Luc. xix. 2 — 9.) Cuimhnich so a' pheacaich 
a' tha tighinn. 

Anns an dara h-àite, Eadhon, niar bha sùil 



114 

losa Criosda ga araharc, is amhail a tha a 
chridhe fosgailte chura ara peacach a thig da 
ionnsaidh a gabhail a staigh, tha so air a chomh- 
dachadh leis a' cheann-teagaisg : — " Agus an tì 
a thig ara' ionnsaidh cha tilg mi air chor sam 
bith a mach e," tha so mar an ceudna air 
f hoillseachadh le e bhi 'g ullachadh na slighe 
agus ga deanamh socrach do'n pheacach a tha 
tighinn da ionnsaidh, agus tha sin air a chur 
an cèill leis na briathran beannaichte so : — 
" Cha tilg mi air chor sam bith a mach e ;" 
" Agus air dha bhi fathast fad uaithe chunn- 
aic athair e agus ghabh e truas mor dheth agus 
ruith e^ agus thuit e air a mhuineal agus phòg 
86 e." (Luc. XV. 20.) Tha na briathran so gu 
ièir a' làn-chòmhdach gum beil cridhe Chriosda 
fosgailte chum am peacach a tha tighinn a 
ghabhail da ìonnsaidh. 

Jnns an treas àite, Mar tha sùilean Chriosd, 
ag amharc agus a' chridhe fosgailte chum am 
peacach a tha tighim a gabhail da ionnsaidh is 
ionan a shonraich e cheana nach cuir ni sam 
bith èis air a chridhe chum am peacach a tha 
tighinn da ionnsaidh a chumail a mach. Cha 
chuir peacannan a' pheacaich a tha tighinn no 
faideid na h-ùine bhnanaich e annta, air chor 
sam bith air an Tighearn losa am peacach a 
tha tighinn a dhiùitadh. A pheacaich a tha 
tighinn, tha thu tighinn a chum losa Criosda 
caomh. 

Anns a cheathromh àite. Thàinig na bhriah- 



115 

ran so uime sin, bho bhilibh beannaìchte-san, 
chura agus gun glacadh ani peacach a tha 
tighinn misneach ann am buanachadh aìr a 
thuras, gus an tig e da-rìreadh gu losa 
Criosd. Bha e gu dearbha na mhòr mhìs- 
neachdoBhartimeus dall gun do stad losa, agus 
gun do ghairm se e, nuair a bha e glaodhaich 
** losa Mhic Dhaibhidh dean tròcair orm." 
Uime sin tha e air aithris gun do thilg e uaithe 
f haluinn, " gun d' èirich e suas agus gun tàìnig 
e dh'ionnsaidh losa." (Marc x. 46.) Nise, 
ma tha lethid de mhisneach aig gairm a' chum 
tighinn ann fèin. Ciod e gealladh a lethid, a 
ghabhail a steach ach misneach as ro mhò ? 
Agus tabhair fainear ged a f huair e gairm gu 
tighinn, gidheadh a chionn nach dh'f huair e 
gealladh, bha chreideamh air èigneachadh gu 
oibreachadh air fiòr bheag dòchais, a gràdh, 
ghairm e mi, agus a's cinnteach a chionn gun 
ghairm e mi gun toir e dhomh mo mhiann. 
Ach a pheacaich a tha tighinn, cha ruig thusa 
leas a dhol cho fad mu'n cuairt, ris an nì so a 
thoirt a' steach ; a thaobh gum beil gealladh 
dearbhta agad, " agus an tì a thig am' ionn- 
saidh cha tilg mi air chor sam bith a mach e." 
An so tha e làn-shoilleir, seadh, gach misneach 
a's urrainn neach iarraidh, oir ged do bhiodh 
cead agad fèin gealladh a shonnrachadh, agus 
gun geailadh Criosd gu'n co-lionadh e an geail- 
adh sin air a pheacacii a tha tighinn da ionn- 
saidh ; am b'urrainn thu gealladh n'a b'fhearr 



116 

a dhealbh ? Am b'urrairni tliu geaìladh ni bu 
làine, ni bu shaoire no ni b'f harsuinne dheann- 
amh? Gealladh a tha'g amharc air ceudgluasad 
a chridhe an dèigh losa Criosda, gealladh a ta 
cur an cèill, seadh, agus a' cur muinntearas air 
losa Criosd gu chridhe fhosgladh chum am 
peacach a tha tighinn a ghabhail a sleach, agus 
osbarr a' tha còmhdachadh, gun shonraich losa 
Criosd gu gabh e da ionnsaidh gu saor, agus 
nach tilg e air aon chor a mach^ agus nach 
diùlt e anam a' pheacaich a tha tighinn, oir 
tha gach ni dhiu so 'nan laidhe gu h-iomlan 
anns' a' ghealladh so, agus a' sruthadh gu na- 
durrach uaithe. Air an aobhar sin, cha ruig 
thu leas abhi 'g iarraidh argamaidean domhain. 
A pheacaich a tha tighinn tha na briathran 
soiUeir ; " an tì sin a thig am' ionnsaidh cha 
tilg mi air chor sam bith a mach e.'' 

" Agus an tì a thig, &c." Tha dà sheòra 
pheacach a' tha tighinn gu Criosd. 

Anns a cheud àite» Esan nach do thòisich ach 
air tighinn o' cheann ghoirid. 

Anns an dara h'àite^ Esan a thàinig roimhe, 
ach an dèigh sin a chaidh air ais, ach bho'n 
uair sin a thòisich air smaointeach air fèin, 
agus tha e nis' a' tighinn. 

Tha'n dà sheòrsa pheacach so air an ciall- 
achadh leis-san anns a' cheann-teagaisg, mar 
a ta e soiUeir a thaobh gur peacaich a tha tigh- 
inn lid a nise le chèile^ 



117 

" Agus an ti a tliig," &c. Oir is e a' cheud 
f hear dhiu so am peacach nach do thòisich ach 
air tighinn o cheann ghoirid, tha'n t-slighe nise 
ni's socraiche dha^ chan eil mi 'g ràite nj's rèithe 
agus ni's fosgailte chum a thighinn gu Criosd 
na tha i do'n f hear eile, chan eil aig an fhear 
ma dheireadh meaìl salachair a chogais chion- 
taich an crochadh ri shàiltean, ach uiìe 
mhisneach an t-Soisgeil leis gach cuireadh 
a tha iad a' gabhail a staigh do pheacaich a 
tha tighinn. Cho saor agus cho fuasgailteach 
do'n aon sa tha e do'n aon eile, chum is gum 
faod iad araon leis an aon saorsa agus chomas 
mar bho'n fhacal an còir air a' ghealladh 
agairt. Tha gach ni deas air son an fhìr 
chul-sleamhnaich a tha tighinn cho math rìs 
an aon eile. " Thigibh a chum na bainnse : 
agus thigeadh esan air am beil pathadh. 
(Matth. xxii. 1. 4 Taisb. xxii. I7.) Ach air 
dhomh labhairt mu'n cheud fhear dhiu so 
cheana leigidh mi anns an àm e seachad, agus 
labhraidh mi facal no dhà ris-an a tha tighinn 
a dh'ionnsaidh losa Criosda a dh'iaraidh beatha 
an dèigh dha cùl-shleannachadh. 

Tha'n t-slighe O pheaeaich a th' air do 
dhath dà uair I Tha'n t-slighe fosgailte gu 
tighinn a dh'ionnsaìdh losa Criosda : Tha 
mi ga do chiallachadh-sa, aìg am beil do 
chridhe an dèigh dhut a bhi greìs fhada a' 
cùl-shleamhnachadh a' smaointeach air tiunn- 
daidh ga ionnsaidh a rithist — Tha'n t-slighe 



J18 

tha mi 'g ràdh cho fosgaìlte dhasan sa tba i 
do'n t-seòrsa eile tha tighinn, mar tha e air a 
nochdadh leis na briathran a leanas : — 

Anns a' cheud àiie, A thaobh nach eil 
ni sam bith anns a' cheann-teagaisg na 
aghaidh. Chan eil e 'g ràdh neach sam bith 
ach fear cùl-sleamhnaich, cha'n eil an ceann- 
teagaisg na aghaidh, ach gu neo-dhearmadach 
a sgaoileadh a ghàirdeanan òir gu farsuinn 
fiall do gach peacach a tha tighinn gun an 
dearmad is lugha: uime sin faodaidh tu' 
tighinn. Agus tabhair an aire nach dùin 
thu an dorus an aghaidh t-anma le as-cbreid- 
eamh, a dh'f hosgail Dia dhut na ghràs. 

Anns an dara h'àite. Nieadh,tha'n ceann-teag- 
aisg cho fada bho bhi cur an aghaidh do 
thighinn is gur ann a tha e toirt sanus gur tu 
h-aon de na h-anmaibh a shònraicheadh. O ! 
thusa f hir-chul-sleamhnaich a tha tighinn ; 
mar fior sud, c'arson a labhradh na briathran 
so ? " Cha tilg mi air aon chor a mach e." 
Ged a bha iadsan a tha tighinn an dràst roimhe 
a' cùl-sleamhnachadh : Cha tilg mi air aon 
chor a mach fear na neo-ghlainne, an sanntach, 
an t-ana-cainnteach, am pòitear, no gach pea- 
cach coitcheann eile, ni mò am fear cùl-slea- 
mhnach. 

Anns an treas àite, Tha e soilleir gum beil 
am fear a chùl-sleamhnaich air a shònrachadh. 

Anns d cheud àite, A thaobh gu'm beil-sa 
cur da ionnsaidh air ainm, *' Ach imichibh, 



119 

innsibh da dheìs-cioblaibh agus do Pheadar." 
(Marc xvi. 7) Ach bha Peadar na dhuìne 
diadhaidh. Is fìor sin, ach bha e mar an ceudna 
na fhear cùl-sleamhnachaidh ; dh'aicheadh 
e a mhaighistear aon uair, dà uair, trì uairean, 
a' bòideachadh agus a mionachadh nach b' 
aithne dha idir e. Mar bu chùl-sleamhnach- 
adh so, mar bu chùl-sleamhnachadh àrd agus 
urramach so, seadh cul-sleamhnachadh is mò 
na 's urrainn thusa dheanamh; smaointich mise 
gu mearachdach. 

A rithist, an uair a chùl-sleamhnaich 
Daibhidh agus a rinn e adhaltranas agus mort 
ann na chùl-sleamhnachadh b'eudar eur da 
ionnsaidh air ainm. '< Agus chuir an Tigh- 
earna Nàtan a dh'ionnsaidh Dhaibhidh." Agus 
thubhairt e ris an dèigh dha a thoirt gu 
aideachadh neo-chealgach, " Mar an ceudna 
chur an Tighearna air falbh do pheacadh." 
2 Sam. xii. 13. 

Bha'n duine so mar an ceudna air dol fad 
air ais : ghabh e da ionnsaidh bean duin' eile 
agus mharbh e a còmpanach, agus rinn e 
dichioll air na h-uile chleth le cuilbheartan 
aingidh. Rinn e so tha mi 'g ràìte an dèigh 
do Dhia àrdachadh agus mor chaoimhneas a 
nochdadh dha : air an aobhar sin bha chiont 
air a mheudachadh leis an fhaidhle an-trom- 
achadh mòr, gidheadh, ghabhadh ris, agus sin 
le èibhneas, anns a' cheud cheum a rinn e air 
aghaidh a dh'ionnsaidh Chriosda. Oir is e 



120 

ceud cheum pilleadh an f hir chùil-shleamhnaich 
ag ràdh gu mothachail agus gu neo-chealgach, 
pheacaich mi, ach cha bu luaithe a thubhairt e 
so na bha mathanas air a nochdadh, seadh, air 
a thilgeadh na uchd. " Agus thubhairt Natan 
n Daibhidh chuir an Tinhearna mar an ceud- 
na air falbh do pheacadh." 

Anns an dara h-àite, Mar a tha am fear 
cùl-sleamhnach air a' ghairm air ainm, is 
amhail a ta a' pheacadh, chum mas a comasach 
e, gum bi gach ni an aghaidh thu phiUtinn gu 
Criosd air a thoirt às an rathad : Tha mi 'g 
radh,tha do pheacadhairaghaìrm air ainm, agus 
air a raheasgachadh (mar a dh'ainmaicheadh) 
le briathran gràis agus caoimhneis. " Leigh- 
isidh mise an cùl-sleamhnachadh, ghràdhaich 
mi iad gu saor.'' (Hos. xiv. 4.) Ciod a their 
thu nise f hir a chùil-shleamhnaich ? 

Anns an treas àite, Fòs, nis faide chan eil 
thu a mhain air do ghairm air t'ainm agus air 
do pheacadh a rèir an nàduir de'm beil e, ach 
thusa fèin, a tha na dThear cùl-sleamhnach a 
tna a nis' air pilleadh, ach. 

Anns a' cheud àite. An measg Israel De. 
'* Pillibh, O chlann chùl-sleamhnach, deir an 
Tighearn," aguscha leig mi le mo choraich tuit- 
eam oirbh " oir tha mi tròcaireach, ars an Tigh- 
earn, agus cha chum mi m*f hearg gu bràth." 
ler. iii. 14. 

Anns an dara h-àite. Tha thu air do chur 
a iiieasg a' chloinne, measg a' chloinne ris ara 



121 

beil e pòsda, " Pillibh a' ehlann eùl-sleamhnach 
oir a ta mi pòsda ribh." Rann 14. 

Anns an treas àite, seadh, an dèigh so nile 
mar gum biodh a' chridhe làn gràis daibh ; gun 
robh e air a theannachadh gus na labhair se e 
*nan lathair, thubhairt e : — " Pillibh a chlann 
cul-sleamhnachleighisidh misebhur cùl-sleamh- 
nachadh." 

Ann d cheathramh àite. Seadh, ni's faide, 
thug an Tighearna fainear gun do dhùin nàire, 
do pheacaidh do bheul, agus gun dh'f hàg sin 
gu ire bhig thu 'n ad' dhuine gun ùrnaigh, uime 
sin thubhairt e riut. '^ Thugaibh leibh briath- 
ran agus piUibh ris an Tighearna." Faic a 
ghràs, e-fèin a bhi cur bhriathran misneachail 
a dh'ionnsaidh cridhe fir cùl-sleamhnaich ; 
mar a thubhairt e ann an àit' eile ; ^' Theag- 
aisg mi fòs do dh' Ephraim coiseachd 'gan 
togail ann am ghàirdeanaibh." Is e so gu 
dearbha coiseach a' theagasg dà, a' chumail 
suas air ghàìrdeanaibh : air smig mar their sinn. 
(Hos. xiv. 2—4; xi. 3.) 

Bho 'n chaidh a ràdh tha mi a co-dhùnadh 
dìreach mar thubhairt mi roimh gum beil an 
" tt" anns a' cheann-teagaisg agus an " tì a 
ihig^'a! gabhaila staigh andà sheòrsa pheacach, 
uime sin bu chòir dhaibh araon a thighinn gu 
saor. 

Ceist. Ach ciod a tha losa Criosd ann an 
uile bhriathran an Tiomnaidh Nuaidh ag ràdh 
le briathran gràis agus sìthe ris an f hear-chul- 

M 



122 

sleamhnach a phìll ? Oir aìr son na tharruinn 
thu fathast as an Tiomnadh Nuadh, tha e mar 
neoni ach brìgh a' chinn-teagaisg. Gu dearbh 
is ceann-teagaisg làn e air son peacaich f heol- 
mhor aineolach a tha tighinn: ach dhomhsa tha 
nam fhear-cùl-sleamhnach chan eil e tabhairt 
ach ro-bhear fuasglaidh. 

Freagairt. Anns a' cheud àite. Cionnas nach 
eil ach beag misnich air a thoirt bho 'n cheann- 
teagaisg, 'nuair a tha e air a ràdh, " Cha tilg 
mi air chor sam bith a mach e !" Ciod tuiUeadh 
a b'uirrte ràdh ? Ciod a th'air a dhearmad a 
dh'f haoite ràdh chum an gealladh a dheanamh 
nì bu làine agus ni bu shaoire ? Fòs, gabh gach 
uile ghealladh sa' Bhioball, gach gealladh a's 
saoire le'm briathran eugsamhail de gach 
farsuinneachd agus nàdur agus cha'n urrainn 
iad a' thighinn ni's airde na briathran a' gheall- 
aidh so. " Cha tilg mi air chor sam bith a* 
mach." Cha tilg mi air son ni sam bith, no 
air son aobhar sam bith, ge be air bith mar 
pheacaich iad, ge be air bith mar chùl-sleamh- 
naich iad, ge be air bith mar bhrosnaich iad, 
cha tilgear a mach na peacaich a tha tighinn. 
— Ach. 

Anns an dara h-àite, Tha thu 'g ràdh. C'àite 
beil losa Criosda ann an uile bhriathran an 
Tiomnaidh Nuaidh, a' labhairt ri fear-cùl- 
sleamhnach a tha pilleadh le briathran gràis 
agus sìthe a ta fo ainm fear cùl-sleamhnaich ? 

Freagairt. Far am beil iomadaidh eiseam- 



123 

plair ann an gabhail a steach luchd-cùil-sleamh- 
nachaidh, tha ni's lugha dh'f heum air briathran 
a chum na crìche sin. Tha aon ghealladh mar 
an ceann-teagaisg leis na h-eiseamplairean a ta 
fuaighte ris a' seasamh,air son ioraadh gealladh. 
Agus osbarr, tha mi smaointeach gum beil an 
dòigh ghabhail a staigh cho misneachail, mar 
a h-eil am barrachd,thar gealladh lom air gabh- 
ail a' steach Oir tha ghabhail a steach agus 
a cho-lionadh anns a' ghealladh, mar sin anns 
an t-Seann Tiomnadb, tha'n gealladh agad, 
agus anns an Tiomnadh Nuadh a cho-lionadh, 
agus sin ann an iomadh eiseamplair. 

Anìis a cheud àite. Dh'aicheadh Peadar a 
mhaighstear aon uair, dà uair, trì uairean, agus 
sin le bòid fholaiseach, gidheadh ghabh Crios- 
da ris a rithist gun stad, gidheadh shleamh- 
naich e, thuislich e, thuit e rithist ann am 
fìor chealgaireachd, agus sin a chum dòlais 
agus tuiteam iomadaidh eile, ach chan eil 
Criosda cur aon diù so mar cheap-staraidh an 
aghaidh a shlàinte, agus ghabh e ris a' rithist 
an uair a phiU e mar nach biodh fìos aige air 
aon de lochdan. Gal. ii. 

A?ins an dara h-àite, Chùl-sleamhnaich a* 
chuid eile de na h-abstoil gu ièir, agus thrèig 
iad an Tighearn losa ann a theanntachd bu 
mhò : «< Am sin thrèig na deisciobail uile 
e agus theich iad, (thionndaidh iad mar a 
dh'innis e roimh làimh) gach duine gu chuid 
fèin, agus dhThàg iad e na aonar;" ach somar 



124 

an ceudna leig e seachad mar nì ro eutro«i 
ged nach robh e mar sin ann fèin, ach leis an 
lànachd gràis a bha annsan leig e leo dhol 
seachad gu h-eutrom, oir an dèigh dha èiridh 
o na mairbh cha tug e dhaibh an t-achmhasan 
bu lugha aiv son mar dhearmaid iad e> ach ga 
f hàilteachadh le briathran gràis, ag ràdh : — 
" Fàilte dhuibh na biodh eagal oirbh, sìth gun 
robh agaibh, tha gach cumhachd air nèamh 
agus talamh air a thoirt dhuibh." Is fior gun 
chronaich se iad air son an as-creideamh, agus 
tha thusa a* tòilltinn a lethid eile air son an ni 
cheudna, oir is e as-creideamh na aonar a 
tha fuadach Chriosd agus a shochairean 
uainn. Mat. xxvi. ò6; xxviii. 9 — 11. Eoin. 
xvi. 52. Luc. xxiv. 39. Marc. xvi. 14. 

Anns an treas àite» Chuir an duine 'laidh le 
bean athar an dèigh mòran aidmheil mor eu- 
ceart an gniomh, eadhon a shamhail cha chualas 
'sna laithibh sin, cha chualas am measg nan 
cinneach. Ged a bha e so na fhear cùl- 
sleamhnach an-tromach : Fòs, an uair a 
phill e bha e air a ghabhail a' steach a chum 
tròcair. 1 Cor. v. 1, 2. 2 Cor. ii. 6—8. 

Anns a' cheathramh àite, Chaidh iarraidh 
air a ghadaich' a roinn goid^ gun ghoid a dh- 
eanamh ni's mò, gun a bhi cur idir an teagamh 
nach robh Criosd ullamh chum a shamhail 
so de chùl-sleamhnachadh a mhathadh dha. 
Eph. iv, 28. 

Nis' is eiseamplair so a ta taisbeanadh cbo 



125 

ullamh sa tha Criosd chuin am fear cùl- 
sleamhnach a ghabhail gu tròcair. Agus 
tabhair fainear, tha eiseampleirean agus dearbh- 
aidhean gun d'rinn e sin na mhisneach a*s 
treine do na cridheachan mi-<3hreideach 
againne na tha na geallaidhean loma gun 
dean e mar sin, — Ach a rithist chuir an Tigh- 
earna losa riubha so a chum misnich a thoirt 
do'n f hear-chùl-shleamhnach a tha tighinn da 
ionnsaidh. 

Anns d cheud àite> Gairm e iad a' thighinn, 
agus gu'n gabhadh e riubha. Taisb. ii. 1 — 5, 
14—16, 20—22 ; iii. 1, 3, 15—22. Uime sin 
tha misneach aig luchd cùl-sleamhnachaidh an 
Tiomnaidh Nuaidh a' thighinn da ionnsaidh. 

Anns an dara h-àite. Tha dearbhadh air 
cho ullamh sa ghabhair riubhsan a' thig, mar an 
so sa* cheann-teagaisg, agus ann an iomadh àite 
eile soilleir : " Cuir suas dhut fèin comharan 
slighe deann dhut fèin comharan àrda : (de 
ghràs òir an t-Soisgeil,) cuir do chridhe ris an 
t-slighe air an d' imich thu, (an uair a' chùl- 
sleamhnaich thu) piU a rithist O òigh Israeil, 
pill a rìs a dh'ionnsaidh do chaithrichean so." 
ler. xxxi. 21. 

" Agus an tì a thig." Cha tubhairt e, an tì a 
ta labhairt, a ta*g aidmheil, a tha dha shealltainn, 
ata deanamh fuaim mu dhiadhachd ach an '< ti 
a thig ;" gabhaidh Criosd air breth a thoirt air 
gach duine nam measgsan a ni fuaim, cha'n e 
an tì a their gun tig e, no'm fear a their càch 



126 

gun tig e, ach an ti a their Criosd fèin a thig, 
aig am beil buntainn ris a' cheann-teagaisg. 
'Nuair a thàinig a bhean air an robh an dòrtadh 
fala d'a ionnsaidh air son leigheis bha feaghainn 
eile ann cho math rithse a rinn fuaim mor m'a 
dhèibheinn, a bhun ris, seadh a dhòmhlaich ris; 
Ach chuir Criosd eadar dhealachadh eadar a 
bhean so agus iad uile ! *' Agus sheall e mu'n 
cuairt orra gu lèir a dh' amharc oirre s' a rinn 
an ni so." 

Cha do ghabh e gnothach ri dòmhladas no 
buntainn chàich, oir cha do bhuin iadsan da 
ach a thaobh tuairmse agus iaduilefalamh de'n 
ni a dh'fhag a' tuiteam-sa taitneach. Co- 
dhiù, is e Criosda fèin a's breitheamh air co tha 
tighinn da ionnsaidh a rìreadh : " Tha, slighe 
gach duine ceart na shùilean fèin ach cothrom- 
aichidh Dia an spiorad!" Buinidh e uime sin 
do gach neach a bhi cinnteach 'nan tighinn gu 
losa Criosd, oir mar tha do thighinn is amhail 
a bhios do shlàinte, ma thig thu da rìreadh 
bithidh do shlàinte da rìreadh cinnteacb, ach 
mar tig thu ach le coltas on leth a mach a's 
amhail a bhios do shlàinte. Ach mu thighinn, 
amhalrc air tùs, agus air deireadh, araon ann 
am feum agus ann an cleachdadh. 

" Agus esan a thig am' ionnsaidh-sa." Tha 
na briathran so " am ionnsaidh-sa' gu bhi air 
an tabhairt gu math fainear ; oir leo-san, mar 
a tha e cumail ris-fèin na h-aiteam a thig da 
ionnsaidh, is amhail tha e ga thaisbeanadh fèin 



127 

neo cliùramach ma dhèibhinn na muinntreach 
a ta tighinn gearr nan teachd no a tiunndaidh 
a thaobh gu cuid eile. Oir is èiginn gum beil 
fios agad nach eil gach aon a tha tighinn, a' 
tighinn gu Criosd; tha cuid a tha tighinn, a' 
tighinn a dh^ionnsaidh Mhaois agus chum a 
lagha, agus a' cur suas an sin rè am beatha; 
ris a bhuidheann so chan eil gnothach aig 
Criosd ; ris a buidheann so cha'n eil gnothach 
sam bith ris a' ghealleadh *< Chan eil tairbh 
sam bith ann an Criosd dhuibhse a ta air bhur 
fìreanachadh tre'n lagh thuit sibh o ghràs 
(Gal. V. 4.) A rithist tha cuid a tha tighinn 
nach eil a' tighinn ni's faide na òrduighean an 
t-soisgeil agus a* stad an sin ; cha tig iad da'n 
tridsan a dh'ionnsaidh Chriosd : ris a mhuinn- 
tir so cha n eil e ni's mò a' gabhail gnothach ; 
ni mò gun dean e bheag a mhath dhaibh a ràdh 
" A Thighearn a Thighearn" ann an latha 
mòr an uabhais ! Faodaidh duine a dhol a 
dh'ionnsaidh òrduighean agus ionad an aoraidh, 
agus pilleadh uapa rithist ; agus fathast gun a 
bhi air a chumhneachadh le Criosd. '' Mar 
sin chunnaic mi na h-aingidh adhlaichte," arsa 
Solamh, " a thàinig agus a dh'imich o àite an 
naoimh agus dhì-chuimhnicheadh iad anns a 
chathair 'san d'rinn iad mar sin ; is diomhanas 
so mar an ceuda." Ecl. viii. 10 

*' AwL ionnsaidh," Tha na briathran so uime 
sin, air an cur gu glè chùramach le losa Criosd 
agus a' seasamh air son sanus agus misneach ; 



128 

air son sanuis, air eagal gun tog sinn suas ann 
ar tighinn ni sam bith gearr air Criosd ; agus 
air son misnich dhaibhsan a thig nan tighinn 
seachad air na h-uile, gus an tig iad a dh'ionn- 
saidh losa Criosd. " Agus an tì a thig am' 
ionnsaidh cha tilg mi air chor sam bith a mach 
e." 

A leughadair, mas a caomh leat t'anam fèin, 
gabh an sanus so gu coimhneil de làmhan losa 
Criosd. Tha thu a' faicinn t'eu-slaint, do 
chreuchdan, agus t-feum air slàinte. Seadh 
ma ta na rach a dh'ionnsaidh rìgh lareb, oir 
cha'n urrainn e do leigheas no do chreuchdan 
a shlànachadh (Hos. v. 13.) Gabh an sanus 
so tha mi 'g ràdh mun tiunndaidh e bho bhi na 
shlànaighear dhut gu bhi na leòghan, na 
leòghan òg a reubas tu, agus a thèid air falbh. 
Rann, 4. 

Tha tighinn ann, ach cha'n ann a chum an 
Ti a's airde : Tha tighinn ann ach cha'n ann 
leis a chridhe iomlan, ach mar gum b'eadh le 
coltas tighinn fhìrinneach, ach gidheadh an 
aghaidh na h-inntinn, Uime sin gabh an sanus 
so gu caoimhneil. ler. xxx. 10. Hos. vii. 
16. 

" Agus an ti a thig anì ionnsaidk-sa." Tha 
Criosda mar Shlànaighear na aonar, a thaobh 
is gur e ghàirdean fèin a mhain a* thug slàinte 
da ionnsaidh, cha tèid e am pàirt ri Maois ni 
mò a dh' fhuiligeas e do dh' lain Baiste 
còmhnaidh maile ris. Tha mi 'g radh gum feum 



129 

iad teicheadh as an t-sealladh oir seasaidiq 
Criosd na aonar ; (Luc. ix. 28, 36.) Seadh, is 
ann mar sin a bhios e aig Dia an t- Athair, uìme 
sin is èiginn gun dealaich iad ris, agus is èiginn 
gun tig guth bho nèamh a dh'iarraidh air na 
deiciobluibh gun èisdeachd ri aon sam bith 
ach Mac a ghràidh. Cha'n f huilig Criosd do 
lagh sam bith, no do dh^òrdugh no do stàtun, 
no do bhreathanas sam bith, a dhol ann an com- 
pairt ris ann an sàbhaladh pheacach. Fòs^ cha 
tubhairt e Agus an tì a thig a dNionnsaidh m^ 
fhacail, ach: *' An tì a thig am' 'ionnsaidh-sa.'* 
Cha'n e briathran Chriosd, eadhon, a gheallaidh- 
ean as ro bheanaichte agus a's saoire mar iad 
so sa' cheann-teagaisg, Slànaighear an t-saogh- 
ail. Oir is e an Tì sin Criosda fèin na aonar. 
Chan eil an gealladh uime sin ach a chum 
misneach a thoirt do'n pheacach a tha tighinn, 
a thighinn a dh'ionnsaidh losa Criosd, ach gun 
socrachadh orrasan gearr air slàint' annsan. 

Agus an tì a thig am^ ionnsaidh-sa, Uime 
sin tha an duine tha tighinn gu ceart a' tilgeadh 
gach ni air a chùl: agus ni'm beil a' dhùil ach 
ann am Mac Dhè a mhain : agus thubhairt 
Daibhidh:— ." A mhain air Diafeith o m' anam ; 
oir is ann uaithe-san a ta mo dhòchas, Is esan 
a mhain mo charraig agus mo shlàinte is e mo 
dbìdean, cha ghluaisear mì." (Sàlm. Ixii. 5, 6.) 
Tha shùilean a dh'ionnsaidh Chriosd, Tha 
chridhe dh'ionnsaidh : Chriosd, Tha dhòchas 
a tighinn uaithsan, uaith-san a mhaìn. 



130 

Air an aobhar sin an duine thàinig a dh'ionn- 
saidh Chrìosd, is duine e aig an robh trom 
mhothachadh air a pheacaidhean fèin, agus air 
smaointean cealgach fhìreantachd fèin, agus 
ard-smaointean air fuil agus fireantachd 
losa Criosd, seadh, tha e faicinn mar a 
thubhairt mi, ni's mò bhuaidh ann am fuil 
Chriosd a chum a' thearnadh na tha 'na 
uile pheacannan a chum a dhamnadh. Tha 
e uime sin a' càradh Chriosd fa-chomhair a 
shùl. Tha fios aige nach eil aon ni air nèamh 
no talamh is urrainn anam a dhion bho f hearg 
Dhè ach Criosd, se sin ri ràdh, cha'n eil, ni 
sam bith, ach fireantachd Chriosd agus f huil. 

*^ Agus an tì a thig am' ionnsaidh-sa cha 
tilg mi air chor sam bith a mach e;" air chor 
sam bith^ leis na briathran so tha ni-eigin air 
aithris, agus ni-eigin air a chiallachadh, Is e 
an ni' sin a tha air aithris, losa Criosda, a rùn 
neo-chaochlaidheach a chum am peacach a thig 
a thearnadh. " Cha diùlt is cha'n àicheadh mi 
dha air chor sam bith sochair mo bhàis agus 
m' fhìreantachd. Tha 'm facal so uime sin 
coltach ris na tha e labhairt m'a dhamnadh 
siorruidh a pheacaich ann an tein' ifrinn, cha 
tèid e air aon chor às an sin, se sin ri ràdh, cha 
tèid gu bràch no gu siorruidh, cha tèid fad 
leinnte na bith-bhuantachd flidX, v. 25,) mar 
sin esan a tha air a dhìteadh a chum teine ifrinn 
cha'n eil aon dòchais aige ri teasraiginn, air 
an dòigh cheudna esan a thig a dh'ionnsaidh 



131 

Chrìosda cha'n ion da eagal a bhi air gun tilg- 
ear e gu bràch do'n ionad dhòrainnich sin. 

Mar so deir an Tighearna: "ma dh'fheudar 
na nèamhan suas a thomhas agus bunaite na 
talmhainn sios a rannsachadh a mach an sin 
tilgidh mis' uam mar an ceudna uile shliochd 
Israeil air son gach ni a rinn iad deir an Tigh- 
earn." ler. xxxi. 37- 

Mar so deir an Tighearn: " mar eìl mo 
chomh-cheangal-sa ris an latha agus ris an 
òidhche reachdan nèamh agus na talmhuinn 
mar do shocraich mi an sin tilgidh mi uam 
sliochd lacoib." Ach cha'n urrainn nèamh a bhi 
air a thomhas, no bunaite na talmhuinn a bhi air 
a rannsachadh os iochdar; tha chumhnanta mar 
an ceudna ri latha agus òidhche agus shuighich 
e reachdan nèamh, uime sin cha tilg e air falbh 
siol lacoib is iad am buidheann a tha tighinn, 
ach gu cinnteach tearnaidh se iad bho'n fhèirg 
a tha ri teachd (ler. xxxiii, 25, 26; I, 4, 5.) 
Leis a 80, uime sin tha e soilleir nach e meud 
a pheacaidh no buanachd cian ann, ni mò is 
e cùl-sleamhnachadh, no truailleachd an nàduir 
a tha cuìr ceap-stara eadar am peacach a tha 
tighinn agus slàinte, oir gu dearbha nam 
faodadh sin a bhith, thuiteadh rùn sòlmaite 
agus iomlan an Tighearna losa Criosd a chum 
an làir gun tairbhe sam bith. ** Ach seasaidh 
a chomhairle agus ni e mar a's àiU leis" is e so 
a's àill leis anns an ni so, oir a ta uile ghealladh 
a bhuineas do'n cho-dhùnadh neo-atharraite so 



132 

ag eìridh bho thoil, seasaidh e ris, agus co-lion- 
aidh se e do-bhrìgh is gur e sin a thoil. 

Ged a bhiodh peacadh ceud fear ann an aon 
duine, agus ann an duin* eile a cheud urrad 
ris-an. Fòs, ma thig iad ni na briathran so : 
" cha tilg mi air chor sara bith a mach'' an 
tearnadh araon co-ionnan. 

Ged a bhiodh a mhiann air duine bhi air 
a thearnadh agus a chum na crìche sin a 
thighinn ann am firinn a dh'ionnsaidh losa 
Criosd ach rinn e le dhroch chaithe-beatha 
mòran a dhamnadh sios do dh' ifrinn, gidheadh, 
leis na briathran so, tha dorus dòcais air 
f hosgladh cho fìal farsuinn dha sa tha e do'n tì 
anns nach eil am mìle cuid de eu-ceartan. 
'' Agus esan a thig am' ionnsaidh cha tilg mi 
air chor sam bith a mach.*' 

Ged a bhiodh duine tighinn a dh'ionnsaidh 
losa Criosd chum a thearnadh agus gun dad 
aige gu thoirt còladh ris ach peacadh agus 
beatha air a droch caitheamh, seadh thigeadh e 
agus is e a bheatha gu losa Criosda " agus 
cha tilg e air chor sam bith a mach e." Nach 
e an gràdh so iongantas nan aingeal? agus 
nach eil an gràdh so uir f hiùghail air gabhail ris 
le làmhan agus cridheachan pheacach a tha 
tighinn ? 

Is e so a ta air a chiallachadh 'san f hacal : — 

Anns a! cheud àite* Tha aig na h-anamanan a 
tha tighinn iad so a tha daonnan 'nan laidhe 
aig losa Criosd a chum an tilgeadh air falbh. 



133 

Anns an dara h-àite» Tha eagal air na 
h-anmanan a tha tighinn gu'm buadhaich iad 
so air Criosd a chum an tilgeadh air falbh. 

Oir tha na briathran air an labhairt a chum 
sinne riarachadh agus a chum ar spiorad a 
chumail suas an aghaidh an dà' chunnaird : 
" Cha tilg mi air chor sam bith a mach." 

Anns a' ckeud àite. Tha aig anmanan a 
tha tighinn, iad so a tha do ghnà 'nan laidhe 
aig losa Criosd a chum an tilgeadh air faibh. 

Agus tha trì nithe a ta ga lùbadh fèin mar 
so an aghaidh nam peacach a tha tighinn. 

Anns a cheud àite. Tha'n diabhol ann, fear- 
casaid nam bràithrean a tha g*an casaid an làth- 
air Dhè a latha agus a dh' òidhche (Tais. xii. 
10,) chan eil prionns' an dorchadais a' gabh- 
aii sgìos de 'n obair sin, tha e ga deanamh 
mar chi thu a latha agus a dli'òidhche, se sin 
gun sgur, tha e do ghnà a' cur a staigh sanasun 
casaideach na t'aghaidh a dh'fheuch an toir e 
buaidh. Cia mar a dh'iomairt se iad an agh- 
aidh an duine mhaith sin lob ? chum nam bu 
chomasach e gu'm faigheadh e a lèir-sgrios ann 
an tein' ifrinn ? Fhuair e na aghaidh, nach b'ann 
a nasgaidh a bha e a' deanamh sèirbheis do 
Dhia, agus bhrosnaich e Dia chum n làmhan 
a chur a mach na aghaidh^ a' cumail a mach 
na'n deanadh e sin gum mallaicheadh se e anns 
an aodainn, agus so uile mar as fianaiseach 
Dia " rinn e gun aobhar." (lob. i. 9 — 11 ; 
ii, 4 — 5.) Cia mar a dh'iomairt se iad air 

N 



134 

Criosd an aghaidh losua an t-ard-shagart ? 
*' Agus thaisbean e dhomhsa losua," ars am 
faidh, " an t-ard-shagart, 'na sheasamh an làth- 
air aingeil an Tighearna ; agus Sàtan na 
sheasamh aig a làimh dheis gu cur 'na aghaidh." 
Sech. iii. 1. 

Gu cur na aghaidh, se sin a' feuchainn ri 
buadhachadh air an Tighearn losa gu cur na 
aghaidh, a* dìteadh neo-ghlaine agus pòsaidh- 
ean mi-laghail a chuid mac ris na cinnich, oir 
be sin a chuis-dhìtidh a chur Sàtan suas 'nan 
aghaidh. (Esra x. 18.) Seadh, agus air son 
na tha dh'fhios agamsa, theagamh gun robh 
losua mar an ceudna ciontach de'n chùis, agus 
mar an robh dh'i sin, theagamh gun robh e 
ciontach de lochdan nach robh car ni bu lugha, 
oir bha e air èideadh ann an trusgan salach 
mar a sheas e an làthair an aingeil, ni mò bha 
aon f hacal aige ri ràdh air a son fèin fa chomh- 
air gach ni a thuirt an t-aon eucorach na agh- 
aidh. Ach a dh'aindeoin sin, thàinig e gu math 
dheth, ach bhuineadh dha air son sinbuidheach- 
as a thoirt do'n deagh Thighearn losa a thaobh 
nach do chuir esan 'na aghaidh, ach a thug 
suas a' chùis air atharrach dòigh agus a thagair 
na f hàbhar an aghaidh an diabhoil, a' gabhail 
leisgeil anmhuinneachd, agus a càradh trusg- 
anan ionracais air ro lathair gnùis a nàmhaid! 

" Agus thubhairt an Tighearna ri Sàtan 
gun deanadh an Tighearna do chronach- 
adh, a Shàtain ; gun deanadh eadhon an Tigh- 



135 

earn a roghnaich Irusalem, do chronachadh ; 
nach aithinne e so air a spionadh às an teine ? 
Agus fhreagair esan, agus labhair e riusan a 
sheas 'na làthair, ag ràdh, thugaibh dheth an 
t-eudach salach. Agus ris-an thubhairt e. 
Feuch thug mi air t-aingeachd imeachd uat, 
agus èididh mi thu le culaidh mhaisich." Sec. 
iii. 2-^4. 

A rithist, cia mar a dh'iomairt Sàtan an agh- 
aidh Pheadair an uair a dh' iarr se e chum 
a chriaradh mar chruithneachd ? Se sin, na'm 
bu chomasach e, gun sgaradh e uile ghràs bho 
chridhe agus nach fàgadh e dad aige 'na àite 
ach feòil a's salachar, agus fadheòigh gun tug- 
adh e air an Tighearn losa f huathachadh agus 
a sheachnadh. " A Shiomoin, a Shiomoin," 
arsa Criosd, " dh'iarr Sàtan sihhse chum bhur 
criaradh mar chruithneachd." Ach an d' f huair 
e buaidh 'na aghaidh ? Cha d' f huair. *' Ach 
ghuidh mis air do shonsa nach dìobradh do 
chreideamh thu." Mar gu'n abradh e " A 
Shimoin dh'iarr Sàtan ormsa do thoirt suas 
dhà, agus cha tusa 'na t-aonar, ach a' chuid eile 
dod'bhràithrean^ (oir 'se sin a tha am facal 
sihhse ciallachadh) ach chan fhàg mi thu fo 
mheachainn, ghuidh mi air do shon cha trèig 
do chreideamh thu, tearnaidh mis' thu dh'ionn- 
saidh nah-òighreachd nèamhaidh. Luc. xxii. 
30, 32. 

Anns an dara h-àite. Mar Shàtan, is amhuil 
a ta gach peacadh a* togail suas a ghuth* an 



186 

aghaidh gach peacaich a thatighinn, adh'fheuch 
an toir iad air Criosd an t-anam a thilgeadh 
air falbh. An uair a bha Clann Isareil a* tigh- 
inn a mach às an Eiphit gu Canaan, nach iomadh 
uair a thilg am peacannan a mach iad à trò- 
cair Dhè mar a seasadh Maois mar shamhla 
air Criosd anns a' bhearn chum a chorraich a 
thiunndaidh uapa ? (Salm. cvi. 23.) Tha ar 
n-euceartan a' togail fianais 'n- ar n-aghaidh, agus 
bheireadh iad gu cinniteach buaidh chum ar tiir 
chuir air chùl agus ar damnadh mar be gum 
beil " fear-tagraidh againn maille ris an Athair 
losa Criosd am fìrean." 1, Eoin ii. ]2. 

Ghlaodh peacannan an t-sean saoghail iad 
sios do dh'-ifrinn, agus thug peacannan Sho- 
doim teine nuas orra bho nèamh a chuir às 
daibh ; Ghairm peacannan nan Eiphiteach 
orra sios do dh'ifrinn, a thaobh nach tàinig iad 
a chum losa Criosd air son beatha. A pheacaich 
a tha tighinn, cha'n eil do pheacannan-sa 
bheag ni's lugha na iad sud, 'theagamh gum 
beil iad cho mòr ri'n cuid-san gu lèir. Cia f àth 
uime sin a tha thu beò am feadh a ta iadsan 
marbh, agus a tha agad gealladh air mathanas 
am feadh a tha iadsan da easbhuidh ? Cia fàth 
mu'm beil thu a' tighinn gu losa Criosd, agus 
uime sin nach dean peacadh do sgrios? 

Jnns an treas àite, Mar a tha Sàtan 'sam 
peacadh is amhail a ta lagh Mhaois a' togail a 
ghutha 'na t-aghaidh an lathair Dhè a thaol)h e 
bhi na lagh iomlan agus naomha. " Tha aon a 



137 

tha deanamh casaid oirbh, Maois anns am beii 
sibh a' cur bhur dòchais." (Eoin v. 45.) Fòs, 
tha e a' casaid an aghaidh na h-uile dhuine a 
thaobh nan euceartan a pheacaich iad na agh- 
aidh: oir cho fad' sa bhiospeacadh na pheacadh, 
bidh lagh ann a ni casaid an aghaidh peacaidh : 
ach cha'n f haigh a chasaid sin buaidh air a 
pheacach a tha tighinn, a thaobh gur e Criosd 
a bhàsaich, agus a bhios beò gu bràth chum 
eadarghuidhe a' dheanamh air an sonsan a thig 
" a dhionnsaidh Dhè tridsan." Eabh. vii. 25. 

Tha mi 'g ràdh gum beil na nithe so g'ar 
casaid an lathair an Tighearna losa, seadh, agus 
roimh ar gnùisean fèin, a dh'fheuch am faigh 
iad buaidh n-ar n-aghaidh. Achtha na briathran 
so : — ** Cha tilg mi air chor sam bith a mach," 
a' dion a pheacaich a tha tighinn uapa gu lèir. 

Chan eil am peacach a tha tighinn air a thear- 
nadh a bhrìgh nach eil neach sam bith a' tighinn 
a staigh 'na aghaidh, ach a thaobh nach èisd an 
Tighearn' losa ri'n casaid agus nach tilg e a 
mach am peacach a tha tighinn. 

'Nuair a thainig Simei a nuas gu coinneamh 
a thoirt do rìgh Daibhidh chum mathanas iarr- 
aidh air air son a cheannairc 'na aghaidh, 
dh'eirich Abishai suas agus thog e chasaid 'na 
aghaidh ag ràdh : " nach faigh Simei bàs air- 
son so ?" Is e so ceart chòr an tì a tha tighinn 
gu Criosd, tha'n Abishai so agus an Abishai sud 
aige, a ta air ball ag èiridh suas 'na aghaidh ag 
ràdh, " nach dean peacannan a cheannairceicli 



138 

so a sgrios ann an ifrinn." Leugh ni*s faid air 
t-aghaidh : Agus thubhairt Daibhaidh : '* Ciod 
e mo ghnothaeh-sa ribhsa a mhaca Sheuria gum 
biodh sibh an diugh 'nar n-easeairdibh dhomh ? 
an cuirear an diugh duine sam bith gu bàs ann 
an Israeil? Oir nach eil fhios agam gum beil 
mi an diugh ann am rìgh os ceann Israeil ?" 2 
Sam. xix. 16 — 22. 

Is e so freagairt Chriosd anns a' cheann-teag- 
aisg do na h-uile ni casaid an aghaidh an t- 
Shimeis a tha tighinn: " Ciod e mo ghnoth- 
ach-sa ribhsathadeanabh casaid air a' pheacach 
a tha tighinn ?" " Tha mi gar meas mar eas- 
cairdean a ta an aghaidh dhomh tròcair a 
nochdadh dhaibh : 'Nach eil fhios agam-sa 
gum beil mi air m' ardachadh air an làth' an 
diugh gu bhi ann am Rìgh na fireantachd agus 
ann am Rìgh na Slainte ?" ** Cha tilg mi air 
ohor sam biih a mach iad." 

Anns an dara h-àite. Ach a rithist tha na 
briathran so gu dlù a' ciallachadh gum beil 
eagal air na h-anman a ta tighinn gum faigh 
an iuchd-casaid so buaidh tharta, — tha sin 
soilleir a thaobh gum beil an ceann-teagaisg a' 
labhairt air son an saorsa agus an tearuinn- 
teachd; agus cha ruigeadh sin a leas a bhith, 
mar be iadsan a tha tighinn a bhi buailteach 
do dh'eagal agus do dh'an-dòchas a' thaobh 
so : mo thruaighe tha ciont, agus tha mallachd 
'd laidhe air cogais a pheacaich a tha tighinn ! 

Osbarr, tha lan-mhothachadh aig a* pheacach 



139 

fèin aìr mar bha e na shlaoightear' eucorach 
an agaidli Dhia agus Chriosd. Tha fios aige 
nise mar an ceudna le fèin-fhiosrachadh 
muladach air cho ullamh sa' bha e gu toil 
Shàtain a' chur an gniomh agus freagarrach do 
ghluasad gach ana-miann neo-ghlan. Tha 
aige nìse mar an ceudna nuadh smaointean 
air naomhachd agus ceartas De; tha e mar an 
ceudna mothachadh nach urrainn e cur suas 
le peacachadh 'na aghaidh, ^' Oir bha miannan 
nam peacannan tre'n lagh ag oibreachadh ann 
ar buill, chum toradh a thoirt a mach gu bàs ; 
(Rom. vii.) ach cha ruig a h-aon diù so a leas 
ar mi-mhisneachadh a thaobh gum beil againn 
losa Criosd a tha cho maoth-chridheach, cho 
caomh-chàirdeach, agus cho dìleas chum tigh- 
inn da ionnsaidh, leis am fearr nèamh agus 
talamh a thilgeadh thairis na aon lide don 
cheann-teagaisg so fàilinn; — *< Agus an tì a 
thig cha tilg mi air chor sam bith a mach e." 

A nis' tha againn fathast ri dà ni a ta anns 
an fhacal a' rannsachadh, agus cha tubhairt 
sinn facal m'a dhèighinn fathast : mar, 

I. Ciod e an nì tilgeadh a mach ? 

II. Cia mar tha e coltach gum beil cumh- 
achd aig Criosd chum tearnadh no tilgeadh 
a mach ? 

Air tùs ciod e an nì tilgeadh a mach ? 
Ris a so labhraidh mi. 

1. Gu coitcheann. 

2. Ni's ro shònraichte. 



140 

Anns a' ckeud àite. Is e tilgeadh a mach 
diultadh, dearmad, agus tàir a' dheanamh, agus 
mar tha e air aìthris m'a sgiath Shauil, '^ thilg- 
eadh gu tàireil air falbh i,*' se sin dìmeas, tàir 
agus tarcuis air a dheanamh oirre, is ionan sin 
a's do na peacaich nach tig a dh'ionnsaidh, 
losa Criosd : ni esan dìmeas agus dearmad 
orra, se sin an tilgeadh a mach. 2 Sam. i. 2. 

A?ins an dara h-àite, Tha 'ni a ta air a 
thilgeadh a mach mar aodach salach, agus mar 
chlàbar na sraide, (Isa. iii. 22. Salm. xviii. 
42. Mat. V. 13; xv. 17), agus is ann mar so 
a bhios an aiteam nach tig a dh'ionnsaidh losa 
Criosd, bithidh iad air am meas mar shalchar 
agus mar chlàbar na sràide. 

Anns an treas àite. Is e bhi air a thilgeadh a 
mach, no air falbh, a bhi air f huathachadh (gun 
truas a' ghabhail ris) ach air a chur gu masladh 
do ghnà. Salm xliv. 9 ; Ixxxix. 38. Amos 
i. 11. 

Ach ni's ro shònraichte, le thighinn a 
dh'ionnsaidh a' chinn-teagaisg, cha'n eil an 
tilgeadh a mach a tha so air ainmachadh, air a 
chuingeachadh ris an olc so no ris an olc ud 
eile, uime sin feumaidh e bhi air a sgaoileadh 
a dh'ionnsaidh a' cheum a's faide mach agus na 
truaighe a's mò : oir neo so : — 

Esan a thig a dh'ionnsaidh Chriosd, cha bhi 
easbhuidh ni sam bith air a dh'fhaodas a 
dheanamh gu soisgeulach sona anns an t- 
liaoghal so, no anns an t-saoghal a ta r'a thigh- 



141 



ìnn, ni mò a bhios easbhuidh ni sam bith air 
nach tig a dh'fhaodas a dheanamh gu spiorad 
ail no gu siorruidh truadh. Ach ni's faide 
mar tha e gu bhi air a ghabhail gu coitcheann, 
tha e ciallachadh nithe a bhios ann an deigh so. 
Oir na nithe a ta ann an nise tha iad an dara 
cuid no chuìd eile. 

1. Ni's ro choitcheann. 

2. Ni's ro shònraichte. 

Anns d cheud àite, Ni's ro choitcheann, so. 

Tha e gu bhi air a thilgeadh a mach à 
làthair agus à fabhar Dhe. 

Mar so bha Cain air a thilgeadh a mach, 
" Dh'fhògair" (no thilg thu mach) '* mi an 
diugh à do lathair," (se sin bho t-fhàbhar) 
" bi'dh mi air m' fhalach," gearan uabhasach, 
ach èifeachd breitheanais mòran ni's mò I Gen. 
iv. 13, 14. ler. xxiii. 38. Eachd. xxviii. 9. 

A?ìns an dara h-àite, Is e a bhi air a thilgeadh 
a mach, buidheann a bhi air an tilgeadh a 
mach à lathair Dhè. Cha sheall Dia 'nan 
deigh ni's mò, cha bhi diijgh aige dhaibh ni's 
mò, ni mò a ni e faire tharta chum matha. (2 
Rìgh xvii. 20. ler. vii. 15.) A nise tha 
buidheann a tha air am fàgail mar sin, 
mar dhaoine dalla chum a dhol air seacharan, 
agus tuiteam ann an slochd ifrinn. Tha so 
uime sin na bhreitheanas cianail! ach so tròcair 
an tì a thig a dh'ionnsaidh Chriosd. Cha bhi 
e air f hàgail gu siubhal air seacharan, ni an 
Tighearn losa choimhid mar a choimhideas 



142 

aodhair' a chuid caorach. (Sàlm xxiii.) <* Esaa 
a thig am ionnsaidh-sa cha tilg mi air chor 
sam bith a mach." 

Anns an treas àite. 'Se muinntir a bhi air 
an tilgeadh a mach, àit' a bhi air àicheadh 
dhaibh ann an taigh Dhè, agus iad a bhi air 
am fàgail mar fhògaraich agus mar dheòraich 
chum beagan ùine chaitheamh anns a bheatha 
thruaigh so, agus an deigh sin a dhol sios a 
chum nam màrbh. (Gal. iv. 30. Gen. iv. 13, 
14; xxi. 10.) Uime sin so sochair an tì a 
thig a dh'ionnsaidh Chriosd, cha bhi àit' air a 
dhiùltadh dha ann an taigh Dhè. Cha bhi e 
air fhàgail mar dheòrach sa'n t-saoghal: " Esan 
a thig am' ionnsaidh cha tilg mi air char sam 
bith a mach." Gnà. xiv. 26. Isa. Ivi. 3 — 5. 
Eph. ii. 19—22. 1 Cor. iii. 21, 23. 

Anns d cheathramh àite. A dh'aon fhacal, 
is e buidheann a bhi air an tilgeadh a mach, 
iad a bhi air an diùltadh mar na h-ainglean 
a thuit, oir thòisich an damnadh siorruidh air 
dhaibh a bhi air an tilgeadh bho nèamh gu 
ifrinn, Mar sin is e gun a bhi air an tilgeadh a 
mach teach agus còmhnaidh abhi ac' air nèamh, 
agus cuibhroinn maille ris na h-ainglean taghte. 

Uime sin dearbhaidh na briathran so: *' Cha 
tilg mi air chor sam bith a mach," briathran 
mòra air aon latha, dhaibhsan a thig a dh'ionn- 
saidh losa Criosd. 2 Ped. ii. 4. Eoin. xxi. 
31. Luc. XX. 35. 



143 

Anns an dara h-àite, Agus ni*s ro shòn- 
raichte. 

Anns a ckeud àite^ Tha beatha shuthainn 
aig Criosd dhasan a thig da ionnsaidh, agus 
cha tèid e am feast a dhìth, " oir cha tilg e air 
chor sam bith a mach e," ach air son chàich, 
tha iad air an diùltadh, air an tìlgeadh a mach, 
agus air an damnadh. Eoin x. 27? 28. 

Anns an dara h-àiie» Tha fìreantachd 
bhith-bhuan aig Criosd leis an sgeudaich e 
iadsan a thig d'a ionnsaidh, agus bithidh iad air 
an còmhdachadh lea mar thrusgan, ach bi'dh 
càch air am faotainn ann an luideagan salach 
an gràineaìach bhreun fèin, agus bithidh iad 
air an suaineadh annta mar ann an anard bàis 
mar sin ag iomchar am maslaidh roi' làthair 
an Tighearn agus ainglean. Dan. i. 10, 24. 
Isa. Ivii. 2. Taisb. iii. 4, 18; xv. 16. 

Anns an treas àite, Tha fuil luachmhor aig 
Criosd tha mar f huaran fosgailte saor do'n tì a 
thig a dh'iarraidh beathaair-san chum ionnlad 
ann, agus " cha tilg e air chòr sam bith a mach 
e." Ach tha iadsan nach tig da ionnsaidh air 
am bacadh bho chuibhroinn a bhi aca dheth, 
agus tha iad air am fàgail fo dhioghaltas corr- 
aich as leth am peacannan. Sech. xii. 1. 
1 Ped. i. 18, 19. Eoin. iii. 36 ; xii. 8. 

Anns a' cheathramh àite. Tha geallaidhean 
prìseil aig Criosd, agus bithidh earrannan diù 
acasan a thig da ionnsaidh a dh'iarraidh beatha, 
oir " cha tilg e air chor sam bith a mach iad." 



144 

Ach cha'n f haod cuid a bhi acasan nach tig da 
ionnsaidh de na gealaidhean so a thaobh gu'm 
beil iad da rìreadh annsan a mhàin, oir annsan, 
agus annsan a mhàin, tha na h- uile gheallaidhean 
'nan seadh agus 'nan amen, Uime sin iadsan 
nach tig da ionnsaidh cha dean iad so a bheag 
a mhath dhaibh. Sàlm. i. 6. 2 Cor. i. 20, 21. 

Anns a ckùigeamh àite, Tha aig Criosd 
mar an ceudna lànachd ghràis ann fèin 
dhaibhsan a thig da ionnsaidh a dh'iarraidh 
beatha, agus ^' cha tilg e air chor sam bith a 
mach iad," ach iadsan nach tig da ionnsaidh 
tha iad air am f àgail 'nan staid gun ghràs, agus 
mar dh'fhàgas Criosd iad is ann mar sin a 
gheibh bàs ifrinn agus breitheanas greim orra. 
" Esan a gheibh mis" [arsa Criosd] " gheibh 
e beatha agus tha e a' faotainn fàbhair bho'n 
Tighearna, ach esan a pheacaicheas 'na m' 
aghaidh tha e deanamh dochainn da anam 
fèin." <* Gach uile le'rn fuath mi ghràdhaich 
iad bàs. Gnà viii. 33 — 36. 

Anns an i-se-amh àìte. Tha Criosd na 
Fhear-eadar-ghuidhe agus bithidh e beò gu 
bràth a chum eadarghuidhe a' dheanamh air 
an son-san a thig a dhionnsaidh Dhè da thrìd* 
san. " Meudaichear an doilgheasan dhaibhsan 
a ni deifir an dèigh dhèe eile" (am peacannan 
agus an ana-miannan) an iobairtean cha'n 
fhuilig e agus cha luaidh e air an ainm le 
bhilibh. Eabh. vii. 25. Salm. xvi. 4. 

Anns an t-sheachdamh àite, Tha gràdh. 



145 

innìdh, agus truas iongantach aig Crìosd 
dhaibhsan a thig da ionnsaidh. '' Smuain- 
taichibh a nis' air so," ars esan " sibhse nach 
cuimhnich Dia ; air eagal gu'n reub. mi às a 
chèile, gun neach ann a theasairgeas." Salm. 
1.22. 

Anns an ochdamh àite. Tha Criosd aith- 
nichte dhaibhsan a thig da ionnsaidh agus 
air an sgàth-san tha iad fèin agus an obair 
air an gabhail riu leis an Athair, <* agus cha 
tilg e air chor sam bith a mach iad" ach feum- 
aidh càch teicheadh a chum nan creag agus 
nam beann air son dìdeinn, ach gu diamhain, a 
chum am falach bho ghnùis agus bho chorr- 
aich. Tais. vi. 15—17. 

Ach a rithist, tha aig na briathran so " tilg- 
eadh a mach" sealladh àraidh, seach mar 
bhios an deigh so, eadhon aig latha' bhreith- 
eanais, oir aìg an àm sin, agus cha bhi gus a sin 
am mallachadk mòr agus an tilgeadh a mach 
air a dheanamh aithnichte le cur an gniomh. 
Uime sin labhram mu'n ni so, agus sin fo'n 
dà cheann so. Mar, 

1. Mu'n tilgeadh a mach fèin, 

2. Mu'n àit' anns am bì iad airan tilgeadh, 
a bhios mu'n àm sin air an tilgeadh a mach. 

Tha'n obair a' bhios deant' air thoiseach air 
a sin a' seasaidh anns na trì nithe so. 

Anns a' cheud àite, Seasaidh e air son 
tearbaidh, eadar iadsan a thàinig da ionnsaidh 
agus iadsan nach tàinig aig an làtha sin, 0\r 



146 

neo so, air latha an tilgidh a mach mhòir, bith- 
idh iadsan nach tàinig a nise dha ionnsaidh air 
an tearbadh uatha-san a* thàinig, oir iadsan a 
thàinig cha tilg e a mach, " An uair a thig 
Mac an duine na ghlòir, agus na h-aingil 
.laomha uile maille ris, an sin suidhidh e air 
cathair rioghail a ghlòire: agus cruinnichear 
na làthair na h-uile chinnich agus sgaraidh e 
iad o chèile, amhail a sgaras buachaili na caoir- 
ich o' na gobhraidh." Mat. xxv. 31, 32. 

Bithidh an sgaradh uabhasach so uime sin air 
a dheanamh eadar an aiteam a thig an dràst a 
dh'ionnsaidh Chriosd agus iadsan nach tig ; 
agus air son deagh aobhair, oir a thaobh is nach 
tigeadh iad còladh ruinne da ionnsaidh nise feadh 
a tha ùine aca, Cia fàth mu'n seasadh iad 
maille ruinne an uair a thig breitheanas ? 

Anns an dara h-àite. Bithidh iad air an 
càradh 'na làthair do rèir an staide, iadsan a 
thàinig da ionnsaidh, ann am mòr ghreadh- 
nachas, eadhon air a làimh dheis, '< oir cha tilg 
e air chor sam bith a mach iad," ach bidh càch 
air an cur air a làimh chlì ann an ionad maslach 
agus nàr oir cha tàinig iad da ionnsaidh-san a 
dh'iarraidh beatha. 

Sgaraichte mar an ceudna bithidh iad ann an 
ceart bhriathran: iadsan a thàinig da ionnsaidh 
ghoir e riu na caoirich, achthacàch mar ghobhair 
f hiadhain, agus sgaraidh se iad on chuideile mar 
a thearbas buachaille na caoirich bho na gobhra, 
agus bithidh na caoirich air an cur air an làimh 



147 

dheis (air taobh geata nèimh, on a thàinig iad 
da ionnsaidh,) ach na gobhair air an làimh chlì 
gu dhol uaithe chum ifrinn^ a thaobh nach eil 
iad de a chaoirich. 

Anns'an treas àite, An sin tòisichidh Criosd 
air dìteadh an dream nach tàinig da ionnsaidh 
agus their e : " Bha mi ann am choigreach 
agus cha tug sibh a steach mi," no cha tàinig 
sibh am' ionnsaidh. Bithidh an leisgeul cho 
suarach leis ri salachar agus thèid e air agh-. 
aidh leis a' bhreitheanas dheireannach. A nise 
'nuair a thèid na truaghanan so luchd-diùltaidh 
Chriosd a! chuir mar so na làthair 'nam peac- 
annan agus an diteadh, is e so a' cheud obair, 
an deigh sin thèid a' bhinn a thainig a mach a 
chur an gniomh. 

Anns a' cheiid àite. Ann an làthair nan 
ainglean naomha. 

Anns an dara h-àife. Ann an làthair na h- 
aiteam uile a thàinig 'nam beatha da ionnsaidh 
le ràdh riìi : ^' Imichidh uam a shluaigh mhall- 
aichte chum an teine shiorruidh a dh'ullaich- 
eadh do'n diabhol agus do ainglean/' " bha sibh 
cruaidh-chridheach riumsa, agus ris na bhuin- 
eadh dhomh :" tha sin gu sònraicht' air f hoill- 
seachadh anns na briathran so : " Oir bha mi 
orcrach agus cha tug sibh dhomh biadh, bha 
mi tart-mhor agus cha tug sibh dhomh deoch ; 
bha mi am choigreach agus cha tug sibh aoidh- 
eana dhomh : lomnochd agus cha d'eudaich 



148 

sioh mi, euslan agus am prìosan agus cha tàinig 
sibh gu m' amharc/' Mat. xxv. 41 — 43. 

Anns an àite mu dheireadh, Nise tha againn 
fathast ri labhairt mu'n àite anns am bi iad air 
an tilgeadh, ionad air an cuala sioii gu lèir 
iomradh cheana, se sin : teine tha air ullach- 
adh do'n diabhol agus do ainglean, ach 's ann 
mar so a tha cunntas gu sònraichte ri thoirt 
air: — 

Anns a cheud àite. Is e a's ainm dha 
" Tophet.'' *« Oir dh'ullaicheadh Tophet bho 
shean; eadhon air son an rìgh ,(Lucifer) tha 
e air ullachadh ; rinn e domhainn e, rinn e 
farsuinn e, cruach theine agus mòran connaidh ; 
tha anail an Tighearna mar shruth pronnaisg 
'ga f hadadh.*' Isa xxx. 32. 

Anns an dara h-àite, Is e a's ainm da 
<* ifrinn." ** Is fearr dhut a dhol a steach do'n 
bheatha air leth chois, na dà chas a bhi agad 
agus a bhi air do thilgeadh ann an ifrinn do'n 
teine nach mùchair." Marc ix. 45. 

Anns an treas àite. Tha e air a ghàirm, 
" fion-amar fèirge Dhè." Agus shàth an t-aing- 
eal a chorran 'san talamh agus chnuasaich e 
fianain na talmhuinn agus thilg e i ann am 
fion-amar mòr fèirge Dhè.'' Tais. xiv. 19. 

Anns d cheathramh àite, Tha e air a ghairm 
** loch teine," '* Agus ge be air bith nach 
d'fhuaradh sgrìobht' ann an leabhar na beatha 
thilgeadh e san loch theine." Tais. xx. 15. 

Anns a* chùigeamh àite, Tha e air a ghairm 



149 

an ," t-slochd." — '* Thubhairt thu ann ad 
chndhe, Thèid mi suas a ehum nan nèamhan, 
os ceann reuUtan Dè àrdaichidh mi mo rìgh- 
chathair agus suidhidh mi air sliabh a' chomh- 
chruinnichidh, air taobh na h-airde tuath: Ach 
bheirir a nuas thu chum na h-uaighe gu taobhan 
an t-sluichd." Isa, xiv. 13 — 15. 

Aìins an t-sè-amh àite, Goirear ris '' slochd 
an dubh-aiginn," " as an tainig an toit agus an 
locust agus anns an do thilgeadh an dràgon 
mòr" agus tha i air a gairm gun aiginn a chum 
cho neo-chriochnach sa tha'n tuiteam a thais- 
beanadh a bhios acasan innte nach tàinig a 
dh'ionnsaidh Chriosda 'san àm thaitneach. 
Tais. ix. 1, 2 ; xx. 3. 

Anns an t-seachdamh àite. Goirear " dorch- 
adas iomalach'' ris. " Ceanglaibh e eadar 
làmhan a's chasan agus tilgibh e chum dòrch- 
adas iomalach, agus tilgibh-sa an seirbheiseach 
neo-tharbhach a chum dorchadas iomalach an 
sin bithidh gul agus snagadan f hiacal." Mat. 

Anns an ochdamh àite, Tha e air a ghairm 
'< àmhainn theinteach." " Agus amhail mar a 
chruinnichear an cogal, agus a ioisgear le tein' e 
is ann mar sin a bhios ann an deireadh an 
t-saogail so, cuiridh mac an duine aingil uaithe 
agus tionalaidh iad às a rioghachd na h-uile 
nithe a bheir oilbheum agus iadsan a ta dean- 
amh aingidheachd agas tilgidh siad iad anns 
an àmhuinn air dearg-lasadh : an sin bithidh 
gul agus gìosgan fhiacal." Mat. xiii. 40 — 42. 

Anns an àite ma dheireadh. Theagamh nach 



150 

bi e fad as an rathad ged' iii mi ann an àm.co- 
dhùnaidh a nochdadh ann am beagan f hacal co 
ris a tha na nithe a bhios da'n cràdh ann an 
ionad na dàrainn air an sàmhlachadh. 

Jnns a' cheud àite, Ris a' chonadh a' loìsg- 
eas. 

Anns an dara h-àite* Ri teine. 

Anns an treas àite, Ri teine agus pronnasg : 
— ach. 

Anns d cheathramh àite* Ri cnuimh, ri 
cnuimh a' chagnas agus nach bàsaich am feast. 
Tha iad air an tilgeadh gu ifrinn " far 
nach bàsaich an cnuimh agus nach tèid an teine 
as." Marc. ix. 44. 

Anns d chiiigeamh àite. Tha e air a' ghairm 

teine do-mhùchta," ** Cruinnichidh e a chrith- 
neachd do thigh-tasgaidh, ach loisgidh e am 
moU le teine nach feudar a mhùchadh.'' Mat. 
iii. 12. Luc. iii. 17. 

Anns' an t-sè-amh àite. Tha e air a ghairm 
" lèir-sgrios siorruidh.*' " Foillsichear an 
Tighearn' losa o nèamh maille ri ainglibh 
cumhachdach ann an teine lasarach a' deanamh 
dìoghaltais air an dream aig nach eil eolas air 
Dia, agus nach eil umhal do shoisgeul ar Tigh- 
earn losa Criosd muinnitir air an deanar peanas 
le sgrios siorruidh o lathair an Tighearn, agus 
o ghlòir a chumhachd." 2 Tes. i. 7 — 9. 

Anns an t-seachdamh àite, Tha e air a 
ghairm " fearg gun mheasgadh/' agus a tha air 
a thoirt dhaibh ann a' eopan a' chorraich. '* Ma 



151 

ni neach air bith aoradh do'n fhiadh-bheathach 
agus d'a iomhaigh agus ma ghabhas e a chomh- 
aradh air clàr eudainn no air a làimh, òlaidh 
esan de dh'f hion fèirge Dhè a ta air a dhòrtadh 
gun mheasgadh ann an cùpan 'fhèirge-san : 
agus bithidh e air a phianadh le teine agus 
pronnasg am fianais nan aingeal naomha agus 
am fianais an uain." Tais. xiv. 9, 10. 

Anns an ochdamh àite, Goirear an " dara 
bàs" ris " Agus thilgeadh am bàs agus ifrinn 
do'n loch theine : is e so an dara bàs. Beann- 
aichte agus naomha ta esan aig am beil a 
chuid sa' cheud aiseiridh, air a lethid cha'n eil 
buaidh aig an dara bàs." Taisb. xx. 14, &c. 

Anns an naoidheamh àite* Gairear '^ peanas 
siorruidh" dheth. " Ach ge be labhras toibheura 
an aghaidh an Spioraid Naoimh' chan fhaigh e 
raathanas a chaoidh, ach a ta e an cunnard 
peanais siorruidh." Mar. iii. 2, 9. 

O ! na trì briathran so I 

Peanas buan-mhaireannach ! 

Damnadh siorruidh ! 

Agus, Gu bràth agus gu bràth ! 

Cia mar chagnas iad so, agus a dh' itheas iad 
suas,uile dhòchas ri crìoch fhaicinn airtruaighe 
a'pheacaich atha airathilgeadha mach! *'Agus 
bithidh deatach am pèin-san ag èiridh suas gu 
saoghal nan saoghal,agus cha'n eil fois sam bith 
a latha no dh'òidhche aca-san." Tais. xiv. 11. 

Tha'n gnàthachadh ann an ifrinn air a nochd- 
adh le ceitliir nithe air am beil fios agamsa ; — 



152 

1. Le èigheach air son còbhrach agus furtachd 
gu diamhainn. 

2. Le gul. 

3. Le tuireadh. 

4. Le giosgan fhiacal. 

Agus thainig sinn a nis' a chum an dara nì 
ata gu bhi air a rannsachadh, — se sin ri ràdh, 

Cia mar a tha e coltach gum beil cumhachd 
aig Criosd tearnadh no tilgeadh a mach, oir leis 
na briathran so, " cha tilg mi air chor sam bith 
a mach" tha e còmhdachadh gum beil cumh- 
achd aige an dà chuid a dheanamh. 

Cia mar tha cheist so a' fulang dhuinn an dà 
ni 80 a rannsachadh. 

L Cia mar a tha e coltach gum beil cumh- 
achd aige tearnadh no sàbhaladh ? 

2. Cia mar a tha e coltach gum beil cumh- 
achd aige air tilgeadh a mach ? 

Tha cumhachd a bhi aige chum tearnaidh 
air a nochdadh leis a so a leanas — 

Anns a' cheud àiie. Le labhair mu dhèigh- 
inn mar tha e ; tha e na Eadar-mheadhonair, 
agus f huair e ùghdarras chum na h-oibreach 
beannaichte so bho Athair mu'n do thòisich an 
saoghal, mar thuirt an t-Abstol " thagh e sinne 
annsan mu'n do leagadh bunaite an domhainn" 
leis na nithe so uile a dh'oibricheas a mach 
ar slàinte gu h-èifeachdach.*' (Eph. i. 4.) 
leugh an caibidil so maille ri. 2 Tim. i. 9. 

Anns an dara h-àite, Chaidh a' ghealltainn 
da ar ceud phàrantan gun deanadh e ann an 



]53 

lànachd na h-aimsir ceann na nathrach a 
bhruthadh agus mar tha Pòl a' mìneachadh 
gun saoradh e iadsan a ta fo'n lagh; on àm 
sin tha e air a mheas air a mharbhadh air son 
ar peacaidh ni leis am beil na h-uiF aithrichean 
fo'n cheud Tiomnadh air an dion o'n fhèirg 
a tha ri teachd, uaithe sin tha e air a ghairm 
*' an t-Uan a mharbhadh o thoiseach an 
t-saoghail." Taisb. xiii. 8. Gal. iv. 4, 5. 
Gen. iii. 15. 

Anns an treas àite. Thug Maois fianais mu 
thimchioll leis na sàmhlaidhean, agus leis na 
sgàileachan, agus leis na h-ìobairtean fuiiteach, 
a dh'àithn e bho bheul Dè a bhi air an cleachd- 
adh chum cumail suas creideamh a phobuill 
gus an tigeadh àm ath-leasaichidh, agus be sin 
àm bàis losa. Eabh. ix. agus x. 

Anns d cheathramh àite, Aig àm a bhreatha 
thug an t-aingeal fianais m'a thimchioll '' gun 
tearnadh e a phobull bho'm peacannan." 
Matt. i. 20, 21. 

Anns a' chùigeamh àite, Thugadh fianais 
m'a thimchioll ann an lathaibh fheòla gun 
robh cumhachd aig air talamh peacannan a 
mhathadh. Marc. ii. 5 — 11. 

Anns an t-sè-amh àite, Thugadh fianais m'a 
thimchioll mar an ceudna leis an àbstol Peadar 
" Esan dh'àrdaich Dia le dheas làimh na 
cheannard agus na Shlànaighear a' thoirt 
aithreachas agus mathanas pheacannan do àU 
Israei ;" Gniomh v. 31. 



154 

Anns an t-seachdamh àife, A dh'aon f hacal 
tha'n fhianais so air a' toirt m'a thirachioll, 
araon anns an t-Sean Tiomnadh agus anns an 
Tiomnadh Nuadh. 

Agus is deagh aobhar so gum biodh earbsa 
air a* chur ann mar Shlànaighear. 

1. Thàinig e nuas o nèamh gu bhi na Shlàn- 
aighear. Eoin vi. 28 — 40. 

2. Bha e air ùngadh an uair a bha e air 
talamh a chum a bhi na Shlànaighear, Luc. 
lii. 22. 

3. Rinn e gniomharran Slànaigheir : Mar.— 
Anns d cheud àite. Cho'-lion e an lagh agus 

*hàinig e gu bhi na chrìoch an lagha air son 
fireantachd dhaibhsan a chreid ann. Rom. x. 
3,4. 

Anns an dara h-àite. Leag e sìos a bheatha 
mar Slànaighear, thug e a bheatha seachad 
mar èirig do dh'iomadh. Mat. xx. 28. Marc. 
X. 45. 1 Tim. ii. 6. 

Anns an treas àite, Shluig e suas am bàs, 
agus sgrios e an diabhol, agus chuir e air falbh 
peacadh, fhuair e iuchraichean ifrinn agus a 
bhàis, chaidh e suas air nèamh, far an deach 
gabhail ris le Dia, agus sin a chionn gun do 
thaitin iobairt air son peacaidh ri Dia. 2^ Tim. 
•. JO. Heb. ii. 14, 15. Eph. ìv, 7, 8. Eoin 
xvi. 10, 11. Gniomh. v. 30, 31. Eabh. x. 
12, 13 

Anns d! cheathramh àite. Chuir Dia a mach 
e agus ghairm se e mar Shiànaighear ag innse 



155 

do'n t-saoghal gum beil saors' againne tre f huil, 
agus gum fireanaieh e sinn, ma chreideas 
sinn 'na f huil, agus gur urrainn e gu dìleas 
agus gu ceart sin a dheanamh. Seadh, tha 
Dia a' guidhe oirnn a bhi air ar deanamh rèith 
risan tre Mhac, ni nach b'urrainn a bhi mar 
a biodh sinn air ar n-ùngadh leisan chum na 
dearbh chrìche so, agus mar an ceudna mar 
a biodh obair agus na ghabh e os-làimh taitneach 
agus fiùghail leisan mar Shlànaighear. Rom. 
iii. 24, 25. 2 Cor. v. 18—21. 

Anns d! chùigeamh àite, Ghabh Dia cheana 
mileanan de dh'anmanan* a steach ann na 
Phàrrais, a chionn gun ghabh iad ri losa mar 
Shlànaighear ; agus shònraich e gu'n gearradh 
se às agus gun tilgeadh se às a làthair an aiteam 
nach gabh ris mar Shlànaighear. Eabh. xii, 
22—26. 

Tha rùn orm gun mhòran a labhairt an^ so, 
uime sin labhraidh mi beagan mu'n dara pung, 
agus ni mi an sin co-dhunadh. 

Cia mar a tha e coltach gum beil cumhachd 
aige tilgeadh a mach. 

Tha sin air f hoiUseachadh leis na leannas : — 

Anns a cheud àite. Rinn an t- Athair e (air 
son a' ghniomh' a rinn e dha mar Shlànaighenr) 
na Tighearna nan uile, eadhon Tighearna nam 
beò agus nam màrbh; " Oir is ann chum so a 
f huair Criosd bàs agus a dh'èirich e agus tha e 
beò a rìs chum gu'm biodh e na Thighearn air iia 
beòthaibb agus air na mairbh." Rom. xiv. 9. 



156 

Anns an darah-àite Dh' fhàg an t-Athair 
aige-san comas an tì a b'àillleis a bheothachadh, 
se sin ri ràdh, le gràs slàinteil, agus iadsan as 
àill leis a thilgeadh a mach airson ceannairc' na 
aghaidh. Eoin v. 22. 

Anns an treas àite. Rinn Dia e na bhreith- 
eamh air beothaibh agus air mairbh, agus thug 
e nah-uile bhreitheanas do nMhac agus dh'òrd- 
uich e gu'n tugadh na h-uile onair da Mhac, 
eadhon, mar dh'onaraich iad an t-Athair. Eoin 
xxii. 5. 

Anns d! cheathramh àite, Bheir Dia breth 
air an t-saoghal leis an duine so, tha'n latha 'n 
diugh air a shònrachadh air son breitheanais, 
agus tha esan air a shònrachadh mar bhreith- 
eamh, <' Shuidhich e latha anns an toir e breth 
air an t-saoghal am fireantachd, tre'n duine 
sin/' Gniomh xvii. 31, 32. 

Air an aobhr sin, feumaidh sinn uile seasamh 
ro chathair breitheanais Chriosd chum as gum 
faigh gach duine dhuais air son nan nithe a 
rinn e anns a chorp do rèir a ghniomha; mar 
dochoisinn iad dha nèamhagus slàinte, choisinn 
iad dha ifrinn agus damnadh. 

Agus air son nan aobharan so feumaidh 
gu'm bi e na bhreitheamh. 

An?is d cheud àite- A thaobh irisleachaidh, 
air son facal Athar dh'irislich se e-fèin, agus 
dh'fhàs e umhal chum bàis, eadhon bàs na 
croise " Air an aobhar sin dh'àrdaich Dia e gu 
ro àrd mar an eeudna, agus thug e dha ainm 



157 

os-ceann gach uil' ainme chum do dh'ainm 
losa gun lùbadh gach glùn do niihihh a ta air 
nèamh agus do nithihh a ta air talamh agus do 
nithibh a ta fo'n talamh ; agus gun aidicheadh 
gach teangadh gur e losa Criosd an Tigh- 
earna chum glòir Dhè an Athar." Tha so a' 
nochdadh gum beil e na bhreitheamh agus gu'n 
suidh e chum breth a thoirt air aingiean agus 
air doine. Phil. ii. 7 — 11. 

Aìins an dara h-àite, Gun tugadh gach duine 
onair do'n Mhac, eadhon, mar tha iad a' toirt 
onair do'n Athair: Oir cha'n eil an t-Athair a' 
toirt breth air duine sam bith ach thug e na 
h-uile bhreitheanas do'n Mhac, chum gun tug- 
adhnah-uile dhuine urram do'n Mhac, amhail 
mar a tha iad a' toirt urram do'n Athair.*' 
Eoin. V. 22, 23. 

Anns an treas àite, A tnaobh a' cheart 
bhreitheanais. Cha'n eil an obair so iomchaidh 
air son creutair sam bith ; tha i mhain iom- 
chaidh air son Mhic Dhè oir bheir esan duais do 
gach duine do rèir a shlighean. Tais. ii. 2. 

Annsa cheathramh àite, A thaobh gur h-e 
Mac an Duine. *' Agus thug e mar an ceudna 
dha ùghdarras chum breth a thabhairt do 
bhrìgh gur e Mac an Duine." Eoin. v. 27. 

Mar so thainìg mi gu h-aithghearr seachad 

tro'n cheann-teagaisg so ann an rathad raìn- 

ichidh ; is e m' ath obair labhairt m'a dhèighinn 

ann an rathadbeachdachaidh, ach bi'dh mi mar 

p 



158 

an ceudna cho goirid mu'n chiìis sin 'sa leigeas 
a nàdur dhomh. 

" Gach ni bheìr an t-Athair dhomhsa thig e 
am' ionnsaidh agus an tì a thig am' ionnsaidh 
cha tilg mi air chor sam bith a mach e." Eoin. 
vi. 37. 

A nise thàinig mi chum beagan beachd- 
aichidh, agus labhraidh mi beagan mu'n thim- 
chioll, agus an sin co-dhùnaidh nii an t-iomlan. 

Tha na briathran so air am mìneachadh a' 

toirt dhuinn iomadh, agus is e so cuid dhiu : — 

Anns d! cheud àile. Gu'm beil Dia an 

t-Athair agus Criosd a Mhac 'nan dà phearsa 

air leth anns an Diadhachd. 

Anns an dara h-àite. Gur h ann leosan, 
(gun a bhi cur an Spioraid Naoimhe air leth 
uapa) a tha slàinte chinne-dhaona a thuit air 
a dhealbh, air a shònrachadh, agus air a thoirt 
mu'n cuairt. 

Anns an treas àite. Gun d'rinn an innleachd 
shlainteìl so inndrinn ann an cùmhnanta eadar 
na pearsaibh so sa'n Diadhachd a ta seasamh 
ann an tabhairt seachad air taobh an Athar, 
agus ann an gabhail a steach air taobh a Mhic. 
<' Gach ni bheir an t-Athair dhomhsa,'' &c. 

Anns d! cheathramh àite> Gun tig gach aon 
a thug an t-Athair do Chriosd (do rèir inntinn 
Dhè sa' cheann-teagaisg) gu cinnteach d'a 
ionnsaidh. 

Anns a' chùigeamh àite. Cha'n eil tighinn a 



159 

dh'ionnsaidh losa Criosd uime sin, ri chuir à 
leth toir, gliocais,nocuinhachd duine: ach asleth 
an tiodhlaic a' gheallaidh, agus tarruinn an 
Athar : *' Gach ni bheir an t-Athair dhomhsa 
thig e.'* 

Anns an t'sèamh àite, Gum bì losa Criosd 
cùramach a chum gabhail d'a ionnsaidh, iadsan 
a thig, no tha tighinn d'a ionnsaidh. " Agus 
an tì a thig cha tilg mi air chor sam bith a 
mach e." 

A bharr orra so, tha firinnean eile air an 
ciallachadh anns na briathran. Mar, — 

Anns an t- seachdamh àite* Tha iadsan a tha 
tiglxinn a' dh'ionnsaidh losa Criosd gu tric fo 
eagal an cridhe nach gabh e iad da ionnsaidh. 

Anns an ochdamh àite, Cha leìgeadh losa 
Criosd leosan a tha tighinn da ionnsaidh ann 
am firinn, aon uair a smaointeachadh gun tilg- 
eadh se iad a mach, no air falbh. 

Tha na beachdan so gu lèir 'nan laidhe 
anns na briathran, agus tha iad gu mòr air an 
daigneachadn le Sgriobturan na firinn, ach cha 
labhair mi aig an àm so mu*n tiomchioll uile, 
ach thèid mi' seachad air a' cheud, an darra, an 
treas, an ceathramh, agus an sè-amh, a dh aon 
chuid, a thaobh gur miann leam a bhi aith- 
ghearr, agus a rithist, a chionn gum beil iad a' 
bualadh air earannan mìnichidh a' chinn 
teagaisg. Tòisichidh mi uime sin leis a' cheud 
bheachd anns a mhìneachadh so : — 

Anns a cheud àite, Nise ma ta cha'n eil 



160 

tighinn a dh'ionnsaìdh losa Crìosd ann an 
toil, no*n gliocas no an cumhachd duine, ach 
anns an tiodhlac, anns a' ghealladh, agus ann 
an tarruinn an Athar. Tha'm beachdachadh> 
so a co-sheasamh ann an dà earrann. 

Anns d! cheud àite. Cha'n eil tighinn a 
dh'ionnsaidh losa Criosd ann an comas toile, 
gliocais, no cumhachd duine ; 

Anns an dara h-àite, Ach le huaidh tiodh- 
laic, geallaidh, agus tarruinn an Athar. 

Ma sheallas tu gheibh thu ann sa' cheud 
chuid de mhìneachadh a' chinn-teagaisg, gum 
beil an ceann-teagaisg a' giùlan na firinn so na 
uchd, uime sin leannaidh mi ann an so an seòl 
a' chleachd mi cheana: — 

Anns a* cheud àite, Cha'n eil tighinu a 
dh'ionnsaidh Chriosd ann an comas toile, 
gliocais, no ann an cumhachd duine ; tha sin 
tìor do-bhrìgh gum beil na Sgriobturan da 
rireadh ag ràdh nach eil. 

Anns d cheud àite. Tha na Sgriobturan ag 
àicheadh e bhi do rèir toiU duine: '' Cha'n ann 
o fhuil, no o thoil na feòla no o thoil duine," 
agus a rithist, " Chan ann on tì leis ann àill no 
on tì a ruitheas, ach o Dhia a ni tròcair." Eoin. 
i. 13. Rom. ix. 16. 

Anns an dara h-àiie, Tha'n Sgriobtur 
ag àicheadh e bhi 'n comas gliocais duine 
tighinn a dh'ionnsaidh Chriosd, mar tha e 
soilleir bho na beachdan so. 

Anns d cheud àite, Ann an gliocas Dè 



rùinich e nach aithnicheadh an saoghal e tre 
ghliocas. A nise mar nach urrainn iad aith- 
neachadh tre ghliocas, is coltach, nach urrainn 
iad tighinn d'a ionnsaidh leis a' ghliocas sin, 
oir cha tig sinn da ionnsaidh mu'm faigh sinn 
eòlas air, ach an deigh dhuinn eòlas air f haotainn. 
1 Cor. i. 21. Gniomh. xiii. 27« Salm. ix. 
10. 

Anns an dara h-àite. Tha gliocas daonta 
do rèir teisteas Dè air a mheas mar amaideas 
an comais ri eòlas Chriosd. " Nach do rinn 
Dia amaideach gliocas an t-saoghail so ?" agus 
a rithist '* Tha gliocas an t-saoghail so na 
amaideas le Dia." 

Ma rinn Dia gliocas an t-saoghail so na 
amaideas, agus a rithist, ma tha gliocas an 
t-saoghail so na amaideas na bheachd, uime sin 
gu deimhin cha'n eil e coltach gum fàsadh am 
peacach cho crionna leis a' ghliocas sin a's gun 
tigeadh e dh'ionnsaidh Chriosd; gu sònraichte 
ma bheir sinn fainear. 

Anns an treas àite. 'Se teagasg, '* Criosd 
air a cheusadli" agus slàinte da thrid-san an 
dearbh ni a tha gliocas an t-saoghail so a meas 
mar amaideas; a nise, ma tha dearbh theagasg 
" Criosd air a cheusadh" air a mheas na amaid- 
eas le gliocas an t-saoghail so, cha'n fhaod e 
bhi gum bi duine leis a' ghliocas sin air a 
tJiarruinn a mach 'na anam a chum tighinn 
a dh'ionnsaidh Chriosd. 1 Cor. i. 18, 20, 23; 
ii. 14 ; iii. 19. 



162 

Anns a' cheaihramh àite, Mheas Dia gliocas 
an t-saoghail so mar a h-aon de a nàimhdean 
a's mò, uime sin cha'n urrainn duine tighinn 
a' dh'ionnsaidh Chriosd le leithid a' ghliocas, 
oir cha'n eil e coltach, gun tàirneadh a h-aon 
de na nàimhdean as mò th' aig Dia peacach 
a dh'ionnsaidh an àite a's mò a bheireadh a 
thaitneas do Dhia, mar tighinn a dh'ionnsaidh 
Chriosd. Nise tha e làn-shoilleir gu'n mheas 
Dia gliocas an t-saoghail so mar aon de a 
nàimhdean a's mò. 

Anns a cheud àife. A chionn gu'm beil glioc- 
as an t-saoghail so a' tilgeadh mòr thàir air na 
ghabh am Mac os-làimh ; chaidh a dhearbhadh 
roimhe so gun mheas e a cheusadh mar amaid- 
eas, ged is e sin an t-aon a's airde de cho- 
dhearbhaidhean a ghliocais diadhaidh. Eph. 
i. 7, 8. 

Anns an dara hàile* A chionn gun 
mhùigh Dia gliocas an t-saoghail so a sgrios, 
agus a thuinndaidh gu neoni agus a' chuir a 
dhìth, ni nach deannadh e idir mar be gu'n 
mheas se e na nàmhaid, a sheòladh duine gu 
cùl a chuir ri losa Criosd. Leugh Isa. xxix. 
14. 1 Cor. i. 19. 

Anns an ireas aite. Dhiult e gliocas an 
t-saoghail so a bhi na chòmhnadh ann an sèirbh- 
eis f haeail, ga mheas mar ni gun tairbh agus a 
thèid am mugha. 1 Cor. ii. 4. 

Anns d cheathramh àite. Chionn gun chuir 
gliocas an t-saoghail so a dhìth iadsan a bha 



\ 



163 

ga shirreadh agus a tha'n geall air. 1 Cor. i. 
18,19. 

An7is (ì chùigeamh àite> Agus thubhairt Dia 
ma bhios duine sam bith glic anns an t-saoghal 
so feumaidh gum bi e na amadan ann an gliocas 
an t-saoghail so, agus gur e an aon seòl air a 
bhi glic gliocas Dè. " Ma shaolas neach air 
bith 'nur measg ejein sl bhi glic san t-saoghal 
so, biodh e na amadan chum gum bi e glic, oir 
is amaideachd aig Dia gliocas an t-saoghail so." 
1 Cor. iii. 18—20. 

Anns an treas àite. Cha'n eil tighinn a 
dh*ionnsaidh lo^^a Criosd ann an comas cumh- 
achd duine. Tha so soilleir, ann an cuid, 

Anns a cheud àite, Bho'n ni a nochdadh 
roimh so, oir tha cumhachd duine, na chuir 
a mach, air an t-seòi so a dh'aon chuid air 
a ghluasad suas le gràdh, air neo le moth- 
achadh air easbhuidh, ach cha toir gliocas an 
t-saoghail so gràdh do dhuine, ni mò bheir e 
mothachadh dha air f heum air losa Criosd ; 
uime sin tha 'chumhachd 'na laidhe sàmhach 
mu'n chùis sin. 

Anns an dara h-àite, Ciod an cumhachd 
a tha aige-san a ta màrbh, mar tha gach uile 
duine nadurrach gu spioradail, eadhon marbh 
ann am peacadh san euceartan ? Marbh, 
eadhon cho marbh do nithibh Thiomnaidh 
Nuaidh Dhè sa tha esan a tha anns an 
uaigh do nithibh an t-saoghail so, ciod an 
cumhachd a ta aige-san, ma ta chum tiginn 



164 

a dh*ionnsaidh losa Criosd? Eoin. v. 25. 
Eph. ii. 1. Col. ii. 13. 

Anns an treas àite, Tha Dia a' toirmeasg 
do'n duine threun uaill a chuir à neart, agus 
tha e 'g ràdh gu cinnteach, ceart, " Nach toir 
aon duine buaidh le neart," agus a rithist, 
** Chan ann le neart no le cumhachd ach le mo 
Spiorad-sa deìr an Tighearn." ler. ix. 23, 24. 
1 Sam. ii. 9. Seach. iv. 6. 1 Cor. xxvii. 28 
—31. 

Anns d! cheathramh àite. Tha Pol ag aid- 
eachadh nach eil cumhachd aig duine tha air 
iompachadh leis fèin air uidhir agus aon 
smuain mhath a* smaointeachadh, Mar eil 
cumhachd aige an ni mu dheireadh a dhean- 
amh, oir is e smaointinn a's lugha no tiginn, 
cha'n urrainn aon duine tighinn a dh'ionn- 
saidh Chriosd le 'chumhachd fèin. 2 Cor. iii. 
5. 

Anns d! chùigeamh àite, Uaidhe so tha e air 
aithris gum beil sinn air ar deanamh toileach 
tighinn le cumhachd Dhè, agus a bhi air ar 
togail bho staid peacaidh gu staid gràis le 
cumhachd Dhè, agus gu creidsinn, se sin 
r*a ràdh tighinn tre mhòr oibreachadh a 
chumhachd treun fèin. Salm. cx. 3. Col. ii. 12. 
Epij. i. 18 — 20. Faic mar an ceudna. lob. 
xlvi. 14. 

Ach cha ruigeadh so a leas a bhi mar sin, 
nam biodh aon chuid cumbachd no toil aig 
duine tighinn, no urrad agus smaointeach gu 



165 

gràsmhor a bhi toileach (dhiù fèin) chum 
tighinn a dh'ionnsaidh losa Criosd. 

Bu choir dhomh a nise tighinn a dh'ionn 
saidh cumhachd an dara h-earrainn de'n 
bheachd so, ach rinn mi sin air àmanan 
cheana, ann an earrann mìnichidh a chinn- 
teagaisg ; ni air am faod an leughadair 
amharc, oir cha toir mi an so dhut ach a 
h-aon a mhàin, no dithis a bharrachd a tha 
tighìnn 'chum na h-aon bhrìghe agus thig mi 
sin a dh'ionnsaidh an t-seadha anns an gabhar 
an t-iomlan. 

Anns a cheud àite. Tha e air aithris gu 
soiUeir, " Cha'n urrainn neach air bith teachd 
am' ionnsaidh-sa mar tarruinn an t-Athair a' 
chuir uaithe mis' e." Chan eil an ceann- 
teagaisg so a mhain a' ciallachadh gum beil 
an duine dh'easbhuidh cumhachd, ach mar an 
ceudna toil, a chum tighinn a dh'ionn- 
saidh losa Criosd, feumaidh iad a bhi air an 
tarruinn, cha tig iad mar bi iad airan tarruinn, 
agus tabhair fainear cha'n e duine no uile 
ainglean nèamh as urrainn peacach a tharruìnn 
a dh'ionnsaidh losa Criosd, cha'n urrainn 
neach air bith teaehd am' ionnsaidhsa mar a 
tarruinn an t-Athair a chuir uaithe mis e." 
Eoin vi. 44. 

Anns an dara h-àite, A rithist, " chan 
urrainn neach air bith teachd am' ionnsaidh 
mar bi e air a thort dha o m* athair," (Eoin. vi. 



166 

65,) is e tiodhlac nèamhaidh a bheir air duìne 
tighinn a dh'ionnsaidh losa Criosd. 

Anns an treas àite, A rithist, tha e sgriobhta 
anns na faidhibh, agus bithidh iad uile air an 
teagasg o Dhia. Uime sin gach neach a 
chuala agus a dhThòghlum o'm Athair, thig e 
am' ionnsaidhsa. Eoin. vi. 45. 

Cha labhair mi mòran air an so, ach ni mi 
cuid do dhlù smaointeachadh agus thig mi an 
sin chum an ath bheachdachaidh. 

Anns a cheud àite. Am beil e mar sin ? 
Am beil tighinn a dh'ionnsaidh losa Criosd 
tre thoil, gliocais, no cumhachd duine, ach tre 
thiodhlaic, gheallaidh agus tarruinn an Athar ? 
Ma tha, tha iad ra'n coireachadh a tha glaodh- 
aich suas toil, gliocas, agus cumhachd duine 
mar nithibh foghainteach chum daoine thoirt 
a dh'ionnsaidh Chriosd 

Tha cuid de dhaoine ann a tha'n dùil nach 
urrainnear cur 'nan aghaidh 'nuair a thòisich- 
eas iad air tagairt air son toil, gliocais, agus 
cumhachd duine, an coimeas ris na nithibh a 
bhuineas do rìoghachd Chriosd, ach their mi 
ri leithid sud de dhuine nach tainig e fathast 
gu thuigsinn, gur e fèin an dearbh neach a 
tha na Sgriobturan a' teagasg mu thimchioll, ni 
mo tha dh'f hios aige ciod e an ni tighinn a 
dh'ionnsaidhChriosdle teagasg, tiodhlaic, agus 
tarruinn an Athar. Is e an dearbh neach a 
thog suas nàimhdean Dè càlg-dhireach na 



167- 

aghaìdh agus a tha buanachadh air a bhi toirt 
dùbhlan da air an t sheòl ud ; agus an ni a's 
crioch dha gun ùr-bhreath tha na sgriobturan 
a' teagasg mar an ceudna : ach thèid e 
seachad air so. 

Anns an dara h àite, Am beil e mar so ? 
am beil tighinn a dh'ionnsaidh losa Criosd 
tre thoil, gealladh, agus tarruinn an Athar? 
ma tha, foghlumadh naoimh ann an so an tigh- 
inn a dh'ionnsaidh losa Criosd a chur as leth 
tiodhlaic geallaidh, agus tarruinn an Athar. 
A Chriosdaidh beannaich sa Dia a thug thusa 
do dh' losa Criosd tre ghealladh, agus a 
rithist beannaich Dia a chionn gun do tharruinn 
e thu ga ionnsaidh. Agus c'arson is e thusa ? 
C'arson nach e neach eile ? O ! gu'm a h-ann 
a ghabhas glòir gràidh thaghta còmhnaidh air 
do cheann, agus gu'm a h-ann a ghabhas gìòir 
mòr-ghràis Dè grèim air do chridhe, a ni do 
ghiùlan a dh'ionnsaidh losa Criosd. 

Jnns an treas àite, Am beil e mar so, 
gum beil tighinn a dh'ionnsaidh Chriosd 
trid an Athar mar a thubhairt mi roimhe ? ma 
tha sin mar sin, bu chòir dhuinn mòr mheas a 
bhi againn orrasan a tha da rìreadh a' tighinn, 
a dh'ionnsaidh losa Criosd : tha mi 'g ràdh 
mòr mheas abhi orra air a sgàth-san tre bhuaidh 
a ghràis a thug orra tighinn a dh'ionnsaidh 
losa Criosd. 

Tha sinn a* faicinn an uair a ruigeas duine 



168 

aìr eolas le buadhan nàdurrach agus a chuireas 
iad an gniomh obair a bhios na h-ioghnadh do'n 
tsaoghal cionnas a bhios an neach sin air a 
ghràdhachadh agus air a mholadh. Seadh, cia 
mar tha chiall, a thùr, agus a dhìcheall air a 
chliùthachadh, ach fathast, cha'n eil an duine 
rinn sin ach de'n t-saoghal so, agus cha'n eil 
na ghnìomh ach toradh buadhan nadurrach 
agus na nithe a rinneadh leis thèid crìoch orra 
ann an diamhanas 'san cràdh cridhe. Agus 
osbarr, theagamh ann an rannsachadh a mach 
nan euchdan sin, gun pheacaich e ann an 
aghaidh Dhe, a' caitheamh a thìm gu diamhain, 
agus fa-dheòigh gun chaill e anam le dearmad 
air obair a b' fhearr; gidheadh tha e air a 
ghràdhachadh le ioghnadh. Ach tha mi 'g 
ràdh mo thogas buadhan nadurrach, saothair 
agus dìcheall an duine so gu leithid a chliù, 
agus a' mhiadh anns an t-saoghal, ciod am 
meas ba chòir a bhi againn air neach a tha 
tighinn le tiodhlac, gealiadh, agus cumhachd 
Dhè a dh'ionnsaidh losa Criosd. 

Anns cC cheud àite. Is e so an duine tha 
Dia maiUe ris, agus còladh ris am beil Dia ag 
oibhreachadh agus ag imeachd, duine tha 
ghluasad air a riaghladh agus air a stiùradh le 
'làimh chumhachdaich, — so far am beil duine I 

Anns an dara h-àite» Tha'n duine so le 
cumhachd treun Dè a ta 'g oibreachadh ann 
comasach air saoghal iomlan a thilgeadh air a 
chul leis na h-uile shòlas agus ana-miann a ta 



169 

ann, agus buaidh a thoirt thar gach deuchainu 
a's urrainn daoine no deamhnabh a' chur na 
aghaidh ! 

Anns an treas àite. Tha'n duine so air a 
thuras gu Sliabh Shioin ; an Ireusalem nèamh- 
aidh cathair an Dè bheò, agus cuideachd gun 
àireamh de dh'ainglean ; agus do dh'anmanan 
dhaoine fìreanta air an deanamh foirfe. Agus 
a dh'ionnsaidh an Dia bheò breitheamh nan 
uile, agus losa, — so far am beil duine ! 

Anns a cheathramh àite. Is urrainn an duine 
so amharc air a' bhàs le sòlas, agus gàire dhean- 
amh ri lèir-sgrios an uair a thig e, agus is fada 
leis a tha e gu'n fhuaim na trompaid' deir- 
eannaich' a chluinntinn, agus am breitheamh 
fhaicinn a' tìghinn air neulaibh nèimh, — so far 
am beil duine gun teagamh ! 

A chriosdaidhean, ma ta, gràdhaichibh a 
chèile, mar a lethid sud de dhuine, Tha fios 
agam gu'n gràdhaich, ach deanaibh, sin ni's mò 
agas mi's mò. Agus a chum gun toir sibh 
fainear na dhà no na trì nithe so : 

A?ins a' cheud àite, Is iad so cùisean gràidh 
Chrìosd. Mat. xii. 48; xv. 22—29. Luc. 
vii. 9. 

Anns an dara h^àite, Is iad cùisean gràidh 
nan aingeal. Dan. ix. 12; x. 11; xii. 4. Eabh. 
i. 14. 

Anns an treas àite. B'iad so cùisean gràidh 
nan cinneach 'nuair a' chreideadh iad annta. 



170 

Dan. V. 10. Gniomh. v. 15. 1 Cor. xiv. 24, 
25. 

Uime sin, gràdhaicheadh gach aon muinntir 
eil ni's fearr na iad fèin. Phil. ii. 3. 

A?ins a' cheathramh àite. A rithist, am beil 
e mar sin, nach tig neach sam bith a dh'ionns- 
aidh losa Criosd le toil, gliocas, no cumhachd 
duine, ach le tiodhlac, cumhachd, agus tarr- 
uinn an Athar? Ma ta, tha so a' nochdadh 
dhuinne cho aineolach sa tha a* mhuinntir a 
tha deanamh cuspair dìmheas agus corraich 
dhiùsan a tha tighinn a dh'ionnsaidh losa 
Criosd. Is daoine neo-reusonta agus aingidh 
iad so. Daoine anns nach eil creideamh air 
Mth. 1 Thes. iii. 2. 

A Pheacachabh na'm biodh f hios agaibhsa 
cia cho beannaichte sa ta 'n nì sin, tighinn 
a dh'ionnsaidh losa Criosd, agus gur ann 
\e còmhnadh agus tarruinn an Athar a tha iad 
da rìreadh a' tighinn da ionnsaidh : loisgeadh 
sibh ann an ifrinn mìle bliadhna mu'n tionn- 
daidheadh sibh ar n-inntinnean mar tha sibh 
a* deanamh ^na aghaidh san a thaDia a' tarruinn 
a dh'ionnsaidh losa Criosd, agus an aghaidh 
an Dè a ta ga tharruinn. 

Ach a pheacaich neo-dhìleas, reusonaichidh- 
mid beagan mu'n chùis. Ciod a rinn an duine 
so 'na t'aghaidh tha tighinn a dh'ionnsaidh 
losa Criosd ? C'arson a ha thu dha dhean- 
amh na chuspair do spòrsa ? Am beil a thigh- 
inn a dh'ionnsaidh losa Criosd a' cur corraich 



171 

ort? Am beil e bhi an dion-thòir air a shlàinte 
fèin a cur mi-thlaehd ort ? Am beil e bhi a' 
trèigsinn a pheacannan agus a shòlas amaid- 
each a' cur fearg ort ? 

A pheacaich bhochd a tha tighinn ! <* lob- 
raidh tu gràinealachd nan Eiphiteach fa-chomh- 
air an sùl agus nach gabh iad do chlachaibh 
ort." Exod. viii. 26. 

Ach tha mi 'g ràdh, c'arson a tha so a' cur 
corraich ort? am mist e bheag tighinn a 
dh'ionnsaidh losa Criosd ; no ghràdhachadh 
agus seirbheis a dheanamh dha? agus am beil 
e na amadan air son teicheadh bho'n nì sin a 
bhàthadh tusa ann an tein' ifrinn, agus beatha 
shiorruidh iarraidh dha fèin ? Osbarr, guidh- 
eam oribh a dhaoine, thugaibh so fainear cha 
'n eil e deanamh so uaithe fèin, ach le tarr- 
uinn an Athar. Thig agus innseam dhut ann 
ad chluais, cha tig thu dha ionnsaidh thu fèin, 
agus an tì a thig tha thu ga bhacadh. 

Anns d cheud àite. Thèid'breth a thoirt ort 
mar neach a dh' fuathaich, agus aig an robh 
droch rùn do Chriosd a' dhionnsaidh am beil 
am peacach bochd so a' tighinn. 

Anns an dara h-àiie. Thèid breth a thoirt 
ort mar neach a dh' f huathaich an t-Athair a 
tha le tharruinn chumhachdach a' toirt air a 
pheacach tighinn. 

Anns an treas àite. Thèid do ghlacadh agus 
breth a thoirt ort mar neach aig an robh 
gamhlas do spiorad nan gràs anns an tì sin a 



172 

ta le 'chomhnadh a' tighinn a dh'ionnsaidb 
losa Criosd. Ciod a their thu nis'? am 
buanaich thu ann ad ghniomharran ? Am 
buanaich thu ann a bhi deanamh di-mheas air 
an Dia bheò ? An saoil thu gu'n seas thu gu 
math 'na aghaidh latha 'bhreitheanais ? " An 
urradh do chridhe fulang no'n urra do làmh- 
an a bhi laidir anns na lathaibh anns an buin 
mise riut, deir an Tighearna?" Eoin xv. 
18—27. Breith. 14, 15. 1 Tes. iv. 8. Esc. 
xxii. 14. 

Anns d cheathramh àite* Am beil e mar sin, 
nach tig neach sam bith a dh'ionnsaidh losa 
Criosd le toil, gliocas, no cumhachd duine, ach 
le tiodhlac, gealladh, agus tarruinn an Athar? 
Ma tha, tha sin a' nochdadh dhuinne mar tha 
e tachairt, gum beil meadhonan laga cho 
comasach is gun toir iad daoine às am peacann- 
an chum a bhi an dion-thòir air losa Criosd. 
'Nuair a dh'iarr Dia air Maois labhairt ri 
shluadh, thubhairt e, " A nise ma ta èisd ri'm 
ghuth, bheir mise comhairl ort." (Escod. xviii. 
19.) 'Nuair a labhras Dia^ agus an uair a 
chuireas Dia obair an gniomh co a bhacas 
e? Cha bhac aon neach, an sin thèid an obair 
air a h-aghaidh. Thilg Elias fhaluinn air 
guailean Elisha agus ciod an obair iongantach 
a thainig na lòrg ? 'Nuair a thainig losa 
dh'ionnsaidh an àite anns 'na ghoir an 
coileach, ciod an obair a bha'n sin, O I an 
uair abhios Diaanns nameadhonan oibrichidh 



173 

iad gu h-iongantach. (ge be air bith cho lag is 
cho dìblidh sa' bhios iad annta fèin.) 1 Rìgh. 
xix. 19. Mat. xxvi. 74, 75. Marc xiv. 71> 
72. Luc. xxii. 60—22. 

Cha do thuig an saoghal, ni mò a chreid e 
gun tuiteadh ballachan Iricho le fuaim adhairc- 
ean reitheachan, ach an uair a dh'obraicheas 
Dia,feumaidh na meadhonan a bhi èifeachdach. 
, Ni facal fann a labhairt am buillsgean tàire 
agus sgeige, miorbhuilean oibreachadh ; ma 
their an Tighearna do Dia mar sin, mar an 
ceudna. 

Anns d chùigeamh àite, Am beil e mar 
sin ? nach tig duine sam bith a dh'ionnsaidh 
losa Criosda le toil. gliocas, agus cumhachd 
duine, ach le tiodhlac, gealladh, agus tarruinn 
an Athar? Ma ta faodaidh Criosdaidhean 
seasamh an so agus ioghnadh a ghabhail à 
obair èifeachdach freasdail Dè a chleachd e 
mar mheadhonan a chum an toirt a' dh'ionn- 
saidh losa Criosd. 

Oir ged tha muinntir air an tarruinn a 
dh'ionnsaidh Chriosd le cumhachd an Athar, 
gidheadh tha'n cumhachd ga chuir fèin a mach 
le cleachdadh mheadhonan ; agus tha na 
meadhonan so iomadaidh ; aig àm mar so, agus 
aig àm eile mar sud, air an dòigh agus aig an 
àm is àill leis fèin ged robh na meadhonan 
cho dìblidh sa dh' f haodadh a bhith, gidheadh 
ni Dia, a dh'àithn do'n t-solus dealradh à 
dorchasdas na meadhonan sin laidir, agus tha 



174 

e gu tric a* cleachdadh mheadhonan mi- 
choltach a chum iompachaidh agus slainte 
a phobuill a thoirt mu'n cuairt. Uime sin 
sibhse thainig a dh'ionnsaidh Chriosd, (le 
shamhail sin de mheadhon ;) staidaibh fèin 
agus gabhaibh iongantas, agus le iongantas. 
ardaichibh a chumhachd Uile-chumhachd- 
ach-san leis an d'rinn e n'am meadhonan 
èifeachdach a chum bhur tabhairt a dh*ionn- 
saidh losa Criosd. 

Ciod iad na freasdalan a chleachd Dia mar 
mheadhonan faisg air làimh, no fad air falbh a 
chum do thabhairt a dhionnsaidh losa Criosd? 
An e atharrachadh t'ionaid chòmhnaidh, no do 
staide, call caraide, no codach, no ni mar sin, no 
an e sealltainn thairis air leabhar math a thach- 
air ruit, no do choimhearsnachaibh a chluinn- 
tinn a' labhairt mu nithibh nèamhaidh, no 
breitheanas Dè f haicinn da chuir an gniomh 
air muinntir eile, no thu fèin f haicinn air do 
shaoradh uapa, no thu thachairt fo f hrithealadh 
neach eigin diadhaidh ? Tabhairt a leithid sin 
do fhreasdal, no do fhreasdalaibh fainear, 
bha iad air an cur a mach le cumhachd treun 
a chum math a dheanamh dhut! Chaidh Dia 
fèin tha mi 'g ràdh 'na chàrbad ; seadh, agus 
bheannaich se e air chor is nach d' fhàilinn e 
ann an toirt nan nithe mu*n do chuireadh a 
mach e gu crìch. 

Cha do bheannaich Dia a fhreasdalan do na 
h-uile neach air an t-seòl so : Cia lion mìle tha 



anns an t-saoghal so a iha cuir gach latha 
seachad fo leithid sin de fhreasdalaibh ! 
Ach cha'n eil Dia annta chuin a leithid do 
ghnìomh a dheanamh leo 'sa rinn e do t'anam 
bochdsa le e dh'oibreachadh gu h-èifeachdach 
leo. O ! gu'm a h-ann a choinnicheadh losa 
Criosd thu anns an fhreasdal so, anns an stòl- 
dachd so, se so gràs gu dearbha ! Mu so, 
uime sin, is cumhaidh dhut iongantas sl ghabh- 
ail, agus Dia a bheannachadh. 

Ceadaich dhomh fios blas cuid de na freas- 
dalan so a bha èifeachdach, tre oibreachadh 
Dhè a chum slàint' anmanan a phobuiU a 
thabhairt dhut. 

Anns a* cheud àite, A bhan-Samaraitean- 
ach. B'èigin tachairt gu'n rachadh i mach 
do'n bhaile a" tharruinn uisge sa'cheart àm anns 
an tàinig losa Criosd a Slànaighear o chèin, 
agus a leagail anail aig an tobar. Ciod am 
freasdal beannaichte bha'n so; eadhon freasdal 
a bha air oibreachadh le gliocas agus cumh- 
achd uile-chumhachdach a chum iompachadh 
agus sàbhaladh a' chreatair bhochd so. oir b'ann 
a chum na cnche sin a b'èigin gu'n thachair i 
fèin agus a slànaighear ri chèile, chum agus 
gum biodh obair bheannaicht' air oibreachadh 
oirre do rèir mar a dh'òrduicheadh ro' làimh leis 
an Athair. Eoin. iv. 

Anns an dara li-àite. Ciod e cho freas- 
dalach sa bha e gum biodh craobh anns an 
rathad air an robh Sacheus anns 'na shreap e 



176 

suas chum cothrom a thoirt do dh' losa gu 
gairm air ceann-feadha nan cìs-mhaor dhach- 
aigh d'a ionnsaidh fèin, eadhon mu'n dh'fhuair 
e tìm gu tighinn a nuas. Luc. xii. 

Anns an treas àite. Nach eil e na iongantas 
gum biodh am meirleach mu m beil thu leugh- 
adh anns an t-Soisgeil air a thilgeadh le freasdal 
Dè ann am prìosan^ agus air a dhìtheadh gu 
bàs air a' cheart àm sin anns an robh losa fèin 
gu bàsachadh: seadh,agus gu'n thàrladh dhaibh 
a bhi air an ceusadh còladh chum gu'm biodh 
cothrom aig a' mheirleach air briathran deir- 
eannach losa chluinntinn agus an tabhairt fai- 
near chum a bhi air iompachadh ieis-an ro 
uair a bhàis ? Luc. xxiii. 

Anns d! cheathramh àite, Ciod e cho iong- 
antach sa' bha am freasdal air oibreachadh le 
Dia, gum biodh Onesimus an uair a ruith e air 
falbh bho mhaighistear air a ghlacadh agus air 
'thilgeadh am priosan far an robh Pòl air a 
cheangal air son briathar an t-Soisgeil ; chum 
gu'm biodh e air iompachadh leis. " Agus a 
ta fios againn gu'n co-oibrich na h-uile nithe 
chum math do'n dream d'am beil gràdh do 
Dhia eadhon dhaibh-san a ghairmeas a rèir a 
rùin. Rom. viii. 28. 

Anns d chùigeamh àite. Seadh, b'aithne 
dhomh fein muinntir a thugadh a dh eisdeachd 
an f hacail an aghaidh an toile ; chaidh muinn- 
tir eile, cha'n ann a dh' èisdeachd, ach chum 
is gum biodh iad air am faicinn agus a dh amh- 



177 

arc chàich, agus a' chuir fàilt orr', agus mar 
an ceudna chum sgòd f haicinn air muinntir eile ; 
tha cuid maran ceudna doldo'nèisdeachdchum 
an sùilean adhaltrariach a thoileachadh le 'n 
socrachadh air cuspairean sgiamhach ; agus 
gidheadh rinn Dia feum dhiu so le'n toirt fo 
ghràs chum an anmanan a thearnadh. 

Anns an Usè-amh àiie. An tig duine sam 
bith a dh'ionnsaidh Chriosd ach le tarruinn, 
&c. an Athar. Mar tig, leig dhomh rabhadh 
a thoirt do na peacaich bhochd' a fhuair 
fradharc air an atharrachadh a dh'oibrich 
Dia orrasan a tha tighinn a dh'ionnsaidh losa 
Criosd, gun a bhi cur na h-oibreach agus an 
atharraichidh so as leth nithibh agus aobharan 
eile. 

Tha cuid do pheacaich bhochda anns an 
t- Saoghal a chì gu soiUeir atharrachadh, atharr- 
achadh cumhachdach a' tighinn air an coirah- 
earsnaich agus air an càirdean a tha tighinn a 
dh'ionnsaidh losa Criosd ; ach mar thubhairt 
mi, tha iad aineolach mu dhèighinn, co as a 
thàinig e, no c'àite thèid e : " is ann mar sin a 
tha gach neach a tha air a bhreith o'n Spiorad." 
(Eoin iii. 8.) Uime sin tha iad a' cur nan 
atharraichean so as leth nithibh eile, — mar. 

1. Leann-dubh, 

2. A bhi suidhe aonaranach, 

3. Le tuilleadh 'sa chòir de leughadh. 

4. Le bhi dol gu tuilleadh 'sa chòir do shear- 
moinean. 



178 

5. Le tuilleadh 'sa chòir de chnuasach, agus 
de raheòraich air na chual' iad. 

Mar an ceudna, cho-dhuin iad air an taobh 
eile. 

Jnns a ckeud dite, Gur h-e cion cuideachda 
chridheil, shuilbhir. 

Anns an dara h-àite. Gur ann le cion cùng- 
aidh leigheis, uime sin thug iad comhairl' 
orra leughadh a leigeadh m'a làr, agus sear- 
moinean agus cuideachd dhuine cianaile, troma, 
a sheachnadh, agus a b'hi subhach, a bhi dol 
a chèilidh agus a bhi dìcheallach m'a ghnoth- 
aichean an t-saoghail so, agus gun iad a 
shuidhe idir a' smaointeachadh 'nan aonar, &c. 

Ach thig an so, a pheacaich thruaigh ain 
polnich, labhram riut, is dòigh leam gu'n 
liiionndaidh tha mach gu bhi nad' chomhairì- 
each do Shàtan : tha mise 'g ràdh riut nach eil 
fios agad ciod a tha thu deanamh. Cumhainn 
a bhi caitheamh do bhreitheanais air an t-seòl so, 
thug thu breth gu h-amaideach, agus chuir 
thu an cèiU leis an so do gach neach a thèid 
seachad gur amadan thu, 

Ciod ! am beil thu meas dearbhadh air 
peacadh, bròn air son peacaidh, aithreachas 
air son peacaidh, na leann-dubh, tha so coltach 
riusan a thuirt air an taobh eile, " Tha'n 
duin' air mhisg le fìon nuadh," &c. Oir mar 
esan a thubhairt gun robh Pòl air chuthach, 
Gniomh. ii. 23 ; xxvi. 24. 

A pheacaich thruaigh, aineolaich, nach 



179 

urrainn thu breth mV fearr a thabhaìrt? Ciod! 
am beil a bhi suidhe aonaranaeh, sàmhach 
smuainteachail fo làimh Dhè, a leughadh nan 
Sgriobturan, agus a' cluinntìnn shearmoinean, 
&c. 'na dhòigh aìr dol a mugha? Gum a h-ann a 
dh' fhosglas Dia do shùilean chum gu'n toir 
e ort gu'm faic thu do mhearachd. Chuir 
thu thu-fèin an agaidh Dhè, rinn thu tàir* air 
gluasad a làmhan thug thu an ionnsaidh air 
anmanan a mhort. Ciod! an urrainn thu 
comhairle ni's fearr a thoirt seachad, a' buntain 
riusan a leònadh le Dia, g'an cuir a dh'ionn- 
saidh comhairlean ifrinn air son còmhnaìdh, tha 
thu 'g iarraidh orra bhi subhach agus eatrom; 
ach nach eil fhios agadsa " gum beil cridhe an 
amadain ann an tigh na cùirme. Ecles. viir 2. 
Tha thu 'g iarraidh orra searmonaichean 
tàirn-thoirmeach a sheachnadh : " Ach nach 
fearr èisdeachd ri achmhasan dhaoine glice, na 
gu'n èisdeadh duine ri h-òran amadanan." frann 
5.) Tha thu 'g iarraidh orra bhi dìcheallach 
ann an gnothaichean an t-saoghail so, ach 
nach eil fhios agadsa gum beil an Tighearna 
'g ràdh — " sir air tùs rìoghadh Dhè agus 
fìreantachd?" Mat. iii. 36. 

A pheachaich thruaigh aineolaich, cìuinn 
comhairle Dhè dhaibh, agus fòghlum fèin a 
bhi ni's glice, " Ma tha neach fo àmhghar? 
deanadh e ùrnaigh, ma tha neach subhach ? 
seinneadh e sàilm." " Is beannaichte an tì a 
dh'èisdeas riumsa, agus a dh'èisdeas a chum an 



180 

àma ri teachd, saoraibh sibh fèin o'n ghinealach 
f hiar so, rannsaichibh nan sgriobturan, thug- 
aibh aire do leughadh," " Is fearr a dhol do thigh 
a bhròin, &c." Seumas v. 13. Gnath. viii. 
32, 33. Gniomh. ii. 40. Eoin v, 39. 1 Tim. 
V. 13. Ecles. viii. 1—3. 

Agus an tabhair thu breth air-san a ni mar 
sud, am beil thu gu ìre bhig coltach ri EiUmas 
an drùidh a dh'ìarr an t-uachdaran a thionn- 
daidh o chreideamh, tha thu 'g iarraidh slighe- 
achan ceart an Tighearn fhiaradh, tabhair 
fainear nach faigh breitheanas trom eigin grèim 
ort. Gniomh. xiii. 8 — 13. 

Ciod ! teagasg do dhaoine faireachadh air 
dearbhadh peacaidh a mhùchadh, agus daoine 
thoirt bho smuaintean cudthromach mu olcas 
a pheacaidh, agus uabhasan an t-saoghail ri 
teachd, agus mar sheachnas iad an ni sin. 
Ciod I a teagasg do dhaoine mar chuireas iad 
Dia agus fhacal às an cuimhne le ruith a 
dh'ionnsaidh cuideachd eutrom le tionntadh 
ris an t-saoghal agus dol air chèilidh, &c. Is 
ionan sin agus a ràdh ri Dia " Imich uainn 
oir cha'n àili linn eòlas do shiighibh oir ciod, 
e an t-uile-chumhachdach gu'n deanamaid 
seirbheis da? oir ciod a' bhuannach a ta ann 
dhuinne gun coimhideadh sinn a shlighean ?" 
so far am beil diabhol ann an greann I 
Ciod ! ag iarraìdh air duine triall do rèir cùrs' 
an t-saoghail so, '* a rèir uachdranachd cumh- 
achd an adhair an spiorad a tha nis' ag oib- 



181 

reachadb ann an cloinn na h-eas«tìnihlachd*" 
Eph. ii. 12. 

CunuiL Ach cha'n eil fìos againne gu'm beil 
an leithid a' tighinna dh'ionnsaidh losa Criosd, 
gu cinnteach tha sinn a' gabhail iongantais asta, 
agus a' smaointeach gur amadanan iad ? 

FreagairU Anns a' cheud àite. 'Nach eil 
fios agadsa gu'm beil iad a' tighinn a dh' 
ionnsaidh Xosa Criosd ? Mar eil, ma ta faod- 
aidh iad a bhì tighinn d*a ionnsaidh air son na 
tha dhThios agadsa. Agus c'arson a bhios tu 
ni's miosa na bhrùid, olc a labhairt mu'n ni 
nach aithne dhut ? Ciod ! C'arson a tha thu 
air do dheanamh gu bhi air do glacadh agus 
air do sgrios, an èigin dhut bàsachadh ann ad 
thruailleachd fèin. 2 Ped. ii. 12. 

Anns an dara h-àite* Mar aithne dhut 
iad ? leig leo ma ta. Mar urrainn thu 
math a labhairt mu'n timchioll, na labhair olc. 
** Agus a nise deiream ribh fanaibh o na daoine 
so, agus leigibh leo : oir mas ann o dhaoine 
tha a' chomhairle so, no 'n obair so thig i gu 
neo-ni : ach mas am o Dhia a ta i, cha'n 
urrainn sibhse a cuir gu neo-ni air eagal 
gun tàrladh gu'm faighear sibh eadhon a' 
cogadh an aghaidh Dhè." Gniomh. v. 38, 39. 

Anns an treas àite. Ach cia f àth mu'm beil 
iongantas ort mu obair dearbaidh agus iomp- 
achaidh? Nach eil fìos agaibhse gur e so 
breitheanas Dè oirbh, sibhse 'luchd-tarcuis, 

R 



182 

" faichaidh agus gabhaibh iongantas agus 
rachadh às duibh ?" Gniomh. xiii. 40, 41. 

Anns d cheathramh àite. Ach c'arson 
a tha sibh fo ioghnadh a' smaointeach gur amad- 
anan iad ? am beil slighe nan ionracan na 
gràinealachd dhuibh ? Amharcaibh an sgriob- 
tur so agus gabhaidh nàire. *« Is e an tì a ta 
ceart na shlighe gràinealachd nan aingidh.^' 
Gnàth. xxix. 27. 

Anns d chmgeamh àite. Tha iongantas a' 
ghabhail riusan a' dearbhadh gum beil sibh 
n'ur coigrich dhuibh fèin, agus do dhearbhadh 
peacaidh, agus do dh'iarrtas a bhi aÌF bhur 
tearnadh, agus mar an ceudna air 'ur tighinn 
a dh'ionnsaidh losa Criosd. 

CunuiL Ach cia mar a bhios fios againn 
gu'm beil a leithidibh sud de dhaoine 'tighinn a 
dh'ionnsaidh losa Criosd ? 

Freagairt* Co bheir air a mhuinntir a rinn 
Criosd a dalladh gu'm faic iad? (Eoin. ii. 3 — 
9.) Gidheadh a thaobh gu'm beil mi feuchain 
ri dhearbhadh ort, t'iompachadh, agus do 
thearnadh tabhair fainear. 

1. Am beil iad ag èigheach a mach gu'm beil 
am peacadh na eallach orra, raar ni a ta ro 
shearbh ? 

2. Am beil iad a' teicheadh uaithe mar 
ro aodann nathrach bàsmhoir? 

3. Am beil iad a glaodhach a mach mu 
neo-dhianmhaltas an ionracais fein a chuni 
fireanachadh ann an làthair Dhè ? 



183 

4. Am beil iad ag èigehach a mach an deigh 
an Tighearn losa Criosd chum an tearnadh ? 

5. Am beil iad a' faicinn na's mò luach agus 
a dh'fhiùghalachd, ann an aon bhoine de 
dh'fhuil Chriosd a chum an tearnadh no tha 
ann an uile pheacannan an t-saoghail a chum 
an dìteadh ? 

6. Am beil iad tiom-chridheach m'a pheac- 
achadh an aghaidh losa Criosd? 

7. Am beil ainm, a pheara, agus na ghabh e 
os-ìaimh ni's luachmhoire dhaibh na tha glòir 
an t saoghail? 

8 Am beil fhacaì ro ionmhuinn leo? 

9. Am beil creideamh an Criosd (ni a tha 
air a dharbhadh orra le Spiorad Dhè a bhi 
da'n dì, agus as eugmhais nach urrainn iad 
dlùthachadh ri Criosd) luachmhor leo ? 

10. Ara beil iad a' gràdhachadh Chriosd na 
fhacal, agus am beil iad a' cuir cùl ris an 
t-saoghal uil' air a sgàthsan ? agus am beil iad 
toileach (Dia ga'n còmhnadh) chum a dhol 
an cunnard air sgàth ainme, a thaobh a' ghràidh 
a th'aca dha? 

11. Am beil a naoimh luachmhor leo? 
Mar tha na nithe sin mar so, co dhiù a 

chì thus iad no nach faic, tha na daoine so a' 
tighinn a dh'ionnsaidh losa Criosd. Rom 
vii. 9— 14, 24; xiv. 23. Salm. xix. 10, 11 
xxxviii. 3 — 5 ; li. 7» 8; liv. 1 ; cix. 26 ; cxix 
Eabh. vi. J8--20; xi. 6, 24—27. Isa. Ixiv 
6. Phil. iii. 7, 8; vii. 1. Gniomh. v. 41; 



184 

xvi. 30 ; XX. 22—24. 1 Pet. i. 18, 19. 2 Cor. 
V. 2. Seum. ii. 7. Dàn. v. 10—15. Eoin 
xiii. 35; xvi. 9. 1 Eoin iii. 14; iv. 7» ler. 
XV. 16. Tit. iii. 15. 2 Eoin i. Ephes, iv. 
16. 1 Cor. xvi. 24. 

An dara beachd. Thàinig mi nise chum an 
dara beachd mu'n robh a rùn orm labhairt : se 
sin ri ràdh. 

Gu'm beil iadsan a tha tighinn a dh'ionnsaidh 
losa Criosd, gu tric fo eagal an cridhe nach 
gabh e riu. 

Dh' innis mi dhuibh gu'm beil am beachd so 
air f heuchainn anns a' cheann-teagaisg, agus 
tha mi g'a thional bho mheud agus farsuinn- 
eachd a gheallaidh, " Cha tilg mi air chor 
sara bith a mach e." Oir mar biodh sinn 
ullamh gu eagal a ghabhail a' tilgeadb a raach, 
cha ruigeadh Criosd a leas, mar gu*ra b'eadh, 
faire dheanamh air ar n-eagal, mar tha e 
deanamh leis na briathran iongantach so, '' cha 
tilg mi air chor sam bith a mach," &c. Cha 
ruigeadh e leas, faodaidh mi ràdh, a leithid a 
ghealladh a bhi air a dhealbh le gliocas Nèimh, 
agus air fhaclachadh cho snasta, mar gu'm 
b'eadh a dh'aon obair chum uile theagamhan 
a pheacaich a tha tighinn a bhristeadh 'nam 
bloidean le aon bhuille,marbiodh iad buailteach 
do leithidibh so a theagamhan altrum chum 
mi-mhisneachadh an anamanan fèin. Oir tha 
am facal so *' air chor sam bith" a' gearradh 
sgòrnainna h-uile theagamh agus labhradh e leis 



185 

m Tighearn losa chum na ceart chrìche sin 
agus a chum còmhnadh ieis a' chreideamh a tha 
air a mheasgadh le as creideamh. 

Agus 'se sin, mar gu'm b'eadh, sùim gach 
uile gheallaidh: ni mòa's urrainn teagamh sam 
bith dad a' dheanamh an agaidh an neo-f hiùgh- 
alachd a gheibh thus annad fèin, nach dean 
an gealladh so a chur air chul. 

Ach tha mi am pheacach mòr, ars thusa? 

Cha tilg mi air chor sam bith a mach, arsa 
Criosd. 

Ach tha mi am pheacach cruaidh-chridhe- 
ach, ars' thusa? 

Cha tiìg mi air chor sam bith a mach^ arsa 
Criosd. 

Ach tha mi am pheacach cùl-sleamhnach, 
ars' thusa? 

Cha tilg mi air chor sam bith a mach, arsa 
Criosd. 

Ach rinn mi seirbheis do Sàtan rè mo làith- 
ean, ars thusa? 

Cha tilg mi air chor sam bith a mach, arsa, 
Criosd. 

Ach pheacaich mi an agaidh solais, ars 
thusa ? 

Cha tilg mi air chor sam bith a mach, arsa 
Criosd. 

Ach pheacaich mi an aghaidh tròcair, ars 
thusa ? 

Cha tilg mi air chor sam bith a mach, arsa 
Criosd ? 



186 

Ach cha'n eil ni math agam a bheir mi 
maille rinn, ars' thusa? 

Cha tilg mi air chor sam bith a mach, arsa 
Criosd. 

Mar so dh'f haodainn a dhol air m' aghaidh 
gu crìoch nithibh, agus a nochadh dhut gu'n 
robh an gealladh so air a thabhairt a chum gach 
uile theagamh a fhreagairt, agus tha e ga 
freagairt. Ach tha mi 'g ràdh, ciod ara feum 
a ta ann, mar eil iadsas a tha tighinn a dh'ionn- 
saidh losa Criosd a' tighinn air uairean, seadh 
gu tric fo eagal an cridhe gu'n tilg losa Criosd 
a mach iad. 

Nochdaidh mi nise da phòng dhut a chòmh- 
adh firinn a' bheachdaichidh so. 

Anns an naoidheamh caibidil de shoisgeil 
Mhata, agus an dara rann, leughaidh tu m'u 
duine bha tinn leis a' phairilis agus bha e 
tighinn a dh'ionnsaidh losa Criosd ga iomchair 
air leabaidh le chdirdean ; bha e mar an 
ceudna tighinn leis fèin, air son aobhar eile 
nach robh fios aig a chAirdean, eadhon air son 
mathanas peacaidh agus slàinte dha anam. 
Nise cho luath sa thainig e 'dh'ionnsaidh 
Chriosd, thuirt Criosd ris *' Biodh deagh mis- 
neach agad." Is coltach gun robh a chridhe 
ga threigsinn mu'n àm sin, ach ciod bu cheann- 
fàth d'a lag-chuis? Cha be anmhuinneachd 
chorparra mu'n d'rinn a chairdean iomchair gu 
Criosd chum leigheis, ach ciont agus uallach a' 
pheacaidh, ni a thug air fèin tighinn gu 



187 

Criosd a dh'iarraidh mathanais, uime sin 
thubhairt e ris : — " Biodh deagh mhisneach 
agad, a mhic, a ta do pheacaidh air am math- 
adh dhut." 

Tha mi 'g ràdh, gu'm fac losa e a' sioladh na 
inntinn, a thaobh cia mar a rachadh leis mu*n 
earrainnab urramaich,agus uime sin,dh'fheuch 
e ris air tùs, mu'n ni sin, Oir ged bha creideamh 
gu leòir aig a chàirdean mu shlàinte chuirp, 
bha fìr bheag aige fèin mu shlàint' anama, uime 
sin, thog Criosd suas e mar dhuine a bha tuiteam 
sìos, agus thuirt e ris: — " Biodh deagh mhis- 
neach agad, a mhic, a ta do pheacaidh air am 
mathadh dhut/' 

Tha buntainn aig a' mhac stròghail ris a' so : 
— " 'nuair a thainig e thuige fèin thubhairt e, 
cia lion de luchd-tuarasdail m'atharsa aig am 
beil aran gu leòir agus r'a sheachnadh 'nuair a 
ta mise a' bàsachadh le gorta 1 èiridh mi agus 
thèid mi dh'ionnsaidh m'athar.'* (Luc. xv. 17> 
18.) Thuirt e so bho chridhe ach cia mar 
cho-lion e a ghealladh ? tha mi smaointeach 
nach do cho-lion se e cho math'sa gheall e, agus 
'se ceann-fath mo smaointeann, a thaobh gu'n 
thuit athair air a mhuinealcholuath sa'chunnaic 
se e, agus gu'n phòg se e, a' ciallachadh, air leam 
mar gu'm biodh am mac-stròghail aig an àm so 
fo aimheal 'na inntinn; uime sin thug athair dha 
cotharradh grad air a rèite ris. 

Agus bha pògan air an cleachdadh bho shean 
a chum teagamhan agus eagalan a chur air 



188 

chùl. Mar sin phòg Laban agus Esau lacob. 
Mar sin phòg loseph a bhràithrean^ agus phòg 
Daibhidh Absalom. Gen. xxxv. 25; xxxiii. 
1_7; xlviii. 9, 10. 2 Sam. xiv. 33. 

Am beil e fior, mar thubhairt mi, aig a' chiad 
dol a mach gu^m beil e a' labhairt bho chridhe, 
mar ni peacaich air uairean'nan ceud thòiseach- 
adh air dol a dh'ionnsaidh Chriosd, agus nach 
faodadh esan sin a dheanamh ; a rèir gach coì- 
tais rinn e sin, (eadar a cheud cheum agus agus 
a cheum m'a dheireadh,)bha smaointean iomad- 
aidh mar so agus mar sud, m'u co-dhiù a 
ghabhadh athair ris no nach gabhadh ? mar so, 
thubhairt mi, " rachainn a dh'ionnsaidh m' 
athar,ach cia'nuair ariugeas mi a cheasnaicheas 
e mi. C'àit' an robh mi o nuair a dh'f halbh mi ? 
Ciod a their mi 'n sin ? Mar an ceudna ma 
dh'fharraideas e ciod a rinn mi ri mo chomh- 
roinn de'n mhaoin a thug e dhomh ? Ciod a 
their mi 'n sin ? Ma dh' f' heòraicheas e mar 
an ceudnaj ciod bu dreuch dhomh o 'nuair a 
dh' fhàlbh mi? Ciod a their mi 'n sin ? Seadh 
agus ma their e ruim, c'arson nach tàinig 
dhachaigh ni bu luaithe? Ciod a their mi 'n sin? 
So tha mi 'g ràdh, mar dh'fhaodadh e bhi 
reusonachadh ann fèin, agus làn-f hiosrach ann 
fèin nach tugadh e ach freagairt cearbach do 
gach aon de na ceistean so, cha b'iongantach a 
nise ged a bhiodh feum aig' anns a' cheud 
choinneachadh air pòig bho bheul athar. Oir 
na'm freagradh e a cheud cheist ann am firinn 



189 

theìreadh e ; — " Bha mi mar bu tric anns na 
taighean-òsd', agus anns na taighean-leanna, agus 
air son mo chomh-roinn chaith mi i le beatha 
stròghail, bu chòmpanaich dhomh strìopaichean 
agus droch mhnathan, agus air son mo dhreuch, 
cha d' ^irich mi ni b' airde na bhi am 
bhuachaille mhuc. Agus air son nach tàinig 
mi dhachaigh gus an so n'am b'urraìnn mi 
fantainn air falbh cha bhithinn an so an dràsta 
aig do chasan-sa 'g iarraldh mathanais." 

Tha mi 'g ràdh thoir an aire do na nithe so 
a rithist, agus a rithist, cho buailteach 'sa tha 
daoine bochda gu claonadh sìos an uair a 
tha iad da- rìreadh air an dùsgadh gu ea- 
dòchas teagamhan cridhe, cha'n iongantach ged 
shìolaidheadh e sìos 'na inntinn eadar an 
t-àm anns na thòisich e a thuras gus an d'ràinig 
e athair. 

3. Ach, anns an treas àite, saoilidh mi gu'm 
beil agam aonta gach naomh fo nèamh gu 
daingneachadh naf ìrinne so, se sin ri ràdh, gu'm 
beil iadsan a tha tighinn a dh'ionnsaidh losa 
Criosd fo eagal an cridhe nach gabh e riu. 

Ceist Ach ciod an ceann-fàth ? 

Freagraidh mi cheist sin mar so : 

Anns a cheud àite. Cha'n ann a chion toìl 
fhoillsichte Dhè, a thug dearbhadh seachad 
air an atharrach, oir de sin tha dianmhaltas 
ann, seadh, shocraich an ceannteagaisg fèin 
bunait dhianmhalta chum misnich dhaibhsan 
a tha tighinn a dh'ionnsaidh losa Criosd. 



190 

" Agus an tì a thig am' ionnsaidh cha tilg mi 
air chor sam bith a mach e." 

Anns an dara k-àite. Cha'n ann a chion 
cuiridh a chum tighinn, oir tha sin làn agus 
soilleir ; '' thigibh am' ionnsaidh-sa sibhse uile 
a ta ri saothair agus fo throm uallach, agus 
bheir mise suaimhneas dhuibh. Mat. xi. 28. 

Anns an ireas àite. Ni mò is ann a chion 
foillsichidh air cho deònach 'sa tha Criosd air 
gabhail da ionnsaidh, mar tha 'n ceann-teag- 
aisg a labhradh niu dheireadh, maille ris an 
aon so a leanas a' cur an cèiU ; — " Ma tha tart 
air neach sam bith thigeadh e m'ionnsaidh-sa 
agus òladh e." Eoin viii. 37- 

Anns a cheathramh àite, Cha'n ann a chion 
geallaidhean anabharrach mòr agus prìseil gu'n 
gabhair riusan a thig ; '^ Uime sin thigibh a 
mach às a meadhon agus dealaichibh riu deir 
an Tighearna, agus na beanaibh ris an ni neo- 
ghlan ; agus gabhaidh mis' am ionnsaidh siuh : 
agiis bithidh mi am athair dhuibh, agus bithidh 
sibhse 'n-ar mic agus 'n-ar nigheanaibh dhomh- 
sa, deir an Tighearn uile-chumhachdach." 2 
Cor. vi. 17, 18. 

Anns d chmgeamh àite Cha'n ann a chion 
bòid shòlaimte agus cùmhnanta chum na thig 
a shàbhaladh : " do bhrìgh nach feudadh e 
mionan athoirt air neach bu mhò,thug e mionn- 
an air fèin, chum tre dhà nì neo-chaochlaidh- 
each anns an robh e comasach gu'n deanadh 
Dia breug, gu'm biodh againne comhf hurtaehd 



191 

laidir, a theich a chum dìdeìn gu greim a'dhean- 
amh air an dòchas a' chuireadh romhainn," 
Eabh. vi. 13—19. 

Anns an t-sè-amh àite : Ni mò is ann a chion 
eiseamplairean mòra de thròcair Dhè dhaibh- 
san a thainig a dh'ionnsaidh losa Criosd mu'm 
beil sinn a' leughadh gu leòr anns an fhacal. 

Uime sin feumaidh e bhi air a cho.dhùnadh 
gur ann a' chion nan nithe so a leanas. 

Anns a' cheud àite, Is ann a chion eòlais 
air Criosd. Cha'n eòl dut ach beag de'n ghràs 
agns de'n charathanas a ta ann an cridhe 
Chrìosd : Cha'n eòl dut ach beag de bhuaidh 
agus do luach f hala ; cha'n eòl dut ach beag 
de cho deònach sa tha chridhe chum do 
thearnadh. Agus is e so is ceann-fath do'n 
eagal a ta 'g eiridh ann ad chridhe agus a ta 
ga do chuir ann an teagamh nach gabh Criosd 
g*a ionnsaidh thu. Is e an t-As-creideamh 
gineal an Aineolais. Uime sin thubhairt 
Criosd, '' O dhaoine amaideach agus mall- 
chridheach gu creidsinn." Luc. xxiv. 25. 

Tha mall-chridheach gu creidsinn a' sruth- 
adh bho t-amaideas ann an nithibh Chriosd; 
tha so soilleir do na h uile da'n eòl iad-fein 
agus a ta 'n tòir air losa Criosd, Mar as mò an 
t-aineolas is ann is mò an t-as creideamh, 
mar as mò an t-eòlas air Criosd is ann 
as mò an creideamh. '•' Cuiridh iadsan 
da'n aithne t'ainm an dòigh annad." (8alm 
ix. 10.) Esan uime sin nach do thòisich air 



192 

tigbinn a dh'ionnsaidh Chriosd ach an latha 
roimh, agus aig nach eil ach beag eòlais air, is 
esan air am ÌDeil eagal nach gabh Criosd ris, 
ach an tì aig an robh eòlas air o cheann fada, 
tha e laidir agus thug e buaidh air an aon 
eucorach. 1 Eoin ii. 

Nuair a thàìnig bràithrean loseiph do'n 
Eiphit a cheannach gràin, tha e air aithris, 
gu'n d'aithnich loseph a bhràithrean, ged nach 
d'aithnich a bhràithrean esan, ciod a thainig an 
co-lorg sin ? Ciod I thainig ea-dòchas ana- 
barrach cridhe mu thiomchioll an deagh shoir- 
bheachaidh gu h-àraid an uair a labhair loseph 
riu gu garg, ag ràdh gu'm bu luchd-brath- 
aidh a bha annta a' cuir am firinn an teagamh, 
agus mar sin sìos. Agus tabhair fainear cho 
fad sa bha iad aineolach air am bràthair, ge 
be ni a rinn loseph mheas iad e anns an 
t-seadh ba mhiosa: aig àm dh'iarr loseph air 
stiùbhart a thaighe an toirt dachaigh a chum 
an dinnear a ghabhail maille ris, eadhon ann 
anteachloseiphfèin, agus cionasa bha chùis sin 
air a' reusonachadh leosan ? Bhaiad fo eagal : 
" Agus bha eagal air na daoine chionn gun 
tugadh iad do thigh loseiph agus thubhairt 
iad, is ann ag iarraidh ceann-fà n-ar n-aghaidh 
a tha e chum a's gu'n tuit e oirnn^ agus gu'n 
gabh e sinn fèin mar thràillean agus ar n- 
asail." (Gen. xlii. xliii.) Ciod ! Eagal a bhi 
orra dol do thaigh loseiph ? B'e am bràthair 
rùinich e cùirm a thoirt dhaibh agus cùirm 



193 

a ghabhail maille riu ; A ! ach cha robh fios 
aca gu'm b'e am bràthair: agus cho fad'sa bha 
sin an cleth orra bha 'n t-eagal a' cuir uabhas 
orra. Amhail a ta 'm peacach nach d' rinn ach 
tòiseachadh o cheann ghoirid air tighinn a 
dh'ionnsaidh losa Criosd ; tha e aineolach air 
a' ghràdh agus air an truacantachd a ta ann an 
losa Criosd do pheacaich a tha tighinn da 
ionnsaidh : uime sin tha e fo eagal^ uime sin 
tha e fo amharas, uime sin thrèig a chride e I 

A pheacaich a tha tighinn, tha Criosd a' toirt 
cuireadh dhutsa do dhinnear agus do shuipeir 
a ghabhail maille ris : tha e toirt cuireadh dhut 
gu cùirm fhiona, seadh, tighinn a chum a 
thasg-thaigh fiona, agus bithidh a bhrat tharad 
'na ghràdh, (Tais. xxx. 20. Dàn. ii. 5.) Ach 
tha mi a^ cur teagamh ann, ars' am peacach, ach 
tha e ga do ghairm, a' toirt cuiridh dhut a 
dh'ionnsaidh a' chùirme, a chuinneagan, lìbhlan, 
agus fhiona, agus chum sùgh a^homegranate. 
O ! tha eagal orm, tha teagamh* agam, tha 'mi 
ann an an-dhòchas, tha mi air chrith le eagal 
an atharraich ! Thig a mach às an duine, o 
aineolais mheath-chridhich. Na biodh eagal ort 
a pheacaich, a mhàin creid, " Esan a thig a 
dh'ionnsaidh Chriosd cha tilg e air chor sam 
bith a mach e." 

Sireadh am peacach a tha tighinn uime sin, 

an deigh tuilleadh de dh' eòlas losa Criosd, 

rachadh e dion an tòir air, iarradh se e mar 

airgead, claghaicheadh e air a shon, mar air 

s 



194 

son ioumhas falaichte. Misnichidh so e, bheìr 
e air fàs mi's treis' agus mi's treise, " Oir a ta 
fhios agam co ann a chreid mi" arsa Pòl, agus 
ciod a thainig an co-lorg sin ? " Is dearbh leam 
gu'm beil esan comasach air an ni sin a dh'earb. 
mi ris a choimhid fa chomhair an latha sin." 
2 Tim. i. 12. 

Ciod e an ni a dh'earb Pòl ri losa Criosd ? 
dh'earb se anam ris. C'arson a dh'earb se anam 
risan ? A thaobh gu'n robh eolas math aig 
air, b'eòi da gu'n robh e dìleas, agus caoimh- 
neil, bha fios aige nach trèigeadh se è, agus air 
an aobhar sin leag e sios anam aig a chasan, 
agus dh'earb e risan a choimhid fa chomhair an 
latha sin. Ach, 

Anns an dara h-àìte, Theagamh gu'm beil 
teagal nach gabh Criosd riut ag èiridh bho 
dhian-iarrtas air thu bhi air do shàbhaladh 
leis-an. Leis an ni sin tha mi a* tabhairt fai- 
near, gu'm beil dian-iarrtais air sealbhachadh, 
air an leanntainn le eagalan laidir gu'n caìllear 
an ni sin air am mò leagas duine 'chridhe, agus 
air am beil a rùin an tòir, bithidh eagal air mar 
as tric' nach sealbhaich se e. B'ann mar sin do 
dh'f hear-riaghlaidh an t-sinagoig bha dian-iarr- 
tas aige gum biodh a nighean beò, agus bha'n 
t-iarrtas sinair a leantainn-le eagal gu'm faigh- 
eadh i bàs ; uime sin thuirt Criosda ris, " Na 
biodh eagal ort." Marc. v. 36. 

Ged leagadh òganach a chrìdh gu trom 
air òigh le rùn a faotainn dha fèin mar mhnaoi, 



195 

ma bhìos eagal air idir nach faigh e i, a's ani; 
an deigh dha tòiseachadh air a gràdhachadh, 
" 'Nis" ars esan, *< tha eagal orni gu'n tèid 
neach-eigin a steach eadar mi agus chuspair 
mo chiona, no gu'm faigh iad coirre dhomh 
fèin, do m' mhaoin, no do rudaiginn." 

'Nise, tòisichidh inntinn air luasgan agus 
their e '' cha toigh leatha mi," no rudaigm mar 
sin, agus a's ann mar sin a bhios an t-anam air a 
cheud thighinn a dh'ionnsaidh losa Criosd, 
ghràdhaich se e, agus bho'n gràdh thainig 
eudach, agus o'n eudach sin is tric a thig eagal- 
an. 

Nise tha eagal ort ro' pheacannan t'òige, ro' 
pheacannan do shean aois, ro' pheacannan do 
ghairme, ro' peacannan do dhleasanais Criosdail, 
ro' pheacannan do chridhe no rudaigin ; tha 
eagai ort gu'n tiundaidh ni no nieigin cridhe 
agus gràdh losa bhuat ; tha thu 'saoilsinn 
gu'm beil e a' faicinn rudaigin annad air sgàth 
an dean e t'anam a dhiùhadh. 

Bi toiHchte, bheir beagan tuiUeadh de 
dh'eòlas air-san ort gu' n glac thu misneach ni's 
fearr, cha bhi do dhian-iarrtasan air an lean- 
' tainn le leithid de dh'eagalan loisgeach, ni thu 
fa-dheòigh aràdh : " se so m'anmhuinneachd." 
Salm. Ixxvii. 

Tha thu tinn le gràdh, ghalar glè thaitneach, 
agus tha anmhuineachd a co-leantainn gach 
tioneis: gidheadh b'fiiearr leam gun robh an 
galar so (ma dh'fhaodas mi na briathran 



196 

a chleachdadh) ni bu ghabhaltaich. Bu deonach a 
bhàsaichÌDn, leis a' ghaol so, a's fearr e no beatha 
fèin, ged a bhiodh eagalan da leanmhuinn. 
Ach tha thusa glaodhaich a maeh cha'n urrainn 
mi f haotainn ; ma ta na bi ro uUamh gu co- 
dhùnadh, mar 'biodh losa Criosd air cuir a 
mheòir air toll na glaise, cha biodh t-innidh fo 
thriòbìaid m'a dbeighinn (Dàn. v.) tabhair aire 
raar labhair am faidh. «« Siulaidh iad an deigh 
an Tighearna ; beucaidh iad mar leoghan an 
uair a bheucas e, an sin crithnichidh na mic 
o'n aird an iar. Itealaichidh iad mar eun as 
an Eiphit, agus mar chalaman a tìr Asiria." 
Hose. xi. 10, 11. ' 

Ma bheucas Dia (mar as tric a chluinneas an 
t-anam a tha tighinn e a' beucaich) co an 
t-anam a tha tighinn as urrainn tuilleadh a 
dheanamh ach crith (Amos iii. 8.) Ach air 
chrith thig e, " leum e steach, agus thainig e 
air chrith agus thuit e sìos an làthair Phoil 
agus Shilais." Gniomh. xvi. 29. 

Na feòraicheadh tu dheth, *« cia cho fad on 
a thòisich thu air gabhail eagail nach faigh- 
eadh tu an cailin sin do'n tug thu gaol ?" Be 
fhreagairt, "riabh o'nuair athugmi gràdh dh'i." 
Ach nach robh eagal ort roimhe sin? " Cha 
robh, agus cha bhiodh an dràsta mar be gu'n 
ghràdhaich mi gu mòr i." A pheacaich a tha 
tighinn, cia fhad o'nuair a thòisich thus air 
gabhail eagail nach gabhadh losa Criosd riut ? 
Is e do f hreagairt ; " Riabh o'nuair a bha iarrtas 



197 

agam air gu'n sàbhaladh e m'anara ; thòisìch 
mi air a bhi fo eagal an uair a thòisich mi air 
tighinn. Agus mar as mò mhothaicheas mi 
mo chridhe a' losgadh an tòir air, is ann as mò 
m'eagal nach tearnar mi leis." 

Feuch a nise, nach d'innis mise dhut gurann 
bho do dhian-iarrtas a bha t-eagal a' sruthadh ? 
ma ta na biodh eagal ort a pheacaich a tha 
tighinn, tha miltean de dh-anmanan a tha 
tighinn anns an aon chor riutsa, ach gidheadh 
gheibh iad sàbhailt gu uchd Chriosd ; Tbuirt 
Criosd rui san aig am beil an cridhe lag, 
" bithibh laidir na biodh eagal oirbh, thig bhur 
Dia agus saoraidh e sibh." Isa. xxxvi 4; Ixiii. 1. 

Anns an treas àite. Dh' fhaodadh gu'm 
beil t'eagal nach gabh Criosd riut ag eiridh. 
bho làn-mhothachadh air do neo-f Iiiùghalacbd 
fèin, Tha thu a* faicinn, cia mar tha thu ann 
ad' eucorach truagh, bochd, neo-fhiùghail, agus 
le so fhaicinn tha eagal ort nach gabh Criosd 
riut, Mo thruaighe! arsa tusa, 's mi is truaillidh 
a measg dhaoine, peacach a thruaill baile, 
ceann-feadhna pheacach ! Cha ne mhàin 
mi-fèin a bhi am pheacach, ach rinn mi 
muinntir eile da uair ni's miosa na clann na 
h-ifrinn. Osbarr, a nise tha mi beagan air mo 
dhùsgadh ann am inntinn an tòir air slàinte, 
ach tha mi mothachadh mo chridhe ceannair- 
ceach, feòlmhor, cruaidh, cealgeach, buailteach 
do dh' as-creideamh, agus do dh' an-dòchas, 
tha e di-chuimhneachadh an fhacail, tha e 



198 

ruith air seacharan gu iomal na talbhainn. 
Cha'n eil, (tha mi dearbhta) duine air uachdar 
an t-saoghail uile aig am beil cridhe cho ana- 
barrach olc sa th'agam-sa, tha m'anam dearmad- 
ach air math a dheanamh, agus cha'n eil duine 
tha cho tìtheach air olc a dheanamh riumsa. 

An urrainn duine mar tha mise bhi beò ann 
an glòir? An urainn Dia ceart agus fìreanta 
smaointin aon uair (mar onair d'a ainm) air 
creutair truaillidh mar mise thearnadh ? Tha 
eagal orm nach urrainn, an taisbean e iongan- 
tas do chù marbh mar mise ? tha eagal orm 
nach taisbean. 

Tha mi air mo thilgeadh a mach le gràin 
do'm phearsa, seadh, tha gràin agam fèin orm, 
tha mi breun, ann am chuinneinean fèin, 
cionnas uime sin a ghabhair rium le Dia 
naomha leis am fuath am peacadh ? (Salm 
xxxiii. 5, 7- Ece. x 20, 42—44.) Is ann 
tearainte b' f hearr leam a bhi, agus co iadsan 
leis nach bu mhath a bhi air an t-seòl chedna, 
a bhiodh ann am àite? Gu deimhin tha mi 
gabhail iongantais à cuthach agus amaideas 
muinntir eile *nuair chi mi iad a' leumnaich 
agus a' ruideis cho mi-churamach air bruach- 
an ifrinn! A pheacaich dhàna, cia mar is dàna 
leat Dia a bhrosnachadh, le bhi deanamh 
cùs-ghaire de bhristeadh a naomh-reachd .'^ 
Ach mo thruaighe! cha'n eil iad ni's miosa a 
dh*aon rathad, na tha mise rathad eile, b'f hearr 
leam gu'm bu mhi neach sam bith ach mi-fèin, 



199 

agus a rithist cha'n eil fhios agam ciod a 
b*fhearr leam. 'Nuair a chì mi rauinntir a tha 
mi a' creidsinn a tha tighinn a dh'ionnsaidli 
losa Criosd, O ! tha mi ga'm beannachadh, ach 
tha mi fo amhluadh annan fèin, 'nuair a chì mi 
(air leam) cho beag coltais sa th'agam fèin ri 
muinntir air bith sa'n t-saoghal, 's urrainn iad 
èisdeachd, leughadh, agus ùrnaigh chuir suas, 
cùimhne cumail air na chluinneas, iad aith- 
reachas a ghabhail agus a bhi umhal, agus na 
h-uile ni a' dheanamh ni's fear na creutair 
truaillidh mar mise. 

Mise> creutair truagh! cha'n eil math air bith 
annam ach losgadh ann an teine ifrinn, agus 
an uair a smaointicheas mi air a' sin tha mi fo 
amhluadh mar an ceudna I 

Tha mothachadh air neo fhiùghalachd mar 
80 a'g ahrum agus a' dùsgadh eagalan ann an 
cridheachan na h-aiteam a tha tighinn a 
dh'ionnsaidh losa Criosda, ach gu dearbha 
cha bu chòir dha sin, oir co aige tha feum air 
leigh ach aig an euslan, no co thainig e 
thearnadh ach ceann-feadhna nam peacach ? 
(Marc i. 17. 1 Tim. i. 15.) Air an aobhar 
sin, mar is mò chì thu do pheacannan, ruith 
ni's luaithe dh'ionnsaidh losa Criosd ; agus 
eo-èignicheadh mothachadh air do neo-fhiiìgh- 
alachd fèin thu chum ruith ni's luaithe, mar a 
ruithis an duine bhristeas a ghàirdean a 
dhionnsa a chnàimh-lèigh, agus mar is tric a 
chùimhnicheas e gu'm beil a ghàirdean briste, 



wo 

agus a mhothaicheas e pian agus cìirani luath- 
aichidh e a cheuni chum an duine : agus ma 
thachras Sàtan ort, agus ma dh'fheòraicheas e 
c'àite tha thu dol? abair ris gu'm beil thu 
leòinte, agus a' triall chum an Tighearn losa, 
Ma chuireas e do neo-f hiùghalachd an ìre dhut, 
abair ris mar tha an neach tinn air tì an iighicli 
mar tha esan a bhristeas a chnàmhan air tì an 
f hir a chuireas còmhnard iad, amhaii a ta thusa 
triall gu losa Criosd air son leigheis dot anam 
a tha tinn le peacadh. 

Ach is tric a thachras gu'n toir esan a tha 
teiceadh le bheatha dùil nach tàr e às, agus 
uime sin tha e ga thoirt fèin suas do làmhan 
an fhir-thòire. Ach suas, suas, a pheacaich, 
biodh deagh mhisneach agad, thàinig Criosd a 
chum tearnadh an fhir neo-airidh ; na bi 
mi-chreideach, ach creid. Tog air falbh a 
dhuine, tha'n Tighearn' losa a' gairm ort ag 
ràdh.— *< Agus an tì a thig am' ionnsaidh 
cha tilg mi air chor sam sam bith a raach e." 

Anns o! cheathramh àite* Faodaidh t'eagal 
nach gabh Criosd riut a bhi bho mhothach- 
adh air ro mheud tròcair: tha slàint air 
uairean na ni cho mòr, cho ard, agus cho iong- 
antach ann an sealladh an tì a ta'n geall oirre, 
is gu'm beil dearbh smuain air a h-oirdheirceas 
a dùsgadh as-creideamh mu tliimchioll a faot- 
ainn ann an cridheachan na h-aitean a ta an 
trom-gheall oirre. " An ni faoin 'nur suiUbh- 
s" (arsa Daibhidh,) " a bhi ann an cleamhnas 



201 

ri righ?" (1 Sam. xviii. 23.) Mar sin tha 
smuaintean air meud, agus glòir nan nithe tha 
air an tairgse ; nèamh, beatha bhith-bhuan, glòir, 
shiorruidh, a bhi maille ri Dia, Criosd, agus 
ainglean, tha iad so 'nan nithe mòra, 'nan nithe 
matha, (ars an t-anam a tha beag 'na shealladh 
fèin;) nithe ro shaibhir, (ars an t-anam a tha da- 
rìreadh bochd ann an spiorad) air mo shonsa. 

Osbarr, tha dòighaigan Spiorad Naomh' aii' 
meudachadh nitlie nèamhaidh do thuigse a 
pheacaich a tha tighinn; seadh agus aig an àm 
cheudna dòigh air meudachadh peacaidh agus 
neo- fhiùghalachd, a pheacaich sin, nise tha'n 
t-anam ann am breathal iongantais ag' ràdh, 
Ciod ! a bhi'n coimeis ri ainglean, coltach ri 
Criosd, a l)hi beò ann an sòlas siorruidh, 
suainihneas, agus sonas^! tha so air son aing- 
lean, agus air an son-san as urrainn ìmeachd 
coltach ri ainglean! 

Na'n cuireadh, prionnsa, diùc, no iarla, fios 
le sheirbheiseach a dh'ionnsaidh boireannach 
bochd, truagh, neo-chuanda chum a toirt a dli' 
ionnsaidh a mhaighistear niar mhnaoi phòsda, 
agus gu'n abradh an seirbheiseach : — " Chuir 
mo thighearn'agusmo mhaighistear (aleithidso 
do neach mòr,) mise ga t-iarraidhsa chum do 
thoirt da ionnsaidh mar mhnaoi, tha e beart- 
ach, sgiamhach, agus dheagh-bhuadhach, thae 
gràdhach macanta, iriosal, agus deas-labhrach, 
&c." Ciod a nis' a shaoileadh an creutair 
bochd, truagh, diblidh so? Ciod a theireadh 



202 

1? no, cia mar a smaointicheadh i freagairt? 
'Nuair a chuir rìgh Daibhidh a dhMonnsaidh 
Abigail air a leithid sud do theachdaireachd, 
ged a bha i na boireannach saibhir, fòs, thubh- 
airt i, "• Feuch biodh do bhan-òglach na 
sèirbheisich a^ nigheadh chos sheirbheiseach 
mo thighearna." (1 Sam. xxv. 40, 41.) Bhai 
na breisìeich cha robh fios aice ciod a theireadh 
i, bha'n tàirgse cho mòr thar na b'ion dh'i dùil 
a bh aice gu reusanta. 

Ach ged chuireadh an duine mòr so a 
dh'ionnsaidh a* chreutair thruaidh ud an darra 
h-uair, ciod a theireadh i nise ? Nach abradh 
i " Tha thu ri fanaid orm." Ach ciod na'n 
abradh e cheart rìreadh gu'n chuir a thighearn 
air a tòir, agus gu'm feumadh i bhi aige mar 
mhnaoi, seadh ged sparradh e oirre theach- 
daireachd a chreidsinn, agus iarraidh oirre bhi 
deasairson a turais, feuch! chuireadh smaoin- 
tinn air a^ mhuinntir o'n tainig i amhluadh oirre, 
chuireadh a mothachadh air a cion àilleachd 
nàire oirre, agus ma smaointicheas i air a bhi 
air a gabhail a steach, ni mi-chreideamh a th'air 
a mheasgachadh anns an smaoin sin crith a 
thoirt oirre, agus their i òiseach rithe fèin air 
son gu'n chreid i an teachdaire, agus sraaoin- 
ticheas i nach falbh i, ma smaointicheas i air a 
bhi dàna, thig ruthadh nàire 'na gnùis, agus 
bheir an smuain a's lugha air i bhi air a diùlt- 
adh oirre amharc mar gu'm biodh i 'toirt suas 
an deò. 



203 

Agus am beìl e na iongantas anam a tha 
bàite ann am mothachadh air gìòir, agus air a 
neo-niachd fèin ged f haict'e ann am breisleich, 
an taobh a stigh dha, agus a bhi fo eagal gu'm 
beil a ghlòir a th'air a measrachadh, ro mhòr, 
ro mhath, agus ro luachmhor air a shonsan. 

Tha ni sin neàmh agus glòir bhith-bhuan 
cho mor, agus mise, leis bu mhiann am faotainn 
cho beag, agus am chreutair cho suarach is 
gu'm beil smaointinn air sealbh fhaotainn air 
ga'm thilgeadh ann am breisleich. 

Mar so, deiream, tha meud nan nithe ion- 
mhiannaichte so a' tùr bhuladh thairis inntinn 
an tì a ta 'n geall orra, O ! tha e ro mhòr ! tha 
e ro mhòr ! is tròcair ro mhòr e.- 

Ach a pheacaich a tha tighinn deanam co- 
reusanachadh riut; tha thu 'g ràdh gu'm beil e 
ro mhòr, seadh ma ta, an riaraich ni's lugha 
t'anam ? an dean ni's lugha na nèamh, na 
glòir, agus beatha shiorruidh do mhiann a 
riarachadh ? Cha dean, ni is lugha, gidheadh 
tha eagal orm gu'm beil iad ro mhòr, ro mhath 
air mo shon, eadhon gu'n sealbhachadh. Seadh 
ma ta, a dh'aindeoin cho mòr agus cho math 
'sa tha iad, tha Dia ga'n toirt do neach 
mar thusa, cha'n eil iad ro mhòr le Dia chum 
an toirt seachad. Cha'n eil, ro mhor a chum 
an toirt seachad gu saor ; bi toilichte, thugadh 
Dia ni seachad mar e fèin, is e an Dia siorruidh 
agus tha e toirt seachad mar e fèin. Nuair a 
tha rìghrean a' toirt seachadh cha'n eil iad a' 



204 

tabhairt mar tha daoine bochd a' tabhairt. 
Uaithe sìn a dùbradh — gu'n d'rinn Nabal 
cùirm 'na thaigh mar chùirm rìgh : agus a rith- 
ist, " lad sin uile thug Araunah mar rìgh do 
Dhaibhidh." (1 Sam xxv. 2 Sam. xxiv.) 
Nise tha Dia na Rìgh mòr, agus thugadh e 
seachad mar rìgh ; seadh, thugadh e seachadh 
mar e-fèin, agus gabh thusa ga t'ionnsaidh mar 
thu fèin ; tha gach nì aige-san agus cha'n n'eil 
dad agadsa. Dh'innis Dia d'a shluagh bho 
shean gu'n saoradh se iad ann am firinn san 
ionracas agus gu'm pilleadh iad a chum sealbh 
a ghabhaii air an tìr, a rinn roimhe a thaobh 
am peacannan an sgèith a mach, agus thuirt e 
le amharas gu'm measadh iad a thròcair ro 
mhath, no ro mhòr : *' Ma bhios e iongantach 
ann an sùilibh iarmaid an t-sluaigh so anns na 
lathaibhsin,anibi e iongantachannam shùlaibh- 
sa fòs, deir Tighearna nan sluagh. Sec. viii. 6. 

Agus co theireadh, Tha iad a nis' ann an 
ciomachas, agus beag 'nan sealladh fèin ; uime 
sin tha iad a' meas tròcair pilleadh do thìr 
Chanaain, na tròcair ro mhiorbhuileach mòr 
dhaibhsa ri shealbhachadh : ach ma tha chùis 
mar sin 'nan sealladh-san cha'n eil i mar sin ann 
am bheachdsa : ni mi air an son mar ni. Dia, ma 
ghabhas iad mo thoirbheartas mar pheacaich, 

A pheacaich a tha tighinn, is urrainn Dia a 
Chanaan nèamhaidh agus glòir na tìre sin a 
thoirt dhutsa, seadh cha do shealbhaich duine 
riabh iad ach mar thiodhlac, mar shaor thiodh 



l 



205 

lac ; thug e dhuinn a Mhac " cìa mar nach 
toir e dhuinn ma ta, maille risan gach ni gu 
saor ?" 

Cha be fiùghalachd Abrahaim, Mhaois, 
Dhaibhidh, Pineadair, no Phòil,ach tròcair Dhè, 
a rinn iad 'nan oighreachan air nèamh. Ma chì 
Dia thusa airidh na meas thu-fèin mi-f hiùghail, 
ach gabh e agus bì taingeiL Agus is comh- 
arradh math e air gun tabhair e dhut, ma 
tharruinn e mach do chridhe chum iarraidh. 
'* A Thighearna, chuala tu miann nan daoine 
bochda, deasaichidh tu an cridhe ; bheir thu 
air do chluas èisdeachd." Salm. x. I7. 

Nuair a dh'aomas Dia a chluas, tha sin a' 
ciallachadh gu m bàirig e an tròcair a thasa 
'g iarraidh air, gabh i uime sin ; is ghc dhut 
a gabhail, gu'n a bhi seasamh mach a thaobh 
do neo-fhiiìghalachd fèin. A dùbhradh, 
" Togaidh e 'm bochd o'n duslach ; o'n òtrach 
togaidh e suas am feumach, g'an cuir nan 
suidhe maille ri uachdranaibh, agus a thoirt 
orra cathair glòire shealbhachadh." A rithist, 
*' Togaidh e am bochd o'n duslach o'n òtrach 
ardaichidh e an t-ainnis : chum a chur 'na 
shuidhe, le ard uaislibh a shluaigh." 1 Sam, 
ii. 8. Salm. cxiii. 7? 8. 

Tha thu 'faicinn mar an ceudna, 'nuair a 
rinn Dia banais d'a Mhac, cha do ghairm e na 
daoine mòra, no saibhear, no na cumhachdaich; 
ach na bochdan, na cioramaich, na bacaich agus 
na doill. Mat. xxii. Luc. xiv. 

T 



206 

Anns cH chmgeamh àite, Theagamh gu'm 
beil eagal nach gabh Criosd riut ag eiridh bho 
bheuchdail oiUteil an diabhoil a ta 'n tòir ort, 
Feumaidh an tì a' chluinneas e ri beuchdail a 
bhi na Chriosdaidh treun, mu'n urrainn e san 
àm sin e fèin a chumail bho eagal, Theireir an 
leòghan beuchach ris. Ma sheallas duine 
riubha tha aca " dorchadas agus teanntachd; 
agus bìthidh an solus air a dhorchadhadh ann 
a speuraibh." 1 Ped. v. 8. Isa. v. 30. 

Tha dà ni, am measg iomadh, anns an gnà 
le Sàtan a bhi beuchdail a mach an deigh na 
h-aiteam a tha tighinn a dh'ionnsaidh losa 
Criosd. 

1. Cha'n eil iad air an taghadh : 

2. Pheacaich iad an aghaidh an Spioraid 
Naoimh. Freagraidh mi 'n dà nì so gu gearr. 

Aìins d! cheud àite. Le tighinn a dh'ionn- 
saidh taghaidh, nì às am beil eagal ort nach 
eil cuid agad ann. C'arson, a pheacaich a tha 
tighinn; eadhon,tha'n ceann-teagaisg fèin atoirt 
còmhnadh dhut an aghaidh an teagamh sin 
le argamaid dùbailt. 

Anns a' cheud àite, Gu'm beil tighinn a 
dh'ionnsaidh Chriosda tre bhuaidh tiodh- 
laic, geallaidh, agus tarruinn an Athar; 
tha thu tighinn ; uime sin thug Dia dhut 
ghealladh agus tha e ga do tharruinn a 
dh'ionnsaidh losa Crìosd. A pheacaich a tha 
tighinn, dean grèim air an so, agus an uair a 
thòisicheas Sàtan air beuchdail a rithist, freag- 



207 

air thusa, " Ach tha mi mothachadh mo chridhe 
gluasad an deigh losa Criosd, ni nach b'urr- 
ainn a bhi mar abiodh e air a thoirt seachad le 
gealladh, agus tarruinn a dh'ionnsaidh Chriosd 
le cumhachd an Athar. 

Anns an dara h-àite* Gheall losa Criosd, 
" esan a thig da ionnsaidh nach tilg e air chor 
sam bith a mach e." Agus ma thubhairt se e, 
nach deann e a ghealladh math, tha mi a' ciall- 
achadh do thearnadh ? Oir mar thuhairt mi 
cheana, is e gun tiigeadh a mach, gabhail a 
steach a dh'ionnsaidh sochairean na slàinte. A 
nise ma thug an t-Athair dhutsa, mar tha e 
soilleir le do thighinn gu'n tug ; agus ma 
ghabhas Criosd ruit a pheacaich a tha tighinn, 
mar a tha e soilleir gu'n gabh, a chionn gu*n 
tubhairt e " nach tilgeadh e air chor sam bith 
a mach," uime sin bi dearbhta annad fèin, agus 
leig leis na co-dhùnaidhean so, a ta cho nad- 
urrach a sruthadh bho'n cheann-teagaisg sa tha 
solus o 'n ghrein, no uise bho'n f huaran. 

Ma chuireas Sàtan uime sin teagamh, nach 
eil thuair do thaghadh : freagair, thusa, <' Tha 
mi a' tighinn, a Shàtain, tha mi 'tighinn ; 
agus sin ni nach b'urrainn mi dheanamh mar 
a tàirneadh an t- Athair mi, agus tha mi tighinn 
a dh'ionnsaidh neach mar losa Criosd nach 
tilg air chor sam bith a mach mi. Osbarr a 
Shàtain, mar a bithinn air mo thaghadh cha 
tairneadh an t-Athair mi, ni mò a sgaoileadh a 



208 

Mhac gu gràsmhor a ghlacaibh dhomh." Tha 
mi dearbhta nach bi aon de*n t-sluagh neo- 
thaghta air latha ^bhreitheanais comasach 
a radh thainig mi da rìridh a dh'ionnsaidh 
losa Criosd. Faodaidh iad tighinn gu cealg- 
ach mar thainig ludas agus Simon Magus: 
ach cha'n i so a' cheist againne, uime sin a 
pheacaich shaor-chridhich a tha tighinn, na 
biodh eagal ort, ach thig air t-aghaidh! 

A thaobh an dara h-earrann de'n teagamh, 
ma pheacachadh an aghaidh an Spioraid 
Naoimhe tha 'n argamaid cheudna a tilgeadh 
an ni sin bun os ceann. Ach dearbhaidh mi 
so : 

Anns d cheud àite. Tha tighino a dh*ionn- 
saidh Chriosd tre buaidh tiodhìaic àraid an 
Athar, ach cha'n eil an t-Athair a' tabhairt an 
tiodhlaic sin dhaibhsan a pheacaicheas an agh- 
aidh an Spioraid Naoimh', air an aobhar sin 
cha do pheacaich thusa tha tighinn am peac- 
adh sin. Tha e soilleir nach tug Dia a 
thiodhlac do'n mhuinntir a pheacaich am peac- 
adh sin. 

1. A thaobh gu'n do pheacaich siad iad-fèin à 
fàbhar Dhè, «'= cha mhathair e gu siorruidh." 
(Mat. xxii. 32.) Ach tha e na fhàbhar sòn- 
raichte le Dia, comas a thoìrt do duine tighinn 
a dh'ionnsaidh losa Criosd, a thaobh leis an ni 
sin gu'm beil e a' faotainn mathanais, uime sin 
ari tì a thig cha do pheacaich e am peacadh sin. 



209 

2. Pheacaich iadsan, a pheacaich am peac- 
adh an aghaidh an spioraid Naoimh', iad fèin à 
còir a bi aca ann an ìobairt cuirp agus fala 
Chriosda; " Cha'n fhagair tuilleadh dhaihh 
'' ìobairt air son peacaidh." (Eabh. x. 26.) Ach 
cha tug Dia gràs do dh'aon diù sin chum a 
thighinn a dh' ionnsaidh Chriosd aig nach eii 
cuid de dh'ìobairt a' chuirp agus fhala. Uime 
sin, thusa tha tighinn da ionnsaidh cha do 
pbeacaich thu am peacadh sin. 

Anns an dara h-àite. Tha thighinn a dh 
ionnsaidh Chriosd tre tharruinn shònraicht' 
an Athar. «' Cha 'n urra neach air bith teachd 
am ionnsaidh-sa mur tarruinn an t-athair a 
chuir uaithe mis e," (Eoin vi. 44.) Ach cha 
tarruinn an t-Athair esan gu Criosd do nach 
do shònraich e mathanas tre f huil ; uime sin 
iadsan a tha tighinn a dh'ionnsaidh losa Criosd 
cha do pheacaich iad am peacadh sin a thaobh 
gu'n dheònaich e dhaibh mathanas tre f huil. 

Tha e soilleir do reuson nach urrainn an 
t-Athair iadsa do nach do dheònaich e math- 
anas pheacannan a tharruinn a dh'ionnsaidh 
losa Criosd ; oir bhiodh sin na dhiomhanas 
soilleir, na bhrèig nach còrdadh r'a ghliocas, r'a 
cheartas, r'a naomhachd, no r'a mhathas. 

Anns an treas àite* Tha tighinn a dh'ionn- 
saidh losa Criosd a cuir duine fo ghealladh a 
mhathanais, agus na slàinte; ach tha e do- 
dheanta gum biodh an tì a pheacaich am peacadh 
sin air a'chuir fo ghealladh mar so. Uime sir? 



210 

esan a pheacaich am peacadh an aghaidh an 
Spioraid Naoinh cha bhi chridhe aige gu bràth 
tighinn a dh'ionnsaidh losa Criosd. 

Anns cC cheathramh àite. Tha tìghinn a 
dh'ionnsaidh losa Criosd a' cuir duine fo eadar- 
ghuidhe : — " Do-bhrigh gu'm beil e beò gu 
siorruidh gu eadar-ghuidhe dheanamh air an 
son-san a thig'^ (Eabh. vii. 25.) Uime sin 
cha'n urrainn esan a tha tighinn a dh'ionnsaidh 
losa Criosd am peacadh sin a pheacachadh. 

Thoirmeisg Dia d'a phobull ùrnaigh a chur 
suas as leth na h-aiteam a pheacaich am 
peacadh sin, uime sin cha ghuidh e as an leth 
e-fèin^ ach tha e guidhe as an leth-san a thig. 

Anns a chmgeamh àite, Esan a pheacaich 
am peacadh sin, cha dean Criosd dha-san ni's 
mò dh'f heum na ni duine marbh '^ Do bhrigh 
gu'n cheas e dha fèin Mac Dhè" agus mar an 
ceudna gun do mheas e fhuil mar fhuil ni 
nù-naomha. (Eabh. vi. 10.) Nise esan aig 
am beil meas cho suarach so air Criosd cha 
tig e gu suthainn da ionnsaidh a dh'iarraidh 
beatha, ach tha aige-san a tha tighinn mòr speis 
d'a phearsa, d'a f huil agus d'a bhuadhan. Air 
an aobhar sin esan a thainig d'a^onnsaidh cha 
do pheacaich e am peacadh sin. 

Ànns an t'Sè-amh àite* Na'm faodadh esan 
a pheacaich am peacadh sin, tighinn a 
dh'ionnsaidh losa Criosd, an sin bhiodh fìrinn 
Dè air a tilgeadh bun os ceann; a thubairt ann 
an aon àite. ** Cha mhathair dha gu bràth," 



211 

agus ann an àit eile. ** Cha tilg mì air chor 
sam bith a mach e," Air an aobhar sin a thaobh 
nach mathair dha gu siorruidh cha bhi chridh' 
aige gu bràth tighinn a dh'ionnsaidh losa 
Criosd. Tha ea-comasach gu'm biodh samh- 
ail sin do neach air ath-nuadhachadh a chum 
aithreachais. (Eabh. vi.) Air an aobhar sin 
na cuir dragh air do cheann, no air do chridhe 
mu'n chùis sin, esan a tha tìghinn a dh'ionn- 
saidh losa Criosd cha 'n urrainn e peacachadh 
an aghaidh an Spioraid Naoimhe. 

6. Dh'fhaodadh t-eagal nach gabh Criosd 
riut eiridh bho do ghòraich fèin, ann an dealbh, 
seadh, ann an dreachdadh a mach do Dhia 
rathad a chum do thoirt dhachaigh dh'ionnsaidh 
losa Criosd, Tha cuid de mhuinntir a tha 
tighinn a dh'ionnsaidh losa Criosd a' toirt 
mòran pianaidh dhaibh fèin air an dòigh sin,tha 
iad a co-dhunadh ma tha an tighinn a dh'ionn- 
saidh losa Criosd ceart, gu'm feum iad a bhi air 
an toirt dhachaigh mar so, agusmar so; Mar: — 

1. Ma tha Dia, arsa neach-eigin, ga mo 
thabhairt-sa dh^ionnsaidh losa Criosd, luchd- 
aich e mi le ciont a pheacaidh gus an toir e 
orm glaodhaich a rithist. 

2. Ma tha Dià da rìreadh ga mo thoirt dhach- 
aigh adh'ionnsaidh losa Criosd, feumaidh gu'm 
bi rai air mo bhualadh le buairidhean uabh- 
asach an diabhoil. 

3. Ma tha Dia da rìreadh ga mo thoirt gu 



212 

losa Criosd, feumaidh gu'm bi taisbeanan 
iongantach agam m'a thìmchioll. 

So na ròidean a dh'òrduich cuid de dhaoine 
do Dhi, ach theagamh nach triall e orra; gidh- 
eadh, bheir se iad a dh'ionnsaidh losa Criosd. 
Ach a nis a thaobh nach tig iad air an rathad 
a dhèilbh iad fèin tha iad an teagamh mu'n 
t-slighe. Tha iad ag amharc air son luchd agus 
eallach throm, ach theagamh, gun tug Dia dhaibh 
sealladh air an staid chaillte, gun na cudthrom- 
an no na h-eallaichean troma sin a' chur 
riu. Tha iad ag amharc air son buairidh- 
ean eagalach Shàtain ; ach tha Dia a' faicìnn 
fathast nach eìl iad iomchuidh air an son : ni mò 
thàinig an t-àm anns am biodh e air a chliùach- 
adh leo ann an staid mar sin. Tha iad ag 
amharc air son taisbeanan mòra agus glòrmhor 
air Criosd, gràs agus tròcair ; ach theagamh 
gur ann a tha Dia a' togail na cùing a th'air an 
gialaibh, agus a cuir bìdh fa'n comhair, agus 
a nis' tha iad ann an teagamh mu'n tighinn a 
dh'ionnsaidh Chriosd. " Tharruinn mi iad," 
ara Dia, '^ le còrdaibh duine, le ceanglaichibh 
gràidh, agus bha mi dhaibh mar neach a thogas 
dhiù sl' chùing air an gialaibh, agus chuir mi 
sìos biodh dhaibh." Hos. xi. 4. 

Nise deiream, ma bheir Dia thusa gu Criosd, 
agus nach ann air an rathad a shònraich thu, 
fèin an sin tha thu an teagamh, ach faodaidh tu 
taing a' thoirt dhut-fèin air son sin. Tha ni's 



213 

mò do ròidean aig Dia na tha fios agadsa chum 
peacach a thoirt a dh'ionnsaidh losa Criosd ; 
ach cha tabhair e fios dut ro-laimh co aca air 
an treòraich e thu dh'ionnsaidh Chriosd. Isa. 
xl. 13. lob XXX. 13. 

Air uairean tha shligheachan aig* anns a' 
chuairt-ghaoith, ach air uairean eile cha'n eil 
Dia an sin. Neh. xiii. 1 Rìgh xix. 

Ma bhuineas Dia ni's socraichidh riutsa na 
bhuineas e ri cuid eile de a chloinn, na biodh 
diomb ort aìr son sin, na diùlt na h-uisgeachan 
a shiiìbhlas gu mall, air eagal gun toir e suas 
g'a t'ionnsaidh uisgeachan nan aibhnichean, 
laidir agus lionmhor, eadhon an dà aithinne- 
theine cheòthach so, an diabhol agus ciont a 
pheacaidh (Isa. viii. 6, 7-) Thuirt e ri Peadar, 
lean mise ; agus ciod an tàirneanach a chuala 
no chunnaic Sacheus ? Thig a nuas, (arsa 
Criosd) agus thainig e nuas, agus ghabh e ris 
le gàirdeachas. 

Ach na'n seòladh Pedar no Sàcheus Spiorad 
an Tighearna, mar a rinn thusa, dh'fhaodadh 
iad a bhi 'g amharc fada gu leòir mu'm faigh- 
eadh iad iad-fèin a'tighinn a dh'ionnsaidh losa 
Criosd, 

Osbarr, innseara dhut, nach dearbh mothach- 
adh mòr air peacadh, no beucaich uabhasach 
an diabhoil, seadh, agus iomadach taisbean, 
gu'm beil Dia a' toirt t'anam a dh'ionnsaidh 
Chriosd : mar is fìosrach Balaam, Cain, ludas, 
agus feoghainn eile. 



214 

Agus ni's faide, tabhair fainear, a ni nach eil 
agad dhe na nithe sin an so, faodaidh iad a bhi 
agad air uair eile, agus sin chum do sgrios. 
Uime sin, an àite bhi mi-thoilicht' a chionn 
nach eil thu anns an teine, agus nach eil thu a 
cluinntinn fuaim na tròmpaid' agus caismeachd 
a chath " Guidh nach tuit thu ann am buair- 
eadh," agus thig gu dàna chum cathair ghràis 
agus faigh tròcair, agus faigh gràs a chum do 
chòmhnadh an àm t'fheuma. Salralxxxiii. 15. 
Mat. xxvi. 41. Eabh. iv. 16. 

A chreutair bhochd! thathu 'g ràdh, " Na'm 
bithinn air mo bhuaireadh thiginn n'a bu luaithe 
agus le n'a bu mhò de dh'earbsa dh*ionnsaidh 
losa Criosd. Tha thu 'g ràdh cha'n eil fios 
agad ciod. Ciod a deir lob ? " Tarruinn do 
Jàmh fada uam ? agus na cuaireadh t'uamhanii 
eagal orm, an sin gairm thusa, agus freagraidh 
mise, no labhraidh mise, agus freagraidh thusa 
mi." (lob xiii. 21, 22.) Cha'n e trom luchd 
a pheacaidh, ach tròcair fhaotainn, ni mò is e 
beuchdail an diabhol, ach tarruinn an Athar a 
bheir air duine tighinn a dh'ionnsaidh losa 
Criosd ; dh'f hairich mise mi-fèin nan nithe so 
uile. 

'S fior, air uairean, seadh, ara bithcheantas, 
gu'm beil iadsan a tha tighinn a dh'ionnsaidh 
losa Criosd a' tighinn air an rathad a tha thusa 
'g iarraidh ; air rathad luchdaichte, buairidh, 
ach tha 'n Tighearna raar an ceudnaa' treòrach- 
adh cuid air slighe uisgeachan an t-sòlais. N'am 



215 

bithinn gu roghnachachadh c'uìn a rachainn 
air turas fada, se sin ri ràdh, co dhiù a rachainn 
ann am nieadhon sl gheamhraidh, no anns an 
earrach thaitneach ( Ach nam biodh e na thuras 
buannachdail mar a tha tighinn a dh'ionnsaidh 
Chriosd roghnaichinn dol tro thein' a's uise 
mu'n caillinn an t-sochair :) ach tha mi 'g ràdh 
na'n roghnaichinn an t-àm, b'f hearr leam dol 
ann san earrach thaitneach, a thaobh gu m biodh 
an t-slighen'abu shòlasaich, anlathan'ab'fhaide 
agus n'a bu bhlàithe, an òidhche goirid gu'n a 
bhi cho fuar. Agus tha e r'a f haicinn gu'm beil 
gach argamaid a tha thusa cleachdadh chum 
do neart a lagachadh sa'n t-sìighe, gur iad sin 
na dearbh argamaidean a tha losa Criosd a' 
gnàthachadh chum annsachd a mhisneachadh 
gu tighinn d'a ionnsaidh : <* Eirich" (ars esan) 
"abheanmoghaoil, m'aon sgiamhach,thigleam: 
(Carson?) Oir feuch tha'n geamhradh seachad 
tha'n t-uisge thairis, dh'imich e roimhe, chithear 
na blàthan air an talamh, tha àm seinn nan eun 
air teachd, agus cluinnear guth an turtuir 'n-ar 
tìr. Tha an crann fìge a' cur a mach 'f hìge 
glasa, agus tha dearcan maotha a chroinn- 
f hiona a' toirt fàile cubhraidh uatha ; èirich a 
bhean mo ghaoil, m'aon sgiamhach agus thig 
leam." Dàn. ii. 10—13. 

Na cuir dragh ort fèin, la pheacaich a tha 
tighinn : ma tha thu faicinn do staid chaillte 
le peacadh gin' agus gniomha ; ma tha thu 
'faicinn feum agad air fireantachd gun smal 



216 

losa Criosd; ma tha thu toileach a bhi air 
tThaotainn annsan, agus do chrann-ceusaidh a 
thogail suas agus esan a leantuinn : an sin 
guidh air son gaoth fhàbharach, agus aimisir 
mhath, agus thig air falbh na seas ni's faide 
ann an teagamh a' smaointeach air nithibh, ach 
thig airfalbh a dh'ionnsaidh losa Criosd; dean 
e, tha mi 'g ràdh, mu'm brosnaich thu Dia 
chum ioghanna mnà ri saothair a leagadh ort, 
Faodaidh do ghòraich mu*n chùis a thoirt air 
sin a dheanamh, cùimhnich an ni a leanas, 
*' Thig ioghanna mnà ri saothair air," (c'arson?) 
" Is mac nach eil glic e so, no cha'n f hanadh 
fada ann an àite briseadh a mach na cloinne." 
Hos. xiii. 13. 

Anns an t-seachdamh àite. Faodaidh t'eagal 
nach gabh Criosd ruit, èiridh, bho na searg- 
aidhean a tha thu footainn ann a t'anam, 
eadhon an uair a tha thu a' tighinn da ionn- 
saidh, tha cuid, eadhon an uair a tha iad a 
tighinn a dh' ionnsaidh losa Criosd g'am 
mothachadh fèin a'fàs ni's mios'agus ni's mios', 
agus is goirt an greadadh sin gu dearbha do n 
pheacach bhochd a tha tighinn. 

Leis a chùis a mhìneachadh ; Tha leithid so 
de neach a tighinn a dh'ionnsaidh losa Criosd, 
air dha bhi air tùs a' sealltainn 'na dheigh, a bha 
mothachail, caomh-chridheach, agus brùite 'na 
spiorad; tha e nis' air fàs dòrcha, neo-mhoth- 
Echail, cruaidh-chridheach, agus buailteach air 
dleasanasan spioradail a dhearmad, &c. Osbarr 



217 

tna e a mothachadh ann fein aomaidhean gru 
aS'Creideamh. dia-aicheadh, toibheum, agus 
nìthe mar sin, tha e mothachadh a nise nach 
urrainn e crithneachadh fo f hacal Dè, no ro' 
bhreitheanas no ro' eagal teine ifrinn ; ni mo 
as urrainn air leis, biodh mulad ort air son nan 
nithe so. Nis' is cruaidh an ni so : an duine 
anns an t-se-amh àite, a' gearan air cion buairidh, 
ach tha gu leòr agadsa dhiu, am beilthu toilichte 
da'n taobh a pheacaich a tha tighinn ? Faodaidh 
iadsan nach robh air an cleachadh riu a' 
smaointeach, gur breugha an ni a bhi fo meach- 
ainn, ach tha esan a tha sa'n ionad ullamh gu 
falas fala shileadh le àmhghar cridhe, agus 
beuchdadh a mach le aimheal spioraid. 

Tha'n duine sin anns an fhasach a measg 
ua'-bheistean allaidh : ann an sò chi e math- 
ghamhain, agus ann an sud leòghan, agus ann 
an ionad eile liobard, mac-tìre, dràgon, agus 
deamhnabh de gach seòrsa ; teagamhan de 
gach seòrsa, eagalan dhe gach seòrsa a' sealg 
agus a cuir bruaiUean air anam. Ann an so 
chi e toit, seadh, agus teine, a's pronnasg air 
an sgaoladh air feagh ionadan diamhair fèin, 
tha e cluinntinn fuaim doirinn uabhasach. 

O mo chàirdean, eadhon, an Tighearn losa, 
do'm b'eòl gach ni, cha'n f hac e taitneas ann 
am buairiadhean, ni mo bha 'arrtas aige bhi 
maille riu. Uime sin thuirt aon sgriobtur, 
" bha e air a tharruinn," agus sgriobtur eile bha 
e air a " threòrachadh leis an Spiorad do'n 
u 



218 

fhàsach, chum gum biodh e air a bhuaireadh 
leis an diabhol/* Marc i. 12. Mat. iv. 1. 

Ach le pilleadh air m'ais, thachair a leithid 
80 dhaibhsan air uairean a tha tìghinn a dh'ionn- 
saidh losaCriosd. Shaoileadh neach gurbeag 
feum a th' aig an tì a ta tighinn a dh'ionnsaidh 
losa Criosd air spearaichean mar iad sud, ach 
fòs is amhail a ta, agus tha fèin-f hiosrachadh 
dubhach ga dhearbhadh, tha'n Eaglais bho 
shean a' gearan *' gu'n rug a luchd-ruagaidh 
uir oirre eadar na cunglaichean" (Tuireadh i.) 
eadhon eadar dòchas agus eagal, nèamh agus 
ifrinn. 

Tha'n duine soa'mothachadh anmhuinneachd 
f heòla fèin, tha e ga mhothachadh fèin buail- 
teach do bhì eu-dòchasach, nise tha e coireach- 
adh Dhè, a' leum agus a bùrach mar tharbh ann 
an eangaich, agus fòs tha cionta gach ni a 
tionndaidh air fein chum a bhristeadh na 
bhloidibh ach tha e mothachadh a chridh cho 
cruaidh, air leis, is nach urrainn e tuiteam 
caoimhneal fhaotain ann an aon de a mi- 
ghiùlanan. Nise tha e na mheall breisleich na 
shealladh fèin, aig am beil a spiorad agus a 
neart gun riaghailt. 

Tha buairidhean a buntainn rìs a' chriosd- 
aidh mar a tha cù a chìobair a' buntainn ris a' 
chaora shocharaich, se sin, thig e air chùl na 
treuda, agus leumaidh e oirre, bheir e gu talamh 
i agus leònaidh e i, agus salaichidh e i gu 
buileach le slalachar agus clàbar ann an ioch- 



219 

dar chlaisean an raoin, gun a fagail gus am bi i 
Ìeth-mharbh, agus chan fhag an uair sin fèin 
i mar a cronaich Dia. 

Ann an so a nise tha cùis an eagail mi bhi air 
mo tilgeadh a mach. A nise tha mi 'faicinn gu'm 
beil mi caillte ; cha*n e so tighinn a dh'ionn- 
saidh losaCriosdars ampeacach; cha'nurrainn 
cridhe cho ea-dòchasach, cruaidh, agus truagh 
ri' mo chridhe-sa bhi grasmhor, ars'am peac- 
ach ; agus iarr air a shamhail sin de chridhe a 
bhi ni's fearr agus their e, cha'n urrainn mi. 

Ceist. Ach ciod a their thu ri anam anns a 
chor so ? 

Freagairt. Their mi gu'n robh buairidhean 
a' leanmhuinn a chuid a b'fhearr de phobull Dè. 
Their mi gu'n tig buairidhean chum ar matha, 
agus their mi mar an ceudna, gum beil eadar- 
dhealachadh eadar a bhi cinntinn ni's mios' 
agus ni's mios', agus f haicinn gu soilleir cho 
olc sa ta thu. 

Tha duin' ann aig am beilaogaìsmhi-chuanda, 
aig am beil mor uaill a sgèimh fèin, agus a 
thaobh nach eil sgathan aige chum amharc, 
tha e buanachd anns amhearachsin; fa-dheòigh 
chaidh sgàthan a chuir d'a ionnsaidh, a thug 
dearbhadh dha air ea-cuandachd aogais, nis' 
air dha bhi a' beachdachadh air f haileas fèin 
tha làn-chinnt aige nach eil e leth cho tlach- 
mhor sa bha e roimhe sin an dùil, A pheac- 
aich a tha tighin tha do bhuairidhean mar na 
glaineachan amhairc so, nochd iad dhut do 
chride mì-chuanda ga chuir fa chomhair do 



220 

shùl, agus a nìse tha thu a' faicinn cho mi. 
chuanda sa tha thu. 

Bha Hecciah na dhuine math, gidheadh, an 
uair a dh'fhàs e tinn (air son na tha dh'fhios 
agamsa) bha rudeigin de bhaireil mhath aig 
air a cridhe fèin, (agus air son 'na tha dh' f hios 
agam mar an ceudna) dh' f haodadh an Tigh- 
earna an àm aiseag gu slainte f hàgail a chum 
buairidh chum agus gur ann a b' fhearr a 
dh' fhiosraicheadh, e na h-uile ni, bha na 
chridhe. Faic Isa. xxxviii. 1 — 3, maille ri Eachd. 
xxxii. 31. 

Mo thruaìghe! Tha sinn peacaeh thar tomhas 
ach cha'n f haic sinn a mheud gus an tlg uair 
buairidh, ach nuair a thig sin, ni e mar ni an 
dealbhadair, ar cridhe tharruinn a mach 'na 
f hìor choltas, gidheadh cha bu chòir sealladh a 
thoirt dhuinn air an ni a ta sinn a' thoirt oirnn 
fantainn bho thighinn a dh'ionnsaidh losa 
Criosd. 

Tha da rathad anns an toir Dia sealladh do 
dhuine air truailleachd a chridhe fèin, tha aon 
rathad tre sholus facail agus spiorad De : 
agus an rathad eil tre bhuairidhean an diabhoil. 
Ach leis a' cheud rathad chi sinn 'ar truaiUeachd 
air aon dòigh, agus leis an dara, air dòigh eil. 
Tre sholus facail agus Spioraid Dhe tha thu a 
faotainn sealladh air do ghrainealachd, agus le 
solus na grèine tha thu faotainn sealladh air 
smal agus slalachar a th' ann ad thaigh no 
air t'aodach. Leis an t-solus sin tha thu 



221 

faìcinn am feum a th' agad air a bi glan, ach 
cha'n eil sin a' toirt air an t-salachar gun a bhi 
sgaoladh ni's gràineile. Ach 'nuair a thig Sà- 
fcan 'nuair a bhuaireas esan, tha e cuir beath 
agus fraoch ann ar peacannan, agus ga'n 
tiunndaidh, mar gu'm b'eadh ^nan iomadh 
diabhol an taobh a staigh dhuìnn. Nise mar 
phrìosanaich tha iad a' toirt ionnsaidh air 
bristeadh a mach tro phriosan ar cuirp, bheir 
iad an ionnsaidh air tighinn a mach air ar beoìl, 
air ar sùilean agus air ar cluasan, dòigh sara 
bith a chum sgainneal an t-soisgeil, agus tàir 
air creideamh chum dorchachadh ar fìanais- 
ean agus damnadh ar n-anamannan. 

Ach their mi mar thubhairt ni riomhe, is 
tric gu'm be so crannachar pobuill Dè, agus 
" Cha do thachair deuchainn air bith ribh, ach 
ni a ta coitcheann do dhaoinibh ; ach tha Dia 
dìleas, nach leig dhuibh a bhi air bhur feuch- 
ainn thar bhur comas." (1 Cor. x. 13.) Faic 
leabhar lob, leabhar nan Sàlm, agus leabh- 
ar an Tuiridh. Agus cùimhnich ni's faide, gu'n 
deach an ionnsaidh a thoirt air Criosd e fèin a 
bhuaireadh gu toibheum a labhairt agus aoradh 
a dheanamh do'n diabhol agus e-fèin a mhort. 
(Mat. iv. Luc. iv.) Buairidhean ni's miosa na's 
urrainn beirsinn ortsa, ach bha e gun pheacadh, 
a ta sin fìor, Agus is e do Shlànaighear, a ta 
sin fìor. Seadh, tha e cho fior mar an ceud- 
na le e bhi air a bhuaireadh gu'n tug e buaidh 
air a bhuaireadair, agus gur h-e is dìdeann 



222 

daibhsan a bhios air am buaireadh. Col. ii. 14, 
15. Eabh. ii. 15; iv. 15, 16. 

Ceist. Ach ciod as ceann-fath gu'm beil cuid 
a tha tighinn a dh'ionnsaidh Chriosd cho cian- 
ail air an tilgeadh sìos, agus air am bualadh le 
buairidhean ? 

Freagairt. Faodaidh sin a bhi bho iomadh 
reuson. 

Anns a cheud àite Cha'n urrainnear a 
dhearbhadh air cuid a tha tighinn a dh'ionn- 
saidh Chriosd, gu'm beil iad cho truaillidh sa' 
tha na sgriobturan ag ràdh a ta iad, gus an tig 
am buaireadh. Is f ìor gu'm beil iad a' faicinn 
uidhir de an truaiUeachd fèin sa tha toirt orra 
dhol an deigh Chriosd, ach tha tuilleadh sa 
choir de dh'aingeachd annta nach eil iad a 
faicinn. 'S beag a bhadhìiil aig Peadar gunrobh 
mallachadh, agus mionnan, agus breugan agus 
toil *na chridhe a Mhaighistear àicheadh roimh 
an àm anns an tàinig am buaireadh ; ach an 
uair a thainig sin air gu dearbha, thuig e gu'n 
robh chum a dhoilgheis. Eoin. xiii. 36 — 38 ; 
Marc. xiv. 38, 72. 

Anns an dara h-àite. Tha cuid a tha tighinn 
a dh'ionnsaidh losa Criosd ro lan as am 
buadhan fein agus aig am beil beag spèis do 
Phearsa Chriosd ; uime sin tha Dia, chum a 
thoirt orra, gun a bhi saoilsinn uidhir de an 
seudan fèin, agus gu'n sealladh iad ni bu mhò 
air pearsa a Mhic agus air luach na ghabh e 
os-laimh, g'an tilgeadh sìos do'n t-slochd le 



223 

buaireadh, agus tha mi a' gabhail ris gur e 
sin a's ciali do'n ràdh so aig lob. ^« Ma nigheas 
mi mi-fèin ann an uise sneachda (ars esan) 
agus ma ghlanas mi gu glan mo làmhan, an sin 
tilgidh tu mi 'san t-slochd, agus gabhaidh m' 
eudach fèin gràin diom." (lob ix. 30.) Bha 
lob a saoilsinn thar tomhas à bhuadhanfèin — 
agus a' cuir oirdheirceis began ro ard ; Mar tha 
na sgriobturan so a nochdadh. (lob xxxiii. 
8—13 ; xxxiv. 5—10 ; xxxv. 2, 3 : xlii. 3—7.) 
Ach mu'n àm an deach crioch air a bhuairidh- 
ean, chi thu gu'n robh e ni b'f hearr air fhògh- 
lum. 

Seadh, Tha Dia gu tric, eadhon, air son an 
ni so, mar gu'm b'eadh a toirt ar gràsan 
uainn, agus 'g'arfagail gu ìre bhig dhuinn fèin, 
agus do*n bhuaireadair, chum is nach gràdh- 
aich sinn dealbh a Mhic ni's mò na ghràdh- 
aicheas sinn a phearsa. Faic cia mar bhuiu 
riubha anns an t-sè-amh caihidil deug da 
dKEseciel^ agus anns an dara caibidil de Hosea, 

Anns an treas àite, Theagamh gu'm beil thu 
air do thabhairt gu mòr gu bhi toirt breth air 
do bhràthair, gu do bhràthair a dhiteadh do 
bhrìgh gu'm beil e na dhuine truagh air a 
bhuaireadh ; agus gu'm beil Dia a thaobh 
uabhar do chrìdh a' leigeil a bhnaireadair 
fuasgailt air do mhuin, a chum agus gu'm 
mothaich thu thu-fèin lag. *' Roimh sgrios 
thèid uabhar, agus roimh leagadh spiorad ard- 
anach." Gnàth, xvi. 18. 



224 

A7ins d! cheathramh àite. Dh'fhaodadh e 
bhith gu'n do bhuin thu tuilleadh a's garbh ris 
an aiteam aleònadh le Dia air an t-seòl ud, gun 
a bhi toirt an aire dhut fein mu'm biodh tu air 
do bhuaireadh, agus uime sin dh'fhuilig Dia e 
thighinn ort. Gal. vi. 1. 

Anns d chmgeamh àite. Theagamh gu'n 
robh thu buailteach do chlò-shàimh agus do 
chadal agus gu'n chuireadh na buairidhean so 
chum do dhùsgadh, tha fìos agad gu'n tainig 
buaireadh Pheadair air an deigh dha cadal, 
an sin, an àite faire agus ùrnaigh, dhaich- 
eadh e, — dh'aicheadh, — .agus dh'aicheadh e a 
Mhaighistir. Mat. xxvi. 

Anns an t-sè-amh àite. Theagamh gu'n 
ghabh thu tuiUeadh sa chòir de dhanadas ort, 
agus gu'n sheas thu ro f hada ann ad neart fèin 
agus air an aobhar sin gu'n tainig àm buairidh 
ort. Be so a h-aon de na h-aobhair mu'n 
tainig e air Peadar : " Ged do thrèig gach 
duine thu, (ars esan) gidheadh cha trèig mis' 
thu." O ! se so an dòigh air a bhi buairte gu 
dearbh, Eoin. xiii. 36 — 38. 

Anns an t sheachdamh àite, Theagamh gu'ra 
beil e an rùin Dhè do dheanamh glic, facal 
a' labhairt ri muinntir eile a ta fo àmhghar, 
agus uime sin dh'fhuilig e thusa bhi air do 
bhuaireadh. Chaidh Criosd a bhuaireadh 
chum is gum biodh e 'comasach .air fòir air 
muintir eile bhiodh air am buaireadh. Eabh. ii. 
18. 



225 

Anns an ochdamh à'de. Theagamh gu'n tug 
Sàtan air Dia gu'n ieig e leis do bhuaireadh ag 
ràdh, n'an deanadh e sin gu mallaicheadh tu e 
as an aodann. Mar so f huair e cead an agh- 
aidh lob, uime sin tabhair fanear anam a ta air 
do bhuaireadh, air eagal gu'n dearbh thu ràdh 
an diabhoil fior. lob i. 2. 

Anns an naoidheamh àite, Theagamh gu'm 
feum do bhuadhan a bhi air an dearbhadh ann 
an teallach chum a mheirg a tha leantainn 
riu ghlanadh air falbh. Agus iad fèin a 
dhearbhadh ann an lathair ainglean agus 
dheamhnaibh gur iad moran a's fearr no'n 
t-òr a thèid a mugha. Theagamh mar an 
ceudna, gu'mbeil do bhuadhan gu cliiì, moladh, 
onair, agus glòir shonraichte fhaotainn an àm 
tighinn an Tighearn' losa (gu breitheanas) air 
son gach euchd a rinn thu leo an aghaidh 
ifrinn agus a h-uile dheamhnaibh. Ann an 
iatha do bhuairidh. 1 Ped. i. 6, 7- 

Anns an deicheamh àite. Theagamh gu'n 
robh Dia air son muinntir eile theagasg trid 
t-osnaich, do ghearan, do chneadan agus do 
chaoidh, fo d' bhuairidhean chum a bhi *nan 
earalas ann an seachnadh nam peacannan air 
sgàth am beil thus air do thoirt (aig an àm so) 
seachad do'n luchd-pianaidh. 

Ach ann an co-dhìmadh an ni so, cuir an t-olc 
ris an olc, (agus an sin bithidh nan nithe olc gu 
leòir) ged' tha thu gus an latha 'n diugh a 
dheasbhuidh gràs Dè, fòs cha'n eil thu ach 



226 

ann ad chreutair truagli, peacach, aig am beil 
feum air Slànaighear beannaichte, agus tha'n 
ceann-teagaisg a' nochdadh dhut aon cho 
math is cho caomh'sas urrainn cridhe iarraidh, 
a thubhairt mar an ceudna chum do mhis- 
neachadh. — '^ An tì a thig am' ionnsaidh cha 
tilg mi air chor sam bith a mach e." 

Le tighinn uime sin a dh'ionnsaidh facal 
mìnichidh. 

Am beil a chùis mar sin^ gu'm beil iadsan a 
tha tighinn a dh'ionnsaidh losa Criosd gu tric 
fo eagal an cridhe nach gabh losa Criosd ga 
ionnsaidh iad ? Ma ta tha so a' teagasg dhuiiìne 
nan nithe so. 

An7is a' cheud àite, Faodaidh creideamh 
agus teagamhan a bhi chomhnaidh anns an 
aon anam aig an aon am ; O ! thus air bheag 
creideamh c'arson a tha thu fo amharas?" (Mat. 
xiv. 31.) Cha dubhairt e O! thus gu'n chreid- 
eamh ! ach " O! thus air bheag creideamh." 
A chionn gun robh beagan creideamh aige ann 
am meadhon iomadh amharas. Tha sin fior, 
eadhon, muinntir a tha tighinn a dh' ionnsaidh 
losa Criosd, tha iad a' tighinn agus eagal orra 
nach tig, agus amharas orra nach tig. 'Nuair 
a dh'amhairceas iad air a' ghealladh, no air facal 
misnichidh tre chreideamh, an sin thig iad, ach 
an uair a dh'amhairceas iad orra fèin, no air 
an duilichinn a ta na laidhe rompha an sin 
tha lad fo amharas. " larr orm tighinn," arsa 
Peadar ; *' Thig," arsa Criosd, mar sin chadh e 



227 

sios às an luing chum a dol a dh'ionnsaidh 
losa ach bu dheuchainn da esan a ruigsinn air 
an uisge. Is amail a ta e do'n anam bhochd 
mhiannach larr ormsa tighinn, ars am peac- 
ach, thig, ara Criosd agus cha tilg mi air chor 
sam bith a mach thu : mar sin tha e tighinn 
ach se a dheuchainn tighinn air an uisg tro 
iomairt bhàthaidh, uime sin ma shèideas 
gaoth a bhuairidh, èiridh tonnan an amharais 
agus an eagail air ball, agus tòisichidh am 
peacach a tha a' tighinn air dol fodha mar eil 
aige ach beagan creideamh. 

Ach gheibh thu an so ann am beagan creid- 
eimh Pheadair, gniomh dà-f hilte, se sin ri ràdh, 
tighinn agus èighachd, cha'n urrainn beagan 
creideamh tighinn fad' na slighe gu'n ghlaodh- 
aich, Cho fad sa mhaireas a dhànachd naomh' 
am f headh sin as urrainn e thighinn an sìth ; 
ach nuair nach eil sin ann cha'n urrainn e dol 
ni's faide, thèid e chuid eile de'n t-slighe le 
glaodhaich. Chaidh Peadar cho fad sa b'urr- 
ainn a bheagan creideamh a ghiùlan : mar an 
ceudna ghlaodh e cho fad sa b'urrainn a 
bheagan creideamh còmhnadh a dheamhnadh 
leis, ''AThighearnafòir orm." Agus mar sin le 
tighinn a's glaodhaich, bha e air a chumail bho 
dhol sìos do'n doimhne ged nach robh aige 
ach beagan creideamh. " Shìn losa mach a 
làmh, agus rug e air, agus thubhairt e ris, O I 
thusa air bheagan creideamh c'arson a tha thu 
fo amharas ?" 



228 

Anns an dara h-àite. Am beil e mar sin, 
gu'm beil iadsan a tha tighinn a dh'ionnsaidh 
losa Criosda air uairean fo eagal an cridhe 
nach gabh losa Criosd riubha? Nise tha sin 
a nochdadh reasan duinne air a chianalas sin, 
a tha sinn gu tric a' faicinn anntasan, a tha 
tighinn a dh'ionnsaidh losa Criosd c'arson a 
ta e 'chionn eagal a bhi orra nach gabh 
losa Criosda riu. Tha 'n saoghal truagh a 
magadh oirnne a chionn sinn a bhi 'n-ar sluagh 
cianail, tha mi a' ciallachadh a thaobh sinn a 
bhi air uairean mar sin, ach cha'n eil f hios 
acasan air aobhar ar dubhachais. Na'm b'urr- 
ainn e bhi air a dhearbhadh oirnn, eadhon, an 
sin, an uair a tha sinn cianail, gu'n gabhadh 
losa Criosd rinn da rìreadh, bheireadh e oirnn 
leum thar an cinn, agus chuireadh e n'is mò do 
shòlas ann ar cridheachan na bhiodh oirnn 
anns an àm bu liomhoire an corc am fion agus 
an ola acasan. Sailm iv. 6, 7« 

Anns an treas àite. Am beil e mar sin, 
gu'm beil iadsan a tha tighinn a dh'ionnsaidh 
Ìosa Criosda air uairean fo eagal an cridhe 
nach gabh losa Criosd riu? Nise tha sin 
a' nochdadh gu'ni beil iadsan a tha tighinn a 
dh'ionnsaidh Chriosd n an sluagh mothachail, 
smaointeachail, o eagal a bhi orra bho chiall 
agus smaointeannan. Tha iad mothachail air 
peacadh, agus mothachail air a mhallachd a 
tha na lorg ; tha iad mar an ceudna mothach- 
ail air mòrghalachd ghlòrmhor Dhè, agus air 



229 

cho beannaichte sa xna Dhi air an gabhail a 
steach le losa Criosd ; tha iad mothachail air 
glòir nèimh agus olc a pheacaidh, tha iad a' 
toirt nan nithe so fainear agus tha fìos ac* 
orra : '' Oir an uair a chuimhnicheas mi tha 
eagal orm ; an uair a bheir mi fainear tha eagal 
orm roimhe :" lob xxi. 6 ; xxiii. 15. 

Tha na nithe so a' bristeadh an spioraid a 
thaobh gu'm beil iad 'nan dùisg agus a mothach- 
adh. Na'n robh iad marbh mar mhuinntir eile, 
cha bhìodh iad an trioblaidean le eagal mar 
tha iad : Oir cha'n eil eagal ann an daoine 
marbha, cha'n eil iad a' mothachadh no fo 
chìiram, ach se an duine beò, tuigseach tha, 
gu tric fo eagal a chridh nach gabh losa Criosd 
ris. Tha ni 'g ràdh nach eil na mairbh, agus 
iadsan a ta gu'n tuigse fo smuairean, tha iad a 
meas gu'm beil iad tearuinnt', earbsach. Co 
tha cho dàna ri Baidhard dall ? Bu chòir dhaibh 
so gu dearbha eagal a bhi orra, a thaobh nach 
eil iad a' tighinn a dhionnsaidh losa Criosd, 
O ! an ifrinn, an teine, an t-slochd, corraich 
Dhe, agus piantan ifrinn, tha iad air an ullach- 
adh air son peacaich bhochda, dhearmadach ! 
" Cia mar thàras sinn às ma ni sinn dearmad 
air slàinte cho mòr !" (Eabh. ii. 3.) Ach tha 
iad gun mhothachadh agus cha'n urrainn iad 
eagal a ghabhail. 

Anns a' cheathramh àite. Am beil e mar 
sin, gu'm beil iadsan a tha tighinn a dh'ionn- 
saRdh losa Criosd gu tric fo eagal an cridhe 

X 



230 

nach gabh losa Criosd riu ? Uime sln bu 
chòir do sheana Chriosdaidhean truas a bhi aca 
ri muinntir òga tha tighinn agus a bhi'g ùrnaigh 
air an son. Is eol duibh cridhe coigrich oìr bha 
sibh fèin 'n'ur coigrich ann an tìr na h-Eiphit. 
Is eol duibh na h-eagail, na h-amharasan agus 
na h-uabhasan a tha deanamh grèim orra, oir 
bha iad air uairean a* deanamh grèim oirbh 
fèin. Air an aobhar sin, gabhaibh truas riu 
deanaibh urnaigh air an son misnichibh iad, 
tha fèum ac' air gach ni de so ; rinn cionta 
grèim orra, rinn eagal fearg Dhè beirsinn orr' ; 
theagamh gu*m beil iad am fradharc teine 
ifrinn, agus gu'm beil eagal tuiteam ann, a dian 
losgadh an taobh a staigh de'n cridheachan. 
Faodaidh fhios a bhi agaibh cho iongantach 
sa tha Sàtan ag oibreachadh a chuid amharasan 
ifrinneach an taobh a staigh dhaibh, mas a 
comasach e bàthaidh e iad a thaobh an lion- 
mhorac'hdagusancudthrom. AsheanaChriosd- 
aidhean caraibh suas an rathad dhaibh togaibh 
an ceap-tuislidh às an rathad orra, air eagal 
gu'm bi iadsan a tha lag agus fann air an tionn- 
daidh a thaobh, ach gu'm ma fearr leibh e bhi 
slàn. (Eabh. xii. ii.) Thainigmi nis' a chum 
an ath bheachd agus labhraidh mi beagan mu 
thimchioli, — se sin ri ràdh ; — 

Cha leigeadh losa Criosd leosan a tha tigh- 
inn da rìreadb ga ionnsaidh, smaointinn aon 
uair gun tilgeadh e mach iad. 

Tha'n ceann-teagaisg làn de'n ni so oir ths 



231 

e ^g rkdh •' An tì a thig am ìonnsaidh cha tilg 
mi air chor sam bith a mach e." Nise ma 
thubhairt e, cha tilg mi a mach. Cha'n àill leis 
gu'n smaointicheamaid gun tilg. 

Tha sin ni's faid air fhoiHseachadh leis na 
beachdan so : — 

Jnns d cheuddite, Thoirmisg Tosa Criosd 
eadhon. .dhaibhsan, nach do thòisich fathast aìr 
tighinn da ionnsaidh gu'n iad a shaoiisin aon 
uair niar iad sud. " 'Na saoilibh gu'n dean 
mise bhur casaid ris an Athair." Eoin v. 45. 

'S iad so tha mi 'g ràdh an aìteara nach do 
thòisich fathast air tighinn da ionnsaidh, oir 
thuirt e mu'n tiomchioU beagan roimhe so : 
" agus cha tig sibh am' ionnsaidh-sa." Oir 
chùm am meas a bha ac' air onair dhaoine air an 
ais iad. Fòs leig losa Criosd ris daibh, ged 
dh'f haodadh e gu ceart an diùltadh, nach dean- 
adh e mar sin, agus dh'iarr e orra gun urrad 
agus smaointeach aon uair gu'n casaideadh e 
iad ris an Athair. 'Nise is e gu'n chasaid a 
dheanamh tagradh as an leth. Cha'n eil Criosd 
anns na nithe so a' seasamh na thamh eadar 
an t-Athair agus na peacaich. Mar sin ma ta, 
mar bu mhath le Criosd gu'n saoileadh iadsan 
(nach tàinig fathast d'a ionnsaidh agus nach 
tig) gun deanadh e casaid orra, uime sin cha 
bu math leis idir gun saoileadh iadsan a ta tigh- 
inn da ionnsaidh ann am firinn. '' Agus esan 
a thig cha tilg mi air chor sam bith a mach e." 

Anns an dara h'àite. 'Nuair a bha bhean 



232 

a ghlacadh an adhaltranas (eadhon anns an 
dearbh ghniomh) air a toirt a dh'ionnsaidh losa 
Criosd, ghnàthaich e e-fèin ann am briathran 
san gniomh, a ta soillearachadh nach ann a 
chum dìtidh agus lilgeadh a mach a thainig e 
dh'ionnsaidh an t-saoghail. 

Air an aobhar sin an uair a chuir iad i 'na 
seasamh fa chomhair, chrom e e-fèin sios agus 
thòisich e air sgrìobhadh le mheur air an làr 
mar nach biodh e ga 'n cluinntinn. Nise ciod 
a rinn e leis an ni so ach a thaisbeanadh gu 
soilleir, nach robh e gu casaidean a ghabhail 
an aghaidb peacaich thruagha co air bith a 
thogadh cùis dìtidh 'nan aghaidh. Agus tabh- 
air fainear, ged' bhuanaich iad air iarraidh, a' 
smaointeach fa-dheoigh gu'n co èignicheadh 
iad e gu dìteadh, fòs dh'f hreagair e air chor is 
gu'n dh'f huadaich e gach neach-dìtidh uaipe, 
agus an sin dh'iarr e oirre chum a misneach- 
adh tighinn daionnsaidh-san, *' Imich romhad 
agus na peacaich ni's mò." Eoin. viii. 1 — 12. 
Cha'n e idir nach robh gràin aige de a 
gniomh, ach cha dìteadh e a' bhean air son a 
peacaidh, a chionn nach be sin a dhreuchd, 
" Oir cha do chuir Dia e chum gu'n dìteadh e 
an saoghal, ach a chum gu'm biodh an saoghal 
air a shaoradh trìdsan. (Eoin. iii. 17.) Nise 
cha dìteadh Criosd a bhean so ged a bha e 
air a cho-èigneachadh chum sin a dheanamh 
mu'n saoileadh a' mhuinntir a tha tighinn da 
ionnsaidh ann am fìrinn aon uair gun tilgeadh 



233 

e mach iad. " Agus an tì a thig am' ionn- 
saidhsa cha tilg mi air chor sam bith a mach e." 

Anns an ireas, Tha Dia gu soilleir ag iarr- 
aidh air a pheacach e thionndaidh agus tighinn, 
agus a' toirmeasg dha smaointinn air chor sam 
bith gur tilgeadh se mach e. " Trèigeadh an 
t-aingidh a shlige, agus an duin' eacorach a 
smuainte ; agus pilleadh e ris an Tighearna, 
agus nochdaidh e tròcair dha, agus ri ar Dia-ne, 
oir bheir e mathanas gu pailt." Isa. Iv. 7. 

Tha 'n Tighearna le iarraidh air an duin' 
eacorach a smuainte a thrèigsinn, gu h-araid a' 
toirmeasg nan smaointe soa tha cuir maille air 
an duine tha tighinn 'na astar gu losa Criosd, 
se sin a smaointean as-creideach. 

Air an aobhar sin cha'n eil e 'g iarraidh air 
a mhàin a shlige a thrèigsinn ach mar an 
ceudna a smaointe. " Trèigeadh an t- 
aingidh a shlige, agus an duin' eacorach a 
smuainte." Cha leòir a h-aon diu so a thrèig- 
sinn ma tha thu tighinn a dh'ionnsaidh losa 
Criosd, a thaobh gu'n cùm an aon eile air t'ais 
thu. Ged thrèigeas duin* a shlighe, a bheatha 
neo-gheamnaidh agus shalach, gidheadh ma 
tha na smaointean so nach gabh Criosd ris air 
an altrum anns a' chridhe cumaidh na smaoin- 
tean so e gu'n a thighinn a dh'ionnsaidh losa 
Criosd. 

A pheacaich, a pheacaich a tha tighinn, am 
beil thus air son tighinn a dh'ionnsaidh losa 
Criosd } Tha, ars am peacach. Ma tha trèig 



234 

do dhroch shlìghean. Tha mi deanamh sin, 
ars am peacach, C'arson ma ta tha thu' 
tighinn air t-aghaidh cho mall ? Thaobh gu'm 
beil maiUe air a' chuir orm. Ciod a chuir maille 
ort ? na thoirmeisg Dia thu ? Cha do thoirm- 
eisg, am beil tbu dèigheil air tighinn ni's 
luaithe ? Tha, gidheadh, cha n urrainn mi. 
Guidheam ort labhair gu soilleir rium, agus 
innis dhomh aobhar do mhi-mhisnich? Ged 
nach do thoirmisg Dia mi, agus ged a tha mi'n 
geall air tighinn ni's luaithe, gidheadh tha'n 
smuain so agus an smuain ud eile 'g èiridh gu 
nadurrach ann am chridhe, ni tha cur maille air 
m'astar gu losa Criosd. Air uairean saoilidh 
mi nach eil mi air mo thaghadh, air uairean eile 
nach eil mi air mo ghairm, agus a rithist gu'n 
thòisich mi air tighinn ro anmoch, agus air 
uairean eile saoilidh mi nach eil fhios agam 
ciod e ni tighinn. Mar an ceudna saoilidh 
mi air uairean nach eil gràs agam, agus an 
deigh sin nach urrainn mi ùrnaigh a dheanamh, 
agus a rithist, saoilidh mi nach eil annam ach 
an diì-chealgair, agus tha nan nithe so ga mo 
chumail air m'ais bho thighinn a dh'ionnsaidh 
losa Criosd. 

Seall a nis', nach d'innis mise sin dut ? 
Tha smaointean fathast a' chòmhnaidh anns 
a' chridhe, eadhon ann an cridheachan na 
h-aiteam a thrèig an droch shligheachan, agus 
leo so tha iad air am buaireadh ni's mo no le ni 
air bith eile, thaobh.gu'm beil e cuir maiU' air an 



235 

trìall a dh'ionnsaidh losa Criosd ; Oir is e 
peacadh an as-creideimh as màthair-aobhair 
do na smaointean so as mò tha cuir a mhaill' 
air a' pheacach a tha tighinn na dhroch 
shlighean. Eabh xii 1 — 4. 

Ach a nise thaobh gu'm beil losa Criosd ag 
iarraidh ort na smuaintean so a thrèigsinn 
deann sin, a pheacaich a tha tighinn^ mar a 
trèig thu iad tha thu sa'n eacoir a bristeadh 
àinte Chriosd agus a buanachd, ann a bhi na' 
t-fhear-pianaidh ort fèin, agus ga do chumail 
fèin bho shocrachadh ann an gràs, '' Mar creid 
sibh, gu cinnteach cha bhi sibh seasmhach." 
Isa. vii. 9. 

Tha sibh a' faicinn an so mar chuir losa 
Criosd e fèin an aghaidh a leithidibh sud 
de smaointean, a tha a' mi-mhisneachadh a 
pheacaich a tha tighinn. Agus a daighneach- 
adh ao teagaisg sin leìs na briathran so. '^ Agus 
esan a thig cha tilg mi air chor sam bith a 
mach e.'' 

Thainig mi nise chum reusonachadh air a 
bheachd so. 

Anns a' cheud àìte, Na'n leigeadh losa Criosd 
leat aon uair a' smaointeach gu'n tilgeadh 
e mach thu, leigeadh e leat mar an ceudna 
smaointeach gu'm breugaicheadh e fhacal, oir 
thubhairt e '* An tì a thig am' ionnsaidh cha 
tilg mi air chor sam bith a mach e." Ach cha 
bu mhath le Criosd gun tigeadh tu gaionnsaidh 
a bhreugachadh f hacail, oir thubhairt e uime 



236 

f(èìn, — " Is mise an fhirinn.'* Uime sin clm 
bu mhath leis gun saoileadh neach sam bith a 
tha tighinn da ionnsaidh ann am firìnn gu'n 
tilgeadh e mach iad. 

Annsan dara h-àite. N'an ceadaicheadh losa 
Criosd do'n pheacach a tha da rìreadh a' tigh- 
inn da ionnsaidh aon uair a smaointeach gu'n 
tilgeadh se a mach e, dh' f heumadh e leis an 
ni sin a bhi toirt misnich do cheud bhristeadh a 
mach an as-creideimh ni a rinn e a mheas 
mar a nàmhaid is mo ! dha fèin agus da na 
shònraich e na shoisgeil. Uime sin cha bu math 
le losa Criosd gu'n saoileadh am peacach a 
tha tighinn aon uair gu'n tilgeadh e mach e. 
Faic Mat. xiv. 31 ; xxi. 21. Marc. xi. 23. 
Luc. xxiy. 25. 

Anns an ireas àite. N'an ceadaicheadh losa 
Criosd aon uair do'n pheacach a tha tighinn 
smaointeach gu'n tilgeadh e mach e, chead- 
aicheadh e dha a chuir an teagamh an robh e 
toileach tiodhlac an Athar a ghabhaìl da ionn- 
saidh, ach tha'n ceannteagaisg a' dearbhadh, — 
'* Gach ni a bheir an t-Athair dhomhsa thig e 
am' ionnsaidh, agus an tì a thig cha tilg mi 
air chor sa'm bith a mach." 

Anns a cheathramh àite, N'an ceadaicheadh 
losa Criosd dhaibh a smaointeach aon uair 
(ladsan a tha da rìreadh a' tighinn) gu'n tilg- 
eadh e mach iad, feumaidh gu'n leig e dhaibh a 
smaoìnteach gun dean e tarchuis air tarruinn 
an Athar> Ach bhiodh e na ard-thoibheum 



237 

ro olc sin a' smaointeach. Uime sin eha bu 
mhath le losa Criosd gu smaoìnticheadh esan a 
tha tighinn, aon uair gu'n tilgeadh se a mach e. 

Anns a^ chuigeamh àite. N'an ceadaicheadh 
losa Criosd dhaibhsan a tha da rìreadh a' tighinn a' 
smaointeach aon uair gun tilgeadh e mach iad, 
feumaidh e leigeadh dhaibh a smaointeach gu' m 
bi e neo-dhìleas anns an dreuchd a dh-earb 
Athair ris, ni is e sàbhaladh, agus gu'n ni air 
bith a chall de na thug e dha ri ghleidheadh, 
(Eoin. vi. 36.) Ach chuir an t-Athair fo chùr- 
am gu'n tearnadh e 'm peacach a tha tighinn. 
Uime sin cha'n f haod e bhi gun leig e le lethid 
sin a neacha' smaointeach aon uair gun tilgeadh 
se mach e. 

Aims an t-sè-amh àite, N'an ceadaicheadh 
Dia dhaibhsan a tha tighinn aon uair a smaoin- 
teach gu'n tilgeadh e mach iad, an sin feumaidh 
e leigeadh dhaibh a shaoilsinn gu'm bi e neo- 
dhìleas ann an dreuchd a Shagartachd, air son 
a' cheud chuid deth phàigh e luach aira shon, 
agus thug e èirig air son anmanan, agus air son 
andaracuid bhuanaiche ann an deanamh eadar- 
ghuidhe ri Dia air an son-san a thig. (Eabh. 
vii. 25.) Ach cha'n fhuilig e dliuinn teagamh 
a chur ann an ghàthachadh dìleas a Shagart- 
achd, uime sin cha'n urrainn e f hulang dhuinn 
aon uair a smaointeach gu'm bì am peacach a 
a tha tighinn air a thilgeadh a mach. 

^^^72,9 an t'Seachdamh àite. N'an ceadaich- 
eadh Dia dhuinn aon uair a smaointeach gu'm 



238 

bi am peacach a thig air a thilgeadh a mach, 
an sin feumaidh e leigeadh dhuinn teagarah 
a chuir 'na thoil agus 'na chomas a chum tearn- 
aidh. Ach cha*n fhuilig e dhuinn aon uair 
a h-aon diù so a chuir an teagamh, uime sin 
cha leig e dhuinn aon uair a shaoilsinn gu'm bi 
am peaeach a tha tighinn air a thiìgeadh a 
mach, 

1. Cha'n urrainn e leigeadh dhuinn a thoil 
a chuir.an teagamh. oir thubhairt e anns a 
cheann-teagaisg, — '* Cha tilg mi air chor sam 
bith a mach/' 

2. Cha'n urrainn e leigeadh dhuinn a chumh- 
achd a chuir an teagamh ; oir thubhairt an 
Spiorad Naomha. Tha e comasach iadsan a 
thig da ionnsaidh a thearnadh chum a' cheum 
as faide mach. 

3. Cha'n urrainn e leigeadh dhuinn teagamh 
a chuir ann an èifeachd fhoghantais, oir tha 
fuil Chriosd a' glanadh airfalbh uile pheacannan 
a pheacaich a tha tighinn. (1 Eoin i.) uime 
sin cha'n urrainn e leigeil leisan a tha tighinn 
a smaointeach aon uair gu'n tilg se mach e. 

Anns an ochdamh àite. Na'n ceadaicheadh 
losa Criosd aon uair do'n pheacach a tha 
tighinn a smaointeach gun tilgeadh se mach e, 
dh'fhuiligeadh e dha a bhreug a thoirt do 
theisteas soilleir an Athar, a Mhic, agus an 
Spioraid Naoimh, eadhon do'n uile shoisgeil 
a ta ann an ìeabhraichean Mhaois, anns 
na Faithean anns na Sailm, agus anns an 



239 

Tiomna Nuadh, Ach cha'n urrainn e sin fhul- 
ang, uime sin chabu choir do'n pheacach a tha 
tighinn a smaointeach aon uair gu'm bi e air a 
thilgeadh a mach. 

Anns an naoidheamh àite, Agus anns an àite 
mu dheireadh, Na'n ceadaicheadh losa Criosd 
aon uair dhasan a tha tighinn d'a ionnsaidh 
a smaointeach gu'n tilgeadh e mach e, feum- 
aidh e leigeadh dha bòid an Athar a chuir an 
teagarah ; ni a rinn esan ann am firinn 'san 
ionracas a ghabhail. chum is gu'm biodh mis- 
each laidir acasan a theich gu losa Criosd a 
dh'iarraidh tearmuinn, ach cha'n urrainn e so 
fhulang, uime sin cha'n urrainn e leigeil leis 
a' pheacach a tha tighinn a smaointeach aon 
uair gu'm bi e air a thilgeadh a mach. Eabh. vi. 

Thainig mi nise chum beagan mìnichidh a 
dheanamh air an iomlan, agusan sin bithidh.^mi 
a' tarruinn a dh'ionnsaidh co-dhùnadh. 

Tha e air innse dhuinn gu'm beil daoine gu 
nàdurrach fada bho Chriosd. 

SoiUeiricheam sin le labhairt air na tri 
ceistean so 'leanas : — 

1. C'ait am beil esan a tha tighinn a dh'ionn- 
saidh losa Criosd? 

2. Co e esan nach eil a tighinn a dh'ionn- 
saidh losa Criosd? 

3. C'àit am beil esan gu dhol, naeh eil 8 
tighinn a dh'ionnsaidh losa Criosd. 

Ceist. 1. C'àit am beil esan, &c. 



240 

Freagairt. 1. Tha e cian bho Dhia, tha e 
gu'n Dia, eadhon dealaicht' uaithe, araon na 
thuigse na thoil, na rùintean, na bhreitheanas, 
agus na chogais. Eph. ii. 12; iv. 8. 

2. Tha e cian bho losa Criosd a inhain as aon 
Fhearsaoraidh o theìn'ifrinn. Sailni Ixxiii. 27. 

3. Tha e cian bho obair an Spioraid Naoimh, 
o obair na h-ath-ghionmhuinn, agus an dara 
cruthachaidh as eugmhais nach faic duine san 
bith rìoghachd nèimh. Eoin iii. 3. 

4. Tha e cian bho bhi fìreanta, an fhìreant- 
achd sin, a dh'fhagadh e taitneach ann an 
fìanais Dhè. Isa. xlvi. 14. 

5. Tha e fo chumhachd agus fo uachdaran- 
achd a pheacaidh; tha peacadh a' riaghladh 
ann agus thairis air, tha e chòmhnaidh an 
uile cheudfathan anama agus am ballaibh a 
chuirp, air dòigh, a's o cheann gu chasan 
nach eil aon f hallaineachd. Isa. i. 6. Rom. 
iii. 9_18.- 

6. Tha e anns an taigh-air-leth maille ri 
Udsia ; agus chaidh a sgaradh à càmp Israeil 
maille ris na lobhrain. 2 Eachd. xxvi. 21. 
Airm. V. 2. 

7. Tha bheatha a measg nan neo-ghlan. 
" Tlia e ann an dombhlas na sèirbhe, agus 
ann an cuibhreach na h-eacorach." lob. xxvi. 
14. Gniomh. viii. 23. 

8. Tha e ann am peacadh anns an f heòil, ann 
am bàs, ann am lion an diabhoil agus air a 



241 

ghlacadh mar chiomach dhasan chum a thoìle. 

1 Cor. XV. 17. Rom. viii. 8. 1 Eoin. iii. 14. 

2 Tim. ii. 26. 

9. Tha e fo mhallachd an lagha, agus tha'n 
diabhol a chòmhnaidh ann, agus tha tighearnas 
aig thairis air, Gai. iii. 13. Eph. ii, 2, 3. 
Gniomh. xxvi. 18. 

10. Tha e ann an dorchadas, agus ag iom- 
achd an dorchadas gun f hios aige c'àite tha e 
dol, oir dhorchaich dorchadas a shùilean. 

11. Tha e air an t-sìighe leathainn a tha 
treòrachadh gu sgrios; agus ma bhuanaicheas e 
air aghaidh thèid e cinnteach a steach air a 
gheat fharsuinn, agus as an sin sìos air staigh- 
raichean ifrinn. 

Anns an dara h-àite. Co e esan nach eil a 
tighinn a dh'ionnsaidh losa Criosd ì 

1. Tha e air a mheas mar aon de nàimhdean 
Dhè. Luc. xiv. 14. Ron. viii. 7. 

2. Is e leanabh an diabhoil, agus ifrinn ; oir 
ghin an diabhol e 'na nàdur peacach agus 
feumaidh ifrinn a shlugadh suas fa-dheòigh a 
chionn nach tig e dh'ionnsaidh losa Criosd. 
Eoin. viii. 44. 1 Eoin iii. 8, Mat. xxiii. 15. 
Salm ix. 17. 

3. Is e mac agus oighre na fèirge is e 
sin a chrannachar, agus ìocaidh Dià dha e 
roimh lathair a ghnùise. Eph. ii. 1 — 3. Eoin 
xxi. 29—31 

4. Tha e na fhèin-mhortair, rinae eacoir air 

y 



242 

anam fèin, agus is aon e a ghràdhaich am bàs. 
Gnà. i. 18; viii. 35,36. 

5. Is còmpanach e do'n diabhol agus do 
dhaoine air an dìteadh. Gnà. xxi. 16. Mat. 
XXV. 4. 

Anns an treas àile, C'àit' am beil e coltach 
a thèid esan, nach tig a dh'ionnsaidh losa 
Criosd ? 

1. Esan nach tig da ionnsaidh tha e coltach 
r*a dhol ni's faidh uaithe, oir tha na h-uile 
pheacadh a dol ceum ni's faide bho losa Criosd, 
Hos. xi. 

2. O'n tha e ann an dorchadas tha e coltach 
ri dhol air seacharan ann. Oir is e Criosd solus 
an t-saoghail, agus esan nach tig da ìonn- 
saidh-san tha e 'g imeachd ann an dorchadas. 
Eoin. viii. 11. 

3. Tha e coltach ri bhi air a ghluasad air 
falbh cho fada bho Dhia, bho Chriosd, agus 
bho gach uile shonas 'sas urrainn an Dia bith- 
bhuas a ghluasad. Mat. xii. 41. 

Ach, anns an dara h-àite, Tha'n teagasg so 
a thighinn a dh'ionnsaidh Chriosd, ag innse 
dhuinne far a faod peacaich thruagha, fhal- 
amh, beatha f haotainn da'n anamaibh, agus sin 
ann an Criosd : tha 'n bheatha so 'na Mhac, 
esan aig am beil am Mac tha beatha aige, 
agus a rithist, " Oir esan e gheibh mise gheibh 
e beatha, agus gheibh e deagh-ghean o'n Tigh- 
earna. Gnà viii. 35. 

Nis air son tuiUeadh meudaichidh, noch- 



243 

daidh mi mar an ceudna an so tri ceìstean a 
bharrachd. 

1. Ciod a bheatha th' ann an Crìosd ? 

2. Co a dh'f haodas a sealbhachadh ? 

3. Ciod na cùmhnantan air ann faighear 
sealbh oirre ? 

Ceist. 1. Ciod a bheatha tha ann an losa 
Criosd .? 

1. Tha beatha fìreanachaidh ann an Criosd. 
Tha duine le peacadh marbh san lagh ; agus 
is e Criosd a mliàin a's iirrainn a shaoradh le 
ionracas agus le f huil, bho'n bhàs so gu staid 
beatha :— *' do bhrìgh gu'n do chuir Dia aon- 
ghin Mhic do'n t-saoghal chum gu'm bitheam- 
aid beò tridsan '' (1 Eoin iv. 9.) 'Se sin trid 
a cheartais a bha e gu dheanamh agus am bàs 
a bha e gu fhulang. 

2. Tha beatha shiorruith ann an Criosd ; 
beatha neo-chriochnach, beatha a mhaireas a 
ehaoidh nan caoidhean.'' Thug Dia dhuinne 
beatha mhaireannach agus tha a' bheatha so 'na 
Mhac." 1 Eoin v. 11. 

Nise thaobhgu'mbeilfìreantachdagus slàinte 
shiorruidh araon ann an Criosd do dhaoine, 
agus gun sin a bhi 'n àite air bith eile, co nach 
tigeadh a dh'ionnsaidh losa Criosd ? 

Anns an dara h-àite. Co a dh'fhaodas a 
bheatha.so a shealbhachadh, 

Tha mi 'g ràdh, peacaich bhochda, thruagha, 
gu sònraichte. 

1. A mheud 's le n àiU a sealbhachadh, — 



244 

" Agus ge be neach leis an àill, gabhadh e 
uisg' na beatha gu saor." Tais. xxii. I7. 

2. Esan air am beil tart air a shon : Bheir 
mi dhasan air am beil tart de dh'uisge na 
beatha gu saor. Tais xxi. 6. 

3. Esan a tha sgìth dhe a pheacannan. " So 
an f hois leis an tabhair sibh fois dhasan a ta 
sgìth, agus so an suaimhneas." Isa. xxviii. 
12. 

4. Esan a tha bochd agus feumach, ^' Coig- 
lidh e am bochd agus am feumach agus sàbh- 
ailidh e anam nam feumach." 

5. An tì a bha ga leantuinn a glaodhaich 
air son beatha : *' An tì a leanas mise cha 
shiubhail e an dorchadas, ach bithidh solas na 
beatha aige.'* Eoin viii. 12. 

Anns an treas àite, Ciod na cumhnantan 
air am faod sinn sealbh f haotainn air a' beatha 
so ? 

Freagairt. Gu saor. A pheacnich, nach 
eil thusa cluinntinn ? Faodaidh tusa faotainn 
gu saor " Gabhadh e uisge na beatha gu saor. 
Bheir mìse dha de thobar uisge na beatha gu 
saor. Agus an uair nach robh dad ac* a dh' 
ìocadh iad, mhaith e gu saor dhaibh araon." 
Luc vii. 

Gu saor gun airgead agus gunluach. <« Hol 
gach neach air am beil tart, thigibh a chum 
nan uisgeachan, agus esan aig nach eil airgead, 
thigibh ceannaichibh agus ithibh, seadh, thìg- 



245 

ibh, ceannaichibh gun airgead agus gun luach, 
jfion agus bainne,'* Isa. Iv. i. 

A pheacaich, am beil thusa tartmhor ? Am 
beil thu sgìth ? Am beil thu toileach ^ '^hig 
ma ta, oir tha na h-uile ni math a th' aig 
Criosd air a thairgse do'n pheacach a thig gun 
airgead agus gun luach. Tha beatha aige ri 
sheachnadh, dhaibhsan a tha g'a h-iarraidh agus 
aig nach eil peighinn a chum a ceannach, agus 
bheir e seachad i gu saor; Oh! ciod an staid 
bheannaichte anns am beil am peacach a tha 
tighinn ? 

Ach, Anns an treas àìte. Tha'n teagasg 
so, tighinn a dh'ionnsaidh losa Criosd, ag 
innse dhuinn nach eil beath r'afaotainn an àit' 
air bith eile. Na'm biodh i r'a faotainn ann an 
àit' air bith eile cha bhiodh ach fior bheag meas 
air a cheann-teagaisg agus air-san a labhair e. 
a dh'aindeoin cho mòr sa tha an gealladh 
" Cha tilg mi air chor sam bith a mach'' n'an 
seasadh neach eile dlù a bhiodh uUamh chum 
an gabhail da ionnsaidh. Ach ann an so tha 
glòir Chriosd air a leigeil ris, nach urrainn aon 
neach ach esan tearnadh. Agus ann an so tha 
ghràdh air a leigeadh ris, ged nach urrainn 
neach air bith tearnadh ach esan na aonar, gidh- 
eadh cha'n eil e aindeonach sin a dheanamh. 
" Ach an tì a thig am ionnsaidh (ars' esan) 
cha tilg mi aìr chor sam bith a mach e." 

Tha e soilleir bho'n sgriobtur so, nach 
urrainn neach air bith tearnadh ach losa Criosd 



246 

Gniomh vi. 12. <' Agus cha'n eil slaint ann 
an neach air bith eile agus thug e dhuìnn 
beatha mhaireannach agus tha bheatha sin na 
Mhac." Nam biodh beatha r'a faotainn ann an 
aite air bith eile b'ann anns an lagh : ach cha'n 
eil i anns an lagh. Oir le obair an lagha cha 
bhi duine beo air f hìreanachadh, agus mar a bi 
e air f hìreanachadh, cha bhi beatha aige. 

Uime sin cha'n eil beatha r'a faotainn an àite 
sam bith eile ach ann an losa Criosd. Gal. 
iii. 

Ceist. Ach c'arson a dh'orduicheadh Dia, 
nach biodh beatha r 'a faotainn ann an àite sam 
bith ach ann an losa Criosd ? 

Freaoairt. Tha aobhar air a son, agus 
sin araon a thaobh Dhè agus do'r taobhainne. 

Air tùsj a thaobh Dhè. 

Anns CL cheud àite, Chum gu m biodh e 'na 
rathad ceartais cho math ri tròcair : agus 'na 
rathad ceartais cha b'urrainn e bhi mar a' biodh 
e tre Chriosd ; a thaobh gur esan, agus esan a 
mhàin, a bha comasach air iarrtas an lagha a 
fhreagairt, agus a thoirt air son peacaidh na 
bha ceartas ag iarraidh, Bhiodh na h-ainglean 
air am brudhadh shìos an ifrinn gu siorruidh, 
nam biodh am mallachd sin air a leagail orra air 
son ar peacaidh a chaidh a leagail air losa 
Criosd: ach chaidha leagailair-sanagus ghiulan 
e leis, agus fhreagair e an t ùmhladh, agus 
shaor e a shluagh a bha.fodha le lethid a riar- 
achadh do'n cheartas dhiaghaidh as gu'm beil 



247 

Dia fèin ag ràdh gu'm beil e dìleas agus ceart 
ann am mathanas a thoirt dhuinn, ma ruitheas 
sinn a dh'ionnsaidh losa ann an creideamh agus 
ar muinigin a chur anns na rìnn e air son beatha. 
Rom. iii. 24—26. Eoin i. 9. 

Anns an dara h-àite* Feumaidh beatha bhi 
tre losa Criosd, chum gu'm biodh Dia air 
ardachadh, ann a' faotainn a mach an rathaid, 
'Se so gniomharan an Tighearna chum anns na 
h»uile nithe gu' m biodh e air a ghlòrachadh tre 
losa Criosd ar Tighearna, 

Anns an treas àite. Feumaidh gur ann tre 
Isoa Criosd a tha beatha aig Dia r'a sheach- 
nadhs Tì aig an robh mòr thruas ris a bochd, 
ris an dìbUdh, ris a mhacanta, ri fear a chridhe 
bhriste, agus riusan do nach eil sùim aig 
muinntir eile. Salm. xxvi. ; xxxiv. 6 ; H. 17 > 
cxxxviii. 6 ; cxlvii. 3. 

An7is a' cheathramh àite, Feumaidh beatha 
bhi ann an Criosd chum uaiU a ghearradh bho 
bhiilean dhaoine, 'se so mar an ceudna aobh- 
aran an abstail, ann an Rom. iii. 20 — 27 : agus 
ann an Ephes. ii. 8 — 10. 

Anns an dara h-àite. Feumaidh beatha a 
bhi ann an losa Criosd do'r taobhainne. 

Anns a' cheud àite. Chum is gu'm faod sinn 
a sealbhachadh air na cùmhnantan as saoire 
se sin ri ràdh, a nasgaidh, mar thiodhlac, cha'n 
ann mar thuarasdal. Na'n robh i ann an 
làmhan Mhaois, bu ghann oirnn a faighinn d'a 



248 

h-ionnsaidh I Na'n robh i ann an làmhan 
an t-sluaigh phàidheamaid gu daor air a* son ! 
Ach taing do Dhia tha i ann an Criosd, air a 
tasgaidh suas ann-san agus gu bhi air a tabh- 
airt leisan do pheacaich air chumhachan saora, 
eadhon a gabhail da'n ionnsaidh le taingeal- 
achd, mar tha na sgriobturan gu soilleir a' 
nochdadh. 1 Eoin. i. 11, 12. 2 Cor. xi. 4. 
Eabh. xi. 13. CoL iii. 13—15. 

Anns an dara h-àite, Tha beatha ann an 
Criosda dhuinne, chum is nach biodh i air a 
socrachadh air bunait cho lag, mar gu dearbha 
bhitheadh, na'n robh i ann an àit air bith eile. 
Tha'n lagh fèin lag, air son so, ach tha Criosd 
na chlach dhearbhaidh, na bhunait chinnteach, 
Tì nach faiUinn ann an gitilain t'uallaich, agus 
t'anam a ghabhail da ionnsaidh, a pheacaich a 
tha tighinn. 

Anns an treas àite, Tha beatha ann an 
Criosd a chum is gu'm bi i cinnteach do*n 
t-shìol uille. Mo thruaighe ! na'n robh beatha 
air a fàgail ann an làmhan an aoin a's fearr 
againn gu cinnteach bhiodh i àr-bhacte againn 
a rithist, agus a rithist, agus a rithist, no na'n 
robh i ann an làmhan aoin air bith eile chuir- 
eadh sinn le ar cul-sleanachadh tric a leithid a 
chorraich air is gu'n dùineadh e fa-dheoigh 
innidh oirn le diùmadh siorruidh 'n ar n-aghaidh. 
Ach a nise tha i ann an Criosda, neach a's urr- 
ainn truas a ghabhail, agus guidhe air son 



249 

raathanas, seadh mathanas a mheudachadh. 
Tha i aig neach a's urraim truas a ghabhail 
ruinn an uair a thèid sinn as an rathad, aig 
neach,aig ambeil cridh abheirsinnair ar n'ais a 
rithist ged thèid sinn air seacharan, aìg neach, 
a bheir mathanas gun mhùigeadh. Beannaichte 
gun robh Dia a chionn beatha bhi ann an 
Criosd, oir a ta i nise cinnteach do'n uile shìol. 

Ach^ anns cH cheathramh àite. Tha'n teag- 
asg so, tighinn a dh'ionnsaidh losa Criosd 
a dh'iarraidh beatha, a' cur an cèill duinn 
olcas an as creideimh, an ni eacorach sin as e 
an t-aon no'n t-ard olc a tha cuir maille air a' 
pheacach a tha tighinn. Am beil an ceann- 
teagaisg ag ràdh thig ? am beil e 'g ràdh 
** agus an tì a thig am' ionnsaidh cha tilg mi 
air chor sara bith a mach e." Nise ciod an 
t-olc sin a tha cumail pheacach o thighinn 
a dh'ionnsaidh losa Criosd ? is e an t-olc 
sin an t-as-creideamh, oir le creideamh thig 
sinn, le mi-chreideamh cumaidh sinn airfalbh. 
Uime sin a dubradh gur ann leis a' sin a 
tha anam ag imeachd bho Dhia, a thaobh gur 
e sin a thug air an t-saoghal air tùs imeachd 
uaithe, agus gur e an dearbh nì a^ta ga'n 
cumail uaidhe gus an latha an diugh, agus 
tha e ga dheanamh na's furasd a thaobh gun 
robh e ga dheanamh bho cheann tamuill. 

So am peacadh ris am faodar an diabhol 
bàn a ràdh, oir tha e gu tric ann an oibreach- 
adh uilc anns an anam, ag amharc mar aingeal 



950 

sholiiis, fos tha e 'g oibreachadh mar chomh- 
airleach nèimh, uime sin labhram mar mhìn- 
eachadh mu'n droch ghalar so. 

Anns a ckeud àite Is e am peacadh sin 
seach gach peacadh eile,aig ambeil rudeigin de 
choltas reusain na oidheirp, oir tha e a cumail 
an anma bho Chriosd le ràdh nach eil e iom- 
chaidh no ullamh gu dhol da ionnsaidh, mar 
cionmothachaidhair peacadh, cion aithreachais, 
cion irisleachaidh, cion cridhe briste. 

An?is an dara h'àite, Is e peaeadh is fearr 
a tha co'f hreagairt ris a' chogais, tha cogais a 
pheacaich a tha tighinn ag innse dha nach eil 
aon ni math aige, gu'"m beil a buailteach do 
dhìteadh, air son deich mile tàlant, gu'm beil e 
na pheacach ro ainealach, dall, agus cruaidh- 
chridheach, nach fiù a bhi air a thoirt fainear 
aon uair le losa Criosd ; agus " an dean thusa" 
ars an t-as-creideamh " ann a leithid de chàs 
'sa tha thu nise, gabhail os làimh a thighinn 
a dh'ionnsaidh Chriosd/' 

Anns andreas àite. Is e am peacadh sin as 
fear a chòrdas ri mothachadh ar faireach- 
aidh, Tha'm peacach a tha tighinn a' moth- 
achadh oibreachadh a' pheacaidh, de gach 
seòrsa peacaidh agus truaighe 'na fheòil, tha e 
mothachadh mar an ceudna, corraich agus 
breitheanas Dhè a thoill an peacadh, agus tha 
e gu tric a' crith fodha. A nis ars' am mi- 
chreideamh is leir dhut nach eil gràs agad oir 
an ni sin a tha 'g oibreachadh annad a's truaill- 



251 

eachd e! faodaìdh tu mar an ceudna f haicinn 
nach eil gràdh aig Dia dhut a thaobh gu'm 
beil mothachadh agad air a* chorraich a' laidhe 
ort, uime sin cia mar gheibh thu de dh'aghaidh 
n'a thig a dh'ionnsaidh losa Criosd? 

Anns a cheathramh -àite. Is e am peacadh 
sin thar gach peacadh eile is fearr a chòrdas 
ri gliocas ar feòla, Tha gliocas ar feòia ga mheas 
iomchuidh a bhi tacan ann an teagamh, seas- 
amh tacan air ais, èisdeachd ris an da thaobh 
car tacain, agus gun a bhi grad no ea-comh- 
airleach gun a bhi gabhail cùs dànadais air 
losa Criosd. Agus tha as-creideamh a' tiuteam 
an caramh a' ghliocais sìn. 

Anns cH chmgeamh àite, Is e am peacadh 
thar gach peacadh eile tha gu tric a' cagars- 
naich ann an cluasan an anma, mu' an-easbsa 
mu' dhìlseachd Dhè ann an cumail a' gheallaidh 
riusan a tha tighinn a dh'ionnsaidh losa Criosd 
air son beatha. Tha e mar an ceudna cur 
deònaichead Chriosd a chum ar gabhail da 
ionnsaidh an teagamh. Agus cha dean peacadh 
sam bith sin cho innleachdach ri as-creideamh. 

Anns an i-se'amh àite, Is e mar an ceudna 
am peacadh sin a tha daonnan aig làimh gu 
eiridh ann an teagamh an aghaidh a'.gheallaidh 
so no sud, a tha air a thabhairt le Spiorad 
an Tighearn a dh' ionnsaidh ar cridhe chum 
comf hurtachd a thorit dhuinn : agus mar bi 
an t' anam bochd a tha tighinn na earalas bheir 
e le mealltaireachd an gealladh air falbh uaithe 



252 

gu tur a rithist, agus cha bhi aige dheth ach 
beag buannachd. 

Jnns an t-seachdamh àite. Is e thar gach 
uile pheacadh eile a lagaicheas ar n'ùrnaighean, 
ar ci'eideamh ar gràdh, ar dichioll, ar n'earbsa, 
ar dòchas, tha e eadhon a' toirt a chridhe air 
falbh o'n dhleasanas. 

Anns an ochdamh àite^ agus anns an àite mii 
dheireadh, Tha'm peacadh so mar a thubhairt 
mi'n dràsta, a' taisbeanadh anns an anam le 
cho liugha duil ri bhi tearuinnte, air dhòigh is 
gu'm beil e, mar gu'm b'eadh, na chomhairle 
air a' cuir bho nèamh ag iarraidh air an anam a 
bhi glic, smaointeachail^so-chomhairleach, agus 
gun e bhi tùr ullamh a chum creidsinn. Bi'dh 
cinnteach air tùs gu'm beil gràdh aig Dia dhut, 
na gabh grèim air gealladh sam bith gus am 
bi thu air t'fharrach le Dia gu sin a deaaamh, 
ni mò a ni thu thu-fèin cinnteach à slainte, cuir 
fathast teagamh sa chùis sin, ged' tha teisteas 
an Tighearna gu tric air a dhaighneachadh 
annad, na bi beò tre chreideamh ach tre 
ghliocas, agus an uair nach urrainn thu faicinn, 
no faireachadh, an uair sin gabh eagal agus 
an-earbsa, an uair sin gabh amharas, agus cuir 
na h'UÌle an teagamh is i so comhairl ifrinneach 
an as-creideimh a ta air a còmhdach thairis le 
dòchasan greadhnach air chor 's gur gann as 
urrainn do'n Chriosdaidh is glice a' reason- 
achadh a chrathadh dheth. 

Ach ann a bhi aithgearr, bheir mi an so 



253 

do'n leughadair Cbriosdail cunntas ni's ro 
shònraichte air buadhan an as-creideamh le 
creideamh a thoirt 'na aghaidh anns na cùig 
nithe fìchead sònraichte so a leannas : — 

Anns a cheud àite. Tha creidearah a' 
creidsinn ann a facal Dè; ach tha as-creid- 
eamh a' cur na firinne sin an teagamh. Salm 
cvi. 24. 

Atins an dara h-àiie* Tha creideamh a 
creidsinn an fhacail a chionn gu'm beil e firinn- 
each, ach tha as creideamh ga chur an teagamh 
a chionn gu'm beil e firinneach. 1 Tim. iv. 3. 
Eoin viii. 45. 

Anns an treas àite. Tha creideamh a' faìc- 
inn ni's mò ann an gealladh Dhè a chum còmh- 
nadh leis, na th' anns gach ni eile chum èis a 
chuir air: ach tha as-creideamh a dh'aindeoin 
gealladh Dhè 'g ràdh : Cia mar a dh'f haodas 
nanithe, soa bhith? Rom. iv. 19 — 21. 2 Rìgh 
vii. 2. Eoin iii. 11, 12. 

Anns d cheathramh àite* Bheir creideamh 
air muinntir gràdh fhaicinn an cridhe Chriosd 
feadh a tha e a' toirt achmhasain seachadh le 
bheul ach tha mi-chreideamh a' saoilsinn gàmhlas 
'na chridhe 'nuair a tha e 'g ràdh le bheul agus le 
f hacal gu'm beil gràdh aige dhuinn. Mat. xv. 
22—29. Aireamh xiii. 2. 2 Eachd. xiv. 3. 

A?ins d! chùigeamh àite, Ni creideamh 

còmhnadh leis an anam chum fantaìnn gu 

■foighideach ged a dheanadh Dia maille ann 

an toirt seachad, ach fàsaidh an t-as-creid- 

z 



254 

eamh frionasach agus bheir e suas gach uile 
ma ni Dia maille air bith. Salm xxv. 5 ; ciii. 
13, 14. Isa. viii. 17. 2 Rìgh vi. 33. 

Anns an t'Se-amh àite, Bheir creideamh 
furtachd am buillsgean gach eagai^, ach tha 
as-creideamh adiìsgadhcùis-eagail an meadhon 
gach comfhurtachd, 2 Eachd. xx. 20, 21. 
Mat. viii. 26. Luc. xxiv. 26, 27. 

Anns an t-seachdamh àite. Deothalaidh 
creideamh milseachd à slat-smachdachaidh 
Dhè ach cha'n urrainn as-creideamh comhfurt- 
achd fhaotainn 'na thròcairean is mò. Salm 
xxiii. 4. Aireamh xii. 

Anns an ochdamh àite, Tha creideamh a' 
deanamh uallaichean mòra aotrom, ach tha 
as-creideamh a' deanamh uallaichean aotrom 
glè throm. 2 Cor. xii. 14—19. Mal. i. 12, 13. 

Anns an naoidheamh àite. Tha creideamh 
a' còmhnadh leinn an uair a tha sinn shìos, ach 
tha 'n t-as-creideamh ga'r tilgeadh sios 'nuair 
a tha sinn shuas. Micah vii. 8 — 10. Eabh. 
iv. 11. 

Anns an deicheamh àite> Tha creideamh 
ga'r teannadh dliì ri Dia an uair a tha sinn 
fada uaidhe, ach tha as-creideamh ga'r fuadach 
uaithe nuair a tha sinn dlù dha. Eabh. x. 22 ; 
iii. 12, 13. 

Anns an aon àite deug. Far am beil creid- 
eamh a' riaghladh tha e dearbhadh daoine bhi 
'nan càirdean do Diiia, ach far am beii as- 
creideamh a' riaghladh tha e dearbhadh daoine 



255 

bhi 'nan nàimhdean da. Seumas vi. 23. Eabh. 
iii. 18. Tais. xxi. 8, 

Anns an dàra h àite deiig. Tha creìdeamh a 
cuir duine fo ghràs, ach tha as-creideamh ga 
chumail fo chorraich. Eom. ii. 24 — 26 ; xiv. 
16. Eph. ii. 8. Eoin iii. 36. 1 Eoin v. 10. 
Eabh. iii. 17. Marc. xvi. 16. 

Anns an treas àite deug. Tha creideamh a' 
ghanadh a' chridhe, ach tha as-creideamh ga 
chumail truaiUidh agus neo-ghlan. Gniomh. 
XV. 9. Tit. i. 15, 16. 

A?ins a cheathramh àite deug. Le creid- 
eamh tha fireantachd Chriosd air a chuir as ar 
leth, ach le as-creideamh tha sinn air ar druid- 
eadh suas fo'n lagh a chum dol a dhìth. Rom. 
iv. 23; 24 ; xi. 32. Gal. iii. 23. 

A7ins a chùigeamh àite deug. Tha creid- 
eamh a' deanamh ar n-obair taitneach do Dhia 
tre Chriosd, ach ge be ni a ta tre as-creid- 
eamh a's «peacadh e, oir as eagmhais creideamh 
tha e do-dheanta Dia a thoileachadh. Eabh. 
xi. 4. Rom. xiv. 23. Eabh. xi. 6. 

Anns an t-se-amh àite deug. Tha creideamh 
a' toirt dhuinn sìth agus comhfurtachd ann ar 
n-anmaibh, achthaas-creideamhagoibreachadh 
trioblaid agus luasgan mar thonnan buaireasach 
na fàirge. Rom. v. 1. Seumas vi. 1. 

Anns an t-seachdamh àite deiig. Tha creid- 
eamh a' toirt oirnn luachmhorachd f haicinn ann 
an Criosd ach cha'n f haic as-creideamh sgeamh 
sam bith ann. 1 Pet. ii. Isa. lii. 1 — 3. 



256 

Anns an ochdamh àile deug. Le creideamh 
tha ar beatha againn ann an lànachd Chriosd: 
ach le as- creideamh tha sinn a dol a dhìth agus 
a' seargadh as. Gal ii. 20. 

Anns an naoìdheamh àite deug. Tha creid- 
eamh a' toirt buaidh dhuinn thar an lagha, a 
pheacaidh, a bhàis agus an diabhoil, ach tha 
as-creideamh g'ar f àgail fo 'n cunnard sin uile. 
Eoin V. 4, 5. Luc. xii. 46, 

Anns anfhicheadamh àite. Bheir creideamh 
oirnn ni's mo dh'oirdhearceas f haicinn ann an 
nithe neo-fhaicsinneach na th' ann an nithe 
faicsinneach, ach tha as-creideamh a' faicinn 
ni's mo dh'oirdheirceas anns na nithe a ta 
làthair na bhios anns na nithe a thig an deigh so. 
2 Cor. iv. ]8. Eabh. xi. 24—27. 1 Cor. 
XV. 32. 

Anns d! cheud àiie thar.fhichead* Tha creid- 
eamh a' deanamh ròidean Dhè taitneach, ach 
tha as-creideamh ga'n deanamh tròm agus 
cruaidh. Gal. v. 6. 1 Cor. xii. 10, IL Eoin 
vi. 60. Salm ii. 3. 

Anns an dara h-àite thar fhichead. Le 
creideamh shealbhaich Abraham, Isaac, agus 
lacob tìr a* gheallaidh, ach le as-creideamh 
cha b'urrainn Aaron, no Maois, no Miriam, 
faighinn na còir. Eabh vi. 9 ; iii. 19. 

Anns an treas àite thar fhichead. Le 
creideamh fhuair clann Israeil thar a mhuir 
ruaidh ach le as-creideamh chaidh iomadh dhiu 
dhìth san f hàsach. Eabh. xi. 29. Breith. v. 



257 

Anns d! cheatliramh aite thar fhichead. Le 
creideamh rinn Gideon le trì cheud fear agus 
beagan de chuinneagan falamh, ni bu mhò na 
b*urrainn an dà thrèibh dheug a dheanamh, a 
chionn nach do chreid iad Dia. Breith. vii. 
16—22. Airm. xiv. 11—14. 

Anns d! chùigeamh àìte thar fhichead, Le 
creideamh choisich Peadar air a' mhuir, agus 
le as-creideamh thòisich e air dol fodha. Mat, 
xiv. 21—24. 

Riu so dh'fhaodainn iomadaidh eile chur a 
rinn mi air son aith-ghearr a dhearmad, agus 
tha mi guidhe air gach aon a tha smaointeach 
gu'm beil anam aige r'a thearnadh, a bhi na 
earalas an aghaidh as-creideimh, air eagal le 
f haicinn gu'm beil gealladh againn air inntrinn 
ann an sìth gu'n tig a h-aon againn gearr air le 
as-creideamh. 

An ath chleachdadh ; cleachdadh rannsaich- 
idh. 

Tliainig sìnn a rithist gu cleachdadh rann- 
saichidh, A pheacaich, chualadh tu m'a cho 
feumail sa tha tighinn a dh'ionnsaidh losa 
Criosd, mar an ceudna cho deònach sa tha 
Criosd chum gabhail, ris an anam a thig, maille 
ris na sochairean a shealbhaicheas iadsan a thig 
da ionnsaidh ann am firinn, dean thu fèin a 
nise làn rannsachadh am beil thu da rìreadh 
a' tighinn a dh'ionnsaidh losa Criosd ? 

Is iomadh aobhar-bhrosnachaidh a dh'f haod- 
ainn a chuir an so fad' chomhair chum an 



258 

dleasanas so a cho-lionadh gu cogaiseach : 
— mar, 

1. Tha thu ann am peacadh, anns an f heòil, 
ann am bà's, ann an lìon an diabhoil, agus fo 
mhallachd an lagha, mar a h-eil thu tighinn 
gu losa Criosd. 

2. Cha'n eil aon seòl air a bhi tearuinnte 
uapa so ach le tighinn a dh'ionnsaidh losa 
Criosd. 

3. Ma thig thu gabhaidh losa Criosd riut 
agus cha tilg e air chor sam bith a mach thu. 

4. Cha ghabh thu aithreachas ann an latha 
mòr a bhreitheanais ma thig thu an dràsta gu 
losa Criosd. 

5. Ach gu cinnteach ni thu bròn fa-dheòigh 
ma dhiùltas tu tìghinn ; agus. 

6. Anns an àite mu dheireadh, nise f huair 
thu cuireadh a chum tighinn, nise bithidh do 
bhreitheanas ni*s mò, agus do dhìteadh siorr- 
uidh ni's eagalaich, ma ni thu nise diùltadh, 
na bhidheadh e mar a cuala tu riabh ma thigh- 
inn a dh'ionnsaidh Chriosd. 

CunaiL Ach tha dòchas againne gun 
tainig sinn a dh'ionnsaidh losa Criosd. 

Freagairt, As math, mas urrainn thu sin 
a dhearbhadh ach air eagal gu'n labhair thu 
gu'n bhonnchar, agus gu'n tuit thu gu'n fhios 
dut ann an tein ifrinn, rannsaicheamaid 
beagan. 

Anns a' cheud àite. Am beìl thu da- 
rìreadh a' tighinn a dh'ionnsaidh losa Criosd ? 



259 

Ciod a dh' f hag thu air do chùl ? Co uaithe 
thainig thu air falbh an uair a thainig thu a 
dh'ionnsaidh losa Criosd? 

'Nuair a tliainig Lot à Sodom dh'fhag e na 
Sodoraaich air a chùl. Gen. xix* 

'Nuair a thainig Abraham à Caldea, dh*f hag 
e a dhùthaich agus a chàirdean air a chùl. 
Gen. xii. Gniomh. vii. 

'Nuair a thainig Ruth a chuir a dòchais fo 
sgiathan Thighearna Dia Israeil, dh'f hag i a 
h-athair agus a màthair, a dèe agus tìr a dùch- 
ais air a cùl. Ruth i. 15 — 17; ii. 11, 12. 

'Nuair a thainig Peadar a dh'ionnsaidh 
Chriosd dh' fhag e chuid liantan air a chùl. 
Mat. iv. 18. 

'Nuair a thainig Sacheus a dh'ionnsaidh 
Chriosd dh'fhag e a chìs air a chùl. Luc. 
xìx. 

'Nuair a thainig Pòl a dh'ionnsaidh Chriosd 
dh'fhàg e fhèin-ionracas air a chùl. Phil. iii. 

'Nuair a thainig iadsan a ghnàthaich droch 
innleachdan a dh'ionnsaidh Chriosd, thug iad 
an leaBhraichean leo, agus loisg siad iad ged a 
bha iad ann am beachd duine eile air am meas 
'nan luach leth cheud mìle bonn airgeid. 
Gniomh xix. 18—20. 

Cioda thier thus, a dhuine? an dh'fhag thu 
do leannanan peacaidh, do thoil-inntinnean 
feòlmhor doluchd-eolais, agus do chòmpanaich 
dhiamhain, do bhuannachd mhi-laghaiì, do 



260 

dhèe dhiambain t'ionicK'as, agus do dhroch 
obraichean mi-Iaghail air do chùl ? Ma tha 
a h-aon diù so maille riut agus tus-a maille 
riusan ann ad chridhe agus ann ad bheatha 
cha tàinig thu fathast a dh'ionnsaidh losa 
Criosd. 

Anns an dara h-àife. Ambeil thu a' tighinn 
a dh'ionnsaidh losa Criosd ? Guidheam ort 
innis dhomh ciod a ghluais thu a chum tighinn 
da ionnsaidh ? Cha tric le daoine dol do'n 
àite so no do'n àit' ud eile mar a bi aobhar 
àraid ac' air a' sin a dheanamh, ni mò thig iad 
a dh*ionnsaidh losa Criosd gun aobhar : Ciod 
a their thu nise ? Na ghluais aobhar thus a 
chum tighinn? Tha bbi san àm fo staid 
dìtidh na aobhar iomchaidh air son tighinn a 
dh'ionnsaidh losa Criosd a dh'iarraidh beatha: 
ach cha dean sin cùis mar a gluais an t-aobhar 
sin iad, ni a chaoidh nach dean e gus am bi an 
sùilean air am fosgladh chum iad fèin fhaicinn 
anns an staid sin, oir cha'n e duine bhi fo'n 
chorraich, ach e sin fhaicinn a bheir air a 
thighinn a dh'ionnsaidh losa Criosd ; mo 
thruaighe! Tha gach uile dhuine leis a pheacadh 
fo chorraich ; agus is e beagan diu sin uile thig 
a dh'ionnsaidh losa Criosd, agus is e is aobhar 
d'a sin nach lèir daibh an cor: ** Co thug 
rabhadh dhuibhse teicheadh o'n f hèirg a ta ri 
teachd ?" (Mat. iii. 7.) Gus am faigh daoine 
rabhadh, agus gus an gabh iad rabhadh, cha 
tig iad a dh'ionnsaidh losa Criosd. 



261 

Gabh beachd air na tri no cheithear choimh- 
eisean so. 

1. Cha tainig Adamh no Eubh a dh'ionnsaidh 
losa Criosd gus an d'f huair iad an rabhadh, — 
dearbhadh air an cor caiUte a thaobh peacaidh 
Gen. iii. 

2. Cha do glaodh clann Israeil a mach aìr- 
son eadarmheadhonair, gus am fac iad iad-fèin 
ann an cunnard bàis leis an lagh. Ecs. xx. 
18, 19. 

3. Mu'n tainig an cìs-mhaor chunnaic se 
e-fèin caillt' agus air dol a mugha. Luc. xv. 
iii. 13. 

4. Cha tainig am mac stròghail gus am fac e 
am bàs aig an doras ullamh gu cuir às da. 
Luc. XV. 17, 18. 

5. Cha tainig an trì mìle gus nach robh fìos 
aca ciod a dheanadh iad a chum an tearnaidh. 
Gniomh. ii. 37—39. 

6. Cha tainig Pòl gus am faca se e fèin caillt', 
agus shìos deth. Gniomh ix. 3 — 11. 

7. Anns an àite mu dheireadh, Mu'n tainig 
fear-gleidhidh a phrìosain chunnaic se e-fèin 
caiUte. (Gniomhvi. 29 — 31.) Agusthamise 
'g innse dhutsa, gur fasa thoirt air an duine 
shlàn a dhol a dh'ionnsaidh an leighich air son 
leigheis no thoirt air an duine nach eil a'faicinn 
eugail anma tighinn a dh'ionnsaidh losa 
Crìosd. Cha'n eil feum aca so uile air lèigh 
c'arson uime sin a rachadh iad da ionnsaidh ? 
Chachum a chuinneag làn, ach an làn a ta innte, 



262 

c'arson uime sin a rachadh i do'n tobar, agus 
ma thig thusa làn cha tig thu ceart. Agus bi 
cinnteach gu'n cuir Criosd air falbh falamh thu. 
" Ach slànaichidh e iadsan a tha brùite 'nan 
cridhe agus ceanglaidh e suas an creuchdan :" 
Mfirc. ii. 17. Salm xlvii. 3. Luc. i. 2, 3. 

Anns an treas àite. Am beil thu tighinn 
a dh'ionnsaidh losa Criosd ? guidheam ort 
innis domh ciod a chunnaic thu annsan a thug 
ort an saoghall uile a thrèigsinn chum tighinn 
da ionnsaidh ? Tha mi 'g ràdh ciod a chunnaic 
tu ann, feumaidh daoine rudaiginn fhaicinn 
ann an Criosd air neo cha tig iad da ionn- 
saidh. 

1. Ciod an sgeamh a chunnaic tu 'na phearsa? 
Cha'n eil thu a tighinn mar fac thu sgeamh 
ann. Isa. liii. 1 — 3. 

2. Mu n deach a dhearbadh orrasan a tha air 
an ainmeachadh anns an Dàn. Gu'n robh n'a 
bu mhò sgeamh ann an Criosd na bh' ann an 
deìch mìle. Cha d'rinn iad urrad as f heòraich 
c'àit an robh e ni mò a bha shannt orra dol 'na 
dhèigh. Dàn v. 6. 

Tha iomadh ni air an taobhsa do nèamh is 
urrainn an cridhe a ghiìilain air falbh agus ni e 
mar sin fad 's as beò thu ma bhios tu air do 
chumail dall agus air do chumail bho'n sgeamh 
a th' ann an losa Crìosd f haicinn. 

Amis cC cheathramh àite. Ma thainig thu 
a dh'ionnsaidh losa Criosd ciod a chunnaic thu 
aun o'n thainig thu ga ionnsaidh ? 



2(73 

Fhuair Peadar annsan briathar na beatha 
shiorruidh. Eoin vi. 68. 

Fhuair iadsan a tha Peadar ag ainmeachadh, 
elach bheò ann a bha toirtda'n ionnsaidh beatha 
shiorruidh. 1 Pet. ii. 

Thuirt e-fèin, iadsan a thig da ionnsaidh, &c. 
gu'm faigh iad suaimhneas da'n ainmaibh, an 
d'f huar thusa suaimhneas ann da t'anam ? 
Mat. xi. 

Rachamaid air ar n'ais gu linn an t-Seann- 
Tiomnaidh. 

Anns d cheud àìte. Fhuair Abraham ann- 
san ni a thug air a dhùthaich f hagail air a shon, 
agus tiunnda air a sgàthsan gu bhi *na eilthir- 
each, agus 'na choigreach air talamh. Gen. 
xii, Eabh. xi. 

Anns an dara h-àite, Fhuair Maois annsan 
ni a thug air crùn agus rìoghachd a thrèig- 
sinn. 

Anns an treas àite. Fhuair Daibhidh urrad 
annsan air dhòigh is gu'nmheas e gu'm b'fhearr 
a bhi aon latha 'na theach na mìle latha an àit 
eile. Seadh bha bhi 'na dhorsair 'na theach ni 
bu luachmhoire na bheachd-sa na bhi chòmh- 
naidh ann am pàilliunan aingidheachd. Salm 
Ixxxiv, 10. 

Anns a' cheathramh àite, Ciod a fhuair 
Daniel agus an triùir chloinne annsan a thug 
orra dol fo chunnard na h-àmhuinn theintich, 
a^us faic nan leòghann air a sgàth I Dan. vi. 
23. 



264 

Thigeamaid a nuas gu linn nam martair 
each. 

Anns d cheud àite. Fhuair Stephen an ni 
sin annsan a' dh'fhàg e aoibhneach, agus thug 
e gu sèamh suas a bheatha air sgàth ainme. 
Gniomh xvii. 

Anns an dara h-àite, Fhuair Ignatius 
annsan, ni a thug air a roghnachadh dol tro 
phiantan an diabhoil agus ifrinn fèin, seach a 
bhi as eugmhais-san. 

Anns an ireas àite. Ciod a channaic Ro- 
MANUS ann an Criosd 'nuair a thuirt e ris an 
impire chuthaich a mhùigh air le piantan eagal- 
ach : '* Tha mi 'gabhail do bhinn-dhìtidh 
thugam le gàirdeachas O ìmpire, ach cha diult 
mi bhi airm'ìobradh donapiantan a's cruaidhe 
as urrainn thu dhealbh. 

Anns a cheathramh àite, Ciod a chunnaic 
Menas an t-Eiphiteach ann an Criosd an uair 
a thuirt e fo na piantan a b'an-iochdmhoire. 
" Chan eil aon ni ann am inntinn as urrainnear 
a choimeis ri rìoghachd nèimh ni mò tha an 
saoghal uile ged bhiodh e air a chothromach- 
adh air meigh an coimheis ri luach aon anma. 
*' Co is urrainn sinne sgaradh bho ghràdh losa 
Criosd ar Tighearna ?" agus dh'f hòghhim mi 
bho mo Thighearn' agus bho mo Rìgh gun 
" eagal a bhi orm romhasan a mhàrbhas an 
corp !" 

Anns d chmgeamh aite, Ciod a chunnaic 
EuLALiAH ann an Criosd, an uair a thubhair 



265 

i an àm dhaibh a bhi spìonadh a cuid alt as à 
chèile : " Feuch a Thighearna cha di-chuimh- 
nich mi thu : ciod e an toii-inntinn a th' ann 
daibhsan, O Chriosd, a chiàimhnicheas air do 
bhuaidh-chaithream bhuadhach !" 

Anns an Use-amh àite. Ciod a tha thu an 
dùil a chunnaic Agnes ann an Criosd, 'nuair a 
chaidh i le gàirdeachas an coinneamh 'nan 
saighdearan a bha air an cuir a mach a chum 
a ceusadh : — " Gabhaidh mi gu toileach,** ars 
ise, '« ann am chìochan fad a chlaidheimh so, 
agus cuiridh mi a neart ann am bhroiUeach 
eadhon gu ruiga' cheanna-bheairt, chum le bhi 
mar so, pòsda ri Criosd mo chèile, bheir mi 
buaidh agus seachnaidh mi uile dhorchadas an 
t-saoghail so ! 

Anns an t-seachdamh àite* Ciod a tha thu 
a saoilsinn a chunnaic Iulita ann an Criosd, 
air do'n ìmpire a bhi 'g innseadh dh' i, mar 
a deanadh i aoradh do na dèe nach biodh 
aice a db'aon chuid dìdeann, lagh, breitheanas 
no beatha. Fhreagair i ; " soraidh le beatha, 
thigeadh am bàs, ^soraidh le saibhreas, thigeadh 
a' bhochdainn. Gach ni a ta agam ged a robh 
e mhìle uidhir sa tha e, bheirinn seachadh a 
roghainn air facal olc no toibheumach a labh- 
airt an aghaidh mo chruthadair." 

Anris an ochdamh àite. Ciod a chunnaic 

Marcus Arethusius ann an Criosd 'nuair, 

an dèis da nàimhdean fheoil aghearradh, agus 

a iotan ùngadh le mil agus a chrochadh suas 

2 A 



265 

ann an cliabh a chuni is gu*n laidheadh na 
cuileagan air a chreuchdan, cha tugadh e 
(a chum iodhal-aoraidh a chumaii suas) aon 
bhonna-sè, ged thearnadh e dha a bheatha. 

Anns an naoìdheamk dite. Ciod a chunnaic 
CoNSTANTiNE snìu au Criosd, 'nuair bu ghnàth 
leis a bhi pògadh chrenchdan na h-aiteam a 
dhThuilig air a shon ! 

Anns an deicheamh àite. Ach ciod a ruigeas 
mi leas a bhi 'g àireamh a' chuid as lugha de'm 
briathran agus de 'n gniomharan ann an so, 
feadh le 'm beatha, le 'm fuil. le 'm fulang air 
acras, air claidheamh, air teine, air an spìonadh 
às a chèile, agus leis gach uile phianadh a 
b'urrainn an diabhol agus ifrinn a dhealbh, 
thaisbean iad an gràdh d'o Chriosd an dèis 
daibh tighinn da ionnsaidh. 

Ciod a fhuair thus ann a pheacaich ? 

Ciod ! a thighinn a dh'ionnsaidh Chriosd 
agus gun dad f haotainn ann, (feadh a tha gach 
uile ni is tìù amharc air a shon r'a fhaotainn 
annsan) oir ma tha ni air bith, fòs mar eil ni's 
leòir a chum do chur bharr cìche do thoilinn- 
tinnean peacach, agus t-anamiannan feòlmhorl 
air falbh leat ; cha'n eil thu a' tighinn a 
dh'ionnsaidh losa Criosd. 

Esan a thainig a dh'ionnsaidh losa Criosd, 
f huair e ann mar thubhairt mi cheana, ni nach 
eil r'a f haotainn an àit air bith eile. Mar :: — 

Anns d! cheud àite. Fhuair esan a thainig a 
dh'ionnsaidh Chriosd Dia ann a' reiteachadli 



267 

an t-saoghail ris5 fèin, cha'n ann a cuir an 
eaceartan as an leth ; agus mar sin cha*n eil 
Dia ri f haotainn air nèamh no air talamh a 
bharr air. 2 Cor. v. 19. 20. 

Anns an dara h-àite. Esan a thainig a dh' 
ionnsaidh losa Criosd fhuair e ann tobar gràis 
dianmhaìt, cha'n ann a mhain a chum peacadh 
a mhaitheadh, ach a chum an t-anam a naomh- 
achadh, agus chum a chumail bho thuiteam 
sios anns an droch shaoghal so. 

Anns an treas àite, Fhuair esan a thainig 
a dh'ionnsaidh losa Criosd buaidh ann : a 
bhuaidh sin, ged nach dean e ach beantainn 
dut le bhriathran, no thusa ach beantainn dasan 
le creideamh, tha beatha le aon diu sin air a 
giùlain a dh'ionnsaidh t-anma bheir e ort 
dùsgadh mar neach air ùr mhosgladh às a 
chadal : tha e dùsgadh suas uile chumhachdan 
an anma. Salm xxi. 11, 12. Dàn. vi. 12. 

Anns a cheathramh àite, Am beil thu a' 
tighinn a dh'ionnsaidh losa Criosd? fhuair 
thu glòir ann, glòir a tha buadhachadh agus a 
dol thairis. ** Is gìòrmhor thus os ceann 
bheann na creiche." Salm. Ixxvi. 4. 

Anns a chmgeamh àite. Ciod a their mi ? 
fhuair thu fireantachd annsan ; fhuair thu 
suaimhneas, sìth, toilinntinn, nèamh, glòir, 
agus beatha shiorruith. 

A pheacaich, gabh comhairle ; feòraich do 
d'chridhe a rithist ag ràdh, An tainig mise dh' 



ionnsaidh losa Criosd ? oir tha an aon cheist 
so an tainig mi, no nach tàinig, a cuir nèamh 
no ifrinn air leth dhut. Mas urrainn thu ràdh 
thainig, agus gu'n gabh Dia ris an ràdha sin, 
is sona, sona, sona an duine thu ! Ach mar 
eil thu air tighinn, Ciod an nì a nidh sona 
thu ? seadh cìod a nidh an duine sin sona a 
dh'f heumas a bhi air a dhamnadh ann an ifrinn 
a cliionn nach tainig e a dh'ionnsaidh losa 
Criosd a dh'iarraidh beatha ? 

A pheacaich a tha tighinn, tha facal agam 
dhut Ìjiodh misneach math agad, *' Chatilg e air 
chor sam bith a mach thu." Thar gach 
duine a's tu aon bheannaichte an Tighearna ; 
dh'uilach Dia a Mhac a chum a bhi na iobairt 
air do shon, agus tha losa Criosd do Thigh- 
earn air dol a dh'ullachadh àite air do shon, 
Eoin i. 29. Eabh. X. 

Ciod a their mi ruit ? tha thu a' tighinn a dh' 
ionnsaidh Criosd làn, cha'n urrainngu'm bi dith 
aon nì ort, a thaobh anaim no cuirp a thaobh 
an t-saoghail so, no'n t-saoghaiì a ta ri teachd 
nach eil ri f haotainn ann an losa Criosd. 

Mar a th'air a ràdh mu'n tir anns an deach 
na Danites a ghabhail sealbh, seadh, agus le 
mòran ni's mò do dh'fhìrinn, faodaidh e bhi 
air a' ràdh mu Chriosd : Is aon mar sin e air 
nach eil uireasbhuidh aon ni math a ta air 
nèamh no talamh, 

As Criosda làn shaibhir do Chriosd-sa. 



269 

Anns a* cheud ài(e. Tha e làn de ghras : 
Tha gràs air uairean air a ghabhail air son 
gràidìi, cha do ghràdhaich aon riabh mar losa 
Criosd. Chaidh gràdh lonatain thar gràdh 
nam ban : ach tha gràdh Chriosd a' dol thar 
eòlais. Tha e thar gràdh na talmhainn uile, 
agus nan uile chreutaran, thar gràdh nan uile 
dhaoine agus nan ainglean. Bhuadhaich 
a ghaol air a chum a ghlòir a chuir a thaobh, 
ionad nèamhaidh fhagaìl, agus e fèin èideadh 
ann am feòil, a. bhi air a bhreith ann an 
stàbull, a bhi air a leagadh ann am mainir, agus 
beatha aim-bheairteach a chaitheamh san 
t-saoghal a chum ar n'eugailean,ar n'anmhuinn- 
each, ar peacannan, ar mallachd, am bàs. agus 
a' chorraich a thoill an duine, gabhail air fèin. 
Agus rinn e so uile air son droch shluagh, neo- 
thoillteannach, mi-thaingeil. Seadh air son 
sluaigh a blia nan nàimhdean da. " Oir air 
dhuinne bhi fathast gun neart, ann an àm 
iomchuidh bhàsaich Criosd air son nan daoine 
ain-dhiadhaidh. Oir is gann a dh'fhuiligeas 
duine bàs air son duine chothromaich, ach 
theagamh gu'm biodh aig neach eigin de mhis- 
neach eadhon bàs f hulang air son duine mhaith, 
ach tha Dia a' moladh a ghràidh fèin duinn, 
do bhrìgh an uair a bha sinn fathast n-ar 
peacaichibh gu'n dh'fhuilig Criosd bàs air ar 
son. " Is mòr a's mò uime sin, air dhuinn a 
ni's a bhi air ar fìreanachadh tre f huil, a shaorar 
trìdsan o f hèirg sinn. Oir ma se air bhi dhuinn 



270 

n ar nàimhde, gun d'rirjueadh rèith ri Dia sinn 
tre bhàs a Mhic ; is mòr as mò air dhuinn a 
bhi air ar deanamh rèith, a shaorar tre a bheatha 
sinn." Roman. v. 6 — 10. 

Anns an dara h-àite. Tha e làn fìrinne. Lan 
gràis agus firinne. Fìrinn a tha dìleas ann a' cumail 
geallaidh, eadhon a' chuid so de'n cheann- 
teagaisg (maille ris gach gealladh eile) " Cha 
tilg mi air chor sam bith a mach." Uaidhe 
sin a dubradh, gu'm beil a bhriathran fior, agus 
gur h-e an Dia dìleas a chumas cùmhnanta. 
Agus uaidh sin mar an ceudna tha 'n ghealladh 
air a ghairm 'na f hirinn. *' Colionaidh thu 
t'fhirinn do dh' lacob agus do thròcair do 
dh'Abrahamamhionnaichthuda'r n'aithrichean 
o na lathaibh o chian." Uime sin a dubradh a 
rithist gu'm beil e-fèin agus a bhriathran firinn- 
each : *' Is mis an fhirinn, Sgriobturean na 
firinn, tha t' f hacal 'na f hìrinn, tha do reachd 'na 
fhirinn, agus labhraidh mo bheul (ars esan) fir- 
inn." Eoin. xiv. 6; xvii. 17» Dan. x. 21. 
2 Sam. vii. 28. Gnà. viii. 7. Salm. cxix. 142. 
Eccles. xii 10. Isa. xxv. 1. Mal. ii. 6. 2 
Tim. ii. 12, 13. 

Nise deiream, ìs firinn f hacai, agus tha e-fèin 
lan de dh'f hìrinn, chum fhirinn a cho-lionadh 
eadhon do mhìle ginealachd. A pheacaich 
a tha tighinn cha mheall e thusa, thig le 
dànachd a dh' ionnsaidh losa Criosd. 

Anns an treas àite. Tha e làn de ghliocas, 
tha e air a dheanamh dhuinne de ghliocas 



271 

Dè — gliocas a chum giiothaichean na h-eaglais 
a riaghladh gu coitcheann, agus gnothaichean 
a pheacaich a thig gu sònraichte ; agus air an 
aobhar sin tha e air aithris, guìn beil e na 
cheann thar gaeh nì. (1 Cor. i. Ephes. i.) 
A chionn gu'n riall e gach nì sa'n t-saoghal so 
leghliocas a chum mathEaglais: uile ghniomh- 
aran dhaoine, uile bhuairidhean Shàtain, uile 
f hreasdalan Dè, uile àmhgharan agus, bhrìst- 
eadh-dòchais : tha gach ni ge be air bith iad 
fo làimh Chriosd, (Tì is e gliocas Dè) agus 
dh'òrduich se iad gu lèir a chura math Eaglais : 
agus an urrainn Criosd ga leasachadh (agus bi 
cinnteach gur urrainn) cha tachair do dh'aon 
ni tuiteam a mach sa'n t-saoghal, a dh'aindeoin 
na thèid na aghaidh, nach tiunndaidh a mach 
gu math Eaglais agus a phobuill. 

Anns a' cheathramh àite. Tha e lan de 'n 
Spiorad, chum a phàirteachadh do'n pheacach 
a tha tighinn ; uime sin fhuair se e gu'n tomhas 
a chum a bhairigeadh do gach ball de chorp 
do rèir an tomhais a dh'òrduicheadh do gach 
neach leis an Athair. Is ann uaithe sin a 
thubhairt e, an tì a thig da ionnsaidh-san 
'' sruthaidh às a bhroinn aibhnichean do dh' 
uisge beò." (Eoin iii. 34. Tit. iii. 5, 6. 
Gniomh. i. Eoin vii. 31 — 38.) 

Anns d! chùigeamh àite. Tha e da-rireadh 
'na thaigh-taisge, làn de dh'uile ghràsan an 
Spioraid, dhe a làntnchd tha gach ni a f huair 
sinn, agus gràs air son gràis. Ann an so tha 



272 

tuilleadh creideimh, tuilleadh gràidh, tuilleadh 
treig-hdheireis, tuilleadh ioraslachaidh,tuilleadh 
de na h-uile ghràs ; agus de 'n so, eadhon 
tuilleadh d'n so bheir e do gach peacach iosal 
iriosal, aithreach a thig. Uime sin anaim a 
tha tighinn cha'n eil thu a tighinn a chum 
fàsach airmid an uair a thig thu dh'ionnsaidh 
losa Criosd. Eoin. 1. 16. 

Anns an t-sèamh àite, Tha e lan de dh' 
innidh agus de thruacantachd : agus mothach- 
aidh iadsan a thig da ionnsaidh a dh'iarraìdh 
beatha sin. Giùlanaidh e le' t'ammhuinneachd, 
agus gabhaidh e truas ri t-aineoìas, bithidh e 
air luasgadh le mothachadh air do lag-chùis, 
mathaidh e do sheacharan le caoimhneas, slàn- 
aichidh e do chul-sleamhnachd, agus gràdh- 
aichidh e thu gu saor. Cha'n f hàilinn a thrucan- 
tas, agus cha bhrist e a' chuilc bhrùite mi mò 
a mhùchas e an t-asgart de am beil an caol- 
smùid: gabhaidh e truas diubhsan de nach 
gabh sùil truas, agus bithidh e fo àmhghar 
mu'n uile àmhgharan. Mat. ix. 2; xxvi. 41. 
Eabh. ii. 18, 19 ; v. 2. Hos. xiv. 4. Esec. 
xvi. 5, 6. Isa. xiii. 9. Salm Ixxviii. 38; Ixxxvi. 
15 ; cxi. 4 ; cxii. 4. Tuireadh iii. 22. 

Anns an t-seachdamk àite. Amaim a tha a' 
tighinn, tba losa a dh'ionnsaidh am beil thu 
tighinn làn de chumhachd agus de dh' uabhas 
a chum do bhuannachdsa, is urrainn e do 
nàimhdean uile a chasg. Is e prionnsa 
uile rìghrean na talmhainn, lùbaidh e uile 



273 

ìnnleachdan dhaoine chum do chaomhnadh, 
bristidh e gach ribe a chaidh a leagadh ann ad 
rathad, togaìdh e thu as gach duilichinn a dh' 
fhaodas iathadh mu d' thimchioU, tha e glic 
an cridhe agus treun an cumhachd, tha gach 
beatha fo nèamh 'na làiinh, fòs crithidh na 
h-ainglean a thuit ro' làthair, agus tearnaidh e 
do bheatha a pheacaich a tha tighinn. 1 Cor. 
i. 24. Rom. viii. 28. Mat. viii. 29 ; xxviii. 18. 
Tais. XV. Salm xix. 8 ; xxvii. 5, 6. Eoin, 
ix. 4; xvii. 2. Luc. viii. 24. Seumas ii. 19. 

Anns an ochdamh àite> A pheacaich a tha 
tighinn, Tha losa a dh'ionns;ìidh am beil thu a 
tighinn iriosal an cridhe, cha deann a tàir air 
aon neach, cha'n ann air son do shuaraichead 
o'n leth a mach, no bho t'anmhuinneachd o'n 
leth a steach, cha'n ann a chionn thu bhi bochd 
no dìblidh, no duairceach, no ann ad àmhlar a ni 
e tàir ort. Roghnaich e na h-amadanan agus 
a bhuidhean shuararch agus rinn e dìmeas air 
nithibh an t-saoghail so, chuma mhuinntir ghlic 
agus na cumhachdaich a' chuir fo amhluadh. 
Cromaidh e chhias ri t'ùrnaigh hodaich agus 
togaidh e aiste brìgh t-osnaich do-labhairt, 
gabhaidh e sùim dhe t iobairtean is laige ma 
bhios do chridhe annta. Matt. xi. 20. Luc. 
xiv. 2L Gnà-fhocal ix. 4 — 6. Isa. xxxviii. 
14, 15. Dàn. v. 15. Eoin. iv. 27. Marc. 
xii. 33, 34. Seumas v, 11. 

Nise, nach eil e so na Chriosd beannaichte, 
a pheacaich a tha tighinn ? Nach eil thu 



274 

coltach rì bhi air do sheòl an uairaghabh thu 'gu 
t-ionnsaidh e, a pheacaichatha tighinn? Ach, 

Anns an dara h-àite, Tha cothrom eile 
fathast agad ann an losa Criosd a tha tighinn 
da ionnsaidh ; oir cha'n eil e a rahain làn ach 
saor. Cha'n eil e a caomhnadh an ni a ta aige, 
tha e cridhe-fhosgailteach, agus làmh-fhosg- 
ailteach. Nochdam sin dut ann am beagan 
de phìiingean àraid. 

Anns a' ckeudàite, Tha sin soilleir a chionn 
gu'm beil e ga d' ghairm: tha e ga d ghairm 
ga ionnsaidh, ni nach deanadh e mar a biodh e 
saor a chum tabhairt seachad : tha e 'g iarraidh 
ort an uair a thig thu, iarr, sir, buail, agus a 
chum do mhisnichidh tha e cuir gealladli ris 
gach aithne dhiiì sin, <' larraibh, bheirear 
dhuibh : siribh agus gheibh sibh : buailibh an 
dorus agus fosglair dhuibh." 'Na'n canadh am 
bearteach so ris a bhochd, nach biodh e air a 
mheas na dhuine saor-chridheach ? deiream 
na'n abradh e ris a bhochd, thig a dh'ionnsaidh 
mo dhorrais-sa, iarr aig mo dhoras-sa, buail 
aig mo dhoras-sa, agus gheibh thu rud, agus 
bithidh rud agad : nach biodh e air a mheas 
fiallaidh ? mar so a tha losa Criosd a' deanamh. 
Cuimhnich e, a pheacaich a tha a' tighinn. 
Isa. Iv. 3. Salm. 1. 15. Mat. vii.'7— 9. 

Anns an dara h-àilp, Cha'n eil e a mhàin 
ag iarraidh ort a thighinn, ach ag innse dhut 
gu'n deam e gu toileach dhut math ; seadh ni 
se e le gàirdeachas : — " Ni mi gàirdeachas 



275 

tharta chum math a* dheanamh dhaibh le'm uile 
chridhe agus le'm uìV anam." Jer. xxxii. 41. 

Anns an treas àite, Tha e soilleir gu'm beil 
e saor a chionn gu'm beil e a' toirt seachad 
gun bheumadh bheir e do gach duine gu 
fiall agus gun mhùidheadh. (Seumas i. 5.) 
Tha cuid de dhaoine ann nach àicheadh math 
a* dheanamh do'n bhochd ach tha iad a' measg- 
adh an tròcairean le cho liugha beum air chor 
is nach urrainn an neach air am builich iad an 
dèire f haotainn ann ach beg milseachd. Ach 
cha'n eil Criosd a' deanamh mar sin apheacaich 
a tha tighinn, tha e tilgeadh t-uile eaceartan 
air a chul-thaobh ; " do pheacaidhean agus 
t-eaceartan cha chùimhnich e ni's mò." Isa. 
xxxviii. 17. Eabh. viii. 12. 

Anns a' cheathramh àite. Tha e soilleir 
gu'm beil Criosda saor, a thaobh nan casaidean 
a tha e deanamh 'nan aghaidh-san nach tig da 
ionnsaidh a dh'iarraidh tròcair, deiream gu'm 
beil e a' gearan ag ràdb; — "A lerusaleim, 
a lerusaleim, a mhàrbhas na fàidhean, cia 
minig a b'àiUleam do chlann a chruinneachadh 
rì chèile mar a chruìnnicheas cearc a h-eòin 
fo sgiathan, agus chab'àill leibh!" (Mat. xxiii. 
37«) Chunnaic mi gu'n labhair se e mar 
chasaid. Tha e aige mar an ceudna ann an 
àite eile: — " Gidheadh cha do ghairm thu orm 
O lacoib." (Isa. xliii. 22.) A pheacaich a 
tha tighinn, faic an so cho toileach sa tha 
Criosd ar teàrnadh ; faic an so cho toileach sa 



276 

tha e chum bairigeadh beatha agus gach ui 
niath do chreatar mar thusa, tha e' gearan 
mar tig thu^ tha e diùmbach mar a gairm thu 
air-san. 

Eisd, a pheacaich a tha tighinn aon uair eile: 
'Nuair nach tigeadh lerusalem daionnsaidhsan 
a dh'iarraidh dìdeinn, dh'amhairc e air a bhaile 
agus ghul e os a cheann, ag ràdh : '* O gu'm 
b'aithne dhut, eadhon dhutsa, air a bheag sam 
bith ann ad latha so fèin^ na nithe a bhuineas 
do d' shìth ! ach a nis' a ta iad falaichte od' 
shiìilean." Luc xix. 41. 

Anns d! chiiigeamh àite, Agus anns an àite 
mu dheireadh. Tha e fosgailt agus saor-chridh- 
each a chum math a dheanamh dhut, mar tha 
e soilleir leis an èihhneas agus les an aighear 
a bh'ann an àm tighinn dachaigh do'n mhàc 
stròghail, ghabh e a chaora chaillte da ionnsaidh 
le gàirdeachas, a' ghobhar chaillte le eibhneas, 
seadh an uair a thainig am mac stròghail dach- 
aigh, ciod an gàirdeachas, agus an t-aighear, 
ciod an ceòl agus an damhs a bha ann an taigh 
athar ! Luc. xv. 

Anns an treas àite, Bheir mi aon aobhar 
mhisneich eile chum do chòmhnadh. 

Anns a cheud àite. Dh'ullaich Dia mar an 
ceudna cathair tròcair, cathair gràis a chum 
suidhe oirre, a chum agus gu'n tig thu an sin 
da ionnsaidh-san agus gu'n deanadh e ann an 
sin do chhiinntinn agus do ghabhail da ionn- 
saidh: " Agus coinnichidh mis thu an sin," ars' 



277 

esan, " agus labhraidh mi rìut o uachdar na 
cathair-thròcair." Esco. xxv. 22. 

Agus co their, a pheacaich, 'nuair a thig 
thu am' ionnsaidhsa, gheibh thu mi am 
shuidhe air cathair na tròcair, far am beil mi 
do ghnà air m' fhaotainn leis a pheacach 
chaillte tha tighinn, an sin bheir mi mo mhath- 
anas, an sin cluinnidh mi agus gabhaidh mi 
ri'n gearan a chum m'f hàbhair. 

Anns an dara h-àite. Dh'ullaich Dia altair 
òir air do shon, a chum t'ùrnaighean agus do 
deuraibh ìobradh oirre: altair òir! Tha altair 
òir air a ghairnn d'i, a chum a leigeadh ris cho 
luachmhor sa tha i a thaobh Dhè, oir is i an 
altair òir so losa Criosd, tha'n altair so a' 
naomhachadh do thabhairtais agus a' deanamh 
t'ìobairt taitneach. Tha*n altair so a nise a' 
deanamh t'osnaichean 'nan osnaichean òir, do 
dheuraibh nan deuraibh òir, agus t-ùrnaighean, 
nan ùrnaighean òir ann an sùilean an Dè sin a 
dh'ionnsaidh am beil thu tighinn, a pheacaich. 
Tais.viii. Mat. xxiii. 19. Eabh. x. 10. 1 Ped. 
ii.5. 

Anns an treas àite. Sgaoil Dia fad na 
slighe, (bho gheata na h-ifrinn far an robh thu, 
gu ruige geata nèimh a dh'ionnsaidh am beil 
thu dol,) flùraichean a thug e à ghàradh fèin. 
Feuch! ma tha na geallaidhean, na cuiridhean, 
na gairmean, na misnichean, 'nan laidhe mu'n 
cuairt dut mar lilìdhibh, tabhair fainear nach 
brùdh thu iad fo do chasan a pheacaich ! Le 

2.B 



278 

gealladh an dubhairt mì, thubhairt, mheasgaich 
e nam measg so uile ainm fèin, agus ainm a 
Mhic; mar an ceudna, ainm a thròcair, a 
mhathais, agus iochd, a thruacantais ghràìs agus 
a mhathanais agus gach ni eile a pheacaich a 
tha tighinn a chum do mhisneachadh. 

Anns d cheathramh àite. Thaisg e suas mar 
an ceudna, chum do mhisneachadh, ainmean na 
muin^itreach a chaidh a shàbhaladh, agus peac- 
annan na muinntreach sin 'na leabhar, tha 
iad aig air an sgrìobhadh gu soilleir, chum 
gu'm biodh dòchas agad tre f hoigheidean agus 
comhfhurtachd an Sgriobtuir. 

1. Anns an Leabhar so chum e air chùimhne 
coire agus peacadh Noaih ; agus mar a rinn 
Dia tròcar air. 

2. Anns an Leathar-chùimhne so tha ainm 
Lot gu soiUeir air a sgrìobhadh> agus.nàdur a 
pheacaidh ; agus mar rinn Dia tròcair air. 

3. Anns an Leabhar-chùimhne -so tha agad 
gu soilleir air a' chuir sìos, ainmean Mhaois, 
Aroin, Ghideoin, Shamsoin, Dhaibhidh, Shol- 
aimh, Pheadar, Phòil, le nàdur an cuid peac- 
annan, agus mar rinn Dia tròcair orra, agus 
gach ni dhiù so a chum misneach a* thoirt dhut, 
a pheacaich a tha tighinn. 

Anns d cheathramh àite. Cuiridh mi sìos 
aon aobhar mhisnich eile, do'n duine tha tighinn 
a dh'ionnsaidh losa Criosd. Am beil thusa 
tighinn? am beil thu a .tighinn da rìreadh? 
C'arscn. 



279 

]. A thaobh do thighinn a bhi tre èifeachd 
gairm Dhè, tha thu air do ghairm : tha gairm 
a' dol roimh thighinn, cha'n eil tighinn bho 
ghniomharra, Esan a ghairmeas : — '' Agus 
chaidh e suas gu beinn agus ghairm e iadsan 
a b'àill leis : agus thainìg iad da ionnsaidh." 
Marc iii. 13. 

Annsan dara h'àite^ Am beil thu a tighinn? 
tha sin mar an ceudna bho èifeachd soillseach- 
aidh. Thug Dia ort gu'm fac thu, agus uime 
sin tha thu a' tighinn, cho fad sa bha thu ann 
an dòrchadas, ghràdhaich thu dòrchadas, agus 
cha b'urrainn thu thighinn a chionn gu'n robh 
do ghniomhan olc : ach air dhut a bhi ni's air 
do shoiUseachadh agus comas agad air facinn 
cionnas a tha thu, agus c'àite am beil thu : 
agus mar an ceudna co e do Shlànaighear 
agus c'àite am beil e, tha thu nise tighinn a 
dh'ionnsaidh losa Criosd. ** Is beannaichte 
thusa a Shìomoin Bhar-Iona ; oir cha d' f hoiU- 
sich fuil agus feòil sin dutsa" (arsa Criosd) 
** ach m' Athairs' a ta air nèamh." Mat. xvi. 

17. 

Amis an treas àite, Am beil thu a' tighinn ? 
tha sin a bhrìgh gu'n d'aom Dia do chridhe a 
chum tìghinn. Ghairm Dia thu, shoillsich 
Dia thu, dh'aom Dia do chridhe chum tigh- 
inn, agus uime sin tha thu a' tighinn a dh' 
ionnsaidh losa Criosd, is e Dia a ta g' oibreach- 
adh annad, ga do dheanamh toileach a chum 



280 

tighinn a dh'ionnsaìdh losa Criosd, A pheac- 
aich a tha tighinn beannaich Diaa chionn gu'n 
tug e toil dut a chum tighinn a dh'ionnsaidh 
losa Criosd, is comharradh e air gu'm buin 
thusa do dh' losa.Criosd a chionn Dia ga do 
dheanamh toileach chum tighinn da ionnsaidh. 
(Salm cx. 3.) Beannaich Dia a chionn gu'n 
chuir e às do nàmhaid t'inntinn : mar b*e gu'n 
d* rinn e sinn dh'f huathaicheadh tu fathast do 
shlàinte fèin. 

Anns a cheathramh àite, Am beil thu tigh- 
inn a dh' ionnsaidh losa Criosd ? is e Dia a 
tha toirt a chomais dhut, is e comas do thoil a 
leantainn, ann an gnothaichean do shlàinte, gibt 
Dhè, is e Dia a ta 'g oibreachadh annad araon 
an toilagus an gniomh. (Phil. ii. 13.) Cha'n e 
gu'n toir Dia toil a chum tighinn an uair nach 
tabhair e comas, ach bu choir dhut a thabhairt 
fainear gu'm beil an comas na thròcair a 
bharrachd, chunnaig an Eaglais gu'm bu da ni 
air leth an toil agus an comas, 'nuair a ghlaodh 
i, " Tarruinn mi, ad' dhèigh ruithidh sinn." 
(Dàn Sholaimh i. 4) agus b' amhail a rinn 
Daibhidh mar an ceudna, 'nuair a thubhairt e 
*' Ruithidh mi ann an slighe t' àinteantan 
'nuair a mheudaicheas tu mo chridhe." Tha 
toil a chum tighinn, agus cumhachd a chum do 
thoil a leantuinn na thròcair dà-f hilt, a pheacaich 
a tha tighinn. 

Anns d chùigeamh àite* T-uile dhian-ruith 



i 



281 

iongantacb, lasanta, ghrad air t-aghaidh an 
deigh*losa Criosd, (a pheacaich a tha tìghinn 
tuig ciod a tha mi a' ciallachadh) tha iad mar 
an ceudna 'nan còmhnadh dhut bho Dhia. 
Theagamh gu'm beil thu a mothachadh air 
amaibh ni's mò na muinntir eile, dùsgaidheau 
laidir cridhe chum ruith a dh'ionnsaidh losa 
Criosd ; nise tha agad mu'n àm so gaoth thait- 
neach agus làn Spioraid Dhè, a' iionadh do 
shiiìil le saoirbheas ùrail a dheagh Spioraid ; 
agus tha thu a* marcachd anns na h-amaibh 
sin, mar air sgiathaibh na gaoithe air do ghiùl- 
an air falbh ni's faide na thu fèin — ni's faide 
na' chuid a's liugha de t' ùrnaighean, agus 
mar an ceudna thar t-uile eagalan agus bhuair 
idhean. 

Anns an t'Sè-amh àite. A pheacaìch a tha 
tighinn, nach eil agad an dràst agus a rithist 
pòg bho bhilibh miiis losa Criosd ? Tha mi 
a' ciallachadh facal beannaichte eigin a' 
sileadh mar chir-mheala air t'anam a chum do 
bheothachadh 'nuair atha thu ann am meadhon 
do throm-inntinn ? 

Anns an t-seachdamh àite. Nach eil losa 
Criosd air uairean a' toirt dhut pladhadh dheth 
fèin, ged theagamh nach faic thu e air uairean 
cho fad' sa bhiodh neach ag àireamh fichead ? 

Anns an ochdamh àite. Nach eil agad air 
uairean mar gu'm b'eadh blathas a sgiathan a' 
cuir sgàile air gnùis t'anma a tha toirt dhut, 



282 

mar gu'm b'eadh dearsadh air do spiorad mar 
ghathanan soilleir na grèine air do eholainn 
'nuair a bhrùchdas i gu grad tro neul, ged a 
tha 'n tràthsa gach nì air teicheadh air falbh ? 

Gu ceart, Tha na h-uile nì math dhiùsoann 
an deagh làmhan do Dhè ortsa, agus tha iad ort 
a chum do cho-èigneachadh, do bhrosnachadh, 
agus do dheanamh toileach agus comasach gu 
tighinn, a pheacaich a tha tighinn, chum is gu'm 
bi thu fa-dheòigh air do thearnadh. 



cjiioch:. 



Gaeìic Boohs Sold hy Madachlan ancl Stewart. 



Hanghton's "A Saviour for Yoii," 

History of Animals named in tlie Bible, 
History of Prince Cliarles, fcap. 8vo, cloth, 

Ditto. clitto. clieap edition, seivecl, 

James' Anxious Enquirer, 12mo, seivecl, 
Joseph, Life of, by Macfarlane, 18mo, cloth, 
Joseph, History of, 18mo, sewed, ... 
Laoidhean Eadar-Theangaichte o'nBheurla, cloth, 
Lessons on the Shorter Catechism and the Holy 

Scriptures, by Forbes, 18mo, 
Lessons in Gaelic, crown 8vo, 
Logan's The Scottish Gael, or Celtic Manners of 

the Highlanders, 2 vols, 
M'Alpine's Gaelic Grammar, 12mo, cloth, 
M'Callum's History of the Church of Christ, 8vo, 

. . . The Catholic or Universal Church, 
Maccoll's Mountain Minstrel, 18mo, cloth, 
Macdonald's (Mac Mhaistir Alistir) Gaelic Songs, 
Macdonald's (Rev. Dr) Gaelic Poems, cloth, 

... Waters of Jordan, 18mo, 5e?y6'f?, ... 
M'Gregor's (Rev. Dr) Gaelic Poems, 18mo, cloth, 
M'Lityre's (Duncan Ban) Poems and Songs, with 

an English Translation of ' ' Coire Cheathaich" 

and "Ben Dorain," 18mo, ... ... ... 2 

M Tntyre (Rev. D. ) on the Antiquity of the Gaelic 

Language (in English), ... ... ... 16 

Mackay's (Rob Donn) Songs and Poems, 18mo, 2 6 
Mackenzie's ( A. ) History of Scotland, Eachdraidh 

na H-Alba, 12mo, c?o^/i, ... 3 6 

Mackenzie's Beauties of Gaelic Poetry, royal 8vo, 12 

... Gaelic Melodist, 32mo, 4 

Macleod, Pev. Dr, Sermon on the Life of the late, 

by Eev. John Darroch, 8vo, seived, Is. for 6 
Macleod, Rev. Norman, Caraid nan Gaidheal, 

8vo, clotJt, 16 6 

M'Lauchlan's (Rev. Dr) Celtic Gleanings, or 

Notices of the History and Literature of the 

Scottish Gael (in English), fcap. 8vo, cloth, 2 6 
M'Naughton (Peter) on the Authenticity of the 

Poems of Ossian (in English), 8vo, 6 

Macneiir s Neniae, and other Poems, cZo^/t, ... 2 



s. 


d. 





2 





6 


3 





1 


6 


1 





1 


6 





4 





6 





4 


1 





28 





1 


6 


4 








6 


1 


6 


2 





2 


6 





2 





8 



64 South Bridge^ Edinhurgh. 



2 





6 








6 


2 








4 


3 





12 


6 





6 



Gaelic BooJìs Sold hy Madaclilan and Stewart. 

s, d, 
Macplierson's "Duanaire," a New Collection of 

Songs, &c., never before published, clotJi, 
Menzies' CoUection of Gaelic Songs, 8vo, doth, . . . 
Mountain Songster, CoUection of Original ancl 

Selected Gaelic Songs, 
Munro's Gaelic Primer and Vocabulary, 12mo, 

... Selection of Gaelic Songs, 32mo, ... 
Ossian's Poems, revised by Dr M'Lauclilan, cloth, 
Ossian and the Clyde : Fingal in Ireland, Oscar 

in Iceland, by Dr H. Waddell, 
Peden's Two Sermons and Letters, 18mo, seived, 
Philipps' Seven Common Faults, translated by 

Pvev. H. Maccoll, 12mo, 1 

Prayers and Admonitions (series of six, large 

type), in packets of 2 dozen, sorted, ... 6 

Psalm Book (General Assembly's Version), large 

type, 18mo, bound, gilt edges, 
Lo. do., 18mo, cloth, ... 

Do. Smith's or Poss's, large type, 18mo, bd. 
Do. Gaelic and English, on one page, 
Eoss's (William) Gaelic Songs, 18mo, cloth, 
Sinner's (The) Friend, 12mo, seiued, 
Sixteen Short Sermons, 12mo, seived, 
Skene's Celtic Scotland ; a History of Ancient 

Alban, Vols. I. and 11. , each ... ... 15 

Smith's (Dr) Sean Dana, with English Transla- 

tion and Notes, by C. S. Jerram, ... ... 2 6 

Stewart's Elements of Gaelic Grammar, ìsew 

Edition, crown 8vo, cloth, 
Sum of Saving Knowledge, 12mo, seived, 
Thomson's (Dr) Sacramental Catechism, seived, 



2 


6 


1 





2 





1 


(5 


1 


G 





3 





o 



New Testament for Schools, 12mo, bound, 
Job to Ecclesiastes, 12mo, bound, 
Proverbs of Solomon, 8vo, sewed, 



3 


6 





4 





2 


1 








6 





2 



BIBLES, TESTAMENTS, AND PSALM BOOKS, 

AT VARIOUS PRICES. 



64 Soutli Bridge^ Edinhurgli.